Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1938 » January 1938 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

AN STAID SHIORRUIDH: NO, STAID SONAIS,
NO TRUAIGHE IOMLAN.

Mu Bhàs.

(Air a leantuin bho t.d., p. 316.)

‘San dara àite, Bithidh aiseag tearuinnte aca do shaoghal eile.

Is éiginn doibh gun amharus, dol tre ghleann sgàile a’ bhàis; ach ged tha e, ann féin, ‘na ghleann dorcha agus duibhreach, bithidh e ‘na ghleann dochais dhoibh-san; cha bhi iad air am fuadach troimhe, ach coisichidh iad troimhe mar dhaoine ann an tearuinteachd iomlan, aig nach ‘eil eagal roimh olc ‘sam bith, Salm xxiii. 4. C’ arson a bhiodh eagal orra? Tha stiùrachd tearuinnte Tighearn na tìre aca, tha cead aca, air a sheulachadh le ‘thuil féin; eadhon an coimheangal beannaichte, nì as e comhfhurtachd leabaidh-bàis an naoimh, 2 Sam. xxiii. 5. “Ged nach ‘eil mo thigh mar sin aig Dia, gidheadh rinn e coimh-cheangal sìorruidh riumsa air a shuidheachadh anns gach nì agus a choimhidear: oir is e so mo shlàinte uile, agus mo mhiann uile, ged nach ‘eil e toirt air fàs.” Có ma ta dh’ fheudas coire a dhèanamh orra? Is tearuinte an nì, marcachd ann an earbad Chriosd araon tre bheatha agus bàs, Dan-Shol. iii. 9. Tha luchd-coimheadachd math agus urramach aca; freiceadan, eadhon freiceadan nan ainglibh: tha iad sin a’ càmpachadh mu ‘n cuairt doibh, ann an am beatha; agus gu cinnteach chan fhàgar leis iad ann an là am bàis. Tha na spioraid frithealaidh sona sin ‘nan luchd-feithidh air bean-bainnse an Tighearn, agus gun teagamh bheir iad coimheadachd thearuinnte dhoibh dhachaidh d’ a thigh. ‘N uair tha càirdean, gu brònach, a’ seasamh ri taobh leabaoidh an naoimh, a’ feitheamh gu fhaicinn a’ tarraing na h-anail mu dheireadh, tha aingle naomh a’ feitheamh air ‘anam, gu ‘ghiùlan air falbh gu uchd Abraham, Luc. xvi. 22. ‘Se ceannard slàinte ‘nan naomh, Ceannard an fhreiceadain naoimh so: Bha e maille riu, eadhon gu bàs: agus bithidh e maille riu troimhe mar an ceudna, Salm xxiii. 4. “Seadh, ge do shiubhail mi tre ghleann sgàile a’ bhàis, cha bhi eagal eile orm; oir a ta thusa maille rium.” Feudaoidh iad gun eagal dol troimh’n amhainn sin, air dhoibh a bhi ‘cinnteach nach tig i thairis orra, agus feudaoidh iad siubhal tre ‘n teine sin, air dhoibh a bhi cinnteach nach bi iad air an losgadh leis.

Chan urrainn am bàs coire ‘dhèanamh orra:

Chan urrainn da eadhon cron a dhèanamh air an cuirp: Oir, ged a sgaras e an t-anam o ‘n chorp, chan urrainn da an corp a sgarachdainn o’n Tighearna Chriosd. Chan ‘eil eadhon am bàs dhoibhsan ach ‘na “chodal ann an Iosa,” 1 Tes. iv. 14. Tha iad a’ mairsinn ‘nam buill do Chriosd, ged tha iad ann an uaigh. Is duslach luachmhor an duslach, air a thasgadh suas ann an uaigh, mar ann an Ciste-thasgaidh an Tighearna. Tha iad a’ luidhe ann an uaigh ag aibheachadh, mar mheas luachmhor air a thasgadh suas, gu bhi air a thoirt a mach dha-san aig an aiseirigh. Tha‘n t-arbhar a ta ‘san fhearann mòran na’s luachmhoire na sin a ta ‘san t-sabhal, do bhrigh gu bheil e ag amharc air son e bhi air a philleadh d’ a ionnsuidh le tuilleadh éisneis: eadhon mar sin, tha cuirp nan naomh air am meas le ‘n Slànughear. Tha iad air an cur ann an truaillidheachd, gu bhi air an togail ann an neo-thruaillidheachd; air an cur ann eas-urrainn, gu bhi air an togail ann an glòir, 1 Cor. xv. 42, 43. Chan urrainn am bàs coire ‘dhèanamh do ‘n anamaibh; tha ‘chùis maille ri anamaibh nan naomh aig bàs, mar a bha e maille ri Pòl agus ri ‘chuideachd, ‘nan turus, air am bheil eachdraidh againn, Gniomh. xxviii. Bha’n long air a briseadh ‘na bloighdibh, ach fhuair an luchd turuis eile tearuinnte gu tìr. ‘N uair a ta cainnnt an naoimh a ta faghail a’ bhàis air a cur ‘na tosd a shuilean air an dùnadh, agus ‘anail mu dheireadh air a tarraing, tha ‘n t-anam a’ faotainn tearuinnte air falbh, gus am Pàras nèamhaidh a’ fàgail a’ chuirp gu pilleadh gu ùir; ach anns an dòchas aoibhneach air ath-cheangal aig aiseirigh ghlòrmhoir. Cionnus is urrainn am bàs coire ‘dhèanamh do na naomhaibh? Is namhaid claoidhte e. Ma tha e ‘g ann tilgeadh sios, ‘s ann a mhàin a chum gu ‘n éirich iad suas na’s glòrmhoire. Chuir ar Slànughear, Iosa Criosd, às do ‘n bhàs, 2 Tim. i. 10. Dh’ fhalbh anam agus beatha a’ bhàis: Chan ‘eil ann ach sgàile shiùbhlaich, a dh’ fheudas eagal a chur, ach nach urrainn coire ‘dhèanamh do naomhaibh. Chan ‘eil ann ach a mhàin sgàile a bhàis dhoibhsan; chan e am bàs féin e, chan ‘eil am bàs-san ach mar bhàsachadh, no ni-eigin cosmhuil ri bàsachadh. Tha ‘n t-Abstol ag innseadh dhuinn, “Gur e Criosd a fhuair bàs,” Rom. viii. 34. Stephen, a’ cheud fhiannuis air son a’ chreidimh Chriosdaidh ged chaidh a chlachadh gu bàs, gidheadh cha d’ rinn e ach codal, Gniomh. vii. 60. Gu cinnteach tha nàdur a’ bhàis air atharrachadh gu tur, thaobh nan naomhan; chan ‘eil e dhoibh-san mar a bha e do Iosa Criosd, an ceann; chan e an nì nimheil, sgriosach sin e, a bha air ‘fhillteadh suas ann an ùghdarras a’ cheud choimcheangail, Gen. ii. 17. “Anns an là dh’ itheas tu dheth, gu cinnteach bàsaichidh tu.” Tha e teachd a dh’ ionnsuidh nan naomh gun ghath; feudaidh iad a choinneachadh leis an fhàilte sin, O bhàis c’ àit’ am bheil do ghath? An e so Màra? An e so bàs searbh? Chaidh e mach làn de ‘n t-saoghail, ‘nuair a dh’ fhosgail an ceud Adhamh an dorus da; ach thug an dara Adhamh air ais a ris e falamh, d’ a shluagh féin. Tha mi a’ mothachadh gath, feudaidh an naomh a ta bàsachadh a ràdh; gidheadh cha’n ‘eil ann ach gath seillein, a’ sàthadh a mhàin tre ‘n chroicinn: “Ach, O bhàis e’ àit’ am bheil do ghath?” do shean ghath, gath na nathrach, a shàthas gus a’ chridhe agus an anam? “Is e am peacadh gath a’ bhàis; ach tha sin air a thoirt air falbh.” Ma ghlacas am bàs an naomh, agus gu ‘n giùlain se e gu làthair a’ Bhreitheimh, gu freagairt air son nam fiachan ‘san robh e, gheibhear am fiachan air a phàigheadh leis an Urras ghlòrmhoir: agus tha ‘n litir-phàighidh aige ri nochdadh. Tha ‘n droighnean ciontaich air a spionadh a mach a coguis an duine, agus tha ‘ainm air a dhubhadh a mach as an leabhar dhubh, agus air a sgrìobhadh am measg nam beò ann an Ierusalem. Is fìor, gur fada an t-astar, a’ dol tre ghleann sgàile a’ bhàis; ach tha eallach an naoimh air a toirt air falbh o ‘dhruim, tha a pheacadh air a mhaitheadh, feudaidh e siubhal gu socair: “Cha bhi leomhan an sin, ni mò thig fiadh-bheathach milleach suas ann:” Feudaidh a’ mhuinntir shaorta imeachd gu socair ann-san, saor o’ na h-uile eagal cunnairt.

‘San àite mu dheireadh, Bithidh dol a steach aoibhneach aca do ‘n t-saoghal eile!

Bithidh an ruigheachd gu ionadaibh a’ bheannachaidh air a sheirm gu follaiseach le laoidhibh àrd-mholaidh d’ am Fear-saoraidh glòrmhoir! Is là math là a’ bhàis do dhuine diadhaidh: Seadh, is e a là a ‘s fèarr; ‘s fèarr; dhà-san e no là a bhreith, no an là a ‘s aoibhniche a bha aige riamh air thalamh. “Is fèarr deadh ainm,” ars’ an duine glic “na ola-ungaidh luachmhor, agus là bàis no là breith neach.” Ecles. vii. 1. Bha a ‘bheachd dorcha bh’ aig cuid de na cinnich mu neo-bhasmhoireachd an anama, agus mu shonas ri teachd, ag oibreachadh gu h-iongantach orra. Bha cuid diubh ‘n uair a rinn iad bròn air son nam marbh, a rinn e ann an eudach bàn; chum, air dhoibh a bhi air an gluasad air son mi-mhaise an sgeudachaidh, gu ‘m bu luathaide chuireadh iad am bròn air chul. Dh’ adhlaic dream eile dhiubh iad, gun tuireadh no bròn ‘sam bith; ach bha iobhairt agus féisd aca, air son chàirdean air an àm sin. Bu ghnàth le cuid diubh bròn a dhèanamh aig breith, agus aoibhneas ri’n adhlacadh. Ach tha cleachdadh cuid de Chinnich nan Inseanach, fathast na’s iongantaiche mu ‘m bheil iomradh, aig bàs an fhìr, gu ‘m bu gnàth le ‘mhnaibh fa leth a bhi ‘stri an làthair nam breitheamhna, co dhiubh a b’ ionmhuinne leis; agus ise air an do dhearbhadh a bhi ‘na dheadh-ghean thar chach, thilg sì i féin le gnùis aoibhneach anns na lasraichibh a dh’ ulluicheadh air son cuirp a fir, loisgeadh annta sin i, agus bha i air a meas sona, am feadh a bha i beò ann an doilghios agus air am meas truagh! Ach, ciod ‘sam bith mar a dh’ fheudas barailean dorcha air staid an déidh so, a bha air an cumail suas le h-ardan, le féin-ghlòir, le eagal cruadh-chais sa’ bheatha so agus le ‘n leithide sin de chrìochaibh a ta freagarrach do nàdur truaillidh an duine, buadhachadh air intinn brùideil aineolach, ‘n uair a ta iad air an neartachadh le innleachdan ifrinn; O! ciod an t-aoibhneas agus a’ chomhfhurtachd làidir a dh’ fheudas a bhi aca-san, a ta ‘nam fior Chriosduidhean, air dhoibh “a bhi ann an Crìosd, a thug beatha agus neo-bhàsmhorachd chum soluis tre an t-soisgeul!” 2 Tim. i. 10. Is e am bàs aon de’n uile nithibh sin, a ta comh-oibreachadh chum math, do’n dream aig am bheil gradh do Dhia, Rom. viii. 28. ‘N uair a ta ‘n corp a’ bàsachadh, tha’n t-anam air a dhèanamh iomlan; theid corp a ‘bhàis thairis aig bàs a’ chuirp. Ciod an cron a rinn fear-coimhead a’ phriosain air buidealair Pharaoh, ‘n uair a dh’ fhosgail e dorus a’ phriosain da, agus a leig e mach e? Am bheil an t-eun ann an staid nas miosa, ‘nuair a ta e aig saorsa, no ‘n uair a ta e air a chumail a stigh ann an ‘cliabh? ‘S ann mar sin, agus chan ann na’s miosa, a ta anama nan naomhan aig a’ bhàs: Thig e a’ dh’ ionnsuidh an duine dhiadhaidh, mar a thàinig Haman gu Mordecai, leis a’ chulaidh rioghail agus leis an each, le òrdugh urram a dhèanamh da: ciod ‘sam bith cho neo-thoileach ‘sa tha e air a dhèanamh, Ester vi. 11. Chan ‘eil teagamh agam, nach d’ rinn Haman an t-seirbhis so gu h-aicich, le aghaidh-neulaich, sùil-chrom, agus le gnùis grùmaich; agus cosmhuil ri neach a thàinig gu crochadh, ‘s chan ann a thoirt urram da: Ach b’ éiginn da-san air am bu toil leis an righ urram a chur, urram fhaotainn; agus b’ éiginn gu’m b’ e Haman, namhaid mòr Mhordecai, an duine a gheibheadh an obair so r’a dhèanamh. Glòir, glòir, glòir, beannachd agus moladh, d’ ar Fear-saoraiddh, d’ ar Slànuighear, d’ ar n-Eadar-mheadhonair, a thug tre ‘bhàs, air a’ bhàs uamhasach sgriosach a leithide de dheadh ghniomh a dhèanamh dhoibhsan, a dh’ fheudadh e ann an dòigh eile a ghreasad air falbh ‘nan aingidheachd, gu sgrios iomlan agus sìorruidh! Tha là a’ bhàis ann féin, ‘na là aoibhneach do na naomhan: is e là ‘n saorsa e, ‘n uair a bhitheas na braighdean air an leigeadh as, ‘n uair a bhitheas na priosanaich air an eur fo sgaoid: Is e an là ‘san tig na h-eilthirich dhachaidh o’n cuairt: an là ‘sam pill oighreachan na glòire o an turuis gu ‘n dùthaich féin, agus gu tigh an Athar, agus anns an téid iad a steach gu fìor-sheilbh a ghabhail air an oighreachd ghlòrmhor! Is e’n là bainnse e; is e nis ám pòsaidh, ach an sin tha ‘bhanais air a crùnadh, agus tha cuirm bhainnse air tòiseachadh, aig nach ‘eil crìoch! Ma ‘s ann mar sin tha ‘chùis, nach ‘eil staid nan naomhan dòchasach aig a’ bhàs?

Ri leantainn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice