(Air a leantuin bho t.—d.—274.)
le Aindrea Cant.
II.
(Eadar-theangaichte le I. M.).
Chaidh an earail a leanas a thoirt seachad aig Inbhirnis, le Aindrea Cant, aig ath-nuadachadh a Chumhnant air 25th April, 1638. Bha am fear so na mhinisteir urramach an toiseach ann am Pitsligo, agus anns a bhlidhna 1664 chaidh a shuidheachadh ann an Obaireadhainn. Bhuinneadh an cliù dha gu’n robh e na Bhoanerges agus na Bharnabas.
G IDHEADH, feuch! ‘n uair is e so an sgrios a bu choir a bhi againn, ‘n uair bha gach ni gu beag air seall, ‘nuair bha sinn sios a’ bhruthach, ‘n uair a bha beul an t-sluchd
air fhosgladh, agus a bha sinn a’ tuiteam a stigh, agus aig crathadh lamhan ris an Roimhe; an Tighearna, laidir agus gràsmhor, ghabh esan truas dhinn, dh’amhairc e oirnn, agus ghlaodh e, ag radh, “Pillibh, pillibh, a shluagh chul-sleamhnach; thigibh, agus leighisidh mise bhur cul-sleamhnaichidhean.” Bha de chaomhnadh anns an Tighearna, agus de bheòthachadh anns a’ ghlaodh, agus gu bheil ach beag na h-uile dheth na h-uile inbhe, as gach ceann agus oisean, air an dusgadh agus air an cois, a’ coinneachadh agus a’ freagradh an Tighearn’ ag radh: “Feuch tha sinn a’ tighinn a t-ionnsuidh, oir is tusa an Tighearn ‘ur Dia, bha ceannas oirnn aig tighearnaibh eile bharrachd ortsa; ach annadsa a mhain ni sinn luaidh air t-ainm.” Tha na h-uile a’ gabhail ioghnadh dheth nan tionndadh so, agus ag amharc mar dhaoine a bha ‘g aisling, agus a tha seinn agus ag radh, “Beannaichte gu’n robh an Tighearn nach tug sinn mar chreic d’ am fiaclaibh. Chaidh ar n-anam as mar eun á ribe nan eunadar, bhriseadh an ribe, agus chaidh sinn as. Tha ar cabhair ann an ainm an Tighearn, a rinn neamh agus talamh.” Có shaoileadh gu ‘m faiceadh e ‘leithid a dh’ atharrachadh obann an Alba ‘nuair a bha gach aobhar a’ comharachadh a mach cursa bha calg-dhìreach an aghaidh sin? ‘Nuair a bha daoine uaibhreach a’ deanamh uaisil agus ag radh, “crom sios a chum agus gu’n teid sinn thairis,” agus a leig sinn ar “cuirp mar an làr agus mar an t-sraíd dhoibhsan a chaidh thairis.” Ach a nis, feuch aon de dh’ioghnaidhean Dhé! Tha na h-uile dhiubh de gach uile inbhe a’ gabhail urram agus aobhar Chriosd gu cridhe; tha na h-uile gu h-aon-inntinneach, cairdeil agus gu laghail air co-aonadh mar aon duine ann an athchuingean, fianaiseachadh, daingnichidhean an aghaidh ùr-ghnàthachadh agus ùr-ghathadairean, truailleadh agus truailleadair. Feuch agus gabh iognadh! Tha an sean chùmhnant sin (a bha uair agus uair gu sòlaimte air a mhionnachadh agus gu meallta air a bhriseadh) a nis a rìs gu sòlasach air ath-nuadhachadh, le ‘leithid de shòlaimteachd, de chàirdeas, de mhionnaibh agus de sgriobhadh ainmeanan, agus gur a dàna leam a’ ràdh, gu robh so na bu
chinntich agus na b’ fhirinnich annadsa, O Alba, na beagan sheachduinnean so tha seachad, na bha e air son deich bliadhna fichead roimh so. Is aithne dhomh gu bheil buidheann Phasur a chaidh a bhualadh Ieremiah, aig an obair so air fàs nam Magor-misabib, nan uamhas mu ‘n cuairt; tha buidheann Shedeciah a chaidh a bhualadh Mhicaiah a nis ag iarraidh seomar-cuil gu ‘m folach fhéin. Tha Tobiah agus Sanballat a’ cagnadh an teanganan, ri gàire agus a’ fanaid oirnn’, ag ràdh, “Ciod e so a tha sibh a’ deanamh? An dean sibh ceannairc an aghaidh an righ? An daingnich sibh sibh fhéin? An dean sibh crìoch ann an latha? An atharraich sibh na clachan a mach as na torrabh salachair a tha air an losgadh?” Cha’n ‘eil Rehum an t-àrd chomhairleach, agus Simsai an sgiobhaiche, agus an còrr de’n chompanaich a sgrìobh a lionadh cluasan prionnsa gràsmhor le droch bheachdan, ag ràdh, “Bitheadh a nis fios aig an righ, ma thogar am baile so, agus ma chuirear suas a bhallachan, nach ioc iad dlighe, cis, no càin.” Ach ris a so tha sinn a’ freagradh, “Maireadh an righ beò, agus bitheadh a naimhdean uile a tha ‘g iarraidh a sgrios air an t-saoghal an so agus gu bràth: ach air ‘ur son-sa, is coigrich sibh, na gabhadh gnothach ri aoibhneas sluagh Dhé; cha’n ‘eil cuibhrionn, còir, no cuimhneachan agaibh ann an Ierusalem Dhé.” Ma tha’n obair a thoisich a’ cur dragh orra-san, cha’n ioghnadh e; tha e roimh-innse sgrios an rìoghachd-san, agus gu bheil Haman, a thoisich air tuiteam roimh shiol nan Iudhach, a’ dol a thuiteam gu tur: tha an Tighearn a’ dol a ghlanadh a fhion-lios, agus a’ dol a dh’fhuadach a mach nan sionnach a tha ‘g itheadh nan dearcain maoth; gu bhi spionadh suas gach luibh dhìolain, agus gu bhi sgiùrsadh a mach as an teampull luchd ceannachd agus reic. Tha an Tighearn a’ dol a bhualadh buidheann Gehasi le luibhre, agus a’ dol a thoirt a nuas buidheann Shimoin Mhagus a bha air an togail cho àrd le ministeirealachd Shatain. Tha an Tighearn a’ gairm na daoine mòra gu bhi cur an guala ri, agus a’ cuideachadh obair-san; bha ‘san taobh dheas, ag ràdh, “Na cumaibh air ais,” agus beannaichte
gu robh Dia, cha do chum iad air ais. Chuir e nis do’n taobh tuath, ag ràdh, “Thoiribh seachad, thugaibh mo mhic bho chéin, agus mo nigheanan bho iomallaibh na talmhainn.” Saothraichibh air son a’ chreidimh a bha aon uair air a thoirt do dh’Alba.
Tha aon Tighearn ann, aon chreideamh, aon aobhar a bhuneas do na h-uile. Ged a tha an tìr mu thuath so fuar, tha dòchas agam nach ‘eil ‘ur cridheachan mar sin, có dhiubh cha bu chòir dhoibh a bhi. ‘S le Dia an talamh agus a làn, an saoghal agus iadsan a tha chomhnuidh ann; tha crìochabh na talmhuinn air a thoirt do Chriosd mar oighreachd; tha uachdaranachd-san bho mhuir gu muir, agus bho ‘n abhainn gu h-iomallabh na talmhainn. Thigibh, uime sin, agus pògaibh am Mac; cunntaibh e bhur ‘n urram is mó, urram a chur air Criosd, agus fhuirinn a tha air tuiteam a thogail; thigibh agus cuidichibh na seann làraichean a thogail, chum agus gu’n abrar ribh luchd càraidh na beàrna; agus an sin gairmidh gach ginealach beannaichte sibh; an sin togaidh Dia bhur taighean mar a rinn e do na mnathan-gluine Eiphiteach, air son eagal Dhé bhi annta, agus an càirdeas d’a shluagh Israel. Na bithibh mar uaislean Thecoa, mu thimchioll a bheil Nehemiah a’ gearain, nach cuireadh iad am muineal ri obair an Tighearna. Na bithibh mar Mheros, a mhallaich aingeal an Tighearna gu searbh, a chionn nach d’ thainig iad gu còmhnadh an Tighearn’ an aghaidh nan cumhachd-ach. Ni mò na bithibh mar an luchd fanaid agus sgeige sin, aig ath-nuadhachadh cùmhnant an Tighearna ann an laithibh Heseciah, ach gu’m bu fheàrr leibh a bhi mar iadsan a dh’irioslaich agus a ghluais an Tighearn an cridhe. Na bithibh mar iadsan a fhuair cuireadh gu suipear an righ, agus a dhiult tighinn, agus aig an robh leithsgeulan truagh, agus uime sin nach blais iad dhith. Tha dòchas againn ri nithibh is fheàrr uaibhse; chuir Dia air leth agus dh’adhartaich e sibhse air son ama agus feuma is fheàrr: ach ma tharruingeas sibh air ais, a chumas sibh samhach, agus a ghleidheas sibh ‘ur sith, bheir Dia fuasgladh agus farsuinneachd d’a eaglais rathad eile; ach gu’n gleidheadh Dia sibhse bho’n an t-sanas.
Cha’n ‘eil ni air iarruidh oirbh ach ni a tha air son Dhé agus an righ; air son urram Chriosda agus math na h-eaglaise, agus sith na rioghaichd. Gu’n d’ thugadh Dia d’a bhur cridheachabh misneachd, gliocas agus seasmhachd air son Dhé agus an righ, agus air son Chriosda, agus fhirinn. Amen.