Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1938 » December 1938 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

CEANN III.

AN AISEIRIGH.

(Air a leantuinn bho t.-d., 315.)

“Na gabhaibh iongantas deth so; oir a ta ‘nuair a’ teachd, anns an cluinn iadsan uile a ta ‘sna h-uaighibh a ghuth-san: Agus théid iad a mach, iadsan a rinn maith, chum aiseirigh na beatha, agus iadsan a rinn ole, chum aiseirigh an damnaidh.”—EOIN v. 28, 29.

‘San dara àite, Ni Dia na mairbh a thogail. Chán e ‘mhàin gur urrainn dha dhèanamh, ach ni e gu cinnteach e, a chionn gu’n dubhairt se e. Tha ar bonn-teagaig glé shoilleir air a’ cheann so: Cluinnidh iadsan uile a ta ’s na h-uaighibh a ghuth-san, agus théid iad a mach; iadsan a rinn maith, chum aiseirigh na beatha; agus iadsan a rinn ole, chum aiseirigh an damnaidh.” Tha na briathran sin freagarrach ris an earrann sin de fhàideadaireachd Dhaniel, agus nam mìneachadh orra, Dan. xii. 2. “Agus dùisgidh mòran dhiubh-san a ta ’nan cadal ann an dushach na talmhainn, cuid gu beatha shiorruidh, agus cuid gu nàire agus masladh bith-bhuan.” Tha iad freagarrach gu eur an aghaidh teasgaig nan Sadusach, air an robh fios aig an Spiorad Naomh a bha gu teachd gu h-àirde mhór anns an eaglais Indhaich, fuidh gheur-leanmhinn Antiochius. Tha iomadh bonn-teagaig eile ’san t-Seann Tiomnaidh agus anns an Tiomnaidh Nuadh a dh’ fheudadh a bhi air an ainmeachadh; mar,

Gniomh. xxiv. 15. Agus a ta dòchas againn an Dia, ris am bheil sùil mar an ceudna aca féin, gu’n tig aiseirigh nam marbh, nam firean araon agus nan neo-fhìrean,” Agus Iob xix. 26, 27. Agus an déidh dhoibh so mo chroicinn a chnàmh, gidheadh ann am fheòil gu’m faic mi Dia: Neach a chì mise air mo shon féin, agus air an amharc mo shùilean, agus chan e neach eile; ged chaithear m’ airnean an taobh a stigh dhiom.” Ach cha ruig mi leas dearbhaidhean a mheutachadh, mu ni a ta cho soilleir agus eò tric air a theagasg ‘san Sgriobtuir naomha. Tha ar Tighearna agus Slanuighear féin ga dhearbhaidh, an aghaidh nan Sadusach, anns an teagasg chomraichte sin, Luc. xx. 36, 38. “Ach gu’n éirich na mairbh, nochd Maois féin aig a’ phreas, an uair a ta e gairm do’n Tighearn, Iehobhah an Dia, eadhon, a thaobh eifeachd agus seach choimhcheangail nan gràs; anns an t-seadh sin, tha na focail a’ ciallachadh gach uile bheannachd, mar an nì sin a ta troimh a’ choimhcheangal air a dhèanamh cinnteach dhoibhsan a ta ann Eabh. xi. 16. “Cha nàr le Dia, gu’n goirear an Dia-san dheth, oir dh’ ulluich e dhoibh baile.” Chan ‘eil e air a ghairm ‘na Dhia an anama a mhàin, ach an Dia-san; Dia am pearsa, an anama, agus an cuirp; nì a thaobh fhìrinn agus fhìreantachd, a dh’ fheumas làn-choimhlionadh fhaotainn: A nis, chan urrainn dà bhi air a làn-choimhlionadh air na mairbh, a ta, anns gu bheil iad marbh, fada o na h-uile beannachadh; ach air na beòthaibh, a ta ‘mhàin comasach air an sealtbachadh. Uime sin, a chionn gu’n goirear fathast do Dhia an Dia-san, tha iad beò a thaobh Dhé, ged tha’n cuirp fathast anns an uaigh; oir d’ a thaobh-san, d’an urrainn le ‘chumhachd an aiseag gu beatha, agus ‘na choimhcheangail a chuir an céill a rùn sin a dhèanamh; agus chan urrainn d’a ghealladh faillneachadh, tha iad uile gu bhi air am meas beò: Agus, a réir a’ choimh-cheangail chan ‘eil am bàs ach codal, as an éiginn doibh a bhi

agus am bi iad, gu cinnteach air an dùsgadh, a thaobh a’ choimh-cheangail cheudna, a ta daingneachadh gach uile d’am pearsaibh, do’n duine gu h-iomlan. Tha ‘n t-Abstol Pòl a’ dearbhadh na h-aiseirigh gu farsuinn, I Cor. xv., agus a’ nochdadh gur earrann bhunaiteach do’n chreidimh i; gu bheil a bhi ga h-àicheadh a cur a’ chreidimh Chriosdaidh bun os ceann. “Ach mur ‘eil aiseirigh nam marbh ann, ni mò a dh’ éirich Criosd. Agus mur d’ éirich Criosd, gu deimhin is diomhain ár searmon-ne, agus is diomhain bhur creidimh-se mar an ceudna.”

Gur comhnadh gu breithneachadh uime, tha na sgrìobtuir a’ toirt samhlaidh dhuinn mu aiseirigh nam marbh; mar tha na cnàmhan tioram, a bhi beò, Esec. xxxvii, teachd Ionah a mach á broinn na muice-màra, Mat. xii. 40. Agus tha obair nàduir a’ toirt cosamhlachdan agus coimeasan dhuinn uime; mar tha ghrian ag éirigh agus a’ luidhe a ris; oidheche agus là, geamhradh agus samhradh, codal agus dùsgadh; na golainghaoith ‘s a’ gheamhradh, a’ luidhe gun choslas ‘sam bith beatha ann an seann làraichean, agus an namhaibh fo thalamh, agus a’ teachd beò a ris an àm an earraich; an siol a’ bàsachadh fo ‘n fhoìd, agus déidh sin a’ fàs suas a ris: Feudaidh sinn na nithean sin uile agus an leithide sin a ghabhail, mar air orduchadh le Dia an nàduir, ged nach ann mar dhearbbaidhean, gidheadh mar chomharran, air an aiseirigh; mu’m bheil cinnteachd againn o na Sgrìobtuir. “Amadain, an nì sin a chuireas tu, eha bheòthaichear e, mur bàsaich e air tìs” I. Cor. xv. 36.

II. Feòraichidh mi mu nàdur na h-aiseirigh, ann a bhi nochdadh air tìs, Có bhios air an togail. ‘San dara àite, Ciod a bhios air a thogail.

Air tìs, Có bhios air an togail: Tha ar bonn-teagaig ag innseadh dhuinn cò iad; eadhon, iadsan uile a ta ‘s na h-uaighibh. ‘S e sin, an cinne-daoine uile, a ta marbh. A thaobh na muinntir sin a thogar beò aig ath-theachd Chriosd, chan fhaigh iad bàs, agus an déidh sin a bhi gu luath air an togail suas a ris; ach thig a leithid’ a dh’ atharrachadh orra, ‘s a bhios dhoibhsan,

co-ionnan ri bàsachadh agus éirigh iad a ris; air chor as gu’m fàs an cuirp cosmhuil ris na cuirp sin a thogar o na h-uaighibh; I Cor. xv. 51, 52. “Cha choidil sinn uile, ach caochlaidhear sinn uile, ann na tiota, am priobadh na sùil.” Uaithe so tha iadsan air an toirear breth aig an là mhór, air an eadar-dhealachadh gu “beòthaibh agus marbhaibh,” Gniomh. x. 42. Eiridh na mairbh uile, eò dhiubh diadhaidh no an-diadhaidh; “firean no neo-fhìrean,” Gniomh. xxv. 15, òg no sean; an cinne-daoine uile, eadhon iadsan nach fhaca riamh a’ ghrian, ach a bhàsaich am broinn am mathar, Tais. xx. 12. “Agus chunnaic mi na mairbh, beag agus mór, nan seasamh am fianuis Dhé.” Bheir an fhairge agus an talamh suas am mairbh gun aon a ghléidheadh, cha bhi aon air a chumail air ais.

‘San dara àite, Ciod a bhios air a thogail? Cuirp na chinne-daoine. Theirear gu bheil duine a’ faotainn bàis ‘nuair a tha’n t-anam air a dhealachadh o’n chorpa, agus a’ pilleadh chum Dhé, a thug uaith e, Ecl. xii. 7. Ach is e an corp a mhàin a ta air a chur ‘san uaigh, agus mu’m faodar a radh gu ceart gu’m bi e air a thogail; uime sin ‘s do’n chorpa a mhàin bhuneas an aiseirigh. Os barr, is e an dearbh chorpa a bhàsaich, a dh’ éireas a ris. Aig an aiseirigh, cha taisbeanar daoine le cuirp eile, a thaobh brigh, ach na cuirp a ta nis aca, agus a ta air an cur ‘san uaigh; ach leis na cuirp cheudna air an togail suas le buadhaibh eile. Tha dearbh chiall an fhocail aiseirigh, a ciallachadh so, a chionn nach fheudar a ràdh gu’n éirich nì a ris, ach an nì sin a thuiteas. Ach gu dhèanamh beagan ni’s soilleire, Air tús, Tha e soilleir a theisteas an Sgriobtuir: Tha ‘n t-Abstol ag innseadh, gur e “n corp bàsmhor so” d’ an éiginn “neo-bhàsmhoraichd a chuir uime” II. Cor. xv. 53. Agus gu’n cruth-atharraich Criostd “ar corp diblidh, chum gu’n déanar e comh-chosmhuil r’a chorpa glòrmhor féin” Phil. iii. 21. Tha ‘m bàs, ann an cainnt Sgriobtuir, ‘na chodal, agus an aiseirigh ‘na dùsgadh as a’ chodal sin, Iob, xiv. 12, a ta nochdadh gur e’n corp air a thogail suas, an dearbh chorpa a bhàsaich. ‘San dara àite, Tha ceartas oibre Dhé, araon a thaobh nan naomh agus nan

aingidh a’ dearbhadh so. Chan ‘eil e air a mheas cothromach am measg dhaoine, gu’n dèanadh aon neach an obair, agus gu’m faigheadh neach eile an duais. Ged nach e glòrachadh cuirp nan naomh, an duais a ta air thabhairt doibh air son an seirbhis no am fulangais air thalamh; gidheadh tha e soilleir nach ‘eil e idir freagarraich ri rathad riaghlaidh Dhé, gu’n seirbhiseachadh aon chorpa e, agus gu’m biodh corp eile air a ghlòrachadh; gu’n cuireadh aon an cath, agus gu’m faigheadh aon eile an crun. Cionnus a dh’fheudar a smuaineachadh gu’m fead teampuill an Spioraid naoimh, mar a deirear mu chuirp nan creideach. I Cor. vi. 19, a bhi do ghnàth nan luidhe an luaithre, agus dream eile bhi air an togail suas ‘nan àite; gu’m biodh buill sin Chriosd (rann, 15), air an call gu tur, agus cuirp eile teachd ‘nan àite? Chan fheud gu cinnteach, oir mar a tha cuirp sin nan naomh a nis a’ gabhail am pàirt ann an Dia a ghlòrachadh, agus a tha cuid diubh a’ fulang ‘na aobhar; bithidh iad mar an ceudna mar sin ‘nan luchd-comhpairt de’n ghlòir a ta gu bhi air a foill-seachadh. Agus bithidh cuirp sin nan aingidh, a ta air an càradh ‘san duslach, air an togail a ris; a chum gu fulaingeadh a’ cheart chorpa a pheacaich. Am peacaich aon chorpa an so, agus am fuiling, corp eile ann an ifrinn air son a pheacaidh sin? An luidh an corp sin a bha ‘na chompanach do’n anam ‘s a’ pheacaidh, gu bràth am folach ‘san duslach; agus am bi corp eile, aig nach robh aon phairt ‘s a’ pheacaidh, ‘na chompanach dhà ann an dòruinn? Cha bhi, cha bhi; is e an dearbh chorpa sin a ta nis a’ togail an uile smuainte gu ulluchadh air son a dhruim agus a bhronn, a bhios air a thogail suas a dh’fhuiling ann an ifrinn. S i an teanga sin a ta nis a’ mionnachadh, an teanga bhreugaich, aig am bi feum air uisge ‘ga fuarachadh, ann an lasraichibh siorruidh. Seasaidh na dearbh chasan, a ta nis a’ seasamh ann an slighe nam peacaich, agus a ta giùlan dhaoine gu ‘n slighean neo-dhiadhaidh, anns an loch theinnteach. Agus gabhaidh, na sùilean so a ta nis sanntach agus macnusach, am pàirt ann an teine agus deataich an t-sluic.

‘San treas àite, Cionnus a bhios na mairbh air an togail. Bithidh an t-Iosa sin féin a bha air a cheusadh an taobh a mach de gheata Ierusealeim, aig an là dheireannach, le dearbh-fhios nan uile air fhoillseachadh araon ‘na Thighearn agus ‘na Chriosd; a teachd mar Bhreitheamh an t-saoghail le ainglibh cumhachdach a’ feitheamh air, II. Tes. i. 7. “Thig e nuas o nèamh le ard-iolaich, le guth an ard-aingeil, agus le trompaid Dhé,” I. Tes. iv. 16. “Séididh an trompaid, agus éiridh na mairbh, agus caochlaidhear iad sin a ta beò,” I. Cor. xv. 54. Có dhiubh a ta ‘n iolaich, an guth, agus an trompaid so a’ ciallachadh guth àrd eiginn, no a mhàin oibreachadh cumhachd Dhé, gus na mairbh a dhùsgadh, agus air son oibre uamhasach eile an là sin, ged is e a’ cheud nì a’s cosluiche, cha ghabh mi orm féin a dhearbhadh. Chan ‘eil teagamh nach bi teachd so Breitheamh an t-saoghail, ann am mórachd agus ann an uamhas nì’s mò na’s urrainn dhunne a smuaineachadh. Gidheadh a ghabhaidh, a mhórachd, agus an taisbeanadh uamhasach sin, a bha air am foillseachadh aig tabhairt an lagha, eadhon, tairneanaich air an cluinntinn! dealanaich agus neul tiugh air an t-sliabh air am faicinn! an Tighearn a’ teachd a nuas ann an teine, an sliabh uile a criothnachadh gu mór, agus fuaim na trompaid a’ fàs ro làidir! Ecsod. xix. 16, 18, 19, feudaidh iad smuainte iomchuidh a bhrosnachadh uime. Gidheadh, cluinnear fuaim na trompaid feadh an t-saoghail uile! Ruigidh a fuaim gu doimhneachdan na fairge, agus gu iochdar na talmhainn! Aig an fhuaim làidir so, thig cnàmhan chum a chéile, cnàimh a chum a chnàmha! Cruinnichear r’a chéile duslach nam marbh uile, duslach chum a dhuslach! “Ni mò theannaicheas aon air aon eile; coisichidh iad gach aon ‘na cheum féin.” Agus air dhoibh cruinneachadh chum a chéile a ris, ni iad suas an corp ceudna a ruith ‘na duslach ‘san uaigh! Agus aig fuaim a’ ghuth sin, thig na h-uile anam a ris chum a chùirp féin gun a bhi air am dealachadh gu bràth tuilleadh.

Ri leantuin.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice