(Continued from page 507.)
“ Mar sin thug Daibhidh buaidh air an Philisteach le crann-tàbhail agus le cloich; agus bhuail e am Philisteach, agus mharbh se e; ach cha robh claidheamh ann an laimh Dhaibhidh ” (I. Sam. xvii. 50).
Dh’ fhaotainn da-ríreamh iomadach ni a’ chomharrachadh a mach gu mionaideach a thaobh Dhaibhidh anns an robh e ’na shamhladh air ar Tighearna. Tha an eachdraidh so uile làn de nithean àraidh gu bhi ’gar lionadh le puinean sàmhlaich anns an robh iad a’ comh-fhreagradh. Ach tha aon ni àraidh ann a bu mhath leam sibhse dor-aire thoirt dà. ‘Se an t-ainm a ghòirèar do Gholiath ‘s an Eabhra—chan e “curaidh,” mar tha sinn a’ leughadh anns a’ Bheurla, ach “fear-mheadhoin” no “eadar-mheadhonair.” Ma chuireas sibh a’ chuis uile gu réidh fa chomhair bhur n-intinnean faodaidh sibh fhaicinn gu h-ealamh cho freagarrach agus a tha am facal a tha air a ghnàthachadh. Tha an sin sluagh àrmailt nam Philisteach air an dara taobh, agus tha slòigh armailt Israeil air an taobh eile. Tha gleann ‘na laighe eatorra. Tha Goliath ag ràdh, “Seasaidh mise airson Philistia.” “Tha mise a’ seasamh mar fhear-meadhoin.” “An àite an airm uile a bhi teachd gu pearsanta chum a’ chatha, tha mise ‘gam thaisbeanadh fhéin airson mo chinneach mar “eadar-mheadhonair.” Taghaibh-se eadar-mheadhonair a thig air adhart chum gleac riumsa; an àite a’ chath a bhi air a cur eadar an dà fheadh, thigeadh dithis dhaoinne neach bho gach feachd agus deanadh iad a’ choimhstri a tha eadarainn ann an gleac ‘nan chéile, a chur an dara taobh.” Nis, ‘s ann air an dearbh bhonn a bha sin a chathaich an Tighearna Iosa Crìosd na batail airson a shluaigh. Thuit sinn uile gu léir mar a bha sinn air ar gabhail a stigh anns a’ cheud Adhamh, tha ar slàinte nis air a ghabhail a stigh ann am foillseachadh neach eile—an dara h-Adhamh. ‘S esan am fear-meadhoin, an t-aon eadar-mheadhonair eadar Dia agus daoine. ‘Na ghràdh dhuinne agus ‘na eud airson gloir Dhé, faodaidh sinn beachdachadh air a’ tighinn a mach agus seasamh an teis-meadhoin an ùrlair a tha ag eadar-dhealachadh càmpan math agus uile eadar Dia agus an diabhl, agus a’ seasamh fa chomhair an tì bha ‘toirt an dùlain—tha e seasamh ‘nar n’ ainm agus ‘nar n-àite, ma’s e sinne da rìreamh a shlugh, airson gu’n cuireadh e crioch air a’ chomhstri air ar son-ne ni nach b’urrainn sinne gu bràth a dheanamh air ar son féin. Gu pearsanta bhitheamaid, gun agadh sam bith, air ar cur a dh’ ionnnsaidh an ruaig, ach tha a ghairdean-san gu leòir airson buaidh a thoirt a mach air ar son-ne, agus crioch gu siorruidh a chuir air a’ chòmhstri a bha eadar neamh agus ifrimn. Gabh sàr-bheachd air ceann-feadhna ar feachd a’ dol a mach a chum a’ chath. Dhùilt mac Iese na h-innealan-airm leis an d’iarra Saul e bhi air armachadh;—chuir e an clogad air a cheann, chuir e luireach-mhàileach air a chorp, agus bha e air tì an claidheamh a chuir air a leasraibh, ach thubhairt e, chan urrainn mi dol leo so, oir cha do chleachd mi iad.” Agus air a’ mhodh cheudna rinn mac Dhaibhidh na h-uile inneal talmhaidh a dhùlfaidh. Bha iad air ar Tighearna a ghlacadh le ainneart agus rìgh a dheanadh dheth, ach ‘s e thubhairt e, “Chan’ eil mo rioghachd-sa de’n t-saoghal so.” Leumadh claidhean gu leòir as an truail aig a ghairm-san. Chan e ‘mhàin Peadar, a bha ro chabhagach le chlaidheamh gus a’ chluas a chuir de Mhalchus, ach bha iomadach fear ainmhor ann mar an ceudna bhiodh toileach gu leòir air Iosa o Nasaret a’ leantuin ann an laithéan roimhe so; agus gu bitheanta ann an laithéan bho’n àm sin, bha na h-Iudhaich a’ leantuin mealltairean a bha gairm gu robh ùghdarras acasan bho’n Ti as àirde airson an saoradh. Ach ‘s e thubhairt Iosa, “Cuir do chlaidheamh a rìs na truail, oir iadsan uile a ghlaeas an claidheamh, tuitidh iad leis a’ chlaidheimh.” B’e aon de bhuairidhean an fhàsaich nach b’e ‘mhàin gu’m biodh aige uile rioghachdan an domhain, ach gu’m biodh iad aige leis na meadhoinean a chuireadh Satan fa chomhair. Feumaidh e tuiteam sios agus aoradh a dheanadh do Shatan: feumaidh e na h-airm fheòlmhor a ghnàthachadh a bhiodh co-ionann ri aoradh a dheanadh dhà. Cha bhiodh gnòthaich ‘sam bith aig Iosa ris. Gus an latha an diugh, an cogadh mór a tha aig Iosa Criosda ri cumhachdan an dorchadais, chan ann le claidheimh no le clogad ach le clachan mìne an t-sruth. Ach ‘s e searmonachadh sìmplidh an t-soisgeil agus làthair a’ Bhuaichill àrd-Cheann na h-Eaglais a bhi ‘nar meadhoin—’s e so a leagas ìosal Goliath agus a leagas ìosal e a dh’ ionnsuidh an latha mu dheireadh. ‘S diomhain do’n Eaglais a bhi smuaineachadh gu’n toir i mach a’ bhuaidh le saoibhreas, no le àrd-urram na le ùghdarras sìobhulta. Cha chuidich uachdranachd i. ‘S ann ri cumhachd Dhé a mhàin a dh’ fhaodas i sealltainn. “Chan ann le neart no le cumhachd ach le mo Spiorad-sa,” deir an Tighearna. ‘S e latha aoibhneach do’n eaglais ‘nuair a dh’ foghlumaicheas i an ni tha an sin. ‘S e searmonachadh a’ chrainn-cheusaidh a tha dhaibhsan a chaillear amaideach ach tha dhuinne a chreideas ann an Criosda, ‘na chumhachd Dhé agus ‘na ghliocas Dhé.
Faic mar sin ar gaisgeach glóirmhor a’ dol a mach a dh’ ionnsuidh a’ chòmhraig leis na h-innealan a ròghnaich e féin, na dearbh nithean a chuireadh glíocas dhaoinne suarach, do bhrìgh nach’ eil iad cosmhuil ris an ni bhiodh feumail chum na h-obrach. Le neart mór agus cumhachd chaidh e mach, oir ‘s ann a chaidh e mach ann an ainm Dhé. “Tha thusa, a’ teachd a m’ ionnsuidh-sa le claidheimh, le sleagh agus le sgéith; ach tha mise a’ teachd a d’ ionnsuidh-sa ann an ainm Tighearna nan sluagh,” arsa Daibhidh. ‘S ann mar sin mar an ceudna tha buaidh an t-soisgeil uile-chumhachdach. ‘S e Criosd iobairt-reitich Dhé. Chuir Dia suas e “gu bhi ‘na iobairt-reitich air son ar peacaidhean.” Tha Criosd air a shuidheachadh le Dia, air ungdadh le Dia, ‘s air a chur le Dia. Agus ‘s e an soisgeul teachdaireachd Dhé, agus a tha air a chompartachadh le Spiorad Dhé. ‘S mar a bith e mar sin, tha e lag mar uisge—Feumaidh e fàilnicheachd ach do bhrìgh gu’n do chuir an Tighearna e, gheall e gu’m beannaicheadh e e, agus faodaidh sinn a bhi làn-dearbhta anns a’ chùis so gu’n toir e gu buile an ni mu’n do chuir e mach e.
Ri leantuin.