Co-dhùnaidh mi am bonn-teagaig so le beagan do sheolaidhean, Cionnus a dh’ ulluichear air son bàis, chum is gu feudar bàs fhaotainn le comhfhurtachd. Chan ‘eil mi labhairt an so mu ulluchadh sa’ ghnè air son bàis, nach ‘eil fior Chriosdaidh, a thaobh a staid ghràsmhoir, a chaoidh a dh’ easbhuidh, o ‘n àm am bheil e air a bhreith a ris agus air aonadh ri Criosd; ach mu fhiar-ulluchadh no deasachadh, a thaobh a chor, fon, agus suidheachadh iuntinn agus spioraid; nithe, as eugmhais am bheil an duine naomh féin ro neo-iomchuidh air son bàis.
Air tuis
Biodh e ‘na ghnath-churam dhuit, coguis ghlàn a ghleidheadh; coguis neo-lochdach a thaobh Dhé, agus a thaobh dhaoine, Gniomh. xxiv. 16. Bi air t’ fhaicill o chomh-stri sheasmhach a bhi eadar Dia agus thusa, air son aingidheachd éiginn air am bheil meas anns a’ chridhe. ‘Nuair a ta duine còir a’ dol a dh’ fhàgail dhùthecha, agus gun e ri pilleadh, cuiridh e ceart a’ chunntais riusan ris an robh gnothuch aige, agus suidhichidh; e riaghailtean chum fhiacha iocadh ann an àm iomehuidh; air eagal gu ‘m bi e air a mheas briste ‘na chreideas, agus gu ‘m bi e air a ghlacadh le maor ‘nuair a ta e dol air falbh. Tha cionta a ta luidhe air a choguis, ‘na tobar eagallan; agus bithidh i ullamh air lot gu geur, ‘nuair a ta ‘m bàs a’ bualadh a’ chiontaich ‘san aghaidh. Is ann uaith so a ta e, gu bheil mòran, eadhon do chloinn Dhé, ‘nuair a ta iad a’ teachd a dh’ ionnsuidh a’ bhàis, a’ guidhe gu dian, agus ag iarraidh gu dìreachdach gu ‘m faigheadh iad a bhi beò a dhèanamh nan nithe bu chòir dhoibh a dhèanamh, roimh an àm sin. Uime sin, sùbhlaiabh gu dlùth le Dia; bithibh dichiollach, dlùth agus dreach, ‘nur slighibh; bithibh air bhr faicill o chaithe-beatha fuasgailte, neo-chùramach, agus searbhalachd spiorad a thasgaidh air bhr son féin aig uair bàis. Agus a chionn, tre ‘n anmhuinneachd a ta leantuinn ruinn, ‘nar staid neo-ìomlan a ta làthair, tha sinn ann am mòran de nithibh uile ciontaich; ath-nuadhaichibh bhr n-aithreachas gach là, agus bithibh a ghnàth ag ionnlad ann am fuil an Fhir-shaoraiddh. Bithidh feum agaibh air bhr cosan a ghlanaidh fhad ‘sa bhitheas sibh san t-saoghal, Eoin xiii. 10. ‘Se sin, a bhi teachd as ùr g’u fuil Chriosd, chum bhr coguisean a ghlanaidh o chionta fàilneachaidh gach là. Faigheadh am bàs aig an tobar thu; agus ma gheibh e mar sin thu, gheibh e ullamh thu a fhreatgairt air a ghairm.
‘San dara àite
Bithibh do ghnàth ri faire, a’ feitheamh air bhr caochladh: “Cosmhuil ri daoinibh a ta feitheamh an Tighearna, chum air dha teachd agus bualadh, gu ‘n grad-fhosgail iad dhà,” Luc. xii. 36. Bithibh air bhr faicill o dhùsal spioradail, le gairm chabhagach, gu dol do shaoghal eile; ach gabhaidh esan a ta feitheamh gach là air son teachd a Thighearn, ris an teachdar ghruamach gu sòlasach, am feadh a ta e ‘ga fhaicinn ga threòrachadh-san a steach d’a ionnsuidh-san, mu’m feud e ràdh gu muinghinneach, “Is e so mo Dhia-sa, agus dh’fleith mi ris.” Is e bhi bàsachadh gach là, an rathad air bàs fhaotainn gu sòlasach. Bithibh gu tric ag oidhirpeachadh, mar gu b’ ann, a bhi bàsachadh. Thugaibh sibh féin gu bhi eòlach air a’ bhàs, le bhi ‘dol gu tric chum na h-uighe, a’ smuaineachadh gu cudthromach oirre. B’ e so cleachadh Iob, “‘s i ‘n uigh mo thigh, ‘san dorchadas rinn mi mo leabadh,” Catb. xvii. 13. Imich thusa, agus dean mar an ceudna; agus ‘nuair a thig am bàs, cha bhi ni agad ri dhèanamh ach luidhe sios. Ri truaillidheachd thubhairt mi, Is tu m’ athair; ris a’ chnuimh, Is tu mo mhàthair agus mo phiuthar,” Lob xvii. 14. Abair thusa mar sin mar an ceudna, agus bithidh tu na’s iomchuidh gu dol dhachaidh d’ an tigh. Gabh beachd tric air do ghùilan, agus bi tabhairt fainear ciod a ghnè chaithe-beatha ‘sam bu mhaith leat a bhi air t’ fhaotainn, ‘nuair a ghlacas am bàs thu; agus dèan d’ a réir sin. ‘Nuair a ni sibh dleasnais bhuir n-inbhe ‘s n’ bheatha, no ‘nuair a ta sibh an sàs ann an dleasdanais-aoraidh, smuainichibh annaibh féin, theagamh, gur e so an cothrom mu dheireadh; agus uime sin dèanaibh mar nach biodh sibh ri nì ‘sam bith de ‘n t-seòrsa sin a dhèanamh gu bràth tuilleadh. ‘Nuair a luigheas sibh sios ‘san oidheche, socraichibh bhuir spioraid, mar nach biodh sibh ri dusgadh, gus nach bi na nèamha ann na ‘s mò. Agus an uair a dhùisgeas sibh ‘s a’ mhaduinn, measaibh an là nuadh sin mar bhuir la deireannach; agus caithibh mar sin e. Tha ‘n oidheche sin gu eimneach a’ teachd, an déidh nach faic eibh gu bràth a’ mhaduinn; na mhaduinn sin, an déidh nach faic sibh gu bràth an oidheche! Ach cia aca d’ ur maduinne no do’r-oidhechan a bhitheas mar sin, chan aithne dhuibh.
‘San treas àite
Cleachdaibh sibh féin gu mór ann am fuasgladh bhuir erideachan o’n t-saoghal. Bithidh an duine a ta dèanamh ullamh gu dol air astar, saoithreach ann an cead a ghabhail d’a chàirdibh. Leigibh le falluinn nan suaimhneas an talmhaidh crochadh gu fuasgailte umaibh, chum gu tuit e gu socraich dhibh, ‘nuair a thig am bàs gu ‘r toirt air falbh gu saoghal eile. Bitheadh bhr gaol measarra a thaobh sólasan laghail bhr beatha; agus na biodh bhr eridheachan gu mór air an togail leò. ‘S amaideach a tha ‘m fear-turuís a’ deanamh, a dh’ fhuilingeas dhà féin a bhi eò mór air a thogail le nithibh deas an tighe-osda far am bheil e air aoidheachd, is gu’m bi a dhòl air falbh uapa doilgheasach dhà. Beathaichibh le h-eagal, agus siùbhlaiabh tre ‘n t-saoghal mar eilthrich agus mar choig-rich. Cosmhuil ris, mar tha ‘n coirce a’ treigsinn na talmhainn, tha e ullamh air son a’ chorain; ‘nuair tha ‘m meas abuich, tuitidh e gu soirbh bhàrr na craoibhe; Mar sin ‘nuair tha eridhe a’ Chriosdaidh da rirealh air fhuasgladh o’n t-saoghal, tha e ulluichte air son bàis, agus bithidh e na’s ro-shoirbhe dhà. An eridhe a ta fuasgailte o ‘n t-saoghal, is eridhe nèamhaidh e; agus ‘s ann an sin a ta sinn ullamh air son nèimh, ‘nuair a tha ar eridheachan an sin air thoiseach oirnn, Mat. vi. 21.
‘S a’ cheathramh àite
Bithibh dichiollach ann an cruinneach adh agus an tasgaidh suas dearbhaidhean air bhr eòir air nèamh, chum bhr cumail suas agus sólas a thoirt duibh aig uair a’ bhàis. Tha dèarmad air na nithibh so, a’ milleadh an aoibhneis agus an t-sòlais à dh’ fhendadh a bhi aig cuid de Chriosdaidhean aig àm bàis. Uime sin ceasnaichibh sibh féin gu tric, a thaobh bhr staid spioradail; chum gu’m bi na dearbhaidhean sin, a ta ‘nan luidhe folaichte agus gun aire thoirt dhoibh, air an toirt gu solus, agus air an thoirt faineair. Agus na ‘m bu mhaith leibh an obair so a thoirt air a h-aghaidh gu ceart, dèanaibh obair shuidhichte chudthromach dhith: Cuiribh cuid a dh’ aimsir air leth air a son; agus an déidh ùrnuigh dhùrachdach ri Dia, tre Iosa Crìosd, air son feartan soillsichidh a Spiorad, leis am bi sibh air bhr neartachadh gu ‘fhocal a thugisinn, gu obair féin a breithmeachadh ann bhr n-anamaibh; cuiribh sibh féin ‘nur seasamh mu choinneamh caithir-breitheanais bhr coguisean, chum gu’n toir sibh breth oirbh féin ‘s a’ ghnothuch chudthromach so.
Ri leantuin.