I.
[Bha na leanas air a sgriobhadh leis an Urramach Tomas Watson a bha ‘na mhínteoir ann an Lunnainn. Chaidh a chuir a mach as a cho-thional anns a bhliadhna, 1662, airson a dhilseachd air taobh aobhar Dhé. ‘Se duine urramach priseil a bha ann an Tomas Watson, diadhaidh, iriosal agus fòghlumte, chan ann a mhàin le fòghlum litireil, ach leis an fòghlum nach urrainn fuil no feoil a thoirt seachad; ‘se sin ri ràdh leis an Spiorad Naomh, tre fhocail Dhé. Tha a’ chuid so dheth na sgriobhaidhean aige air a chòigeamh àithne Exod. xx. 12. “Thoir urram do d’ athair agus do d’ mhàthair chum agus gu m bi do laithean buan anns an fhearann tha an Tighearna do Dhia toirt dhuit”—Seumas MacLeod.]
AIR dhomh bhi deiseil do chiad chlár an lagha a mhineachadh, tha mi a nis dol a dh’ ionnsaigh an dara clàr. Faodaidh na h-àithnteann a bhi air an samhlachadh ri fàradh Iacoib; a’ cheud chlár mar mhullach an fhàraidh a ruigheachd gu neamh, ‘s e sin thaobh Dhé; an dara clàr mar bhonn an fhàraidh a a’ soerachadh air an talamh a thaobh uachdarain agus iochdarain. Leis a’ cheud chlár, tha sinn a’ gluasad gu cràbhach a thaobh Dhé; agus a thaobh an dara clàr tha sinn ag gluasad gu cràbhach a thaobh dhaoine. Chan urrainn an duine a bhi gu math a thaobh a’ cheud chlár a tha olc a thaobh an dara clàr, “Thoir urram do d’ athair agus do d’ mhàthair,” ann so an toiseach tha àithne “thoir urram;” ‘san dara àite, an reuson co-cheangailte ris a sin, a chum agus gu’ m bi do laithean buan anns an fhearann a tha an Tighearna do Dhia toirt dhuit.
I. An àithne—thoir urram do d’ athair. Ceisd: Có e a tha air a chiallachadh an so le “athair?” Freagradh: Tha an t-ainm athair air a ghabhail a stigh am mórán de rathadan mar neach a bhuineas do eolas-riaghlaidh, daoine aosmhor, daoine ann an imbe gu spioradail, duine crionna agus athair a thaobh na feòla.
-
An t-athair a bhuineas do eolas-riaghlaidh no an t-uachdaran. Is esan athair a dhùthaich; buinidh dha bhi ‘na fhear cumail suas air stuamachd, agus ‘na fear smachdachaidh air an olc, ‘na athair do’ n bhantrach agus do’ n dilleachdan; b’ amhlaidh mar sin a bha Iob ‘na athair mar an Caib. xxix., 16. “Bha mi am athair do na bochdaibh; agus a’ chùis nach b’ aithne dhomh, ramnsaich mi mach.” Agus mar tha breitheamhan talmhaidh nan athraichean, agus gu h-àraidh an righ, a tha ‘na cheann air na h-uachdarain, a tha ‘na athair a bhuineas do eolas-riaghlaidh, (Political father), tha e air a shuidheachadh mar a tha ghrian am measg nan reultan as lugha. Abraidh an Sgriobtuir ri righrean—”athraichean.” Isa. xlix, 23—”Agus bithidh righrean ‘nan oideachan-altrum dhuit.” Is coir dhaibh an iochdaran altrum ann an diadhaichd, le reachdan agus laghannan matha, agus an arach ann an sìth agus ann an saoibhreas. Is amhluidh sin bha Daibhidh, Heseciah, Iosidh, Constantine, agus Theodosius ‘nan oideachan-altrum do’ n t-sluagh. Is sona an sluagh aig am bheil a leithid de oideachan-altrum a tha thoirt a leithid de chomhfhurtachan sòlasach do ‘n cloinn. Feumaidh urram a bhi air a thoirt do ‘n leithid sin de athraichean; oir (1). Tha an t-àite a bhuineas dhaibh ag agradh urram. Shuidhich Dia a leithid sin de athraichean riaghlaidh air son gu’n gleidheadh iad riaghailt agus co-chòrdadh anns an rioghachd, agus gu bacadh a chuir air troimh-chéile a dh’ fhaodadh eirigh anns an stàid (Breith. xvii. 6). An uair nach robh righ an Israel rinn gach fear a’ ni sin a bha ceart ‘na shùilean féin (Gnath. xxx. 27). (2). Shuidhich Dia righrean ann an ionadan-àrda chum agus gu’n deanadh iad ceartas mar a tha claidheamh ‘nan laimh, a chomharrachadh a mach an cumhachd, is amhlaidh sin a tha slait-shuaicheantas ‘nan laimh ‘na h-shamhlaidh air ceartas. Tha e air a ràdh mu Marcus Aurelius an t-Iompaire, gu’n do chuir e air leth aon uair a’ thìde gus an cluinneadh e gearan an dream a bha air an sàruchadh. Tha righrean a’ suidheachadh breitheamhan mar cheruban mu ‘n righ-chathair air son a bhi comh-roinn ceartas. Tha urram ri thoirt do na h-athraichean—riaghlaidh so—”thoir urram do’ n righ” (I. Pead. ii. 17). Agus tha an t-urram so ri bhi air a thaibseanadh ann a bhi toirt urram dhaibh ‘nam pearsachan agus gu sìobhalta a’ strìochdadh do ‘n laghannan co fada agus a tha an laghannan a’ còrdadh agus co-shìnte ri lagh Dhé. Feumar a bhi ag urnuigh air son righrean’ oir is e sin pairt de ‘n urram that sinn a toirt dhaibh, I. Tim. ii. 1, 2. “Tha mi ag iarraidh uime sin roimh na h-uile nithean gu’n deanar athchuinge, urnuighean, eader-ghuidhe, agus breth-buidheachais air son na h-uile dhaoine air son righrean agus air son na h-uile tha ann an ùghdarras chum gu’n caithe sinn ar beatha gu foisneach agus gu sìochail anns an uile dhiadhachd agus chiatachd.” Feumaidh sinn a bhi ag urnuigh air son righrean, gu’ n deanadh urram a chuir orra chum agus gu’m biodh iad ‘nam beannachd d’ an iochdarain, gu’m bitheramaid a’ sealbhachadh comhfhurtan siosgeul na sithe, agus sith an t-soisgeil. Dé cho sona agus a bha rioghachadh Numa Pompilius ‘n uair a bha na claidhean air an tionndadh gu coltair agus an uair a rinn an seillean a nead ann an clogaid-cinn an t-saighdeir!
-
Tha an seann athair a tha urramach air son seann aois, aig am bheil a chiabhan liatha air an samhlaachadh ri furaichean geala na craoibh almoín. Eccles. xii., 5. Tha athraichean ann air son an aois aig am bheil preasan na h-aois air am bathais agus air am bheil stroichan na seann aois ri fhaicinn air an gruaidh. Tha urram ri thoirt do na h-athraichean sin. Lev. xix., 32. “An lathair a chinn léith eiridh tu suas agus bheir thu urram do ghnuis an duine aosda, agus bi eagal do Dhe ort, is mise an Tighearna.” Tha urram àraidh ri thoirt do na h-athraichean a tha ‘nan athraichean chan e mhàin ann an aois, ach ann an diadhachd, aig am bheil an anaman fo bhlath na diadhachd ‘n uair a bhios an cuirp a’ crìonadh as. ‘Se sealladh beannaichte a tha ann ri fhaicinn, earrach nan gras ann am foghar na seann aois—faicinn daoine cromadh a’ dh’ ionnsuidh na h-uaimh gidheadh a’ gleidheadh fàile cùbhraidh an aideachaidh. ‘S iad sin na daoine aig am bheil an cinn léith air an crùnadh le fireantachd agus a tha airidh air an tuilleadh urram; ‘s tha urram ri thoirt dhaibh, chan ann a mhain mar sheann innealan maiseach ach mar an ceudna mar eisimpleirean air diadhachd. Ma chi thusa seann duine air am bheil eagal Dhe aig am bheil gràs a’ dealrachadh a mach an uair a tha grian na beatha nadurra dol fodha, O thoir onoir dha mar athair le bhi toirt urram dha agus a’ leantuin eisimpleir.
-
Tha urram ri bhi air a thoirt do na h-athraichean spioradail ann mar a tha aodhairean agus teachdairean. Is iad sin innealan na h-ath-bhreith. I. Cor. iv., 15. Oir ged bhiodh deich mile luchd-teagaig agaibh ann an Crìosd, gidheadh chan ‘eil agaibh mòran athraichean; oir ann an Iosa Crìosd, ghin mise sibh troimh ‘n t-soisgeil. Tha urram ri bhi air a thoirt do na h-athraichean spioradail (1) a thaobh an dreuchd; ge b’e air bith ciamar tha am pearsachan, tha an dreuchd urramach. Is iad teachdairean Tighearnan nan sluagh. Tha iad nan luchd-foillsichidh air Dia féin (II. Cor. v. 20) “A nis is teachdairean sinne air son Chrìosd.” Bha Iosa Crìosd de’n ghairm a bha so, bha obair agus ùghdarras air a son aige bho neamh (Eoin viii. 28), agus tha so a’ crùnadh gairm dreuchd na ministrealachd le urram. (2) Is còir urram a thoirt do na ministearan sin a tha nan aithraichean spioradail, air sgath an obrach: tha iad a’ teachd mar choluman le meanglan a’ chroinn—ola nam beul, tha iad a searmonachadh “deagh sgeòil na sìthe:” is e an obair anaman a theàrnadh. Chan ‘eil aig dreuchdan eile ach gnothach a dheanamh ri cuirp dhaoine. Is e an obair, braighdean spioradail ath-cheannsaich, a thionndadh dhaoine o chumhachd Shatain gu Dia” Gnìomh. 26, 18. Is e an obair solus a thoirt dhaibhsan a tha ‘nan suidhe ann an sgàile a’ bhàis agus thoirt orra soillseachadh mar reultan ann an rioghachd nèimh. Feumar urram a thoirt do na h-aithraichean spioradail sin air sgath an oibre agus is còir an t-urram so a’ nochdadh an tri rathadan. (1). An a bhi toirt urram dhaibh (I. Tes. v. 12, 13). Agus guidheamaid oirbh, a bhraithre, aithne bhi agaibh air an dream a tha saothrachadh ‘n ur measg agus a tha os ur ceann ‘san Tighearn agus a tha ‘g ur comhairleachadh. Agus meas mór a bhi agaibh dhiùbh ann an gradh air son an oibre. Bithibh siochail ‘n ur measg féin. Feumaidh mi aideachadh gu robh caithe-beatha maslach cuid de mhinisteirean ‘na aobhar oilbheum glé mhór agus rinn iad tarcuis air iobairt an Tighearna (I. Sam. ii. 12). Ann an cuid de àitean de’ n tir. B’éiginn do’ n lobhar, a réir an lagha, a bhilean a bhi air an còmhdach; bu choir do leithid a dhaoine agus a tha ‘nan ainglean a réir an dreuchd, ach ‘nan lobhair ‘nan caithe-beatha am bilean a chòmhdach agus a bhi ‘nan tosd. Ged nach ‘eil cuid toiltinneach air urram, gidheadh is còir urram a thoirt do na h-aithraichean spioradail tha dileas agus gur e gniomh an caithe-beatha a bhi treòrachadh anaman gu Crìosd. Thug Obadiah urram do’ n fhaidh Elijah. I. Righ. xviii. 16. Carson a mheas Dia treubh Lebhi mar an ceud-ghin? Àir. iii. 13. Carson a thug e òrdugh gu’n iarradh am Prionnsa comhairle o Dhia tre ‘n t-sagart? Air. xxvii. 