(Air a leantuin bho t.d. 353.)
Seumas Maciothar, Luirg.
‘S e ‘n Spiorad Naomh a thug dhaibh ‘bhi ereidsinn is mar an eendna, ‘bhi fulang. ‘S iad naimhdean duine muintir a thigh féin. Tha iad a’ fulang bho chòmhradh an t-saoghail is bho chuid de luchd-àideachaidh. Tha focal Dhé againn an diugh, mar shliocht an fheadhainn a dh’fhuiling. Sbeas Mgr. MacPharlain agus Mgr. Domhnullach o choir is dà fhichead bliadhna airson na firinn, ‘s mur b’e sin, cha bhiódh againne na sochraicean ‘tla sinn a nis a sealbhachaidh. Thigeadh dhunne bli ‘gheidheadh so, agus gar a bith gu de dh’fhuilingeas sinn air a shon, gu’n cumamaid dlùth ri chéile. Mar ‘chuala mi aon ag ràdh, “Tra bhios caoraich ann am fang, ged bhiódh iad a ‘peltigeadh’ a cheile, tra thig cù a stigh, leanaidh iad dlùth ri chéile. Fhàineadh e dhunnn bli ceart cho seasmhach ‘s cho díleas rùn-san a siueas ‘nan là féin. “Cum m’imeachd suas, a Dhé nam feart, a’d shlighebh ceart gu treun.”
Iain Munro, Leathad.
“Sibhse bheòthaich e, a bha marbh ann ‘ur n-eucartan agus ann ‘ur peacaidhean.” Tha e ‘n a iòngantas gu’n do sheall e orra-san. Chan fhaigh iad as bho sin. Chuimhnich e orra tra bha iad ro ional truagh. Tre na geallaidhean ann an làimh an Spioraid tha iad a faghail beòtbachaidh. ‘S ann uaith fhéin a tha e. Ach gidheadh tha eagal orra nach e ‘n nì ceart a th’aca. Tha togail gun leigeil aig cuid, ach tha iad so a’ dol o neart gu neart gus an taishbeanar iad fadheòidh an Sion an lathair Dhé nam feart.
Ruaraidh MacCoinnich, (o’n Phlòe).
Chuala sinn comharraidhean math. Saoilidh sinn gu’m bu mhaith leinn ‘bhi ‘gan chumtinn. Bithidh iad so fo eagal nach do thòisich an obair mhaith annta. Bithidh iad a’ cur luach air meadhanan nan gràis, is orra-san tha ‘g innseadh gu’m bi e math leis an fhírean. Tha iad colach ris an lobhair bha ‘n sid: “Ma’s àill leat, tha thu comasach air mise ‘ghlanadh.” Shin Criosd a làmh, ‘s thubhairt e: “Sàill leam, bi-sa glan.” Bithidh aca, “Na cuimhnich peacadh m’ òige dhomh, ‘s na lochdan a rinn mi.”
Eachan Mac’illeathain, Inbhifhreobarain.
‘S e muimtir gle anshocrach a th’annta. Tha cogadh a stigh . . . . Chan fhaic thu iad am measg an t-saoghail.
Iain Macaoidh, á Dhùnbeagan.
Bha iad mar chuid eile de ‘n t-saoghal gus an labhair Dia rù ‘n a ‘fhocal. Bha Satan ag ràdh rù gu robh uine gu leòir ann, gu’m foghnadh e gràs iarradh tra dh’ fhàsadh iad sean. Chur Dia ‘m focal: “Iarraibhair tùs rioghachd Dhé agus ‘fhireantachd-san, agus cuirear na nithean so uile ribh.” Bu mhian leò na n-uile fhaghail comh-pairt de’n t-slàinte so. Tha sùil aca ris an Tì so air an Là Mhór.
D. Maccoinnich, Diabaig.
‘S e bha so muimtir a thàinig gu ‘bhi call an dòchas annta fhéin. Rinn iad móran airson iad fhéin a shaoradh. . . . . Fhuair iad a mach, “Tre oibrbh an lagha, cha bhi feòil ‘s am bith air fhireanachadh am fianuis Dhé.”
A. Caimbeul, Diabaig.
Tha iad so a tuigsinn gu’n do pheacaich iad an aghaidh Dhé. “Se tuarasdal a’ pheacaidh am bàs.” Thug e dhaibh eòlas air Criosd, ach ceist aca co-dhiu ‘bheil creidimh ceart aca no nach ‘eil. “Esan a thòisich air deadh-obair annaibh, bheir e gu bui i ann an là Iosa Criosd.”
A. Macleòid, Ullapul.
Tha dà thiodhlac fa’r comhar, creidsinn is fulang. Airson ‘bhi creidsinn ann tha iad a’ fulang. ‘S e ‘m peacadh mathair-aobhar gach fulangais. Tha móran de ‘n trioblaidean is na h-amhgharan aca o pheacadh annta féin . . . . . Bithidh iad air an smachdachadh airson am buannachd féin. “Tha fhios againn gu bheil na h-uile nì a co-oibreachadh chum maith na dream aig a’ bheil gràdh do Dhia.”
D. Macaoidh, Leathad.
Ghìn an Spiorad Naomh an inntinn spioradail air an siubhal, ach tha’n seann nàduir ‘g an leantuin. Feumaidh iad cogadh an aghaidh na feòla. Bha iad ‘nan oighreachan air ifrinn is truaighe shìorruidh. Tha iad uile ‘faghail a reir Eoin, xvi. 8-11; Rom. vi. 23 is Gal. iii. 10. Tha aca so, ‘S ro-chothromach thu féin, a Dhé, ‘s is dìreach, réidh do bhreith.” Tha iad air an treòrachadh a dh’ionnsuidh Chriosd . . . . . Fhuair iad ‘bhi fulang . . . . . Bi-sa dìleas gu bàs. Iarraidh iad nach toir iad masladh air ‘aobhair. Gu de tha ‘dol de dhiadhachd fhasanta ‘n ur là,—ach chan ‘eil iad so “popular” no nan “general favourites.” Bi ‘mhuiantir a bhios dìleas a fulang geur-leanmhuinn ‘s a’ bhaile ‘s a bhios a chòmhnuidh aca. Dh’ ionnsuidh so ghairmeadh sibh. Tha peacadh ‘na chràdh dhaibh. Ach có dh’ionnsuidh théid iad ach do’n chuspair so, Criosd? “Mo chaoidh ‘na fhanuis dhoirt mi mach, ‘s mo thrioblaid dh’ fhoillsich mis’.”
A. MacCoinnich, Inbhiràsdal.
Tha iad a cur an dòchas as an Tighearn. Cò dh’ionnsuidh théid sinn ach do’d ionnsuidh fhéin? Agad-sa tha slàinte agus beatha.
D. Domhnullach, Uamh.
Uair-eiginn cha robh iad a smuain-achadh ach air saoghal is ana-mianman. Tre ghràs thàinig iad gu ‘bhi creidsinn. ‘S e Criosd an t-slighe, an fhirinn agus a’ bheatha. Tha iad ag iarraidh ‘bhi tréigsinn na h-uile nì ‘s a bhi ‘ga leantuin. Tha iad ‘gam faghail fhéin cho mi-airidh.
Seumas Friseil, Geàrrloch.
Tha e soilleir as eugmhais creidimh nach ‘eil e comasach Dia ‘thoileachadh. ‘S e tiodhlac naith fhéin tha ‘n so. Chan e geur-leanmhuinn a th’ ann na bheir duine air fhéin airson ‘amaideas. Bha Tìndal, bha beò os cionn ceithir cheud bliadhna, a’ samhlachadh creidimh ri craobh. Ma bhios am freumh fallain bithidh an toradh fallain. Chan ‘eil fhios gus am bi dearbhadh air a chur có sheasas. Cha robh deifir eadar Mgr. MacPharlain is Mgr. Domhnullach ‘s a’ chuid éile de ‘n “Chonstitutionalists” gus an d’ thàinig an dearbhadh. Sheas Mgr. MacPharlain is Mgr. Domhnullach, ‘s cha do sheas iadsan. Cha sheas duine dheth fhéin mur bi e air a chumail suas. Chan ‘eil neach againne cho seasmbach ri Peadar, ach cha robh e móran làitheadh ‘n déidh sin tra rinn caileag shearbhanta a thoirt air Críosd ‘aicheadh. Bha aig Peadair còir, d’ ar a chaidh an “test” a chur air, “An toigh leat mise?”—bha aige, “Is aithne dhuit na h-uile nithe; tha fhios agad gur toigh leam thu.” Ged a thachair ‘na thachair, ged a rinn mi ‘na rinn mi, ‘s aithne dhuit,—(bha fios aige gu robh an Slanuidhear a’ faicinn troimhe is a tuigsinn gach nì),—gur toigh leam thu. Cha bu choir dhuinne ar dòchas a chall air cho ıosal ‘s a dh’fhaodas sinn a bhi.
D. Friseil, Geàrrloch.
Bi e na’s furasda do shluagh Dhé dòchas bhi aca d’an taobh fhéin tra bhios iad am measg an t-saoghail na ‘n uair a bhios iad am measg sluagh Dhé. Chuala mi mu thé bha falbh dh’ ionnsuidh an fhogharaidh is chronuich i aon a bha còmhla rithe. Thubhairt an té bha còmhla rithe, “Bheil thusa na’s fhèarr na sinne?” Thubhairt ise, “‘N uair tha mi measg sluagh Dhé, tha mi ‘gam fhaotainn fhéin mar phlòe, ach ‘n uair tha mi ‘n ‘ur measg-sa, tha mi ‘faotainn gu bheil nì agam nach ‘eil agaibhse.” Iarraidh iad iad fhéin a dhol a fianuis is gu’m biodh Críosd mór ‘nan sealladh.
Tòmas Macleòid, Geàrrloch.
“An t-ıomlan diubh chaidh aar an ais.” Sgrios iad iad fhéin. Tha feadhainn a’ gearran cho di-chuimhneach ‘s a tha iad, ach tra thàinig an Spiorad Naomh, thòisich iad air bhi caoidh airson am peacaidhean. Fhuair iad focal bhios mar bharant dòchais dhaibh . . . .
M. Mac’ıll’fhinnein, Geàrrloch.
Tha creidimh air a thoirt dhaibh, chan ann airson nì annta fhéin . . . . oir tha iad a stàmpadh na h-uile nì fo’n casan . . . .
Cho-dhùn an t-Urr. A. Beaton.
Chuala sinn móran mar tha air na dòighean ‘s an robh na fulangasan so ‘tighinn air daoinibh. Tha iad de leithide ‘ghnè gur a th’ann a mhàin aig a’ mhuintir so tha iad, ‘s e sin, iadsan tha ‘creidsinn. Chuala sinn euid a’ ràdh gu robh iad a’ fulang airson na truaghean bh’annta fhéin, is o’n t-saoghal, ‘s o luchd-aideachaidh. Leugh sinn ann an searmoin Mgr. MacPharlain, ‘n uair bhiadh duine ‘g imeachd suas sràid ann am baile, gu’m iad an fheadhainn a bha ‘dol an aon rathad leis fhéin a bu mhò ‘chumadh air ais e na iadsan a’ dol ‘na aghaidh. A thaobh ‘bhi fulang airson an amaideachd fhéin, bha ‘n t-Urr. N. Camshron nach maireann a’ labhairt air turus a bha e an Ra’arsa. B’e so a ‘cheist, is dh’innis e dhomh gu’n d’thubhairt Alistair Macascill, nach maireann, “Tha euid a smuaineachadh gu’m b’ann a fulang airson Clriosd a bha iad, tra bha iad a’ fulang airson am peacaidhean fhéin.”
Cha bhui na fulangasan so ach do ‘mhuintir àraidh. Mur biodh creidimh, cha bhiadh na fulangasan so aca—that iad ag éiridh o’n dealachadh nàdurra tha aca o’n t-saoghal. Tha ‘n saoghal a nochdadh naimhdeas,—chan e ‘mhàin na Pàpanaich o’m bheil geur-leanmhuinn a tighinn, ach faodaiddh daoine ‘bhi fulang ‘nan teaghlaichean fhéin. Tha’n fhèoil a stigh a ‘miannachadh an aghaidh an Spiorad ann an sluagh Dhé. Iadsan tha ‘tighinn ann an luib a chreidimh, tha iad mar na fianuisean ann an Heb. xi.—na fulangasan is na deuchainnean aca a dearbhadh a’ chreidimh aca. Mur biodh creidimh ann, lùbadh an duine. Tha eagal air an fhèoil roimh fhulangasan. Tha so mar bheinn mhór an diugh roimh gillean òga is nigheanan òga. “N gabhadh iad ri Criosd,” their iad, “dh-fheumadh iad a choimeachadh ri deuchainnean a dh’fhanoidhean.” Do bhrìgh gu’m faod an saoghal ‘bhi fanoid orra, chan ‘eil sùil aca gu’n lean iad Criosd air dhòigh ‘s am bith. Tha nithean a bhoineas do dhiadhachd ‘na nàire dhaibh, is tha eagal orra gu’m faigheadh iad oilbheum ann an Criosd. Tha beatha na diadhachd cruaidh leò, ach tha Criosd a toirt gràs do na h-uile a ‘mheasas e ‘na shòlas ‘bhi ‘fulang an àite doilgios. ‘S e so nì a ‘bhuineadh do bheatha na diadhachd,—Bhiadh ar n-amhghar eutrom, nach ‘eil ach ré sealain, ag oibreachadh dhuinne trom—chudthrom glòire a tha nì’s ro anabarraich’ agus sior-mhaireannach (ii Cor. iv. 17).
Gu’m biodh Dia ‘beannachadh dhuinn na chuala sinn agus g’ar eur gu féin-rannsachadh.