Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2026-27
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1934 » December 1934 » An Fhianais Dheireannach aig Domhnull Cargill

An Fhianais Dheireannach aig Domhnull Cargill

(Eadar-theangaichte le I. M.).

Bha Domhnull Cargill na mhiniteoir urramach ann an Glaschu agus na dhuine treum air taobh na firinn. Chaidh an fhianais a leanas a thoirt seachad leis mun do chuireadh gu bàs e aig a’ Chrois an Dumeideann, July, 27, 1681.

“IS e so an latha is aoibhneach a chunnaic mi riamh na’m chuairt air thalamh. Tha m’aoibhneas a nis air tòiseachadh nach fhaic mi gu brath air a bhriseadh. Tha mi faicinn mo chòir agus fhirinnisan, agus cìmteachd an dara h-aon, agus luachmhórachd an aon eile. Tha dluth air deich bliadhna fheadh bho na rinn e cìnteach dhomh e; agus bho ‘n àm sin, ged a bhris móran peacaidh a mach, gidheadh cha robh mi riamh gun dearbhbheachd air mo chòir, no fada a mach a sealladh air a lathaireachdsan, thàlaidh agus chum e beòthail mi, agus cha d’fhàg e riamh air dheireadh mi, ged a bha mi tric a pilleadh air ‘m ais. O, nochd e luachmhórachd iongantach a ghràis, chan e ‘mhain anns a’ cheud ghabhail dheth, ach ann an athnuadhachadh agus ann an cur an lionmhórachd mhaithneas!”

“Bu duine mi aig an robh peacaidhean móra ach bu Dia Esan aig an robh tròcairean móra; agus a nis, tre a thròcairean tha coguis agam cho fallain agus cho sàmhach agus ged nach peacaichinn riamh. Is fhad’ bho na bha misneach agam ‘dol do’n t-siorruidheachd tre tròcair Dhé agus airidheachd Chriosd; ach bha am bàs a fantuinm ni-eiginn uamhasach dhomh, ach tha sìn a nis air a thoirt air falbh; agus chan ‘eil am bàs a nis ni’s mótha leam na bli ‘gam thilgeadh féin an gairdeanan m’ Fhear-pòsda, agus laidh sios maille Ris-san. Agus ge be air bith cia mar a bhios e leam air a’ cheann mu’ dheireadh, ged a bhithinn air mo theannachadh le Dia, no air mo bhacadh le daoine, gidheadh tha na h-uile ni eìnneach, agus bithidh iad gu math. Lean mi naomhachd, theagaig mi ‘n fhìrinn, agus bha mi air thoiseach anns na nithibh a bhuneas do ‘ur n-anma-ne beag, ach gu’n do smaintich mi nach b’ urrainn neach ‘sam bith ni a dheanamh gu ceart ann an nithibh mór agus follaiseach Dhé gus am bitheadh iad ceart ‘nan cor.”

“Agus, O! nach robh na h-uile air an rian so a ghabhail! oir an sin bhitheadh na bu lugha de mhealltaireachdan. Tha creideamh na tìr, agus eud air son bòidean na tìr air tighinn gu bhi na fhoirmealachd leisg, ghràineil agus fluathach; agus cha’n urrainn eud beòthalachd agus ceartas a bith, far a’ bheil sluagh a coinneachadh ri geur-leanmhuinn, agus an eridhe gun a bhì air ath-nuadhachadh. Tha m’ anam air chrith ann a bhì smuainteachadh air cho beag agus a tha dhe’n ath-ghineamhuinn a’ measg mhiniteirean agus luchd-aideachaidh Alba. O! mhiniteirean Alba! cia mar a bhrath iad còraichean Chriosd agus a mheall iad anamaibh. Cha deach iad fhéin a stigh, agus iadsan a bha ‘dol a stigh, bhac iad. Reic iad nithibh Chriosd agus dlighe eaglais-san air son sàmhchair ghoirid agus mhallaichte dhoibh fhein, a tha nis dluth air a’ chrìch; agus tha iad ni’s mó na’n aon agus ann an sith ri naimhdean Dhé, an déidh dhoibh an uile ole a dheanamh, na bha iad an toiseach ‘n uair nach d’ rinn iad ach an lamh a’ chur riutha. Agus tha eagal mór orm, ged nach bitheadh ach aon mhiniteir air an talamh uile, nach dean Dia an còr feum dhiubh; ach bithidh breithenas uamhasach orra fhéin, agus mallachd fhada air an slòchd!”

“Air son ‘ur luchd-aideachaidh, ‘s e mo chomhairle dhoibh, gu ‘n amhairceadh iad gu math ri ‘n ath-ghineamhainn féin, oir tha aig a’ chuid as mótha dhiubh ri so a dheanamh fhatheadh; agus gidheadh, na saoileadh neach ‘sam bith gu bheil e ann an deadh chleachdadh fior dhiadhachd, aig nach ‘eil eud a thaobh glòir fhollaiseach Dhé. Tha iarmad bheag ann an Alba, bho’ n d’ thuair m ‘anam a’ chomhfhartachd bu mhótha air thalamh. Tha mi guidhe ‘ur fàs ann an naomhachd, àireamh, gràdh, diadhachd agus ionraas; agus stadaibh-se, agus sguiribh de chonspaid ris na doine so a dh’ fhalbh ‘uainn, oir cha’n ‘eil ni bheir dearbh-shoillearachd dhoibh ach breitheanas. Sàsueibh ‘ur coguisibh agus theirgibh air adhart; oir mar is dluith a tha sibh air Dia, agus is fhaide a tha sibh bho fheadhainn eile, có dhiubh is naimhdean follaiseach iad, no mhinisterean agus luchd-aideachaidh meagh-bhlath, bithidh e ni ‘s fhear.”

“Dh’ aobharach mo shearmonachadh geur-leanamhuin, ach tha eagal orm gun aobharach dith sin nì’s miosa. Gidheadh, shearmonaich mi fìrinnean Dhé do fheadhainn eile, mar a tha e sgriobhte, “Chreid mi, agus uime sin labhair mi,” agus cha’n ‘eil droch cogais agam a’ thaobh searmonachadh na fìrin, ge be air bith gu de a lean sin; agus an diugh tha mi gu bli seulachadh le m’ fhuil na fìrinnean uile a shearmonaich mi riamh; agus bithidh ‘na chaidh cur na aghaidh dhe na bha mis a’ searmonachadh, ann an uine gun a bhi fada, air a dheanamh follaiseach le breitheansaibh Dhé ann an coguisibh daoinne. Bha sàmhchair mhilis spioraid agus striochdadh anabarrach agam an àm mo ghlacadh, bha freasdal Dhé cho soilleir ann; agus cha b’urrainn mi gu’n bhi smaointeachadh gu’n do mheas Dia e feumail a chum a ghloir mo thoirt a dh’ ionnsuidh a leithid so de chrìch, bho na dh’fhuasgail e mi bho leithid so a dh’obair. Bhiodh m’ anam gu mór air a bhuaireadlù a thaobh an iarmad, mur a bitheadh gu bheil mi smaoineachadh gu bheil an t-àm goirid.”

“A thaobh an aobhair mi bhi fuiling, is e’ m priomh aon, “Gu’n a bhi ‘g aideachadh an ughdarrais mar a tha sin air a dhaighneachadh anns an Achd Ard-uachdranachd agus Mhineachadh.” Is e so am t-uachdaranachd a dhiult mi, a bha air a chur an seilbh air cumhachd Chriosd. Agus a faicinn a chumhachd so, ni is e glóir Chriosd, air a thoirt bh’uaithne, agus air a dheanamh thairis do’n chrun, shaol mi e mar gu’m faicinn aon a’ caithreamh aodach m’ Fhear-posda an déigh dha a mharbhadh; agus bho na tha e air a dheanamh thairis do’n chrun, cha’n eil eadar-dhealachadh is urrainn sinn a dheanamh, a shaoras coguis an fhir a ghabhas ris bho bhi na fhear-comhphairt do’n naomh-ghoid so air Dia; agus cha’n ‘eil ann ach a bhi mealladh ‘ur coguisean a bhi ‘g aideachadh an uachdaran shiobhalt; oir cha’n e cumhachd siobhalt a mhain a tha air a chiallachadh le a chrùn. Agus bho na tha iad cho soilleir air a chuis bu chòir dhunne a bhi soilleir, oir a bhi air atharrachadh doigh, se th’ann a bhi ‘g aicheadh ‘ur fianuais agus a cur ‘ur n-aonta ri Easan a chreachadh.”

Upcoming Events (DV)

Oct 27
27 Oct - 28 Oct

Theological Conference

Oct 29
29 Oct - 2 Nov

Communion: Dornoch

Nov 5
5 Nov - 9 Nov

Communion: Glasgow

Nov 12
12 Nov - 16 Nov

Communions: Chiedza, Singapore

Nov 19
19 Nov - 23 Nov

Communion: Santa Fe

View Calendar

Latest Articles

  • 2026 Theological Conference
  • September 2026 Magazines online
  • Mission Coordinator Needed
  • Defender of the Faith or Protector of All? Has the King broken his coronation oath?
  • Youth Conference in Australia

Recently Added Audio

  • Paul’s desire to be found in Christ (1) 26 Jul 2026
  • The Judgement Day 26 Jul 2026
  • The blessing of the all-powerful God 19 Jul 2026
  • Justification and peace 19 Jul 2026
  • Why God Excludes Sinners from His Rest 12 Jul 2026
  • The Pharisee and the Publican 1 23 Sep 2010
  • The Pharisee and the Publican 2 24 Sep 2010
  • Found in fashion of a man, He humbled Himself 26 Sep 2010
  • Destroy it not for a blessing is in it. 27 Sep 2010
  • Proclaiming the kingdom of God 12 Jul 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice