(Air a leantuinn bho t.d., 147.)
CEANN III.
AN AISEIRIGH.
“Na gabhaibh iongantas deth so; oir a ta ‘nuair a’ teachd, anns an cluinn iadsan uile a ta ‘sna h-uaighibh a ghuth-san: Agus théid iad a mach, iadsan a rinn maith, chum aiseirigh na beatha, agus iadsan a rinn ole, chum aiseirigh an damnaiddh.”—EORN v. 28, 29.
Tha na briatha sin ‘nan cuid de ‘n dion a ta ar Tighearn a’ dèanamh air a shon féin, ‘nuair a bha e air a gheur-leanmhuinn leis na h-Iudhaich air son an duine euslan a leighas, agus òrduchadh dha a leaba a ghiùlan air falbh air an t-sàbaid; agus air son a chuis féin a sheasamh, ‘nuair a rinneadh casaid leò gu ‘n robh an là sin air a mhi-naomhaechadh leis a’ ghniomh sin a dhèanamh. Air an àm so dhearbh e gu ‘m b’e féin chan e mhàin Tighearna na Sàbaid, ach mar an ceudna Tighearna beatha agus a’ bhàis; a’ foillseachadh, ann am briathraibh an teagaig, gu’m bi aiseirigh nam marbh, air a toirt mu ‘n cuairt le chumhaechdsan. Tha e toirt so a steach leis na briathraibh sin, mar le roimh-radh chudthromae, na gabhaibh iongantas
deth so; sin ri radh, do ‘n teasgag iongantach so tha mi eur an cèill; no biodh iongantas oirbh mise air am bheil coslas cho suarach ‘nur seallaibhse chluintinn a’ labhairt mar so: oir a ta ‘n la a’ teachd, anns am bi na mairbh air an togail le m’ chumhachd-sa.
Thugaibh fainear anns an teasgag so, (1.) Gu bheil teasgag na h-aiseirigh air a chur an cèill mar ni einntech; “Cluinnidh iadsan uile a ta ‘sna h-uaighibh a ghuth-san; agus thig iad a mach.” Ath-bheothaichidh na cuirp mharbh, a ta air an dèanamh ‘nan duslach, agus dearbhaidh iad a bhi beò le cluinn-tinn agus le gluasad. (2.) Ughdar na h-aiseirigh, Iosa Criosd, mac duine, rann 27. Cluinnidh na mairbh a ghuth-san, agus bithidh iad air an togail leis. (3) An t-àireamh a bhios air an togail; “Iadsan uile a ta ‘sna h-uaighibh.” ‘Se sin, uile chorpa marbh dhaoine, ciod ‘sam bith mar a chuireadh sios iad, mar gu b’ ann ann an uaighibh fa leth; no na mairbh uile, maith no ole. Chan ‘eil iad uile air an adhlacadh ann an uaighibh no ann an ait-adhlacaidh; tha cuid air an losgadh gu mìn-luathreadh, cuid air am bâthadh agus air an adhlacadh am broinn iasga seadh tha cuid air an itheadh suas le lùch ithidh dhaoine, ris an abrar Canibala: Ach ciod ‘sam both àite am faighear am brigh no an stugh d’ an robh an corp air dhèanamh suas, as a sin thig iad a mach. (4.) An t-eadar-dhealachadh mór a bhios eadar na daoine diadhaidh agus na h-aingidh: Eiridh iad gu’n amharus a ris le chéile, anns an aiseirigh; cha bhi aon de na daoine diadhaidh air chall, ged is maith a dh’ fheudta, nach robh adhlachadh aca, no ma bha, gu’n robh e glé shuarach; agus thig na h-aingidh uile a mach cha chum an tuama cloiche iad nì’s faide na bhios an guth a’ labhairt: Ach bithidh aig a’ cheud mhuintir aiseirigh glòrmhor gu beatha, am feadh a bhios aig cach aiseirigh namhasach gu ditheadh. ‘San àite mu dheireadh, An t-àm suidhichte air son a’ gnothuich mhóir so. Tha uair, no erioch àraidh aimsir air òrduchadh le D’a air a shon. Chan ‘eil e air innseadh dhuinn c’uin a bhios an uair sin, ach gu bheil i teachd; a chum air a shon so, am
measg reusana eile, gu’m bitteamaid a glmáth ullamh.
Ann an labhairt o ‘n bhonn-teagaig so, Nochdaidh mi air tús cinnteachd na h-aiseirigh. ‘San dara àite mu dheireadh, ni mieleachdamh de’n iomlan.
- Ann an nochdadh cinnteachd na h-aiseirigh, dearbhaidh mi, (1) Gur urrainn do Dhia na mairbh a thogail. Agus, (2), Gu’n dèan se e; na nithean a ta air an cuir sìos, mar bhonn argumaid le Chriosd féin, ‘nuair a bha e deasboireachd ris na Sadusaich, (Matt. xxii. 29), “Fhreagair Iosa agus fhubhairt e riu, A ta sibh air seacharan gun eòlas agaibh air na sgriobtuirdh, no air cumhachd Dhé.”
Air tús, Do bhrigh gu bheil Dia Uile-chumhachdach, gu cinnteach is urrainn dhà na mairbh a thogail. Tha comharraidhean againn air obair chumhachdach so Dhé, araon anns an t-Seann Tiomnadh agus anns an Tiomnadh Nuadh. Bha mac bantraich Sharepta air a thogail o na mairbh, I Righ, xvii. 22, mac na ban-Sunamaich, II. Righ, iv. 35, agus an duine a thilgeadh ann an àit-adhlacaidh Elisa, caib. xiii. 21. Anns am feud sin air thabhairt do cheumaibh fa leth anns ni bu shoilleire na cheud aon, agus an treas aon ni bu choilleire na’n dara aon. Bha cheud neach dhiubh sin air a thogail air ball ‘nuair a fhuair e bàs; air do’n fhaidh Elisa a thog e bhi làthair aig a bhàs. An dara aon, an déidh dhà luidhe car uine; eadhon, am feadh a bha mhathair a’ suibhal o Shunem gu sliabh Charmeil, air a mheas mu’n cuairt do shé mile deug, gur an do phill i uaith sin d’a tigh le Elisa a thog e. Cha robh iad ‘ga adhlacadh, agus gus an robh an corp air a thilgeadh ann an naigh an Fhaidh. Air an dòigh cheudna ‘san Tiomnadh Nuadh, bha nighean Iairuis, Marc, v. 41, agus Doreas, Gniomh. ix. 40, araon air an togail gu beatha, goirid an déidh am bàs; mac bantraich Nain, ‘nuair a bha iad ga ghiùlan a mach chum adhlacaidh, Luc, vii. 11, 15, agus Lasarus ‘nuair a bha e a lobhadh ann an naigh, Eoin, xi. 39, 34.
An urrainn do dhaoine gloinneachan riomhach a dhèanamh á luaithre; luaithre a dhèanamh á lusan, an togail a rithist as
an luathre sin, ‘gan aiseag gu ‘n ceud mhaise; agus nach urrain do’n Chruithhear mhór, a rinn na h-uile nithe de neo-ni, corp an duine thogail, an déidh dhà ruith ‘na dhuslaich? Ma dh’ fheoraichear, Cionnus a dh’ fheudas cuirp dhaoine bhi air an togail suas an déidh dhoibh bhi air an leaghadh gu h-uir, agus an déidh dhoibh bhi iomadh ginealaich bhi air an coimeasgadh le chéile. Bheir Sgriobtuir agus ehan e reusan am freagrath; do dhaoinibh a ta so eu-comasach, ach ehan ‘eil e do Dhia. Is mi-reusanta do dhaoine bhi ag àicheadh gur urrainn Dia nì a dhèanamh, a chionn nach urrainn dhoibh-san fhaicinn cionnus a dh’ fheudas e bhi air a dhèanamh. Cia beag an earrann d’a shlighibh air am bheil sòlas againn! Cia eho iomlan neo-chomasach a ta sinne air beachd soilleir a ghabhail air meud uile-chumhachd, agus gu mór nì’s neo-chomasaiche air tuigsinn an rathad air amm bheil e eg oibreachadh, agus an t-òrdugh leis am bheil e dol air aghaidh! Chan ‘eil teagamh agam, nach ‘eil mórán de dhaoinibh neo-fhòghlumte cho ana-creideach mu thiomchioll iomadh nì anns an t-saoghal nàdurra, a tha daoine fòghlumte a’ faotainn a mach agus a’ tuigsinn, ‘sa tha euid de dhaoine fòghlumte mu thiomchioll firinn na h-aiseirigh: agus mar tha iadsan a’ fanoid air na daoine neo-fhòlumte, mar sin ni an Tighearna fochaid orra-san.
Ri leantuin.