Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1936 » February 1936 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

(Air a leantuininn bho t.d., 356.)

AN T-AONADH DIOMHAIR EADAR CRIOSD AGUS CREIDMHICH.

Is mise an fhionain, sibhse na geugan.—EOIN xv. 5.

‘S an t-seachdamh àite, Uaith so, mar dhuine, briste, a ta faicinn nach urrainn dhà fhiacha uile iocadh, theid e mu ‘n euairt a chordadh ri fhear-feich: agus air dhà bhi ‘n tòir air fois agus sòlas, tha e dèanamh na’s urrainn dhà a choimhlionadh an lagha; agus anns na bheil e failneach, tha e ‘g amharc gu ‘n gabh Dia an toil an àit’ a’ ghniomh! Mar so a’ dèanamh a dhleasnais, agus air dhà bhi toileach dèanamh ni ‘s fearr, tha e ‘ga mhealladh féin gu barail mu mhaitheas a staid, agus le so tha na miltean air an sgrios! Ach gheibh na daoine taghta buille eile, a dh’ fhuasgaileas an greim anns a’ chor so: tha teagasg an lagha air a chur a stigh air an coguisean, a’
taisbeanadh dhoibh gu bheil ùmhlachd choimhlionta agus fhoirfidh air iarraidh leis fuidh phein a’ mhallachd; agus gur e dèanadas, agus nach e dûrachd maith a dhèanamh, a ni gnothuch. Cha’n fhoghain dûrachd dèanamh ni ‘s fèarr, do iarrtuis an lagha; agus air an aobhar sin tha ‘m mallachd a’ seirm a ris, “Is mallaichte gach neach nach buanaich”—chum an dèanamh: Is e sin; da rireadh an dèanamh; is ann an diomhanas air an aobhar sin a ta dûrachd.

‘S an ochdamh àite, Air dha bhi air a ghearradh as o dhochas eordadh leis an lagh, toisichidh e air iasachd: tha e faicinn nach dèan gach ni a ‘s urrainn dà dhèanamh, gu ùmhlachd a thoirt do ‘n lagh, agus uile iarrtuis gu bhi agus gu dèanamh ni’s fèarr, anam a thearnadh; uime sin tha e ‘dol a dh’ ionnsuidh Chriosd, a’ ghuidhe gu dèan fhìreantachd-san suas na tha dh uireasbhuidh ‘na ffreantachd féin, agus gu’m folaich e gach uireasbhuidh a ta ‘na dhèanadais agus ‘na fhulangais, chum as mar sin gu ‘n dèan Dia, air son Chriosd, gabhail riu, agus air a sin gu ‘m bi an réite air a dèanamh. Mar so a’ dèanamh na’s urrainn dha a choimhlionadh an lagha, agus ag amharc ri Criosd, gu uireasbhuidhean a dhèanamh suas, tha e teachd mu dheireadh gu codal ann an eraicinn slan! ‘S iomadh neach a ta air an sgrios air an dòigh so: B’e so mearachd nan Galatianach, mu ‘m bheil Pol ‘na litir d’ an ionnsuidh, a deasboireachd; ach tha Spiorad Dhé a’ briseadh a’ pheacaich o ‘n ghreim so mar an ceudna, leis an fhìrinn mhór sin a thoirt a steach air a choguis, Gal. iii. 12. “Cha’n ‘eil an lagh o chreidinn; ach, an duine a ni iad gheibh e beatha annta.” Cha’n fheudar an lagh agus creidimh a choimeasga anns a’ ghnothuich so; ‘s éiginn do’n pheacach greim a dhèanamh air aon diubh, agus an aon eile leigeadh uaithe: tha slighe an lagha agus slighe a’ chreidimh, cho fad o cheile, is nach ‘eil e comasach do pheacach imeachd anns an aon, gun teachd (mach) o’n aon eile; agus ma bhios e air son dèanamh, is éiginn dà an t-iomlan a dhèanamh ‘na aonar: cha dèan Criosd cuid air a shon, mur dèan e an t-iomlan: trusgan a ta air a dhèanamh suas de iomadh gnè fhìreantachd,
cha trusgan e a ta iomehuidh air son cuirt nèimh. Mar so tha’n duine bha ann am bruadar, agus a shaol gu’n robh e ‘g itheadh, air a dhusgadh leis a’ bhuille, agus feuch tha ‘anam fann; tha ‘chridhe dol sios ann mar chloich, ‘n uair tha e mothachadh nach urrainn e ‘uallach a ghiùlan leis féin ‘s nach mò is urrainn dhà comhnadh fhaotainn fuidhe!

