(Air a leantuininn bho t.d., 232).
AN T-AONADH DIOMHAIR EADAR CRIOSD AGUS CREIDMHICH.
Is mise an fhionain, sibhse na geugan.—EOIN xv. 5.
2. Tha ar stoc nàdurrà ‘na stoc marbh, reir a’ bhagraidh, Gen. ii. 17.
“Anns an là a dh’ itheas tu dhith, gu cinneach bàsaichidh tu.” Tha ar freumh a nis ‘na lobbhadh; chan iongantach ged theid am blàth suas mar dhuslach. Chaidh am buille dh’ ionnsuidh a’ chridhe, tha bhrìgh air a leigeadh a mach, agus tha chraobh air seargadh: thuit mallachd a’ cheud choimh-cheangail, mar dhealanaich o nèamh, oirre agus sgrios e i! Tha i nis air a mallachadh mar a’ chraobh-flùige, Mat. xxi. 19. Na fasadh toradh o so suas, gu bràth ort! A nis chan ‘eil i maith air son ni ‘sam bith, ach a dh’ fhàsachadh na talmhainn, agus a dhèanamh suas connaidh air son Thopheit.
Leudaicheamaid nì’s faide air an so mar an ceudna. Tha na h-uile duine neo-iompaichte, ‘na ghèig de stoc marbh. ‘N uair a chì thu, O pheacaich! stoc marbh de chraobh, air call a bhrìgh, uile, aig am bheil geugan oirre ‘san staid cheudna; amhaire air mar choslas fìor air staid d’ anamasa.
(1.) Far am bheil an stoc marbh, is éiginn do na geugan bhi aimraid.
Mo thruaighe! Tha aimrideachd móran de luchd-aidmheil a’ nochdadh gu soilleir có an stoc air am bheil iad a’ fàs. Is furasda bhi ‘g aidmheil creidimh, ach nochd dhomhsa do chreideamh as eugmhais t’oibre, ma ‘s urrainn thu, Seum. ii. 17.
(2.) Chan urrainn stoc marbh brìgh ‘sam bith a chur a dh’ ionnsuidh nan geugan, a thoirt orra toradh a ghiùlan.
B’e coimhcheangal nan oibre bann ar ceangail ri an stoc nàdurrà; ach a nis dh’fhàs e lag trìd na feòla: is e sin, trid crionaidh agus truaillidheachd nàduir an duine, Rom. vii. 3. Tha e làidir gu leòir a dh’ àithneadh, agus a cheangail uallaiche trom air guaillibh na muintir nach ‘eil ann an Criosd; ach chan ‘eil e toirt neart ‘sam bith gu ‘n giùlan: dh’fhalbh a’ bhrìgh a bha aon uair ‘san ffreumh; agus tha ‘n lagh, mar fhear-féich an-iochdmhor, a’ glacadh oighreachan Adhaimh, ag ràdh “ioc dhomh na bheil agam ort!” ‘n uair, mo thruaighe! tha a mhaoin air a eaitheamh gu struitheil.
(3.) Tha na h-uile saothair agus cosdas a chaithear air ‘a chraoibh a chailt a beatha, air an call:
is ann an diomhain a shaothraicheas daoine gu toradh fhaotainn air na geugan, ‘n uair nach ‘eil brìgh ‘san ffreumh.
Air tús, Tha saothair a’ ghàradair caillte:
tha minsteirean a’ call an saothair air geugan an t-seann stiùc, fhad ‘sa mhaireas iad air; ‘s iomadh searmoin a ta air an searmonachadh gun éifeachd, a chionn nach ‘eil beatha toirt mothachaidh: feudar daoine tha ‘nan codal a dhùsgadh, ach chan urrainn na mairbh a bhi air an togail gun mhiortbhuil; cadhon mar sin, is éiginn do ‘n pheacach mharbh buannachadh ‘s a’ chor sin, mur bi e air aiseag gu beatha le miortbhuil gràis.
‘San dara àite, Tha feartan nan nèamh air an call air a leithid sin de chraoibh:
‘S ann an diomhain a tha i air a fagail fosgailte do fluachd agus do reothadh a’ gheamhraidh. Tha Tighearna na fionain a’ cladhach mu ‘n cuairt de iomadh anam marbh, ach chan ‘eil iad ni ‘s fhearr: pronn an t-amadan ann an soitheach-pronnaidh, cha dealaich amaideachd ris; ged a choinnicheas e ioma crois, gidheadh tha e gleidheadh ana-mianna: Biodh e air a leagail air leaba-tinneis, luidhidh e’n sin cosmhuil ri brùid thinn, ag osnaich, ach chan ‘eil e ri bròn air son a pheacaidh, no a’ tionndadh uaithe: amhairceadh am bàs féin air ‘san aghaidh, gleidhidh e gu ladurna a dhòchas, mar gu’n cuireadh e an teachdair namhasach gu teicheadh. Tha air uairibh oibreachadh cumanta an Spioraidh air a dhèanamh air: tha e air a chur dhachaidh le ball-chrith eridhe, agus le saighde mothachaidh sàthte an anam! ach, fa dheireadh, tha e buadhachadh an aghaidh nan nithean sin, agus a’ tionndadh cho socraich is a bha e ri amh.
‘San treas àite, Tha ‘n samhradh agus an geamhradh an aon ni do gheugan an stiùc mhairbh:
‘N uair a tha muinntir eile mu ‘n cuairt doibh a’ briseadh a mach, agus a’ teachd fo làn bhlàth, agus a’ toirt a mach toraidh, chan ‘eil atharrachadh orra-san; chan ‘eil e furasda aithneachadh, ann a’ gheamhradh, có na craobhan a ta marbh, agus có a ta beò; ach nochdaidh an t-earrach gu soilleir e: tha amannan, ann, anns nach ‘eil ach ro-bheagan beatha r’a fhaicinn, eadhon am measg nan naomh; gidheadh tha amanna beòthachaidh a’ teachd ‘na dhéidh: ach eadhon ‘nuair a tha ‘n fhionain fuidh bhlàth agus na pomgranait a’ briseadh a mach, (‘nuair a ta gràs slàinteil ‘ga nochdadadh féin le beò-oibreachadh, c’ ait’ ‘sam bith am bheil e,) tha geugan an t-seann stiuc a ghnàth a’ seargadh: ‘Nuair a ta na cnàmhan tioram a’ teachd gu chéile, cnàimh ri chnàimh am measg nan naomh; tha cnàmhan nam peacach a’ luidhe mar bha iad mu bheul na h-uai dhe! Is craobhan iad a ta fàsachadh an fhearainn, a ta dlùth do bhi air an gearradh sios, agus a bhios air an gearradh sios air son an teine, mur dèan Dia ann an gràs a bhacadh, le ‘n gearradh dheth o ‘n stoc sin, agus an suidheachadh ann an stoc eile.
‘San àite mu dheireadh, Tha ar stoc nàdurra ‘na stoc marbhtach:
ma bhàsaicheas an stoc, cionnus is urrainn do na geugan bhi beò? Ma bhios a’ bhrigh air falbh o ‘n ffreumh agus o ‘n chridhe, ‘s éiginn do na geugan seargadh; “Ann an Adhamh a ta na h-uile a’ faghail a’ bhàis,” 1 Cor. xv. 22. Bhàsaich an ffreumh ann am Pàras, agus na geugan uile ann, agus maille ris: tha ‘n ffreumh air a puinnseanaich, uaithe sin ghlae am puinnsean na geugan: tha bàs anns a’ phoit, agus tha na h-uile neach a bhlaiseas de ‘n pheasair no de ‘n bhrochan, air am marbhadh.
Biodh fhis agaibh, air an aobhar sin, gu bheil na h-uile duine nàdurra, ‘na ghéig de ‘n stoc mharbhtach: cha’n e ‘mhàin nach ‘eil ar freumh nàdurra toirt beatha dhuinn, ach tha cumhachd bàsmhor aice a ta ruigheachd a geugan uile. Tha ceithir nithe an a ta ‘n ceud Adhamh a’ toirt do na gheugan uile; agus tha na nithe an sin a’ fantuinn annta, agus a’ luidhe air a mheud diubh as nach ‘eil air an suidheachadh ann an Criosd.
Air tûs, Nâdur truaillidh:
Pheacaich esan, agus bha a nâdur leis a sin air a thruailleadh agus air a shalachadh; agus tha ‘n truaillidheadh so a’ sruthadh a nuas gu shlioichd uile, ghabh esan an galar, agus bha ‘shlioichd uile air am bualadh leis.
‘San dara àite, Cionta,—is e sin a bhi builteach do pheanas, Rom. v. 12.
“Thàinig peacadh a steach do ‘n t-saoghal tre aon duine, agus bàs tre ‘n pheacadh; mar sin mar an ceudna thàinig bàs air na h-uile dhaoinibh, do bhrigh gu ‘n do pheacaich iad uile.” Tha bagraidhean an lagha, mar chuirid bàis, air an toinneadh mu gheugan an t-seann stiuc, gu ‘n tarruing thar a’ ghàradh do ‘n teine: agus gus am bi iad air an gearradh o ‘n stoc so, leis an sgian-sgathaidh, tha claidheamh an dioghaltais an crochadh os an ceann, gu ‘n gearradh sìos.
‘San treas àite, Tha ‘n stoc marbhtach so a’ cur a mhallachd a mach dh’ionnsuidh nan geugan; air do’n stoc mar stoc (oir cha’n ‘eil mi labhairt mu Adhamh ‘na phearsa agus staid uaigneach) a bhi air a mhallachadh; mar sin tha na geugan, Gal. iii. 10.
“Oir a mheud ‘s a ta de oibríbh an lagha, tha iad fuidh ‘n mhallachadh.” Tha’m mallachd so a’ bualadh an duine gu h-iomlan, agus gach ni a bhuineas dà, gach ni a ta e ‘sealbhachadh, agus tha e ag oibreachadh air tri raidibh.
1. Mar tha puinnsein, gabhaltach:
mar so “that ‘m bean-nachdan air am mallachadh,” Mal. ii. 2. Ciod air bith a tha ‘n duine a’ sealbhachadh, cha’n urrainn dhà maith a dhèanamh dà, ach ole; air dhà bhi mar so air a phuinnseanach leis a’ mhallachd. Tha ‘shoirbheachadh anns an t-saoghal ‘ga mhilleadh, Gnath-Fhoc. i. 32. Tha searmonachadh an t-soisgeil ‘na bholtrach bàis dhà, 2 Cor. ii. 16. Tha ‘n coslas air an d’ ràinig e ann an aidmheil air a mhallachadh dhà: cha’n ‘eil feum ‘na eolas ach gu àt suas, agus ‘na dhleasnais, ach gu chumail air ais o Chriosd.
2. Tha e ag oibreachadh mar leoman, a’ sgrios agus a’ eaitheadh a lion beag is beag, Hos. v. 12.
“Uime sin bithidh mise mar leoman do Ephraim.” Tha enuimh aig an ffreumh, ‘gan sgrios a lion ceum is ceum: mar so lean am mallachd Saul, gus an do chnàmh e mach gach sòlas a bh’ aige, agus gus an do chaith air falbh an coslas a bh’ aige de dhiadhachd. Tha iad air uairibh a’ seargadh air falbh mar shaill uan, agus a’ leaghadh air falbh mar an sneachd ann an dealradh na gréine.
3. Tha e ag oibreachadh mar leomhann meanmnach, Hos. v. 14.
“Gu deimhin bithidh mise mar leomhann do Ephraim.” Frasaidh an Tighearn orra ribeachan, teine agus pronnuse, agus doiniann uamhasach, air a leithid de dhòigh, as gu bheil iad air an iomain air falbh leis an t-sruth! Tha e ‘reubadh an sòlasan uatha ‘na fheirg, ‘gan ruagadh le uamhasan, a’ reubadh an anama o’n cuirp, agus a’ tilgeadh na géige mairbh’ do ‘n teine! Mar so tha ‘m mallachd a’ sgrios mar theine, nach urrainn neach a mhùchadh.
(Air a leantuininn).