Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1935 » June 1935 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

(Air a leantuinn bho t.-d., 28)

AN T-AONADH DIOMHAIR EADAR CRIOSD AGUS CREIDMHICH.Is mise an fhionain, sibhse na geugan.—EOIN xv. 5.

A deiream, tha e (1). ‘ga choimeas féin ri crann-fionain, “Is mise an fhionain.” Chum e maille r’ a dheisciobluibh sàeramaid na Suipeir, an comharrà agus an seula sin air aonadh a shluaigh ris féin; agus dh’ innis e dhoibh, “Nach òladh e á sin suas de thoradh na fionain, gus an là ‘san òladh e nuadh maille riu ann an rioghachd Athar:” Agus a nis tha e nochdadh gur e féin an fhionain, o’n tigeadh fion an comfhurtachd-san. Tha ni ‘s lugha de mhaise ann an crann fionain, no ann am mòran de chraobhan eile, ach tha i anabarrach torrach; a’ ciallachadh gu ro-iomchuidh, an staid ional ‘san robh ar Tighearna ‘san àm sin, gidheadh a’ toirt mòran mhae gu glòir. Ach is e an nì gu h-àraidh ris an robh e ‘g amharc, ann e féin a choimeas ri fionain, gu nochdadh gur e féin fear-cumail suas agus fear-altruim a shluaigh, anns am bheil iad bed, agus a’ tabhairt a mach toraidh. (2.) Tha ‘g an coimeas-san ris na geugan: Sibhse geugan na fionain sin; is sibh na geugan, a ta ceangailte, agus a ta fàs air an Stoc so; a’ tarruing blur n-uile bheatha agus bhrigh uaithe. Is maiseach an coimeas e; mar gu ‘n abradh e, tha mise mar fhionain; tha sibhse mar gheugan na fionain sin.

A nis, tha dà sheorsa de gheugaibh ann, (1.) Geugan nàdurra; a ta air tìs a’ fàs suas as an Stoc: ‘s iad sin na geugan a ta ‘s a’ chraoibh, agus nach robh riamh a mach aisde. (2.) Tha geugan a ta air a suidheachadh, a tha ‘nan geugan a bha air am briseadh o’n chraoibh a thug air tìs am beatha dhoibh; agus air an eur ann an craoibh eile gu fàs orra. Mar so tha geugan a’ teachd bu bhi air craoibh, nach robh air tìs orra. Tha na geugan a ta air an ainmeachadh ‘s a’ bhonn teagaig de ‘n t-seorsa mu dheireadh; geugan a bha air am briseadh dheth, mar a ta ‘m focal ‘s a’ cheud chainnt a’ ciallachadh, eadhon o’n chraoibh a thug air tìs beatha dhoibh. Chan ‘eil a h-aon de chloinn nan daoiné’ ‘n an geugan nàdurrà ‘san dara Adhamh, eadhon Iosa Criosd, an fhìonain fhìor; is iad uile geugan nàdurrà a’ cheud Adhaimh, an fhìonain chrionaich sin. Ach tha na daoiné taghte, gu léir, luath no mall, air am briseadh, o’n Criosd, an fhìonain fhìor.

Teagasg, Tha iadsan a ta ann an staid nan gràs, air an suidheachadh ann, agus air an aonadh ris an Tighearn Iosa Criosd. Tha iad air an tabhàirt a mach as an stoc nàdurrà, air an gearrathd uaithe; agus tha iad a nis air an suidheachadh ann an Criosd mar an stoc nuadh. Ann an laimhseachadh an nì so, labhraidh mi mu ‘n aonadh dhìomhair. (1.) Ann am beagan de nithean coitchionn. (2.) Nì’s mìne.

BEACHD COITCHIONN MU’N AONADH DHÌOMHAIR.

