CEANN III.
NEO-CHOMAS AN DUINE GU H-IOMLAN AIR E FEIN A LEIGHEAS.
(Continued from page 395.)
FHUAIR sinn a nis sealladh do thruaillidheachd iomlan naduir an duine, agus de’n chudthrom feirge sin a ta ‘na luidhe air, de dhoimhne na truaighe sin gus am bheil e air tuiteam sios, ‘na staid naduir: Ach tha aon earrann d’a thruaighe d’ an eor dhuiinn aire shonraichte thabhairt, eadhon, a neo-chomas gu h-iomlan air e féin a leigheas; tha eolas air an ni so feumail, air son a’ pheacaich gu h-iomchuidh irioslachaidh. Is e na tha rùn orm an so, a mhain beagan de nithe a nochdadh, a thabhairt mothachaidh do’n duine neo-iompaichte air a neo-chomas, a chum gu faic é feum àraidh air Criost, agus air eumhachd a ghrais.
Mar nach urrainn duine a ta air tuiteam ann an slochd, e féin a chuideachadh a mach as, ach air aon do dhà rathad; an dara cuid, le e féin a dheanamh an iomlan, no a chuid eile, le greim a ghabhail, agus le feum a dheanamh do chomhnadh a’ta air a thairgse dha le muinntir eile: Mar sin, cha’n ‘eil sinn gu bhi saoilsinn gur urrainn duine neo-iompaichte e féin a chuideachadh a mach as an staid sin, ach ann an rathad an lagha, no coimhcheangal nan oibre, le e féin a dheanamh an iomlan, as eugmhais Chriosd; no ann an rathad an t-soisgeil, no choimheangal nan gras, le feum a dheanamh d’a neart féin gu greim a ghabhail, agus gu feum a dheanamh de’n chomhnadh a ta air a thairgse dha le slanuighear. Ach, mo thruaighe, tha’n duine neo-iompaichte marbh anns an t-slochd, agus cha’n urrainn dha e féin a chuideachadh air aon de na rathadibh sin: Cha’u urrainn dha dheanamh air a’ cheud rathad; oir tha’n ceud bhonn-teagaig ag innseadh dhuinn, ‘nuair thainig ar Slanuigh-eair gur comhnadh, gu’n robh sinn gun neart, neo-chomasach air sinn féin a leigheas. Bha sinn neo-dhiadhaidh; uime sin fuidh uallach de chionta agus de fheirg: Gidheadh gun neart; neo-chomasach air seasamh fuidhpe, agus neo-chomasach air a tilgeadh dhinn, no faotainn uaipe. Air chor as gu ‘m biodh an cinne-daoine uile gu cinnteach air an sgrios, mur basaicheadh Criosd air son nan daoine neo-dhiadhaidh, agus mur d’ thugadh e cobhair d’ an ionnsuidhsan nach b’urrainn gu brath iad féin a leigheas. Ach ‘nuair tha Criosd a’ teachd agus a’ tairgse comhnadh do pheacaich, an urrainn iad gabhail ris; an urrainn iad feum a dheanamh do chuideachadh ‘nuair tha e teachd g’ an laimh? Cha’n urrainn; Tha’n dara bonn-teagaig ag innseadh dhuinn nach urrainn iad a dheanamh: “Cha’n urrainn neach air bith teachd a m’ ionnsuidhse, (sin ri radh) creidsinn annamsa, (Eoin vi. 44.) mur tarruing an t-Athair e.” Is tarruing so a neartaicheas iad gu teachd, eadhon iadsan, nach tigeadh gus an àm sin; agus air an aobhar, sin, nach b’ urrainn iad féin a chuideachadh, le feum a dheanamh de’n chuideachadh, a bh’ air a thairgse dhoibh. Is tarruing i a ta do ghnath eifeachdach; oir cha’n ni a’s lugha i na bhi ‘g eisdeachd agus a’ foghlum o’n Athair: ni ge b’e ta ‘na fhear comhpairt dhi, thig e dh’ionnsuidh Chriosd, rann 25. Air an aobhar sin, cha tarruing i a’ta sruthadh o bhuaidh argumeid air inntinn neach a dh’fheudas a ‘bhi; seadh, agus a ta do ghnath, neo-eifeachdach; ach is tarruing i a ta le treun-neart, Eph. i. 19. ro-fheumail dhoibhsan aig nach ‘eil neart annta féin, gu teachd a ghabhail greim de’n chuideachadh a ta air a thairgse.
Eisd air an aobhar sin, O dhuine neo-iompaiichte! agus bi lan chinnteach as, mar tha thu ann an staid ro thruagh do thaobh naduir; mar sin gu bheil thu neo-chomasach air thu féin a leigheas air sheol ‘sam bith. Tha thu millte; agus eiod an rathad a ghabhas tu gu thu féin a leigheas! Cò de ‘n dà rathad so a roghnaicheas tu? Am feuch thu ris leat féin, no an dean thu feum chomhnadh? Am feuch thu ri rathad nan oibre, no ri rathad an t-soisgeil? Tha fios agam gu ro mhaith, nach feuch thu ri rathad an t-soisgeil, gus aon uair am faic thu gu bheil an leigheas neo-chomasach, ann an rathad an lagha: Air an aobhar sin toisichidh sinn, far am bheil nàdur truailidh a teagasg do dhaoine toiseachadh, eadhon, aig rathad lagh nan oibre.
Rì leantuin.