21. Carson a nochd an Tighearna le miorbhuil slat Aaroin fo bhlàth, gu’n do thagh e treubh Lebhi gu bhi ‘nam ministeirean ‘na lathair? Carson a ghairm Crìosd a chuid abstol ‘nan solus do’ n t-saoghail? Carson a their e ri uile mhinisteirean “feuch tha mi maille ribh gu deireadh an t-saoghail?” Direach air son gu’m biodh urram air a thoirt do na h-aithraichean spioradail sin. Anns an t-seann aimsir rinn na h-Eiphitich roghainn de na righrean o mheasg nan sagart. Is fhada bho ‘n dream aig am bheil smuaintean aotrom mu ‘n dream aig am bheil ùghdarras anns an t-seirbhis naomha, agus tha frithealadh an làthair an Tighearna, an t-urram so a thaibseanadh do na h-aithraichean spioradail. “Biodh aithne agaibh orrasan,” arsa an t-Abstol, a tha ri saothrachadh ‘nur measg.” Is leoir le cuid aithne a bhi aca air anmhuinneachd mhinistearan agus gairdeachas a dheanamh ‘n uair a tha ‘sam bith aca ‘nan aghaidh, ach cha ghabh iad eòlas orra ann an seadh an abstoil, air eagal gum biodh aca ris an tuilleadh urram a thoirt dhaibh. Gu cinnteach, mur biodh a’ mhinstrealachd ann, cha bhiodh fionlìos ann, ‘se bhiodh ann fásach; mur biodh a’ mhinstrealachd cha bhiodh araon órdugh a’ bhaistidh no na suipearach agaibh—bhiodh sibh mur luchd-aidichidh; “‘s ann tre éisdeachd thig creidimh; agus ciamar a chluinneas iad gun searmonaiche? (Rom. x. 14). (2). Thugaibh urram do na ministearan, na h-aithraichean spioradail, ann a bhi a’ tagradh air an son, ann a bhi sguabadh air falbh na sgainnealan agus eallach-chàineadh a tha gu mi-eucorach air an cur as an leth, I. Tim. v. 19. Bha righ Constantine toirt urram mór do’n mhinistrealachd—chuir e dìon orra; cha leughadh e na casaidean naimhdeil a tha air an toirt d’a ionnsuidh ‘nan aghaidh, ach ‘sann a chuireadh e iad anns an teine. Am bheil na ministearan a’ fosgladh am beoil ann an urnuigh ri Dia air do shon-sa, agus am iad a’ saothrachadh air son thusa a ghleidheadh o dhol a dh’ifrinn, gu’m buineadh e dhuitsa bhi saothrachadh air son an cliu a choimhead. (3). Thoir urram dhaibh ann a bhi gèilleadh dha’ n teagasg. ‘Se so an t-urram as mòtha as urrainn dhuit a chuir ùmhlachd do ‘n teagasg. Tha an neach sin a’ toirt urram do’n ministrealachd a tha, chan e mhàin ‘na fhear Éisdeachd ach ‘na fhear leantuinn an fhocail. Mar tha eas-umhlachd eur masladh as leth na mhinistrealachd, tha ùmhlachd ag eur urram orra. Tha an t-abstal ag rádh gur e na Tesalonianaich a chrùn, I. Tes. 2, 19. Ciod crùn ar n-aoibhneis? Nach e sibhse. ‘Se e sluagh sin a tha soirbheachail, crùn a’ mhinisteir. An uair a tha cruth-atharrachadh air a dheanamh leis an Spiorad Naomh tha an gniomh deanta, ach ‘nuair a thig an sluagh a dh’ éisdeachd an fhocail gu h-uaibbreach, agus a bhios iad air an irioslachadh, tha iad a tighinn gu talmhaidh, ach tha iad a’ falbh gu spioradail, tha iad a’ tighinn mar thàinig Naaman a dh’ ionnsuidh Iordain ‘na lòbhair, ach tha iad a’ falbh air an leigheas; tha so ‘na onair do’ n mhinistrealachd, II. Cor. 3, 1, “am bheil feum againn, mar aig dream àraidh, air litrichean molaidh?” Ged a dh’ fheumadh ministearan eile litrichean-molaidh, gidheadh chan fheumadh Pòl a’ h-aon oir, an uair a chluinneadh daoine ùmhlachd nan Corintianach air oibreachdh annta le searmonachadh an abstàil, bu leòir so ‘na theisteanas dhà, gu’ n do bheannaich Dia a shaothair. Bha na Corintianaich ‘nan onoir mor gu leòir dhàsan—b’ iadsan a theisteanas. Chan urrainn dhuibh onoir as mò a thoirt do ‘ur n-athraichean spioradail, na bhi a’ soirbheachadh fo ‘m ministrealachd agus a’ beathachadh air na searmonan a shearmonaicheas iad.
Ri leantuinn.