Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1936 » April 1936 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte: AN T-AONADH DIOMHAIR EADAR CRIOSD AGUS CREIDMHICH. *Is mise an fhionain, sibhse na geugan.—EOIN xv. 5.

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte: AN T-AONADH DIOMHAIR EADAR CRIOSD AGUS CREIDMHICH. *Is mise an fhionain, sibhse na geugan.—EOIN xv. 5.

Is ann a nis, a ta gheng air a suidheachadh ann an losa Criosd. Agus mar bha ‘n lagh, ann an làimh Spioraid Dhé, ‘na mheadhon a ghearradh na geige o’n stoc nàduir; mar sin ‘s e ‘n soisgeul an làimh an Spiorad cheudna, am meadhon a ta air a ghnathachadh a chum suidheachadh anns an stoc spioradail, 1 Eoin i. 3. “An ni a chunnaic agus a chuala sinn, tha sinn a’ cur an ceille duibhse, chum gu ‘m bi agaibhse mar an ceudna comunn ruinne: agus r’a Mhac Iosa Criosd.” Faic Isa. xli. 1, 2, 3. ‘S e ‘n soisgeul an cord airgid a ta air a leigeadh a nuas o nèamh, a tharruing pheacach caillte gu tir: agus, ged is e ‘searmonachadh an lagha a ta ‘g ullaechadh slighe an Tighearna, gidheadh is ann am focal an t-soisgeul a ta Criosd agus am peacach a’ coinneachadh. A nis, mar anns an t-suidheachadh nàdurra tha ‘gheug, air dhith a bhi air, a glacadh, air a cur anns an stoc: agus air dhith a bhi air a cur ann, tha i gabhail ris, agus mar sin tha iad co-cheangailte; eadhon mar sin, anns an t-suidheachadh spioradail, tha Criosd a’ dèanamh greim air a’ pheacach; agus air do ‘n pheacach a bhi air a ghlacadh le Criosd, tha e dèanamh greim dheth-san; agus mar sin tha iad a’ fàs ‘nan aon, Phil. iii. 12.

Air tìs,

Tha Criosd a’ dèanamh greim air a’ pheacach le a Spiorad, agus ga tharruing d’a ionnsuidh féin, 1 Cor. xii. 13. “Oir trid aon Spioraid bhaisteadh sinn uile do aon chòrp.” An ceart Spiorad a ta ‘s an Eadar-mheadhonair féin, tha e a’ co-pairteachadh ri a dhaoine taghta ann an àm iomchuidh; gun dealachadh riu gu bràth; ach gu mairsinn annta, mór thobar beatha. Mar sin tha e gabhail greim dhiubh le a Spiorad féin air a chur annta; agus mar sin tha gheug sheargta a’ faotainn beatha. Tha ‘n t-anam a nis ann an làimh Tighearna na beatha, agus ghabh Spiorad na beatha sealbh air; cionnus uime sin nach bi e beò? Tha ‘n duine faotainn sealladh a tha sàsuchadh a chridhe le oirdheirceas Chriosd, ann an sgàthan an t-soisgeil; tha e ga fhaicinn ‘na Shlanuighear iomlan, freagarach agus toileach, agus tha e faotainn eridhe gu gabhail ris air son an uile, agus gach uile. Tha Spiorad a’ chreidimh a’ toirt chasan dà gu teachd a chum Chriosd, agus làmhan gu gabhail ris. An ni nach b’ urrainn dà dhèanamh a thaobh nàduir; tre ghràs is urrainn dà dhèanamh; air do ‘n Spiorad naomh a bhi ag oibreachadh ann, obair a’ chreidimh le cumhachd.

‘S an dara àite,

Air do’n pheacach a bhi mar so air a ghlaeadh, tha e dèanamh greim air Criosd le creidimh, agus mar sin tha e gabhail ris an stoc bheannaichte, Eph. iii. 17. “Ionns gu’n gabh Criosd còmhnuidh ann bhrur eridhe tre chreidimh.” An t-anam a dh’fheuch roimhe iomadh rathad gu dol as, ach gu leir an diomhain, tha e nis ag amharc a ris le suil a’ chreidimh; a ta dearbhadh bhi ‘na shealladh slàinteil. Mar a bha slat Aaroin, a bhi air a cur anns a’ phàilliuin, a’ briseadh a mach agus a’ teachd fo bhlàth, (Air. xvii. 8.) mar sin tha gheug mharbh, air a glacadh le Tighearna na beatha, air a cur ann, agus air a ceangal suas leis an stoc ath-bheòthachaidh ghloirmhoir, le Spiorad na beatha, a’ briseadh a mach fo bhlath ann am beò-chreidimh air Iosa Criosd, leis am bheil an t-aonadh air a dhèanamh iomlan. Air dhuinn an Spiorad creidimh sin féin a bhi againn—tha sinn a’ creidsinn, 2 Cor. iv. 13. Mar so tha ‘n stoc agus a’ gheug air an dèanamh ‘nan aon, tha Criosd agus an creidmheach posda; air do chreidimh a bhi ‘na aonta an anama do ‘n eoinnheangal-phosaidh spioradail, nì a ta, mar a tha e air a thairgse anns an t-soisgeul do pheacaich a’ chinne-daoine gu farsuinn, mar sin tha e air a làn-dhearbhadh, air a sheulaechadh, agus air a thabbhirt dhachaidh dh’ionnsuidh an duine mar neach fa leth, leis an Spiorad Naomh: agus mar sin air dhà-san a bhi air aonadh ris an Tighearna, tha e ‘na aon spiorad ris. Leis a so tha ‘n creidmheach beò ann an Criosd, agus air son Chriosd, agus tha Criosd beò anns a’ chreidmheach agus air a shon, Gal. ii. 20. “Tha mi air mo cheusadh maillle ri Criosd! Gidheadh a ta mi beò, ach, chamhise, ach Criosd a ta beò annam.” Hos. iii. 3. “Nì mò bhios tu aig fear eile, mar sin bithidh mise mar an ceudna agadsa.” Is iad uime sin ceanglaichean an aonaidh bheannaichte so, an Spiorad air taobh Chriosd, agus creidimh air taobh a’ chreidmhich.

A nis tha araon anama agus euirp nan creidmheach air an ceangal ri Criosd: “Ach an ti a tha ceangailte ris an Tighearn, is aon spiorad ris e,” I Cor. vi. 17. Tha’n onoir so eadhon aig euirp nan creidmheach, gur iad teampuill an Spioraid Naomh, rann 19. Agus buill Chriosd, rann 15. ‘Nuair tha iad a’ codal ‘s an duslach, tha iad a’ codal ann an Iosa, 1 Tes. iv. 14. Agus is ann do thaobh an aonaidh so, a bhios iad a ris air an togail o’n duslach. Rom. viii. 11. “Beòthaichidh e mar an ceudna bhur cuirp bhàsmhor-sa, tre a Spiorad-san a ta chòmhnuidh annaibh.” Mar chomhara air a’ cheangal dhìomhair so, tha eaglais nan creidmheach air a gairm le ainm a Cinn agus a Fir-phòsda, 1 Cor. xii. 12. “Oir mar is aon an eorp, agus mòran de bhuill aige—mar sin a ta Criosd.”

Feum.

O na chaidh a ràdh, feudaidh sin na nithe a leanas a tharruing.

  1. Tha searmonachadh an lagha ro-fheumail. Is éiginn dà-san a shuidhicheas, feum a dhèanamh de’n sgian sgathaidh. Tha iomadh leithsgeul aig peacaich g’an cumail o Chriosd; iomadh nì leis am bheil iad a’ cumail an greim de ‘n stoc nàdurra: air an aobhar sin, tha feum aca bhi air an dian-ruagadh, agus air an sealg a mach o’n tuill folaich agus o’n dideinne bréige. Gidheadh, is e ‘n soisgeul a ehrùnas an obair, cha dèan an lagh nì ‘s am bith fòirfe. Tha’n lagh a’ fosgladh an lot ach is e’n soisgeul a leighiseas. Tha’n lagh a’ rusgadh duine, ‘ga leon, agus ‘ga fhàgail leth-marbh: Tha’n soisgeul a’ ceangal suas a lotan, a’ taomadh a stigh fion agus ola, gu ‘n leighcas. Leis an lagh, tha sinn air ar briseadh dheth; ach is ann leis an t-soisgeul a tha sinn air ar togail suas agus air ar suidheachadh ann an Criosd.

  2. “Mur ‘eil Spiorad Chriosd aig neach, cha bhuin e dhà,” Rom. viii. 9. Tha iomradh againn air Uaibheist am measg nan creutairean, aig an robh dà chorp, le dà sheòrsa beatha, mar a bha soilleir o ghnèibh a bha ‘n aghaidh a cheile, aig an aon àm; ach bha iad co-ceangailte ri cheile as gu d’fhoghainn na h-aon chosan doibh; eadhon mar sin, ciod ‘s am bith mar tha daoine a’ ceangal ri Criosd, g’an ainmeachadh féin air a’ bhaile naomh, agus g’an taice ri Dia Israeil, Isa. xlviij. 2, agus feudaidh iad bhi air an ceangal a suas mar gheugan annsan, (Eoin xv. 2.) le ceanglaichean nan sàcramaintean o ‘n taobh a mach; gidheadh, mur ‘eil an Spiorad a tha gabhail comhnuidh ann an Criosd, a’ gabhail comhnuidh annta-san cha’n aon ris iad. Tha eadar-dhealachadh mór eadar ceangal agus suidheachadh. Ceanglaidh agus toinnidh an eighionn i féin mu ‘n darach, ach cha’n aon ris i, oir tha i a’ fàs air a freumh féin: mar sin, a reir Isa. iv. 1, tha mòran de luchd-aidmheil a’ glacadh greim de Chriosd, agus ag itheadh an arain féin, agus a’ eaitheadh an eudaich féin, a mhàin air an ainmeachadh air-san; tha iad ‘gan taiceadh féin ris-san, ach tha iad a’ fàs air am freumh féin: tha iad a’ gabhail ris a chumail suas an dochais ach tha ‘n tlachd ann an nithean eile.

  3. Tha ‘n ceangal eadar Criosd agus a bhuill dhìomhair, daingean agus neo-sgaoilteach. ‘Nam b’e ‘s gu ‘m b’e an creidmheach a mhain a ghabh greim de Chriosd, ach nach do ghabh Criosd greim dheth-san; cha b’urrainn sinn ach ro bheag a ghealltuinn air seasmhachd a leithid de cheangal; dh’fheudadh e gu h-ealamh a bhi air a sgaoileadh: ach, mar a tha’n creidmheach a’ dèanamh greim air Criosd le creidimh, mar sin tha Criosd a’ dèanamh greim air a’ chreidmheach le a Spiorad, agus cha spion neach air bith as a làimh e. Nan dèanadh an Icanabh a mhàin greim air a’ bhan-altrum, dh’fheudadh e mu dheireadh sgìtheachadh, agus a ghreim a leigeadh as, agus mar sin tuiteam; ach ma tha a gairdeinean mu thimchioll an leinibh, cha’n ‘eil e ‘n cunnart tuiteam air falbh, eadhon ged nach ‘eil i cumail greim fa leth dheth: mar sin ciod air bith claonadh peacadh a dh’fheudas tachairt ann an cleachdamh a’ chreidimh, gidheadh tha ‘n ceangal a’ mairsinn ciunteach, a chionn gu bheil an Spiorad a ghnàth a chomhnuidh ‘s an taobh a stigh. Iosa bheannaichte! “Tha naomh uile a’ d’ làimh,” Deut. xxxiii. 3. Thugadh fainear le cuid, gur e an aon nì, am focal Abba co dhiubh a leughas tu air ais no air aglaidh e; ciod air bith eor a’ chreidmheach, tha ‘n Tighearna dhà-san ‘na Abba, Athair.

‘S an àite mu dheireadh, Cha’n ‘eil ach greim neo-chinnteachd de Chriosd acasan, air nach d’ rinn esan greim, le a Spiorad; tha móran de leth-phòsaidhean ann an so, far am bheil an t-anam a’ dèanamh greim air Criosd, ach air nach do ghabhadh greim leis-san: Uaith so, tha móran a’ tuiteam air falbh, agus nach ‘eil ag eirigh gu bràth tuille; tha iad a’ leigeadh as an greim de Chriosd, agus ‘nuair a tha sin air falbh, dh’falbh na h-uile nì! ‘S iad sin na geugan sin ann an Criosd, nach ‘eil a’ giulan toraidh, a ta ‘n tuathanach a’ tabhairt air falbh, Eoin xv. 2.

Ri lean tuinn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice