I lay it down in silence,
That work of mine,
And look at what He sent me—
A resting time.
The Master’s voice had call’d me
To rest apart;
“Apart with Jesus only,”
Echoed my heart.
I took the rest in stillness
From His own hand,
And felt this present illness
Was what He plann’d.
How often we choose labour,
When He says, “Rest!”
Our ways are blind and crooked,
His way is best.
This work must be completed,
This lesson set.—
He is the higher Workman,
Do not forget.
It is not only working,
We must be train’d;
And Jesus learn’d obedience
Through suffering gain’d.
For us His yoke is easy,
The burden light,
His discipline most needful,
And all is right.
We are but under workmen :
They never choose
If this tool or that other
Their hands shall use.
In working or in trusting,
May we fulfil
Not what we would, but only
The Master’s will.
—Gospel Standard.
Searmon.
le C. H. SPURGEON.
(Continued from page 70.)
“Mar sin thug Daibhidh buaidh air an Philisteach le crann-tàbhail agus le cloich; agus bhuail e am Philisteach, agus mharbh se e; ach cha robh claidheamh ann an laimh Dhaibhidh” (I. Sam. xvii. 50).
Tha Daibhidh mar an ceudna a’ seasamh fa ar comhair mar eisimpleir gu’n tig àm ur cothrom ma tha sinn freagarrach air
a shon ged nach bitteamaid ‘g a shireadh no ‘g a iarraidh sinn fléin. Bha Daibhidh air a chuir ‘na shuidheachadh freagarrach féin. An t-áite a bha e lán-dheas air son a lionadh, ‘se sin, a bha e air a ghairm ann an dionhaireachd Freasail gu lionadh mar dhuine mór ann an Israel. ‘S beag a bh’aige de smuain, ‘n uair a chaidh e mach le eallach de dh’aran agus coirc, agus càise, gu robh e gu bhi an ùine gheàrr gu bhi air ardachadh oscionn na h-uile duine a bha am Palestine. Gidheadh, bha a mar sin. A’ chairdean gràdhach na bithibh ro eabhagach airson sealltuinn a mach air son bhur n’ àite féin. Bithibh deasail air son bhur gairm; oir thig bhur gairm shuidhiete do bhur ‘n-ionnsuidh. Tha mi labhairt ris an iomadaich brathair òg gràdhach a tha ag ullachadh airson na ministrealachd. Bithibh ullamh airson obair ‘sam bith, a thoiseach air a bhi ag amharc airson àitean sonruichte dhuibh féin. Tha àite freagarrach aig Dia dhuibh. Tuitidh sibh, mar gu’m b’eadh, a stigh ann, bithibh dearbhta as a sin. Bithibh ullamh. ‘S e ar gnothuch-se a bhi ullamh. Biodh bhur ‘n airm air an geurachadh, agus biodh aithne agaibh ciamar a lamhsaicheas sibh iad. Thig ur ‘n àite do ur n’ ionnsuidh, an t-áite as freagarraiche dhuibh, mur eil sibh a’ sealltuinn as déidh àite a riaraicheas bhur càil fein, an àite ni a dhearbas sibh a bhi ‘nar soitheachan freagarrach airson feum bhur Maighstir an déidh so. Thuair Daibhidh an t-àm freagarrach. Thuair e an Spiorad an toiseach, ‘s e sin am priomh ni, agus an déidh sin fhuair e an t-àm freagarrach a bha toirt a mach an t-ùghdarras a bha aige.
Tha mi tional bho eisimpleir aig Daibhidh ‘n uair a bhios sinn air ar faireachadh a bhi air an gairm gu ni ‘sam bith a dheanamh airson Dhé, agus airson Eaglais, cha leig sinn a leas feitheamh gus an tig an dream dha am moth a bheil a dh’ urram againn a dh’ ionnsuidh a bhi comh-dhùnadh maille ruinn, thaobh glicoeas a’ cheum a tha sinn ag gabhail, airson na seirbhis. Na robh Daibhidh air a ràdh, “a nis féithidh mi gus am bi Elijah, Abinadab agus Shaamah mo bhràithrean as sine lán-riaraichte ‘s an aon bheachd gur e mise an duine gu cath a chuir ri Goliath,” tha mi ann an teagamh nach tigeadh an t-àm anns an cogadh
e ri Goliath idir. Tha àite mòr ri thoirt dha breithneachadh na feadhnaich as sine na sinn féin, aeh tha àite na ‘s mothair ri thoirt ri gluasadan Spiorad Dhé ann ur eridheachan. Gu’n deònaicheadh Dia gu’n tugadh na Criosduidhean àite na’s mothair do na gluasadar sin na tha air a thoirt anns na h-amannan a tha so. Ma tha smuain agad ‘na do chridhe no úghdarras air a leigeadh air do chogais, bi umhail a dhuine; cleachd thu fhéin ann, ged nach biodh aon neach eile ann a mhothaicheadh dha no bheireadh misneachd dhuit. Ma nochd Dia dhuit a rùn, tha thu ann an cunnart do bheatha na dh’ fholaicheas tu no ma chumas tu air ais bho ‘n ghniomh a dheanamh. Ah! le eagal Dé ann ar eridhe agus úghdarras Dé ‘nar làmhan am bheil sinn a’ dol a sheasamh agus a stad gu bhi ‘n an seirbhiseach do dhaoine. B’ fheàrr leamsa bàsachadh no tighinn do’n chùbaid agus ur ceadsa iarraidh na aonta duine ‘sam bith fhaotainn airson gu dé ‘shearmonaicheas mi. Tha Dia a’ labhairt tre a Spiorad, an ni tha aige ri ràdh rium; agus le comhnadh a Spiorad mhath cuiridh mi an céill e dhuibhse mar a chluinneas mi e uaithe-san; gu’m biodh an teanga so balbh ma’s tigeadh i gu bràth gu bhi na seirbhiseach do dhuine! B’ e so an inntinn a bh’ aig Daibhidh. Dh’ fhairich e gu robh ni aige r’ a dheanamh, agus ged a b’ urrainn dha eisdeachd ri gu dé chanadh sluagh eile gidheadh cha b’ iad a mhaighstir-san. Bha’ a’ deanamh seirbhiseach do’n Dia bheò agus chaidh a mu ‘n cuairt d’ a ghniomh a’ bha air earbsa ris gun fliamh, gun eagal g’e b’e air bith dé na beachdan a bhiodh aca air. An tì tha labhairt airson Dhé ‘se àite labhairt gu h-onoraich. Faodaidh muintir eile a bhi criathradh agus ag atharrachadh a’ mholl bho ‘n chnuithneachd. Feumaidh sùil a bhi aige ris a sin. Ach air a shon féin feumaidh e an cruithneachd glan a’ leigeil a mach mar a tha e a’ creidsinn a bhi mar sin, gun eagal ro dhuine, ma’s fhaod e tighinn fo dhiteadh Dhé nan neamh. Falbh timchioll air do ghnòthuich ma bheir Dia dhuit-sa e airson a dheanamh. Ma chàineas mise tha, dé dha sin? Chan’eil annamn ach duine agus iadsan uile a bhiodh tu toileach seasamh am beachdan
matha ort, ach ma thiondaidheas iad uile ort le droch amharusan agus briathran ciürteach, chan’eil annta ach daoine, ‘s ann do Dhia a mhàin a bluineas dhuitsa a bhì striochdadh. Rach mu ‘n euairt a’ deanamh obair do Mhaighstir mar a rinn Dàibhidh, gun eagal, gun fhiamh, ach le giùlain modhail. ‘S e droch sheirbhiseach a bh’ anns an ti a fhuair aon uair òrdan a’ Mhaighstir ‘s a dh’ fhàgas iad gun an eur an gniomh agus a ghabhas a leithsgoul féin le a ràdh, “thachair mi ri fear de mo ehomh-sheirbhisich, agus thuirt esan gu robh e smuaineachadh gu robh mi ro-thpaidh anns an ni a bha agam anns an amhare, agus gu’m b’ fheàrr dhomh mar sin stad a dh’ fheuchainn an coimhlionainn e.” Dho do Mhaighstir féin seasadh no tuiteadh tu; thoir an ro-aire gu’n seas thu ceart ‘na lathair-san.
Foghlum mar an ceudna o Dhaibhidh, thu fheagairt an dream, a thilleadh air falbh o t’ obair thu, gu ciùin. Ach tha e gu bitteanta tachairt gu b’ fheàrr gun freagairt idir. Oir bha a chleachdadh a glaochdaich na b’ àirde na cainnt ‘sam bith. ‘N uair a thàinig e air ais o’n chath, agus ceann an fhamhair aige ‘g a ‘chumail suas, bhithinn ann ar dòchas gu faca faca Eliab e; agus gu’n tainig Abindab agus Shaamah a mach ‘na choinneamh, ach ma thàinig iad a mach cha deanadh e ach an ni tre’n an tug e a bluaidh a thogail suas fo an comhair, agus dheanadh an aghaidh oillteil aigesan am freagairt.
