GEIBH gràs rathad gu e féin a chleachdadh anns a h-uile suidheachadh anns am bi e. Co dhiubh a gheibh e a shealbhadaireann an inbhe àrd no ıosal—maighstir no seirbhiseachan ‘eil e a’ cur feum air atharrachadh ‘na shuidheachadh ach a mhàin ‘na rathad ann a bhi coimhlionadh nan dleasdanasan a bhuneas do ‘n inbhe sin: agus so tha e a’ dèanamh tre ‘n chaochladh a tha e a’ dèanamh air a chridhe. Tha ‘n aon ghnè a tha dèanamh maighstir Criosdail diadhaidh ciùin, glie agus ıosal, a’ dèanamh seirbhiseach Criosdail, dìleas, agus strìochdte ann an ùmhlachd. Tha slighe ann tre ‘n urrainn neach anns an t-suidheachadh as ísle, Dia a ghloirachadh agus sgeimh a chur air aideachadh diadhachd. Nochdáidh cogais air a deagh theagasg do dhuine an t-slighe sin, agus treoraichidh cridhe aig a bheil mothachadh innte e. Ma tha an nì tha r’ a dhèanamh beag ann fhéin rannsaicheamaid a mach e, agus bitheamaid dileas ann. Mur déan sinn ar gnothach anns an nì sin a tha beag ciamar a tha sùil againn a nì sinn an gnothach ann an nithean as mothá.
Tha ar crannchur air a thoirt dhuinn le Dia, gu beachd a ghabhail air agus sinn féin a chleachdadh ann. Gabhamaid aig a làmhan-san e mar an nì sin gun teagamh as freagarraiche air ar son. Mar a tha na gairmean agus na gnìomharan as fheàrr agus as uaisle air an ìsleachadh le inntinn thruailidh, mar sin tha na nithean as ìsle amnta fhéin air an togail agus air an àrdachadh le inntinn spioradail. Faodaidh breitheamh no ministear rùintean suarach a bhi aige agus a ghairm àrd a a thoirt a nuas g’ an ionnsuidh sin, agus rùintean arda, eadhon glòir Dhé, a bhi aig seirbhiseach bochd agus mar sin a ghairm àrdachadh a chum na crìche àirde so.
Bu chòir dhuinn ar n-inbhe, ge b’ e air bith ciod e, a ghabhail bho làimh Dhé mar an nì a shuidhich esan: agus ag amharc air mar sin bu chòir dhuinn a h-uile car dheth a ghabhail le striochdadh agus aontachadh iriosal—’ga chunntadh tuilleadh agus math air ar son— ag aideachadh “gur ann de thròcairbh an Tighearna nach ‘eil sinn air ar eathdeadh,”—a’ toirt buidheachais dha air son e bhi roghnachadh dhuinn le a ghliocas neo-chriochnach, an àit’ e bhi ‘g ar fàgail gu bhi roghnachadh air ar son fhìn le ar n-amaideachd; agus, uime sin, a’ creidsinn nach fàilnich e ann a bhi ‘g ar n-uidheamachadh le neart gu dhol air adhart leis a’ ghnothach sin a chuir e air leth dhuinn, agus nach urrainn duinn fhàgail gun easùmhlachd dhàsan.
Tha cuid a ghràsan ann a tha de ghnè fhollaiseach agus chomharrachte—mar iad sin a tha air am foillseachadh anns na martaraich air son aobhar Chriosd. Tha gràsan eile ann freagarrach air son suidhichidhean uaigneach nach ‘eil daoine a’ smuaineachadh móran diubh, mar a tha macantas, ciúine, foighidinn fo chrann-ceusaidh ðiomhair air nach ‘eil fhios ach aig beagan.
Tha iad so mar an ceudna mór ann an sealladh Dhé : agus ‘s ann mar sin bu chòir dhaibh a bhi ‘nar sealladh-ne. Tha cuid de ghràsan a chum feum coitcheann, freagarrach do obair gach duine. Tha cuid eile freagarrach do thachartasan àrda nach ‘eil ach cuid air an gairm d’ an ionnsuidh. Chan ‘eil an gràs as lugha air a chur an cleachdadh—an nì as lugha a tha air a dhèanamh bho chrìch ghlain—gu ðiomhain : oir tha fhios againn, “ge b’e maith air bith a nì aon neach gu’m faigh e an nì so féid o an Tighearn ma ‘s saor no daor e.”—Eadar-theangachte le I. M.