Air tìs, Gu coitchionn, chum gu tuigeamaid an ceangal a ta eadar an Tighearn Iosa Criosd, agus a’ mhùinntir thaghte, a ta creidsinn ann, agus airs an. 1. Is aonadh spioradail e. Tha duine agus bean le ‘n ceangal pòsaidh, a’ fàs ‘n an aon fheòil: Tha Criosd agus fìor chreid-mhich leis an aonadh so, a’ fàs nan aon spiorad, 2 Cor. vi. 17. Mar tha ‘n aon anam na spiorad a’ lionadh araon a’ chinn agus nam ball anns a’ chorp nàdurrà; mar sin tha ‘n aon Spiorad o Dhia a’ gabhail còmhnuidh ann an Criosd agus anns a’ chreidmheach: Oir, “Mur ‘eil Spiorad Chriosd aig neach, cha bhui’n e dhà,” Rom. viii. 9. Tha ceangal corporra air a dhèanamh le còrdadh; mar sin tha na clachan a ta ann an togail aitreach, ceangailte r’ a cheile: ach tha ‘n ceangal so de nàdur eile. Ged a bhiodh e comasaich gu ‘m b’ urrainn dhuinn feòil agus fuil Chriosd itheadh agus òl, ann an rathad corporra agus feòlmhor; “cha bhiodh tairbh air bith an,” Eoin vi. 63. Cha b’ e Muire a bhi ‘g a ghiulan ‘na broinn, ach a creidimh ann, a rinn ‘na naomh i, Luc. xi. 27, 28. “Thubhàirt bean àraidh ris, Is beannaichte a’ bhrù a ghiùlain thu agus na còchan a dheoghail thu. Ach a dubhàirt esan, is mó gur beannaichte iadsan a dh’ ëisdeas ri focal Dhé agus a choimhideas e.”

  1. Is aonadh fìor e. ‘S cho mór ar laigse anns an staid ‘sam bheil sin a nis; ‘s cho mór a ta sinn air ar slugadh suas ann am peacadh, as gu bheil sinn ullamh gu iomhaigh a dheilbh ann ar n-intinn mu na h-uile nì a chuirear fa ‘r comhair; agus a thaobh nì air bith a ta air àicheadh dhuinn, tha sinn ullamh air a bhi fuidh amharus nach ‘eil ann ach mealladh, no nì aig nach ‘eil brigh. Ach ean ‘eil nì ‘sam bith as eimtiche no an nì sin a ta spioradail; mar an nì sin a ta teachd ni ‘s dlùithe nàdur an Tì sin is e tobar na h-uile ffrinn, eadhon Dia féin. Chan ‘eil sinn a’ faicinn le ‘r sùlibh an ceangal a ta eadar ar n-anama agus ar cuirp féin; ‘s cha mhó is urrainn dhuinn beachd fior a ghabhail deth ‘nar n-intinn mar a nì sinn air nithean faicsinneach: gidheadh ean fheudar a chur an teagamh nach ‘eil e fior. Cha bharail creidimh, ach “brigh nan nithean ri ‘m bheil dòchas,” Eadh. vi. 1. ‘S cha mhó a ta ‘n t-aonadh a ta air a dhèanamh leis a’ chreidimh eadar Criosd agus creidmhich, ‘na fhaileas ach ‘na nì ro-fhior: “Oir is buill sinn d’a chorp, d’a fheòil, agus d’a ehnamha-san,” Eph. v. 30.

  2. Is aonadh ro-dhlùth agus dìleas e. Na creidmhich daoiné ath-nuadhaichte, a ta le làn dòchas ‘g a chreidsinn, agus a’ leigeadh an taic air, “chuir iad orra Criosd,” Gal. iii. 27. Mur leòir sin, tha “esan annta-san,” (Eoin xvii. 23) air a dheilbh annta, mar an leanabh ann am broinn na màthar, Gal. iv. 19. Is e esan a’ bhunait, 1 Cor. iii. 11. ‘S iadsan na clachan beò, a ta air an togail airsan, 1 Phead. ii. 15. Is esan an ceann, agus is iadsan an corp, Eph. i. 22, 23. Ni h-eadh, tha e beò annta, mar an anama ‘nan cuirp, Gal. ii. 30. Agus, nì a ta ni ‘s mó na so uile, tha ‘n t-Athair ann an Criosd, agus Criosd anns an Athair, Eoin xvii. 21. “Chum gu ‘m bi iad uile ‘nan aon, chum mar a ta thusa annamsa, agus mise annadsa, gu ‘m bi iad-san mar an ceudna ‘nan aon annainne.”