Smuaineachadh iad, nach b’e an déidh na h-uile ni tre uamhar agus àrdan a chridhe, ‘s nach b’ ann am faoinéis diomhanais a thàinig e a dh’ fhaicinn a’ chath. Bheireadh iad fainear gun ann a thàinig e a dheanamh obair Dhé ‘na rathad féin: gur e Dia a chuidich leis gus a’ bhuaidh a thabbhairt, a’ ruaig a chuir air an nàmhaid agus an t-eagal a bha air clann Israeil a thogail dhiù; agus tre’n duine bha iadsan ag eur suarrach, gu’n d’rinn an Tighearna ainm féin gloirmhór.
A ris, foghlumaibh o eisimpleir Dhaibhidh an glocas cumail ris no h-innealan a chaidh a dhearbhadh. Chuala mi aig iomadaich àm e air a ràdh, nach b’e ni glé choltach a bh ‘ann
gu’n b’urrainn Daibhidh am farnhair a mharbhadh le clach. Ach tha mi smuaineachadh an fheadhainn a labhras mar sin a bhi no bu chruaidhe no na b’ fheàrr airson an àm a bha làthair? Ma ‘s e duine àrd a bh’ ann chuireadh an crann-tabhaill nach ‘eil iad a’ tuigsinn brìth na cuis. Dé an t-inneal a b’urrainn a’ chlach àrd gu leòir gu ruigsinn air; agus ma bha e laidir, agus glé laidir, dheanadh an crann tabhaill a’ chlach a thilgeadh cho fada agus buaidh a chuir na cois gus nach leigeadh Daibhidh a leas tighinn cho dlùth air an namhaid agus gu faigheadh e greim air. B’e t-inneal a b’ fheàrr a b’urrainn e a ghnàthachadh. Bha buachaillean na h-airde an ear, ma bha iad cosmhuil anns an t-seann aimsir ris an dream a tha ann an dingh, cleachdte gu leoir agus ealainte air clachan a thilgeil anns a’ chrann-tabhaill. Tha iad a’ caitheamh iomadh uair a thìde ‘nan aonar, agus maile ri companaich aig feasda chrann-tabhaill. Tha e bitheanta gur e an tinneal as fèarr as urrainn a bhi aca gu dion a chuir air na caoraich anns na fàsàichean iomallach. Chan ‘eil teagamh agam nach do dh’ fhògluim Daibhidh clach a chuimseachadh as a’ chrann-tabhaill aig leud na rònaig, agus gun a dhòl iomrall. Airson claidheamh, Cha robh a h-aon aige ‘na bheatha, oir cha robh claidheamh no sleagh ri fhaotainn an meag a t-sluagh a bha maile ri Saul agus Ionatan, ach a mhàin aig Saul agus Ionatan. Agus tha sin air innseadh dhuinn anns an treas caibdeal deug. Bha na Philistich an déigh na h-airm a thoirt de’ n t-sluagh cho iomlan agus nach faigte inneal-airm ‘nam meag. Air an aobhar sin, gun a bhi cleachdte riutha, bha e eu-comasach do Dhaibhidh a bhi eolach orra. Agus airson a’ luaireach-mhàileach ‘s e éideadh luideach an-shocair gun chomhfhurtachd a bhiodh ann,—s e an t-ioghnadh leamsa gu’m b’urrainn na fir threuna o shean ni ‘sam bith a dheanamh fo leithid de éideadh. Chan ioghnadh idir ge do thilgeadh Daibhidh dheth e. Dh’ fhaicheadh e fada na bu shocaire an éideadh a bhuaichaille. Chan ‘eil sinn dol a’ tharruing o sin gu bheil uidheaman neo-fheumail ri bhi air am miannachadh. Chan ‘eil sinn a’ dol a theagasc ni a tha cho bòsdail agus cho faoin. ‘S e ar gnòthuich-ne na
h-innealan as freagarraiche gheibh sinn a ghnàthachadh. Airson nan clach a thog e as an t-shruth cha b’ann air thuairmse a thog Daibhaidh iad agus gu faicilleach thagh e iad agus chuir e air leth na clachan mìne a fhreagrath anns a’ chrann-tabhaill—na clachan a bha e smuaineachadh bhiodh freagarraich airson a’ ghniomh a bha ‘na aire. Cha do chuir e earbsa ‘sam bith ‘na chrann-tabhaill féin. Tha e ag innse dhuiinn gur ann a bha a earbsa ann an Dia, ach chaidh e a dh’ obrachadh leis a’ chrann-tabhaill mar gu’m biodh e faireachadh gur ann air féin a bha an t-uallach uile. Na’n d’ rachadh e ionrall ‘na chuimis cha bhiodh sin ach a dearbhadh a’ chluaintearachd féin, ach ‘s ann tre chòmhnadh Dhé bha e gus a ni a thoirt mu’n cuairt. ‘S e so mo bhràithrean fior-ghliocas beatha a’ Chriosduidh. Tha thu dol a dheanamh a h-uile obair math cho eudmhór ‘s mar gu’m biodh tu gu bhi air do thearnadh tre dheagh oibre. Ach gidheadh ‘s ann a tha thu dol a dh’ earbsa á àraidheachd Chriosd mar nach deanadh tu ni ‘sam bith. Agus mar sin anns an seirbhis Dhé ged tha thu dol a dheanadh obair do Dhia mar gu’m biodh coimhlonadh na h-obrach gu h-iomlan ‘na do làmh sa, feumaidh tu thuigsinn gu soilleir agus a’ chreidsinn gu diongmhalta, an déidh nan uile, gu bheil an t-iomlan, fo thoiseach gu dheireadh, maile ri Dia. Tha a h-uile ni a rinn thu riamh as eugmhais-san gun mhath ‘sam bith. ‘S e glíocas fallain a bh’aig Mohammed ‘nuair a thuit an duine ris, “thug mi stréin fluasgailte dha mo chàmhal, agus tha mi dol a dh’earbsa á Freasdal.” “Ni h-eadh,” arsa Mohammed, “ceangail do chàmhal an toiseach agus an sin earb á Freasdal.” Dean an ni as feàrr as urrainn dhuit a dheanamh agus earb á Dia. Cha do chiallaich Dia riamh gu’m biodh creidimh annsan co-ionann ri leisg. Carson?—airson na cuid sin dheth, ma ‘s e obair Dhé a th’ann uile gu’r e sin an aon bheachd a ghabhar air, chan ‘eil aobhar aig Daibhidh crann-tabhaill a bhi aige. Ni h-eadh chan ‘eil feum air Daibhidh a bhi idir ann. Faodaidh a dhòl air ais, laighe air a dhruim air an aeadh, agus a ràdh obraichidh Dia: chan ‘eil feum ‘sam bith aige
ormsa. Sin mar a labhradh luchd-àicheidh, ach chan ann mar sin a chleachdadh creidmhich ann an Dia iad féin. Their iadsan “s e toil Dhé e, uime sin tha mise dol ‘g a dheanadh;” —chan e, “ni Dia e agus uime sin cha dean mise dad idir.” Ni h-eadh, do bhrigh gu’n obraich Dia leamsa uime sin oibrichidh mise le làmh mhath-san orm. Tha esan ag cur neart ‘na sheirbhiseach anmhuinn, agus a’ deanamh feum dhiomsa mar inneal-san, ged nach ‘eil math ‘sam bith annam-sa dealaichte ris-san. Nis ruithidh mi a stigh do’n chath gu h-aigeannach agus gnàthaichidh mi mo chrann-tabhaill leis an eòlas as fhearr a tha agam, agus gabhaidh mi cuimis gu socrach, ciùin, air clár-aghaidh an Uile-bheist, do bhrigh gu bheil mi creidsinn gu’n dean Dia a’ chlach a stiùreadh agus a’ chrioch féin a thoirt mu’n cuairt. ‘Nuair a tha thu làn striochdta ann a bhi deanamh seirbhis do Dhia, thoir dha an ni as fèarr; na cùm ni ‘sam bith air ais dheth do neart, na dheth do ghliocas as ealainte as urrainn dhuit a choisrigeadh airson na h-obrach. Na abair, ni ni ‘sam bith an gnothach: ‘S urrainn Dia mo eu-comasan a’ bheannachadh a cheart cho math ri mo chomasan. Gun teagamh, ‘s urrainn, ach gun teagamh ‘sam bith cha dean E e. Bi air do ghrad-fhaiceall gu’n dean thu an ni as fèarr as urrainn dhuit a dheanamh. Daibhidh na shean aois agus ‘nuair a bha eòlas làn abaich cha b’urrainn e ni a thaingsinn do Dhia nach do chosg dad idir dhasan. Feuchaibh nach bi sibh toirt seirbhisean suarach do Dhia, agus ‘g ar mealladh féin gu’n dean e a’ bheannachadh. ‘S urrainn dha a bheannachadh; ach chan e sin an dòigh ‘cur air aghaidh na h-obrach. Ged a ghabhas e bitheanta innealan neo-chuimte bheir e cumadh orra agus bheir e dreach orra airson obair fhéin. ‘S urrainn dha daoiné baoghalta, garga, iompachadh gu bhi ‘nam ministearan foghainnteach an tiomnaidh nuaidh.
Rì leantuinm.
He that rides to be crowned will not think much of a rainy day.—John Trapp.
Sanctity is no enemy to courtesy.—John Trapp.