‘S an naothadh àite, Ciod is urrainn neach a dhèanamh, d’ an éiginn paigheadh, agus aig nach ‘eil aon chuid urrad dà chuid féin as a bheir a mach á fhiachaibh e, mi mò is urrainn dhà fhaotainn an iasachd, agus is na leis an déire iarraidh; ciod is urrainn a leithid e sin de neach a dhèanamh a deiream, ach e féin a reic, mar an duine fo ‘n lagh a dh’ fhàs bochd? Lebh. xxv. 47. Uime sin air do ‘n pheacach a bhi air a bhualadh o na greimannaibh sin uile, theid e mu’n cuirt a dhèanamh cumhnanta ri Criosd, agus gu e féin a reic ri Mac Dhé, (ma dh’ fheudas mi labhairt mar sin) gu cinnteach a’ gealltainn agus a’ bòideachadh, gu bi e ‘na sheirbhiseach do Chriosd, cho fàd ‘s is beò e, ma thearnas e ‘anam! Agus ann an so, gu trie, ni am peacach cumhnanta air a shon féin ri Criosd, ga thoirt féin thairis dhà air na cumhachan sin: seadh, agus gabhaidh e an Sàcramaid a dhèanamh a chumhnanta cinnteach. Le so is e curam mór an duine, cionnus a bheir e ùmhlachd do Chriosd, a choimhdeas a àitheanta, agus mar sin a chumhnant’ a choimh-lionadh: agus ann an so gheibh an t-anam sith bhreige mhi-thallain ear tamuill, gus an toir Spiorad an Tighearna buille eile, gus an duine ghearradh o’n didein bhréige so mar an ceudna; agus tha sin a’ tachairt air an dòigh so: ‘N’ uair a dh’ fhaillnicheas e anns na dleasnais a gheall e, agus a thuiteas e ris a’ pheacadh an aghaidh an d’ rinn e cumhnanta, tha sin gu cumhachdach air a chur dhachaidh gu ‘choguis, gu bheil a chumhnant air a bhriseadh. Mar sin tha uile chomhfhurtachdan a’ dol air falbh, agus tha uamhasan as ùr a’ glacadh ‘anama, mar neach a bhris cumhnanta ri Criosd; agus gu coitechionn tha’n duine, chum e féin a chuideachadh, ag ath-nuadhachadh a chumhnanta, ach tha e ‘ga bhriseadh a ris mar a rinn e
roimhe! Agus cionnus a tha e comasach gu’m bitheadh e air dhòigh eile, a chionn gu bheil e fathast air an t-seann stoc? Mar so chan ‘eil ann an obair móran de dhaoine, fad an uile làithean a thaobh an anama, ach a dèanamh agus a’ briseadh an leithide sin de chumhnantan a ris agus a ris.

Céisd. Theagamh gu’n abair cuid, có a ta beò, agus nach peacaich? Có an neach nach tig goirid anns na dleasna is a ta e cuairteachadh? Ma tha thu tilgeadh an dòigh so mar ni mi-fhallain, có ma seadh an neach a dh’ fheudas a bhi air a thearnadh? Freag. Bithidh fior-chreidmhich air an tearnadh; eadhon, iadsan uile a ta tre chreidimh a’ dèanamh greim air coimheangal Dhé. Ach is e ‘n scòrsa coimheangail so, coimheangail dhaoine féin, air a dhealbh o’n eridhe féin: chan e coimheangal Dhé, a ta air fhoillseachadh ann an soisgeul a ghràis: agus chan ‘eil nì ‘s am bith eile ‘na dhèanamh, ach a bhi dèanamh coimheangal oibre ri Criosd, a ta cur an lagh agus an t-soisgeil troimh a cheile; coimheangal ris nach cuir e a làmh sgrìobhaidh gu bràth, ged a shèulaicheadh sinne e le fuil ar eridhe, Rom. iv. 14, “Oir ma ta iadsan a bhuíneas do’n lagh ‘nan oighreachaibh, tha creidimh, air a dhèanamh diombhain, agus an gealladh gun bhrìgh.” Rann. 16. “Uime sin is ann o chreidimh a ta ‘n oighreachd, ionnus gu ‘m biodh an gealladh tre ghràs: chum gu ‘m biodh an gealladh daingean do’n t-siol uile.” Caib. xi. 6. “Agus, ma ‘s ann tre ghràs, chan ann o oibribh nì ‘s mò: no cha ghràs gràs nì ‘s mò: ach ma’s ann o oibribh, ean ann o ghràs á sin suas; no ean obair á sin suas obair.” Tha coimheangal Dhé sìorruidh: aon uair ann, cha blithear gu bràth a mach as a ris: agus tha ‘thròcairean ‘nan tròcairean cinnteach, Isa. lv. 3. Ach tha’n coimheangal sin agaibhse ‘na choimheangal neo-sheasmhach: cha’n ‘eil e uair ‘s am bith cinnteach, ach tha e air a bhriseadh gach là. Cha’n ‘eil ann ach a mhain coimheangal tràileil, a ta toirt seirbhis do Chriosd air son slàinte: ach tha coimheangal Dhé ‘na choimheangal-cloinne, anns am bheil an peacach a’ gabhail Chriosd, agus a shlàinte gu saor air
an tairgse, agus mar sin a’ fàs ‘na mhae, Eoin i. 12. “Ach a mheud ‘sa ghabh ris, thug e dhoibh eumhachd a bhi ‘nan cloinn do Dhia.” Agus air dhà bhi ‘na mhae, tha e dèanamh seirbhis d’a Athair, ean ann a chum gu ‘m faigheadh e an oighreachd, ach a chionn gur leis i, tre Iosa Chriosd. Faic Gal. iv. 24. agus na rannan a leanas. Is e bhi ceannach o Chriosd le h-airgiod, a bhi dol a steach ‘s a’ choimheangal mhealltach sin; ach is e bhi dèanamh greim air coimheangal Dhé, a bhi ceannach uaithe gun airgiod agus gun luach, iv. 1. ‘s e sin ri ràdh, a bhi ga iarraidh mar dheire uaithe. Ann ‘s a’ choimheangal sin, tha daoine ‘g oibreachadh air son beatha; ann an coimheangal Dhé, tha iad a’ teachd a dh’ ionnsuidh Chriosd air son beatha, agus tha iad ag oibreachadh o bheatha. An uair a ta neach a’ fàillneachadh ‘na dhleasnas fuidh ‘n choimheangal sin, dh’ fhalbh gach nì; is éiginn do ‘n choimheangal a bhi air a dhèanamh a ris! Ach fuidh choimheangal Dhé ged fhàillnichas neach ‘na dhleasnas, agus ged a thuiteas an duine fuidh smachdachadh a’ choimheangail, agus ged a luigheas e fuidh chudthrom, gus an tig e as ùr a dh’ ionnsuidh fola Chriosd air son maitheanais, agus gu’n ath-nuadhaich e aithreachas: gidheadh tha gach nì ris an d’ earb e, air son beatha agus slàinte, eadhon, fireantachd Chriosd, a ghnàth a’ seasamh slàn, agus tha’n coimheangail e ‘mairsinn daingean, Rom. vii. 24, 25. agus viii. 1. A nis, ged chaitheas cuid de dhaoine am beatha a’ dèanamh agus a’ briseadh an leithide sin de choimheangail d’an dèanadas féin; air bhi do uamhas am brisidh a’ fàs nì’s laige agus nì’s laige, ceum air cheum, gus mu dheireadh nach ‘eil iad fo mhi-shuaimhneas ‘s am bith air an son: gidheadh tha’n duine, anns am bheil an deadh obair air a toirt air a h-aghaidh, gus am bi i air a coimhlonadh ‘na ghearradh as o ‘n t-seann stoc, a’ mothachadh gu bheil na coimheangail sin mar chùird ghroth, air am briseadh leis na h-uile tarruing; agus air do uamhasan Dhé a bhi teachd ath-dhubailte air a spiorad, agus na h-uiseachan aig gach tionndadh a’ dol a steach ‘na anam, is éiginn dà sgur
o bhi glacadh greim d’ an leithide sin de choimheangail, agus
eabhair iarraidh air dòigh éiginn eile.

‘S an deicheamh àite, Uime sin tha’n duine teachd mu dheireadh
a dh’ ionnsuidh doruis Chriosd a ghuidhe tròcair: ach fathast
is bochd uaibhreach e, a’ seasamh air fhiùbhalachd féin: oir,
mar a ta eadar-mheadhonairean aig na Pàpanich gu tagar air
an son, ris an aon Eadar-mheadhonair a mhain; mar sin tha
do ghnàth aig geugan an t-seann stuic ni-eiginn ri thaisbeanadh,
a tha iad a’ smuaineachadh a dh’ fheudas am moladh do Chriosd,
agus a thoirt air an cuis a ghabhail ‘na làimh: chan urrainn
dhoibh smuaineachadh air teachd a dh’ ionnsuidh na fèille
spioradail gun airgiod ‘nan làimh. Tha iad cosmhuil ri daoine
aig an robh aon uair oighreachd, ach a ta nis air an toirt gu
fior aire, agus air an éigneachadh gu deire iarraidh. ‘N uair
a ta iad a’ teachd a dh’ iarraidh na deiree, tha iad fathasd a
cuimhneachadh an staid ‘s an robh iad roimhe; agus ged a chaill
iad am maoin, gidheadh tha iad fathast a’ cumail d’ an seann
spiorad; air an aobhar sin, chan urrainn dhoibh a smuaineachadh
gu’m bu chòir ‘buntuinn rusan, mar fheumaich choitchionn, ach
gu bheil iadsan a’ toilltinn aire fa leth; agus mar ‘eil sin air
a thabhairt doibh, tha’n spiorad ag éirigh ‘na aghaidhsan o’m
bheil iad ag iarraidh còmhnaidh. Mar so tha Dia a’ tabhairt
do’n pheacach neo-irioslaichte iomadh tròcair choitchionn, agus
chan eil e ga dhruideadh s stigh anns an t-slochd a reir a
thoilteanais: ach tha so uile mar neo-ni ‘na shuilean, is éiginn
ga bhi air a chur ‘na shuidhe aig bòrd na eoinne: no mur bi,
tha e ‘meas gu’n do bhuiheadh gu cruaidh ris, agus gu ‘n d’
rinneadh eucoir air; oir chan ‘eil e fathast air a thabhairt cho
ìosal, as gu smuaineachadh, gu’m feud Dia bhi air fhireanachadh
‘n uair tha e labhairt ‘na aghaidh; agus saor o na h-uile eucoir,
‘n uair a tha e toirt breith air, a réir fhior-dhroch-thoilteanais,
Salm li. 4. Tha e smuaineachadh gu’n robh e, eadhon mu’n robh
e air a shoillseachadh, nì b’ fhèarr na móran eile; tha e smuain-
eachadh air ath-leasachadh beatha, aithreachas, na doilghios agus
na deòir a chost a pheacaidh dhà, ‘iarrtuis dhurachdach an déidh
Chriosd urnuighean, agus ghleachd air son tròcaire; agus tha e ‘gan gnàthachadh sin uile a nis, mar dhuais air son tròcaire, a’ cur eudthrom mór orra, ‘na theachd gu caithir nan gràs. Ach ann an so tha Spiorad an Tighearn’ a’ tilgeadh fras shaighdean gu cridhe an duine, leis am bheil earbsa ‘s na nithean sin air tuiteam agus air a sgrios; agus ann an àite bhi smuaineachadh gu bheil e ni’s fèarr na mòran, tha e air a thoirt gu e féin fhaicinn ni’s miosa na neach sam bith. Tha gràineileachd athleasachaidh a chaithe-beatha air fhoillseachadh dhà; chan ‘eil aithreachas ‘na bheachd féin ni ‘s fèarr na bha aithreachas Iudais, a dheòir mar dheòir Esau, agus ‘iarrtuis an déidh Chriosd féineil agus suarrach, cosmhuil riusan a dh’ iarr an déidh Chriosd air son nam buillionna, Eoin vi. 26. Tha e nis a’ meas gu bheil Dia ag ràdh, imich uam fheumaich uaibhrich! Cionnus a chuireas mi thu am measg na eoinne? Tha e ‘meas gu bheil e ag amharc gruamach air, air son a dhi-meas air Iosa Críosd tre neochrididmh, peacadh do nach d’ thug e ach beag aire roimhe. Ach a nis, air a’ cheann mu dheireadh, tha e ga fhaicinn ‘na dhath dèarg; agus tha e air a throimh-lotadh gus a chridhe, mar le mile saighead, am feadh a ta e faicinn mar a bha e ‘dol air aghaidh gu dall, a’ peacachadh an aghaidh an leigheis air son peacaidh, agus, fad uile chursa a bheatha a’ saltairt fo chois air fuil Mhic Dhé! Agus a nis tha e ‘na shealladh féin ‘na chuspair truagh, toilteanach air dioghaltas an lagha, seadh, agus air dioghaltas an t-soisgeil mar an ceudna.

Ri leantruinn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice