AN T-AONADH DIOMHAIR EADAR CRIOSD AGUS CREIDMHICH.
(Air a leantuinn bho t.d., p. 433.)
Is mise an fhionain, sibhse na geugan.—EOIN xv. 5.
Comh-dhùinidh mi nis, le labhairt ann am beagan de bhriathraibh, air tìs ri naoimh, agus a rìs ri peacaich.
1. Ribhse a ta ‘nur naoimh, a deiream,
Air tús, Déanaibh stri air comh-luadar agus co-chomunn fhaotainn agus a chumail suas ri Iosa Criosd;
‘s e sin a bhi tarruing còmhnadh nuadh gràis o thobair a’ ghràis a ta ann-san, le creidimh; agus déanaibh féum iomchuidh dhiubh ann an cleachdamh a’ ghràis agus na h-ùmhlachd naomh. Bithibh air ‘ur faicill o sgarachduinn a bhi eadar Criosd agus bhur n-anama: Ma fluair sin a steach cheana, (nì air am bheil a choslas a bhi air mòran anns an là so,) déanaibh díchioll air atharrachadh air falbh. Tha na h-iomada anns an t-saoghal a ta déanamh tàir air Criosd, ged nach déanadh sibhse tàir air: Is lionmhor iad a thionndaidh an cùl ris, a bha uair-eigin a’ taisbeanadh a bhi air an t-slighe gu nèamh. Thug grian bhlàth na sìthe agus an t-soirbheachaidh shaoghalta air cuid brat na diadhachd a thilgeadh dhiubh, eadhon iadsan a ghleidh greim daingeann dheth ‘nuair a bha gaoth na trioblaid a’ séideadh orra: agus “An àill leibhse falbh cuideachd?” Eoin. vi. 67. Tha mhi-thaingealachd as mò air a sgrìobhadh air bhur tarcuis-se air co-chomunn ri Criosd, Ier. ii. 31. “An robh mise am fhàsach do Israel; am fhearann dorchadais? C’ùim’ an dubhairt mo shluagh, Is tighearnan sinn oirnn féin; cha tig sinn na ‘s mò thugadsa?” O! mhuiintir ionmhuinn, “an e so bhur caoimhneas d’ ur earaid?” Tha e mi-chiatach do mhnaoi ‘s am bith tàir a dhèanamh air co-chomunn ri a fear-pòsda, ach dh’ise gu h-àraid a bha air a tabhairt o phriosan no o ‘n òtrach, mar bha sibhse, le ‘ur Tighearn. Ach cuimhichibh, guidheam oirbh, gur ole an t-àm so gu bhi beò fad as o Dhia:—is àm e anns am bheil freasdal Dhé ann an gruaim ris an fhearann ‘s am bheil ‘ur còmhnuidh! tha neòil na feirge a’ tional, agus tha iad tiugh os ‘ur cinn! Chan àm dhuibhse bhi mach as ‘ur seòmraichean, Isa. xxix. 20. Feudaidh iadsan a ta nis ag imeachd ro dhlùth ri Dia, gu leòir a bhi aca r’a dhèanamh gu seasamh, ‘nuair a thig an deuchainn; eis cruaidh a bhios e do mhuiintir eile an sin, a ta coslach ri bhi air an glacadh le trioblaidean, ‘n uair a ta ciont gun atharrachadh a’ luidhe air an coguisean. A bhi air an dùsgadh o chodal suaimhneach, agus a bhi air an tilgeadh gu cuan doinionnach mar a bha Ionah, bithidh sin ‘na dheuchainn eagalach. A bhi mothachadh trioblaid, mu ‘m bheil sinn ‘ga faicinn a’ teachd, a bhi an taobh thall de dhòchas, mu ‘m bheil eagal againn, is cor ro bhrònach e. Air an aobhar sin brisibh sios iodholan ‘ur n-eud, claoidhibh na h-ana-mianna sin, agus na h-an-tograidh mhì-rìaghailteach sin, a ghoid air falbh bhrùridheachan, agus a dh’ fhàg sibh cosmhuil ri Samson, gun fhoilt, agus abraibh, “Siùbhlaidh mi agus pillidh mi gu m’ cheud fhear, oir bha mi na b’ fhèarr dheth an sin na ‘n tràth-sa.” Hos. ii. 7.
‘S an dara àite, Imichibh mar a bhùineas doibhsan a ta air an aonadh ri Criosd.
Dearbhaibh ‘ur n-aonadh ris, le “gluasad mar a ghluais esan,” 1 Eoin ii. 6. Ma tha sibh air bhrù tabhairt o bhi fo chumhaechd an dorchadais, dealraichibh ‘nur solus am fianuis dhaoine. Dealraichibh, mar sholusaibh ‘s an t-saoghal, a’ cumail a mach focal na beatha, mar a chumas na lòchrain a ‘choinneal, a ta annta, a’ dealrachadh trompa, Philip. ii. 15, 16. A nis air dhuibh aidnheil gu bheil Criosd annaibh, bitheadh iomhaigh a’ dealradh a mach ‘nur caithe-beatha; agus cuimhneichibh, gur e gnòthuch bhrù beatha bhi dearbhadh le ‘ur gnìomharan agus ‘ur giùlan, na nithe a ta sibh ag aidnheil.
1. ‘S aithne dhuibh deadh-chliù mnà.
Bithidh cùram air a’ mhnaoi a ta pòsda, cionnus a dh’ fheudas i toil a fir a dhèanamh. Imich thusa agus dèan mar an ceudna: Gluaisibh gu cubhaidh do ‘n Tighearn chum gach uile thoileachaidh, Col. i. 10. Is e so gnòthuch mór na beatha; ‘s éiginn duibh esan a thoileachadh, ged a chuireadh e corruich air an t-saoghal uile: Is éiginn do na nithibh a ta fuathach dha-san, a bhi fuathach dhuitse, do bhrigh gu bheil iad fuathach dha-san; ciod air bith ana-mianna a thig a shuiridheadh air bhrùridheachan, àicheadhaibh iad, do bhrigh gu ‘n do nochdadh gràs Dhé, a’ teagasg dhuibh sin a dhèanamh, agus gu bheil sibh air bhrù ceangal ris an Tighearna. Biodh e ‘na chomhdach d ‘ur suilibh: oir chan ‘eil bhrù roghainn agaibh ri dhèanamh, tha e air a dhèanamh cheana, agus chan fheud sibh eas-onoir a thabbairt d’ ur Ceann. Bheir duine an aire d’ a chosaibh, a chionn, ma gheibh e trioblaid an sin, gu ‘n éirich i suas g’a cheann: “An gabh mise buill Chriosd, agus an dèan mi buill striopaiche dhiubh? Nar leigeadh Dia!” ars an t-abstol, 1 Cor. vi. 15. An gabh thusa an cridhe sin agad, a ‘s e àite-còmhnuidh Chriosd, agus an toir thu aoidheadh d’ a naimhdibh an sin? An gabh thu an corp sin a ‘s teampull da, agus an truail th e, le feum a dhèanamh d’a bhuill, mar inneil peacaidh?
2. Bithibh cùramach toradh a thoirt a mach, agus mór-thoradh.
‘S e ‘gheug a ta luchdaichte le toradh, glòir na Fionain, agus an treabhaiche mar an ceudna, Eoin xv. 8. “An so tha m’ Athair-se air a ghlobrachadh, gu ‘n toir sibhse mór-thoradh uaibh; agus bithidh sibh ‘nur deiscioibuil dhomhsa.” Seasaidh craobh neo-thorach na’s tèaruinnte ann an coille, no ann an gàradh-ubhal; agus bithidh geugan ann an Crìosd, nach ‘eil a tabhairt a mach toraidh, air an tabhairt air falbh agus air an tilgeadh do ‘n teine.
3. Bithheadh inntinn néamhaidh agaibh, agus cumaibh suas dimeas naomh air an t-saoighal.
Tha sibh air bhrur n-aonadh ri Crìosd, is esan bhrur Ceann agus Fear-pòsda, agus tha e air nèamh: uime sin, bu chòir d’ ur eridheachan-sa a bhi an sin mar an ceudna, Col. iii. 1. “Uime sin ma dh’ éirich sibh maillle ri Crìosd ‘na shuidhe aig deas làimh Dhé.” Imicheadh siol na nathrach air am broinn, agus itheadh iad duslach na talmhainn: ach bithheadh nàir’ air buill Chrìosd cromadh sios agus beathachadh maillle riù.
4. Bithibh beò, agus gniomhaichibh le bhrur taice do ghnàth air Iosa Crìosd tre chreidimh.
An ni sin a dh’ flàsas air a threumh féin, is craobh e, agus cha gheug. Is e nàdur na géige, a bhi an taice ris an stoc air son gach uile; agus a bhi tarruing a brìgh uile uath sin. Leigibh bhrur taic’ airs an air son beatha, soluis, neirt, agus gach uile shoichairean spioradail, Gal. ii. 20. “A ta mi beò, ach cha mise, ach Crìosd a ta beò anam: agus a’ bheatha a ta mi nis a’ caitheadh san fheòil, caitheam i tre chreidimh Mhic Dhé.” ‘S ann air an aobhar so, anns an aonadh dhìomhair, a tha neart ri amhhuinneachd, beatha ri bàs, agus nèamh ri talamh; chum gu ‘n éireadh amhhuinneachd, bàs agus talamh suas air sgiathaibh iasaid. Earbaibh ris air son soichairean aimsireil mar an ceudna Mat. vi. 11. “Tabhair dhùinn an diugh ar n-aran laitheil.” Ma dh’ earb sinn ris air cùram sìorruidh bithheadh nàir’ oirnn mur earb sinn ris air son air lòin ‘s n t-saoighal.
‘S an àite mu dheireadh, Bithibh de spiorad macanta, agus de ghnè aonaidh ri comh-bhuill cuirp Chriosd, air dhuibh a bhi ceangailte ris an Iosa macanta, an Tì anns am bheil na h-uile a ta air an aonadh ris, a’ coinneachadh a chéile.
Tha faidh-eadaireachd mu ‘n ni so, do thaobh rìoghachd Chriosd, Isa. xi. 6. “Gabhaidh am madadh-alluidh còmhnuidh maillle ris an uan, agus luidhidh an liopard sios maillle ris a’ mheann.” Tha so ann an cosamhlachd ri beathaichean Noah: Beathaichean a’ chobhartaich, le ‘m bu ghnàth beathaichean eile mharbhadh, aon uair ‘s gu ‘n d’ thàinig iad a steach do ‘n aire, luidh iad sios ann an sìth riù; cha robh an t-uan ann an cunnart o ‘n mhadadh-alluidh an sin; no am meann o ‘n liopard. Bha eomhlionadh maiseach air anns a’ chéud eaglais, Gniomh. iv. 32. “Agus bha aig a’ chuideachd a chreidh aon chridhe, agus aon anam.” Agus tha ‘n sporaid so a’ buadhachadh ann uile bhuill Chriosd, a réir tomhais gràis Dhé annta. Tha ‘n duine air a bhreith lomnochd, tha e teachd lomnochd do ‘n t-saoghal so, mar gu ‘n rùnaicheadh Dia e a bhi ‘na iomhaigh sìth: agus gu cinnteach ‘n uair a ta e air a bhreith a rìs, chan ‘eil e teachd do shaoghal nuadh nan gràs, le spuirean gu reubadh, le claidheamh gu lotadh, agus le teine ‘na làimh, a losgadh a chomh-bhuill ann an Chriosd, a chionn nach faic iad le sholus-san. Och! is brònach a bhi faicinn liligean Chriosd mar dhroighionn ann an cliadhaichean a cheile, uain Chriosd a’ sgrios aon a chéile mar leòmhain, agus daoimean Chriosd a’ gearradh aon a chéile! Gidheadh, is éiginn duinn cuimhneachadh, nach dèan peacadh buill Chriosd a thàladh ri cheile, ged dh’fheudas Herod agus Pontius Pilat a bhi air an dèanamh ‘nan càirdibh air an rathad sin. Tha riaghailt an abtoil soilleir, Eabh. xii. 14. “Leanabh sìth maillle ris na h-uile dhaoinibh, agus naomhachd.” Gun bhi leantuin sìth na ‘s faide na leigeas ar toil, ar creideas, no an leithide sin leinn a dhèanamh, tha so a’ teachd ro ghoirid; a bhi ‘ga leantuin na ‘s fhaide na cheudaicheas naomhachd dhuinn, is e sin, comh-fhreagaradh do thoil Dhé; tha sin a’ dol ro-fhad. Tha ‘n t-sìth luachmhor, ach fcdar a ceannach tuilleadh is daor; uime sin gu ma fèarr leinn a bhi d’ a h-easbhuidh, no a ceannach, air chost firinn no naomhachd; ach air dhòigh eile, chan urrainn dhi bhi tuilleadh is daor air a ceannach; agus bithidh i do ghnàth luachmhor ann an suilbh mhic na sìthe.
II. Agus a nis a pheacaich, ciod a their mi ribhse?
Thug mi cuid de bheachd dhuibh air sochairean na mhuinntir a ta ann an staid gràis: Chunnaic sibh iad fada uaibh; ach mo thruaighe! cha leibhse iad, a chionn nach le Criosd sibhse. Is leibhse peacadh na staid neo-iompachte; agus is leibh a thruaighe mar an ceudna: ach, chan ‘eil cuid no crannehur agaibh ‘sa’ chuis so. Tha cionnt bhur n-uile pheacanna ‘nan luidhe gu trom oirbh; chan ‘eil cuid ‘s am bith agaibh ann am fireantachd Chriosd! Chan ‘eil sìth dhuibhse; chan ‘eil sìth ri Dia; chan ‘eil fior shìth choguis; oir chan ‘eil agaibh còir-shlàniteil anns a’ Mhór-Fhear dèanamh na sìth. Cha bhuiu sibh do theaghlach Dhé: Cha bhuiu an uehd-mhacaechd air an robh sinn a’ labhairt dhuibhse. Chan ‘eil còir agaibh ann an spiorad an naomhachaidh. Agus ann an aon fhoceal, chan ‘eil oighreachd ‘s am bith agaibh am measg na muinntir a ta air an naomhachadh. Is e na h-uile a ‘s urrainn domh a ràdh ribh, anns a’ chuis, nach ‘eil bhur staid gun dòchas; feudaidh iad a bhi agaibh fathast, Taisb. iii. 20. “Feuch tha mi am sheasamh aig an dorus, agus a’ bualadh: ma dh’ éisdeas neach ‘s am bith ri m’ ghuth, agus gu ‘m fosgail e ‘n dorus, thig mi steach d’a ionnsuidh, agus gabhaidh mi mo shuipeir maille ris, agus esan maille riumsa.” Tha nèamh fathast a’ taigse coimh-cheangail ri talamh! Tha ‘n criadhair, a’ dèanamh suiridheadh air a’ ehradh féin! Agus chan ‘eil geatachan caithir na didein fathast dùinte. O! nach b’ urrainn duinn bhur comh-éigneachadh gu teachd a steach. An fhad so mu staid a’ ghràis.
(Ri leantuininn.)