  3. Ged nach ceangal ‘san lagh e, gidheadh is ceangal e a sheasas ‘san lagh. Tha Criosd mar an t-urras, agus creidmhich mar àrd luchd-feich, ‘nan aon ann am beachd an lagha. ‘N uair a ruith na daoiné taghte iad féin, leis a’ chuid eile de ‘n chinne-daonna, ann am feich do cheartas Dhé; thàinig Criosd a steach ‘na urras air an son, agus phàigh e na feich. ‘N uair a tha iad a’ creidsinn ann, tha iad air an aonadh ris ann an ceangal-pòsaidh spioradail; aig am bheil a’ bhuaidh so, gu bheil na nithean a a rinn agus a dh’ fhuiling e air an son, air am mèas ‘san lagh, mar gu ‘n dèanadh, agus gu ‘m fulaingeadh iad air an son féin. Uaith so thirear gu bheil iad air an “ceusadh maille ri Criosd,” Gal. ii. 20. Adhlaichte mar aon ris—Col. ii. 12. Seadh, air an togail suas mar aon ris (eadhon ri Criosd,) agus cho-shuidhlicheadh iad ann an ionadaibh nèamhaidh ann an Iosa Criosd—Eph. ii. 6. Anns na h-ionadaibh sin ean urrainn dhuiinn a ràdh gu bheil na naoimh air thalamh, mu ‘m bheil an t-abstol a’ labhairt, ‘nan suidhe, ach do thaobh meas an lagha.

  4. Is ceangal e nach fheudar a sgaoileadh. Aon uair ann an Criosd, ‘s gu bràth ann. Air dha ionad-còmhnuidh a chur suas anns a’ chridhe, chan atharraich e as gu bràth. Chan urrainn neach an t-snaim shona so fhuasgladh. Cò dh’fhuasg-aileas an ceangal so? Am fuasgail e féin e? Chan fhuasgail idir: tha ‘fhocal againn air a shon; “Cha phill mi air falbh uatha,” Ier. xxxii. 40. Ach theagamh gu’n dèan am peacach an t-ole so dhà féin: cha dèan, air sheol ‘sam bith. Cha dealaich iad rium, ars’ an Dia (‘san àite cheudna.) An urrainn deamhain a dhèanamh? Chan urrainn, mur bi iad nì’s laidire na Criosd, agus ‘Athair mar ar ceudna; “Chan urrainn neach air bith an spionadh as mo làimh, ars’ ar Tighearn,” Eoin x. 28. Agus chan urrainn neach air bith an spionadh á làimh m’ Athar, rann 39. Ach ciod a their thu ris a’ bhàs, a sgaras fear agus bean-phòsda; seadh, a sgaras an t-anam o ‘n chorp? Nach dèan bàs e? Cha dèan; tha ‘n t-abstol, (Rom. viii. 38, 39.) cinnteach nach bi bàs, cho uamhasach as a ta e; no beatha, ciod air bith cho taitneach ‘sa ta i, no diabhuil, an droch aingil sin; no muinntir an diabhuil, a ta ri geur-leanmhuinn, ged a tha iad ‘nan uachdarana no ‘nan cumbachdan air thalamh; no droch nithean a làthair, a ta cheana ‘nan luidhe oirnn, no droch nithean ri teachd; no àirde sonais shaoghailta, no doimhne truaighe shaoghailta; no creutair ‘sam bith eile, maith no ole, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhé a ta ann an Iosa Criosd ar Tighearna. Mar a chuir am bàs sgaradh eadar anam agus corp Chriosd, ach nach b’ urrainn e aon chuild ‘anam no a chorp a sgaradh o nàdur a dhiadhachd; mar sin, ged a bhios na naoimh air an sgaradh o an cairdibh is dluithe anns an t-saoghal, agus o an uile shòlasan saoghalta; seadh, ged a bhios an anama air an sgarachdain o ‘n eurp agus an eurp air an toirt as a chéile ‘nam mile mìr; an enàmhan air am briseadh, mar a ghearras neach fiodh; gidheadh mairidh anam agus corp, agus na h-uile mìr de ‘n chorp, an dushach as lugha dheth, ceangailte ris an Tighearna Criosd: oir eadhon ann am bàs, “coillidh iad ann an Iosa,” 1 Tes. iv. 14. agus, gleidhidh e an enàmhan uile, Salm. xxxiv. 20. Is e ceangal ri Criosd, an gràs anns a’ bheil sinn ‘nar seasamh, daingean agus suidhichte, mar shliabh Shioin, nach urrainn bhi air a carachadh.

‘S an àite mu dheireadh, Is aonadh dìomhair e. Tha ‘n soisgeul ‘na theagasc dìomhaireachd. Tha e foillseachadh dhuinn aonadh thri Pearsa ‘san aon Diadhachd, 1 Eoin i. 7. “An triuir sin is aon iad!” Aonadh nàduir Dhé agus dhuine, ann am Pearsa an Tighearn Iosa Criosd, 1 Tim. iii. 16. “Dh’fhoillsieadh Dia ‘san fheòil.” Agus an aonadh dìomhair a ta eadar Criosd, agus creidmhich: Is dìomhaireachd mhór so! Eph. v. 32. O ciod na doimhaireachdan a tha ‘n so! An Ceann air nèamh, na buill air thalamh, gidheadh gu cinnteach air án aonadh r’a cheile! Criosd anns a’ chreidmheach, beò ann, ag imeachd ann; agus an creidmheach, a’ gabhaìl còmhnuidh, ann an Dia, a’ cur nime an Tighearn Iosa ag itheadh fhèola, agus ag òl fhola! Tha so a’ dèanamh nan naomh ‘nan dìomhaireachd do ‘n t-saoghal, seadh ‘nan dìomhaireachd dhoibh féin!

‘San dara àite, Tha mis nis air teachd gu labhairt ni ‘s mìne mu’n aonadh so ri Iosa Criosd, agus a bhi air ar suidheachadh ann. Agus (1.) Bheir mi fainear an stoc nàdurra, as am bheil na geugan air an tabhairt. (2.) An stoc os ceann nàduir, anns am bheil iad air an suidheachadh. (3.) Ciod na geugan a ta air an gearradh a’ n t-seann stoc, agus air an eur anns an stoc nuadh. (4.) Cionnus a ta sin air a dhèanamh. Agus, anns an àite mu dheireadh, Na sochairean a ta sruthadh o ‘n aonadh agus o ‘n t-suidheachadh so.

MU NA STUIC NADURREA AGUS OS CEANN NADUIR, AGUS NA GEUGAN, AIR AN TABHAIRT A MACH AS AN DARA AON, AGUS AIR AN SUIDHEACHADH ‘SAN AON EILE.

I. Gabhamaid beachd air an stoc, as am bheil na geugan air an tabhairt amach. Is iad an dà Adhamh, ‘se sin ri ràdh, Adhamh, agus Criosd, an dà stoc: Oir tha ‘n Sgriobtur a’ labhairt mu ‘n dithis sin, mar nach biodh tuilleadh dhaone riamh air an t-saoghail ach iadsan. 1 Cor. xv. 45. Rinneadh an ceud duine Adhamh ‘na anam beò, an t-Adhamh deireannach ‘na spiorad a bheòthachieas.” Rann 47. “Tha ‘n ceud duine o’n talamh, talmhaidh: an dara duine, is e an Tighearn o nèamh.” Agus is e as aobhar da sin, nach robh riamh neach, nach robh ‘nan geugan o aon de ‘n dithis sin; air do na h-uile dhaoine bhi anns an dara aon no ‘n aon eile de na stiùc sin; oir anns an dithis sin tha ‘n einne-daoine uile air an roinn, rann 48. “Mar an duine talmhaidh, is amhuil sin iadsan a tha talmhaidh: agus mar a ta an duine nèamhaidh, is ann mar sin iadsan a ta nèamhaidh.” Is e ‘n ceud Adhamh, uime sin, an stoc nàdurrà: ‘s ann air an stoc so a gheibhear na geugan a’ fàs an toiseach; a ta ‘na dhéih sin air an gearradh dheth, agus air an suidheachadh ann an Criosd. Mu thimchioll nan aingil a thuit, mar nach robh ceangal aca ris a’ chend Adhamh, mar sin chan ‘eil ceangal aca ris an dara aon.

Rì leantuininn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice