le C. H. SPURGEON.
(Continued from page 472.)
“Mar sin thug Daibhidh buaidh air an Philisteach le crann-tàbhail agus le cloich; agus bhuail e am Philisteach, agus mharbh se e; ach cha robh claidheamh ann an laimh Daibhidh.” (I. Sam. xvii. 50).
Fhaic mar tha an ni so a’ dol air aghaidh. Tha ‘n Tighearna air a chuir le Athair a dh’ ionnsuidh a bhràithrean mar a bha Daibhidh air a chuir le Isear dh’ ionnsuidh a bhràithrean, le tiodhlacan feumail agus briathran comhfhurtail chum a bhi an comh-chomunn riutha, mar sin ann an iomlanachd na h-aimsir bha ar Tighearna air a chuir a dh’ ionnsuidh a bhràithrean. Dh’ fhuirich e re tamuill mar gu’m b’ eadh a’ falach ann an tigh an tì bha na mheas dha mar athair, ach an déidh sin thàinig e mach ach bha e air aithnicheadh mar an Tì bha air a chuir le Dia, a’ giùlan tiomlachan do-àireamh ‘na làimh, a’ tighinn air teachdaireachd trocair agus gràdh o Dhia, a dh’ ionnsuidh an dream nach bu nàr leis an gairm nam bràithrean. Leughaidh sinn mar a chaidh deiligeadh le Dhaibhidh. Cha do ghabh a bhràithrean ris gu gràdhach. ‘S ann a ghabh iad ri choibhneas ann an rathad feargach neo-thaingeil agus chuir iad eucoir as a l th. Dé cho fior ‘s a tha so a co-fhreagrath ri ar Tighearna mae Dhaibhidh, mar a bha esan mar an ceudna air a chur a dh’ ionnsuidh nàire leotha-san, a dh’ ionnsuidh an taing e.
Thàinig e a dh’ ionnsuidh a mhuimtir féin ‘s cha do ghabh a mhuimtir féin ris. Thàinig e’ gan ionnsuidh le briathran coibhneil agus labhair iadsan ris le briathran ain-iodhdmhor.
Airson a bheannachaidh, thug iad dha mallachadh; airson aran neimh thug iad dha clachan; airson beannachadh neimh thug iad dha nàimhdeas na talmhainn agus malachdan ifrinne! Cha robh bràthair riamh, “ceud-ghin am measg móran bhràithrean,” air a mhì-ghràdhaichadh leis a’ chu’d eile de’n teaghlach cosmhuil ris an fhear so. Nach ‘eil gu dearbh cosamhlachd an tuath eucoraich a mhl-ghràdhaichadh leis a’chuid eile de’n teaghlach cosmhuil ris e sgriobhte gu’n tubhairt uachdaran an fhionlios, “Bheir iad urram do m’ mhac,” ach calg-dhireach an aghaidh sin, ‘s e thuilt iadsan, “S e so an t-oighe; thigibh, marbhamaid e agus bi an oighreachd againn féin.” Dhéilig a bhràithrean gu coimheach ri Iosa, a thainig Easan a bheannachadh. Bi cuimhne agaibh gu’n do fhreagair Daibhidh a bhràithrean le briathran ro-choibhneil. Cha do dh’ioc e càineadh airson càinidh, ach le ciùneachd mhór, ghiùlan e an ladarnas aineolach. Anns an ni so, cha’n ‘eil e ach ‘na shamhladh amhuinn air ar Maighstir gràdhaich, an Ti ‘nuair a chàineadh nach do chàin a ris, “a dh’ fhuilg a’ shamhul sin a dh’ ana-cainnt o pheacaich ‘na aghaidh féin.” ‘S e an aon fhreagairt a thug e, eadhon do na buillean a bha gu crìochnachadh ‘na bhàs, “Athair, math dhaibh, cha’n eil fhios aca ciod tha iad a’ deanamh. “Dh’ fholuich sinn ar n’ aghaidh uaithe—bha e air a dhi-meas agus cha robh suim againn dheth.” Gidheadh airson sin uile cha tàinig aon fhoecal feargach o bhilean. Dh’ fhaodadh esan a ràdh “nach ‘eil aobhar air a shon?” Cha do labhair esan móran ‘na chùis féin, ach chaidh e air adhart o latha gu latha le obair gu h-eudmhior mar gu’m biodh a h-uile neach a chitheadh e lân-riaraichte leis. Mar sin Daibhidh a bha air a dhùiltadh le ‘bràithrean thàinig e bhi ‘na shamhladh air Crìosda. Bi sinn a’ dol air adhart gu bhi toirt fainear an gràdh leis an robh Daibhidh air a ghlusad gu bhi a’ gràdhaichadh a shluaigh. Bha e ‘ga’ faicinn agus na Phìlistich a’ toirt dùlainn dhaibh. Mar a thug e fainear mar a bha iad air am bruthadh ‘nan spioradan fa chomhair an naimhdean treun, ghluaiseadh anam an taobh a stigh dheth, ach an uair a chuala e toirmichean an dùlainn ‘s ann a dh’ fhairich e gu robh Dia Israeil fhéin, air a ghabbhail a stigh anns a’ chomhstri.
Bha am famhair bragail sin a bha a’ coiseachadh air beulaibh an airm a’ toirt dùlainn do dh’ armaitl an Dé bheò! Cha’n ioghnadh ged bhiadh cridhe blàth agus treun a’ bhuachaill òig, ghaiseil air a ghluasad gu mór ann! ‘S ann a dh’ eirich suas mar am broillich laoch aig fuaim briathran an Philistich neo-thimchioll-ghearrta, faireachdaidhean treuna—có ghabbadh air gu ladarna gnothach a ghabhail ri glòir Iehòbhah, Dia neimh agus na talmhainn. Bha, mar an ceudna, ni eile ‘na chridhe ‘ga ghluasad, agus b’e sin an gaol a bh’ aige do a dhùthaich. Ciamar a b’ urrainn Daibhidh, gun a bhi air mhire ‘na chridhe, ‘n uair a dh’ innseadh dha gu’m biodh an duine a chuireadh as do’n Philisteach air a phòsadh ri nighean an righ. Dh’ fhaqdadh a leithid sin de luach a chabhagachadh gus an gniomh a choimh-lionadh. Ach leis na h-uile ni bh’ an sin ‘g a chuir chuige rinn e suas air ball imtinn gu’n rachadh e mach a chur catha ri famhaire na Philisteach. Anns na h-uile ni dhiùbh so, tha e a’ samhlachadh a mach ar Tighearna Iosa Crìosda. Ghràdhaich e a mhuiintir féin; bha e ghnàth ullamh gu a bheatha leigeil sìos airson nan caorach. Ghràdhaich e Athair; nach robh fios agaibh, thuit e roimh so, ‘gu feum mise bhi timchioll air gnothach m’ Athair. “Dh’ ith eud do thighe suas mi.” Agus bha aoibhneas air a chur air thoiseach air gu’m biodh an eaglais aige mar chéile, aig cosgais, gun ghuth air luach, a’ bheatha gu’n coisneadh e i—gu’m faiceadh e innte de shaothair anama agus gu’m biodh e toilichte. Bha i gu bhi air a’ togail suas gu suidheachadh rioghail chum a bhi sealbhachadh cuibhrionn de chruinn ‘s de righ-chathair. Bha, an Ierusalem nuadh as mathair dhuinn uile, gu bhi na tiomhlae do Iosa o Dhia mar a dhuais agus bha so ‘g a bhrosnaichadh mar sin a’ dol a mach agus a’ stigh anns a’ chathe air ar son-ne. Beachdaicheamaid air agus beannaicheamaid ainm airson gu’n do ghràdhaich e riamh an sluagh agus gu’m biodh na naoimh ann an glac a lámhan. Molamaid e gu’n d’ ith eud tigh Dhé suas E agus gu’n do choisrig E E féin gu h-iomlan airson na h-obair mhóir a bh’ an so. Agus os cionn sin uile deanamaid gu h-iriosal agus gu taigneil’ ainm a mholadh airson gu’n do ghràdhaich e sinne agus gu’n tug E E féin air ar son. Mar chuid de’n eaglais a phos e ris féin gu
bràth, tha sinne na’r luchd compairt de no h-uile ni a’ rinn e. ‘S ann air ar son-ne a chomhraig e anns a’ chath, ‘s ann air ar son-ne thug e mach a’ bhuaidh, ‘s ann air ar son-ne chaidh e steach gu ruige gloir. Agus thig e ris an déidh so, airson ar togail suas gu bhi faicinn a’ ghloir sin, agus a chum a bhi maille ris far am bheil e. Am feadh tha sinn a’ faicinn an samhladh so ann an Daibhidh thugamaid an aire nach diochumhniech sinn gloir a thoirt do Iosa féin, tha air a chuir fo chomhair ar n’ inntinn an so, mar ann an sgàthan, an a bhi a’ làn chomh-lionadh ar slàinte.
Ri leantruinn.