(Air a leantuinm bho t.-d., 65.)
CEANN I.
ATH-GHINEAMHUIN.
“Air dhuibh bhi air bhr n-ath-ghineamhuin, cha’n ann o shiol truailidh, ach neo-thruailidh, le focal an Dé bheo agus a mhaireas gu siorruidh.” 1 PHEAD i. 23.
‘San t-seathamh àite, Tha atharrachadh air a dheanamh air a chorp, agus air na buill aige, a thaobb am feum; tha iad air an coisrigeadh do ‘n Tighearna: “Tha eadhon an corp do ‘n Tighearna,” 1 Cor. vi. 13. “Is e teampull an Spioraid naoimh e,” rann 19. Tha na buill aige a bha roimhe “‘nan inneil fhireantachd, chum peacaidh, a nis air fàs ‘nan inneil fireantachd, do Dha,” Rom. vi. 12. “Seirbhisich do’n fhireantachd chum naomhachd,” rann 19. An t-suil a threoraich smuainte peacadh do’n chridhe, tha i fuidhe choimheangal gun sin a dheanamh nì’s mó, (Iob
XXXI. 6.) ach gu seirbhis a dheanamh do’n anam, ann a bhi beachdachadh air oibríbh, agus a’ leughadh focail Dhé. A’ ehlus a bha gu tric mar dhorsair bàis, a’ leigeadh a steach peacaidh, tha i nis air tionndadh gu bhi, ‘na geata na beatha, tre ‘m bheil focal na beatha a’ dol steach do ‘n anam. An “teanga, a las cursa an nàduir,” (Seum. iii. 6.) tha i air a h-aiseag gus an oifig gus an robh i air a h-orduchadh leis a’ Chruithhear; eadhon, gu bhi ‘na h-inneal gu glòir a’ thoirt dha, agus chum a chliù a sgaoileadh. Ann an aon fhocal, tha ‘n duine gu h-iomlan air son Dhé, ‘na anam agus ‘na chorp, a ta leis an atharrachadh bheannaichte so air an deanamh ‘nan cuid dha.
‘San àite mu dheireadh, Tha’n t-atharrachadh gràsmhor so a’ dealradh a mach anns a’ chaithe-beatha. Tha eadhon an duine o’n taobh a mach air ath-nuadhachadh. Ni eridhe nuadh nuadhachd beatha. ‘Nuair a tha nighean an Righ uile glòrmhor an taobh a stigh, tha h-eudach air oibreachadh le h-òr, Salm xlv. 13. Ni suil ghlàn an corp uile làn soluis, Mat. vi. 22. Chithear an t-atharrachadh so anns na h-uile earrann de chaithe-beatha duine, gu h-àraid anns na nithibh a leanas.
-
Ann an atharrachadh chuideachd. Ged rinn e aon uair tair air euideachd nan naomh, ‘s iad a nis “a’ mhuinntir oirdheire anns am bheil uile thlachd,” Salm xvi. 3. “Is fear-comuinn mi dhoibhsan uile air am bi t’ eagal,” ars’ an Salmadair rioghail, Salm exix. 63. Ceanglaidh duine ath-nuadhaiichte e féin ris na naoimh; oir tha esan is iadsan a dh’aon inntinn, anns an ni sin is i an obair mhór, agus an gnothuch: tha aca uile an aon nàdur nuadh; tha iad a’ siubhal gu tìr Imanuel, agus tha iad a’ labhairt r’ a cheile ann an cainnt Chanaain. ‘S diomhain do dhaoine gabhail orra bhi diadhaidh, fhad ‘s a tha iad a’ deanamh roghainn de chuideachd mhi-dhiadhaidh; oir “sgriosar companach nan amadan,” Gnath-fhoc. xiii. 20. Bheir diadhachd air duine bhi air fhaicill o e féin a thilgeadh ann an teaghlaich mhi-dhiadhaidh, no cairdeas neo-iomchuidh ‘sam bith a chumail ri droch dhaoine, mar a bhios neach a ta glan air fhaicill o dhòl do thigh galair bhuaillteich.
-
Bithidh e ‘na dhuine nuadh, ‘na dhàimhbihb fa leth. Bheir gràs air daoine bhi gràsmhor, ‘nan daimhbihb fa leth, agus treoraichidh e iad gu duchasach gu treibhdhireas, ann an coimhlonadh dheasdanais gach inbhe ‘sam bheil iad. Cha’n e ‘mhain gu bheil e deanamh daoine agus mnathan maith; ach tha e deanamh iochdarain maith, fir agus mnathan pòsda maith, clann, seirbhisich, agus ann an aon fhocal, luchd-daimh maith anns an eaglais, anns an dìthaich, agus anns an teaghlach. Is e am fior chomhara a ta air a thabbhàirt an aghaidh diadhachd moran, eadhon, gu bheil iad, ‘nan droch luchd-daimh;tha iad ‘nan droch fhir pòsda, nan droch mhnathan pòsda, ‘nan droch mhaighstirean, ‘nan droch sheirbhisich. Cionnus a dhearbhhas sinn gu bheil sinn ‘nar creutairean, nuadh, ma tha sinn fathast dìreach mar bha sinn roimhe, ‘nar dàimhbihb fa leth? 2 Cor. v. 17. “Uime sin ma ta neach ‘sam bith ann an Criosd, is creutair nuadh e, chaidh na seann nithe seachad, feuch rinneadh na h-uile nithe nuadh.” Cosnaidh fior dhiadhachd teistean do dhuine, o choguisean a chairde a’s dilse, ged tha tuilleadh eolaibh acaan air amhhuinneachd peacach na ta aig muinntir eile, mar a chi sinn anns a’ chor sin, 2 Righ iv. 1. “Fhuair t’ oglach m’ fhear bàs, agus tha fios agad gu ‘n robb eagal an Tighearn’ air t’ oglach.”
-
Tha atharrachadh mòr anns an rathad ‘sam bheil e leantunn a ghnothuiche saoghalta. Cha ‘n e an saoghal ni ‘s mó na h-uile dha, mar bu ghnàth leis. Ged tha daoine naomh an sàs ann an gnòthuiche an t-saoghail, eò maith ri daoine eile; gidheadh, cha’n ‘eil an eiridheachan air an slugadh suas ann. Tha e soilleir gu bheil gnòthuch aca ri neamh, eò maith is ri talamh, Philip. iii. 20. “Tha ar caithe-beatha-ne air neamh.” Agus tha iad a’ dol mu ‘n cuairt d’ an gnòthuiche anns an t-saoghal mar dheasdanais a ta air a chur orra le Tighearna nan uile; a’ deanamh an gnòthuiche laghail, mar thoil Dhia, Eph. vi. 7. Ag oibreachadh, a chionn gu ‘n dubhairt e, “Na dean gadachd.”
-
Tha euram àraid orra, air son meudachadh rioghachd Chriosd anns an t-saoghal: tha iad a nis a’ gabhail taobh aobhar Dhé, agus tha meas ac’ air Ierusalem os ceann an aoibhneis
a ‘s airde, Salm cxxxvii. 6. Ciod ‘sam bith cho uaigneach as a ta iad a’ caitheamh am beatha, bheir gras orra bhi do spiorad follaiseach, air am bi euram mu airce agus obair Dhé, mu shoisgeul Dhé, agus mu phobull Dhé, eadhon iadsan dhiubh nach fhac iad riamb ‘san aghaidh. Mar ehlann Dhé, tha gu nàdurrà euram orra mu na nithe sin. Tha euram nuadh nach bu ghnath leo aca mu mhaith spioradail muinntir eile. Agus cha luaithe tha iad a’ blasad air cumhachd gràis iad féin, no tha iad ag iarraidh bhi ‘nan luchd-oibre air son Chriosd agus naomhaechd auns an t-saoighal so; mar tha soilleir ann an cor na mnà o Shamaria, neach, air do Chriosd e féin a nochdadh dhi, a dh’falbh do ‘n bhaile, agus a dubhairt ris na daoine, Thigibh, faicibh duine a dh’innis dhomhsa na h-uile nithe a rinn mi riamb! An e so Criosd? Eoin iv. 28, 29. Chunnaic agus mhothaich iad ole a’ pheacaidh, agus air an aobhar sin tha truas aca do ‘n t-saoighal a ta ‘na luidhe ‘san ole. Bu mhiann leo aithinne a spionadh as an teine, a’ cuimbneachadh gu ‘n robh iad féin air an spionadh as, saothraichidh iad a chum an diadhachd a mholadh do muinntir eile araon le’m briathraibh, agus le ‘n eisimpleir; agus is fearr leo iad féin aicheadh ann an nithe gun suim no le feum neo-sheireeil a dheanamh dhiubh, muinntir eile a sgrios, 1 Cor. viii. 13. “Uime sin ma bheir biadh aobhar oilbheim do m’ bhràthair, chan ith mi feoil a chaoidh, chum nach tabhair mi aobhar oilbheim do m’ bhrathair.”
- Tha atharrachadh mór, anns an fheum a ta iad a’ deanamh de shòlasan laghail. Chan ‘eil iad a’ gabhail fois annta mar an erioch, ach tha iad ‘gan gnathachadh mar mheadhona chum an euideachadh ‘nan slighe. Tha iad a’ tarruing an comhfhurtachdan o no tobraichean a’s airde, eadhon an uair a ta na tobraichean a’s isle a’ sruthadh. Mar so air do Hanah mac fhaotainn, cha d’ rinn i gairdeachas eho mór anns a’ ghibht as a rinn i ann-san a thug e, 1 Sam. ii. 1. “Agus rinn Hanah urnuigh, agus thubhairt i, tha mo chridhe a’ deanamh gairdeachais anns an Tighearna, “Seadh, ‘nuair a ta comhfhurtachdan na beatha air falbh, is urrainn dhoibh teachd, beo as an eugmhais,
agus “gairdeachas a dheanamh anns an Tighearna, ged nach toir an crann-fige uath blàth, Hab. iii. 17, 18. Tha gràs a’ teagasg feum a dheanamh de nithe iomchuidh na beatha so mar anns an dol-seachad, agus measarrachd naomh a nochdadh anns na h-uile nithe. An eiridhe, a bha roimhe air a shlugadh suas anns na nithe sin gun eagal, tha e nis fuidh eagal a bhi ro-thoilichte leo: agus, air dha bhi fuidh eagal cunnairt, tha e ‘gan gnàthachadh gu faicilleach; mar a tha coin na h-Eiphit a’ ruith ‘nuair tha iad ag imlich an uisge as an àbhainn Nilus, air eagal nan crocodil a ta innte.
‘San àite mu dheireadh, Tha’n t-atharrachadh so a’ dealradh a mach ann an coimhlionadh dhleasdanais na diadhachd. Esan a bha caitheadh a bheatha ann an di-chuimhne orra, cha dean e mar sin tuilleadh, ma thainig gràs Dhé aon uair d’a eiridhe. Ma tha duine air ùr-bhreith, iarraidh e bainne fior-ghlan an fhoicil, 1 Phead. ii. 2. Co luath ‘s a tha ‘n neach gun urnuigh a’ faotainn spioraid a’ ghrais bithidh e ann ‘na spioraid ath-chuinge, Sech. xii. 10. Tha e cho nàdurra do’n neach a ta air a bhreith a ris toiseachadh air urnuigh, as a tha e do’n leanabh a ta air ùr-bhreith bualadh air rànaich, Gniomh. ix. 11. “Feuch, a ta e ri urnuigh!” Bithidh a eiridhe ‘na theampull do Dhia, agus a thigh ‘na h-eaglaise. Tha ‘n t-aoradh a bha roimhe eutrom agus foirmeil a nis spioradail agus beothail; do bhrigh gu’n do bheanadh ris a’ eiridhe agus ris an teanga le eibhlè bheò o nèamh; agus cha ghabh e fois ann an coimhlionadh a dhleasdanais a mhain, mar an euramach gu obair a chur seachad; ach tha e anns na h-uile dleasdanais, ag iarraidh comuinn ri Dia ann an Criosd: ‘gam meas gu ceart mar mheadhona air an comharrachadh le Dia chum na crìche sin, agus tha e meas gu’n do chaill e ‘shaothair, mar ruig e air sin. An fhad so mu nàdur na h-ath-ghineamhuin.
AN COSLAS A TA EADAR GINEAMHUIN NADURRA AGUS SPIORADAIL.
II. Tha mi air teachd gu nochdadh e’ ar son a deirear ris an atharrachadh so ath-ghineamhuin, a bhi air ar breith a ris. A deirear so ris, a chionn a’ choslais a ta eadar gineamhuin
nàdurra agus gineamhuin spioradail: a ta eo-sheasamh anns na nithe fa leth so leanas.
Air tuis, Tha gineamhuin nàdurra ‘na ni diomhair! agus mar sin tha gineamhuin spioradail, Eoin iii. 8. “Tha ghaoth a’ seideadh far an aill leatha, agus tha thu eluinntinn a fuaim, ach chan ‘eil fhios agad eia as a tha i teachd, no e’ àit’ a tha i dol: is ann mar sin a tha gach neach a tha air a bhreith o’n Spiorad.” Tha obair an Spioraid air a mothachadh, ach tha a rathad oibreachaidh ‘na diomhaireachd nach urrainn dhuiinn a thuigsinn. Tha solus nuadh air a leigeadh a steach do’n inntinn, agus tha’n toil air a nuadhachadh; ach cionnus tha ‘n solus air a chur a steach cionnus a tha’n toil air a glacadh le ceanglaichibh graidh agus cionnus a tha’n ceannaireach air a dheanamh ‘na bhraighdeanach toileach, cha mhò is urrainn dhuiinn innseadh, na’s urrainn, dhuiinn innseadh “cionnus a dh’fhàsas na enamhan am broinn na mnà a bhios torrach,” Ecles. xi. 5. Mar a chluinneas duine fuaim na gaoithe, agus a mhothaicheas e a glusad ach nach ‘eil fios aige c’ àit’ am bheil i toiseachadh, no e’ àit’ an sguir i; ‘s ann mar sin a ta na h-uile neach a ta air a blreith o’n Spiorad; tha e mothachadh an atharrachaidh a ta air a dheanamh air, ach chan ‘eil fhios aige cionnus a tha e air a dheanamh. Aon ni air am feud e fios a bhi aige, air dha bhi dall, gu bheil e nis a’ faicinn: Ach tha siol nan gràs a’ gineamhuin agus a’ fàs suas air doigh nach fios da, Mare. iv. 26, 27.
‘San dara àite, Anns gach aon diubh, tha’n crentair a’ teachd gu bith a bhi aige, nach robh aige roimhe. Chan ‘eil an leanabh ann, gus am bheil e air a ghineamhuin: agus chan ‘eil bith ghrasmhor aig duine, no bith ann an gràs, gus am bi e air ath-ghineamhuin. Chan e ath-ghineamhuin cho mór a bhi leigheas duine thinn, as a bhi beothachadh duine mhairbh, Eph. ii. 1, 5. Tha’n duine ‘na staid thruailidh, ‘na neo-bhith ann an gràs; agus tha e air a thabhairt gu bith nuadh bhi aige, le chumhachdsan “a ta gairm nan nithe nach ‘eil idir ann, mar gu ‘m biodh iad
ann; air dha bhi air a chruthachadh ann an Iosa Criost chum dheadh oibre,” Eph. ii. 10. Uime sin tha ar Tighearn Iosa, a chum aobhar dòchais a thoirt do na Laodiceanaich, ’nan staíd thruaigh agus blochd, ’ga nochdadh féin mar “thoiseach eruthachaidh Dhé,” Tasb. iii. 14. Eadhon gniomh-toiseach a’ chruthachaidh, oir bha na h-uile nithe air an deanamh leis-san air tús, Eoin i. 3. O’m feudadh iad a thoirt fainear, a chionn gu’n d’ rinn e iad ’nuair a bha iad ’nan neo-ni, gu’m b’ urrainn dha an deanamh a ris, ’nuair a bha iad ni bu mhiosa na neo-ni; a’ eheart làmh a rinn iad ’nan creutairean dha féin, b’ urrainn dha ’n deanamh ’nan creutairean nuadh.
Rì leantwinn.