(Air a leantuin t-d., 30.)
‘Sa’ cheathramh àite, Suidhidh am Breitheamh sios air caithir a bhreitheanais: Suidhidh e air caithair a ghloire! Sheas e uaireigin an làithir caithir breitheanais air thalamh, agus bha e air a dhiteadh mar chiontaich; an sin suidhidh e air a chaithir bhreitheanais féin, agus bheir e breth air an t-saoighal! Chrochadh e aon uair air a’ chrann-cheusaidh, air a chomhdachadh le nàir; ann an sin suidhidh e air caithir glòire! Ciod a’ ghnè cathrach a bhitheas an so, eo dhiubh is neul dealrach, no eiod eile, chan fhiosraich mi; bheir ar sùilean freagrach do ‘n cheist sin mu dheireadh. Chunnaic Eoin caithir mhór dhealrach, Taisb. xx. 11. “Bha chaithir rioghail (arsa Daniel) mar lasair theine, agus a rothan mar theine loisgeach,” Caid. vii. 9. Ciod air bith a bhitheas i, gun teagamh bithidh i ‘na caithir glòrmhoir os ceann cainnte; agus ann an coimeas rithe, chan ‘eil ‘sa’ chaithir as glòrmhoire air, thalamh ach suidheachan air an òtrach: agus cuiridh sealladh dhi urrad ioghnaidh air righribh a ta suidhe air caithrichibh rioghail ‘sa’ beatha so agus a chuireas i air a’ mhuinntir dhiblidh a shuidh air na dùin-aolaich. Bithidh i ‘na caithir, ann am mórachd agus glòir, freagarach do bhuaiddhibh an ti a shuidheas oirre. Cha robh riamh aig breitheamh a leithid de caithir, agus cha robh riamh air caithir a leithid de Bheith-eamh a’ suidhe oirre.
A’ fàgail foillseachaidh nàdur na eathrach gus an là sin, buinidh e na’s dlùithe dhunne smuineachadh có am Breitheamh a shuidheas orra; puine anns nach ‘eil sinn air ar fàgail ann am barailean neo-chinnteach. Bithidh am Breitheamh air a’ chaithir. (1.) ‘Na Bheitheamh faicsinneach, faicsinneach d’ ar sùilibh corporra: Chì gach sùil e! Taisb. i. 7. ‘Nuair a thug Dia an lagh air sliabh Shinai, chan fhae’ an sluagh coslas, a mhàin chual iad guth! ach ‘nuair a ghaireas e an saoghail gu eunntas, eionus a thug iad fainear a lagh; air do ‘n duine Criost a bhi ‘na Bheitheamh, chì sinn ar Breitheamh le ‘r sùilibh, aon chuid gu ar eomhfhurtachd no ar nàire shiorruidh, a réir na h-aoidheachd a bheir sinn a nis dhà. Bithidh a’ cheart chorp sin a bha air cheusadh an taobh a mach de gheatachan Ierusalem, eadar dà ghaduiche, an sin air fhaicinn air an righ-chaithir a’ dealradh ann an glòir! Tha sinn a nis ‘ga fhaicin le comharaibh ann an sàcramaint a’ shuipéir; tha na naoimh ‘ga fhaicinn le sùil a’ chreidimh: Ann an sin, chì gach uile e leis na sùilibh sin a ta nis ‘nan cinn. (2.) Breitheamh aig am bheil làn ùghdarras agus cumhachd, gu iocadh do gach aon a réir ‘oibre. Tha aig Criosd, mar Dhia, ùghdarras uaithe féin; agus mar Eadar-mheadhonair, tha ùghdarras laghail agus cumhachd aige, a thug ‘Athair dha, a réir a’ choimheangail eadar an t-Athair agus am Mac, air son saoraidh pheacach agus bithidh glòir a dhiadhachd ‘na solus, anns am faic na h-uile dhaoine gu soilleir, ‘s gu ‘m feud iad a leughadh, an t-ùghdarras a tha aige-san chum an obair mhòr agus urramach so. “Tha gach uile chumhachd air neamh agus air thalamh air a thoirt dhasan,” Mat. xxviii. 18. “Tha iuchraicheann ifrinn agus a’ bhàis aige,” Taisb. i. 18. Chan fheudar cuis a thogail o ‘chaithir-san, air do bhinne dol thairis aon uair an sin, ‘s éigin di seasamh gu bràth; chan ‘eil atharrachadh ri dheanamh orra. Tha gach uile chuis a tha r’ a togail air an tabhairt o ‘n chuirte as Isle gu chuit as àirde; ach an uair a bheir Dia binn an aghaidh duine, c’ àit’ am faigh e chuit as àirde agus an toir e chuis? ‘Se am breitheanas so, breitheanas an Eadar-mheadhonair, agus uime sin am breitheanas deireannach. Ma bhios am Fear-Eadar-ghuidhe ‘nar n-aghaidh, có bhios air ar son! Ma dhiteas Criosd sinn, có a shaoras sinn? (3.) Breitheamh aig am bheil gliocas neo-chriochnach. Raunsaichidh a shùil agus bheir i gu soilleir fainear, na cuisean as duirche. Tha uile-fhiorsachd ga dhèanamh comasach gu breth a thabhairt air na smuaintibh as diomhaire, cho maith as air briathraibh agus air oibríbh. Cha bhi am peacach as cuilbheartaiche, comasach air a mhealladh, ‘s cha bhi e comasach, le innleachd sheòlta sam bith, a chionta lùghachadh. Is esan fear-rannsaichidh nan cridh-eachan, do nach urrainn ni bhi folaichte no do-thuigsinn, “ach a ta na h-uile nithe lomnochd agus fosgailte d’ a shùilibh-san,” Eabh. iv. 13. (4.) Breitheamh ro-chothromach; Breitheamh aig am bheil tréibhdhireas iomlan. Is esan am Breitheamh cothromach, (2Tim. iv. 8.) agus tha righ-chaithir ‘na righ-chaithir mhòr gheal (Taisb. xx. 11.) o nach tig breitheanas a mach, ach sin a ta fior-ghlan agus gun smal. Tharruing na Tebaich dealbh de cheartas gun sùilean, agus gun làmhan: oir cha bu chòir do Bhreitheamhna meas bhi aca air pearsa, no duais a ghabhail. Thug na h-Areopagaich breitheanas anns an dorchá; chum nach biodh spéis aca do ‘n neach a labhair, ach do’n ni a chaidh a labhairt. Aig a’ Bhreitheamh so air righ chaithir, cha bhi meas air pearsa seach a chéile; cha bhi suim aige do phearsa nam beartaech, na nam bochd: ach théid breth cheart a mach ann an euis na h-uile neach. ‘San àite mu dheireadh, Breitheamh uile-eumhachdach! comasach air a bhinne chur an gnòmh. Cha bhi uile neart dhiabhul agus dhroch dhaoine comasach air eur ‘na aghaidh. Chan urrainn doibh moille a chur ear aon mhionaid air a’ bhinn o bhi air a cur an gnòmh ‘nan aghaidh; is ro-lugha na sin as urrainn doibh bacadh iomlana chur air. “Tha mìle de mhiltibh (de ainglibh) a’ frithealadh dhà,” Dan. vii. 10. Agus le anail a bheòil is urrainn dà an treud malluichte ‘fluadachadh far an àill leis.
‘S a’ chruigeadh àite, Taisbeanaidh gach cuideachd ‘na làthair. Is iad sin daoiné agus diabhuil. Ged bha na diabhuil, na h-aingle a thuit, o ‘n cheud àm ‘san do pheacaich iad, buailteach do fheirg Dhé, agus a bha iad air an tilgeadh sìos do ifrinn; agus e’ àit ‘sam bith an téid iad, tha iad a’ giùlan an ifrinn mu ‘n cuairt leò; Gidheadh, tha e soilleir gu bheil iad air an coimhead air son breitheanas, (2 Pead. ii. 14.) eadhon, “fa chomhair breitheanas an là mhóir,” Iude 6. Agus ann an sin bheirear gu suidhichte agus gu follaiseach breth orra, 1. Cor. vi. 3. “Nach ‘eil fios agaibh gu ‘n toir sinne breth air ainglibh?” Air an là sin freagraidh iad air son an ceaird pheacachaidh agus air son buaireadh gu peacadh; a bha iad a’ cleachdamh o thoiseach. Ann an sin bithidh iomadh leanabh ifrinneil, a chuir Sàtan aig dorsaibh nan naomh, ach ris nach do ghabh iad, air an eur a sìos aig dorus am ffor athar, is e sin, an diabhul: Agus gheibh e ceart dhuais na h-uile eas-urrainn a rinn e air Dia, agus gach uile ole a rinn e do dhaoine. Na droch spioraid sin a ta nis ann an slabhraidh-ibh (ged nach ‘eil iad ann an ceangal cho teann, ach a’ dol mu ‘n cuairt, mar leòmhain bheucach, ag iarraidh có dh’ fheudas iad a sgrios,) gheibh iad an sin am binne dheireannach, agus bithidh iad air an glasadh suas ‘nan slochd, eadhon ann am priosan ifrinn; far am bi iad air an cumail ann am pian ro mhór agus do-labhairt fad uile-shiòrruidheachd! Taisb. xx. 10. “Agus thilgeadh an diabhul a mheall iad, ‘san loch theine agus phronnuise, far am bheil am fiadh-bheathach, agus am fàidh-breige, agus bithidh iad air am pianadh a là agus a dh’ oidheche gu saoghail nan saoghail!” Ann an roimhbheachd air so, thubhairt na diabhuil ri Criosd, an d’ thàinig thu an so g’ ar pianadh roimh an àm? Mat. viii. 29. Ach is e an nì àraidh d’ am buin dhuinne aire a thabhairt, staid dhaoine aig an là sin. ‘S éigin do na h-uile dhaoine taisbeanadh an làthair caithir a’ bhreitheanais so. Na h-uile de gach seòrsa, agus re gach aois, de gach gnè agus staid, mór agus beag, uasal agus iòsal; chan ‘eil neach air ‘fhàgail. Adhamh agus Eubha, le ‘n uile mhic agus nigheana; na h-uile aon aig an robh, no, gu crìoch an t-saoghail aig am bi anam beò ceangailte ri corp, iad ni suas an coimhthional mór so. Bithidh eadhon iadsan, a dhìùlt teachd gu caithir nan gràs, air an éigineachadh gu teachd gu caithir a’ cheartais, oir cha bhi folach o ‘n Breitheamh uile-léirsinneach, no teicheadh uaithe-san a ta làthair ‘s na h-uile àite, cha bhi eur ‘na aghaidh-san a ta sgeudaichte le cumhachd nec-chriochnach! “Is éigin duinn uile bhi air ar nochdadh an làthair caithir-breitheanais Chriosd,” “Cruinnichear ‘na làthair na h-uile chinnich,” deir an teagasg. Tha so ri bhi air a dèanamh le frithealadh aingle: Is ann leò-san a bhitheas na daoine taghta air an cruinneachadh, Marc. xiii. 27. “An sin cuiridh e aingil a mach, agus cruinnichidh e r’a chéile a dhaoine taghta féin o na ceithir gaothaibh.” Agus cruinnichidh iad mar an ceudna na h-aingidh, Mat. xiii. 40, 41. “Is ann mar sin a bhitheas ann an deireadh an t-saoghail so. Cuiridh Mac an duine aingil uait, agus tionaillidh iad as a rioghachd na h-uile nithe a bheir oilbheum, agus iad-san a ta dèanamh aingidheachd.” O uile ionallaibh an t-saoghail bithidh an luchd-àiteachaidh air an tional gus an àite ‘san suidbich e a righ-chaithir chum breitheanais.
(Ri leantwinn.)