Is mór tha dhìth na nàire
Air an àl tha ‘g éirigh suas.
Rinn dia an t-saoghail tràillean dhìùbh
Gun eagal bàis no truaigh’.
‘S mur pill thu an tròcair ruinn
Is sòlas thoirt do’n t-sluagh
Le cinnt bidh ‘n deireadh dóruinneach
‘S e an crioch bhi ‘m bròn bith-bhuan.
*This poem was composed by John MacRae while he was serving on the Battleship “Goliath.” John was a native of Braes, but latterly his home was at Rhemetra, Suizort. He was a seafaring man and when at home he used to walk to our Church in Portree every Sabbath seven miles each way. He was a member in full communion in the Portree congregation. It was during his calls in port at Glasgow that he became concerned about his soul’s salvation while attending the services in St. Jude’s. The late Rev. Neil Cameron, who knew him well, held him in high esteem. John MacRae lost his life when the “Goliath,” the battleship on which this poem was composed, was lost at the Dardanelles in the last War.
Is clann a ta gun ùmhlachd iad
Làn brùidealachd gu léir,
Is iad fo chumhachd prionnsa
Agus ùghdaras nan speur;
A’ ruith an slighe Chàin
Is d’a nàdur tha da réir,
Bidh deireadh mar Bhalaaim aé’
Bhi meag nam fàidhean bréig’.
Cha sealbhaich fuil is feòil
A chaoidh sòlas rioghachd Dhé’;
‘S gu dearbh cha cheannaich òr dhuinn
Còir am fuil na réit’.
Cha chuir ach Criosd le ‘bhàs sinn
Air àireamh ‘chloinne féin,
Is daor an éiric phàigh e
A thabhairt slàint’ d’a threud.
An cupan gu’n do dh’òl e,
Is dhòirt a ‘fhuil d’a réir.
Is mar bhraonaibh fallais brùchdadn mach
Thoirt ùmhlachd anns gach ceum.
Ar mallachdan gu’n ghiùlain e
Nach giùlaineamaid féin,
‘N ar n-àite gu’n do chuireadh e
B’e Ceann a’ chùmhaint e.
O crath an fhuil gun dàil oirnn,
Is thoir dhuinn gràs gu leòir.
Is leighis o gach gnìomh sinn
Is o ana-miann na feòl’;
O, cridhe cruaidh is cealgach,
‘S a’choguis mharbh thoir beò,
Is glan ar staoin air falbh uainn,
‘S ar talmhaidheachd fa dheòidh.
Sin éiridh sinn air sgiathaibh
‘S bidh creideamh ‘s gniomh d’a réir,
A’ gabhail tlachd ‘na àitheantan
‘S a’ gràdhachadh a chéil.
Is siùbhlaidh sinn a’ gluasad
Mar iolair luath nan speur,
Is ruithidh sinn air uairibh
A’ buanachadh ‘san réis.
Is amhairceamaid air Crìosd
Ceannard fìor a shluagh,
A chum ar creideamh crìochnaicd,
‘S ann eaidh e sìos do’n uaigh.
‘S a’ mhaduinn gu’n do dh’éirich e
Mar ghaiseach treun nam buadh,
Is tha e nis air àrdachadh
Aig a dheas làimh ‘m Pàrras shuas.
Na cumhachdan gu’n shàruch e,
Is chrath e’m bàs is uaigh,
Chuir uachdranaichd fo ‘shàiltean,
Chum slàinte thoirt d’a shluagh.
An lagh gu’n d’rinn e àrdachadh
‘S do cheartas phàigh e’n luach,
Is reub e nuas na sgàileachan
Is gu bràth cha téid iad suas.
Chaidh m’anam chum na h-ùrach
Mò bhrù ri talamh theann,
Dh’fhàg sud mo cheum neo-shunndach
‘S mo chridhe brùit is fann.
O tog do dhealradh gnùis oirnn
Is bidh dhomh dlùth ‘san àm
Is gléidh mar chloich do shùla mi
Gus am faigh mi nùll gu ceann.
O tha mi’n dùil nach fàg thu mi
‘S gu’n toir thu gràs nach gann,
Is builich creideamh teàrnaidh orm
Ma’s fhaigh mi bàs ‘s a’ ghleann:
Ma’s maslaich mi na bràithrean,
‘S gu’n nàraich mi do chlann,
‘S gu’m bi mi dèanamh tàire
Air an àireamh bheag tha ann.
‘S e àireamh bheag da rìreadh
Tha’n diugh a’ strì gu cruaidh,
‘S a ‘seasamh taobh na firinn
Agus dìleas do an Uan.
Gu’n dh’ullaich e dhoibh riòghachd
Bhìtheas cinnteach agus buan.
Tha àiteachan gu leòir
‘S an tigh-chòmhnuidh a ta shuas.
Chan urrainn daoin’ no ainglean
A rannsachadh gu leòir,
An t-ullachadh a rinn e
Air son oighreachan na glòir.
Bheir e suas gu Pàrras iad
Gu sràidean tha de’n òr,
Is glanaidh uath’ gach gràinealachd
A shàruch iad ‘san fheòil.
Is cuiridh e ‘na làthair iad,
Gun smal, gun chràdh no leòn
Is dealraichidh na h-àilleagain
Mar ghrian an àird gun neòil.
Théid trusgan sios gu sàilean orr’
Le sult ‘s deagh bhlàth gu leòir,
‘S bidh òran tìr Chanaain ac’,
Is clàrsaichean chum ceòl.
‘N uair ghleusas iad an clàrsaichean
Chum seinn gu bràth le buaidh
Ar leam gur binn an ceòl sin
Oran Mhaois agus an Uain.
‘S do’n dream a lean gu dìleas e,
Is dichiollach a ghluais,
Is shaor e iad mar chéud thoradh
Is ceilg ‘na bheul cha d’ fhuair.
Tha craobh na beath’ a’ fàs
Ann am meadhon Parras shuas,
Is mana chum an sàsachadh,
Is Sàbaid gun Di-luain.
Tha sòlasan do-chrìochnach ann
Is grian a tà bith-bhuan,
Tha aoibhneas a bhios siorruidh ann
‘S e ‘lathaireachd miann gach smuain.
Tha abhainn dh’uisge fior-ghlan
Teachd o chathair Dhé ‘s an Uain
Gach craobh toirt toraidh mhiosail uaip’
Air fad na bliadhn’ mu’n cuairt :
Tha toradh dà ghné dheug oirre
Chum biadh a ta neo-thruailt,
‘S an duilleach tha oirre leighisidh
Gach eucail tha orr’ is truaigh’.
Am baile is ceithir-cheàrnach e,
Is aon fhad an àird is leud,
Le bunait a chlachaibh sgiamhach
A ghluais gach miann ‘na dhéigh :
Tha balla de chloich Iaspais,
De òr am baile féin,
Mar ghloine geal a’ dealrachadh
Gu soilleir, àluinn, réidh.
Ach có chuireas am briathran duinn
An diomhaireachd tha shuas,
Is gun neach measg chloinn daoin’
A rannsaich gaol an Uain.
‘S mar thubhairt Daibhidh ruinn,
“Tha’n t-eòlas orm-sa cruaidh
Cha ruig mi air le àirde
Ri thuigsinn is ri luaidh.”
Ach creideamaid an fhìrinn,
Feadh a’ Bhiobuill anns gach àit’
Tha conaltradh da-rìreadh
Anns an fhìrinn duinn tre ghràs,
An t-uigse dh’òl na h-athraichean
Bho charraig ghlain nan àl,
Is thug e mil is bainne dhoibh
Is mar ghealladh Tir Chanaain.
Is dol troimh ghleann Bhàea
O Fhir mo Ghraìdh bi dlùth,
Is ‘n uair shoillsicheas do lathaireachd
Théid sgàil a’bhàis air cùl :
Gus faigh mi steach do Bheuladh,
Far faic mi féin do ghnùis,
Measg coimhthional do cheud-ghin,
Chum seinn le chéil’ do chliù.
‘S e ceòl tha sìor gun cheann gun chrioch
‘S e lathaireachd grian is glòir.
A mhùintir shaoirt’ a’ snàm ‘na ghaol
Gun chràdh, gun ghaoid no leòn.
Nighean an Righ tha uile grinn
Le còmhdach-einn de’n òr
Is culaidh glé gheal Aon Mhic Dhé,
Is obair ghréis gu leòir.
Bidh nighean Thiruis ann gu tric
Le tioclacaibh ‘na làimh,
Théid iad a steach gu cuirt, an Righ,
An còmhlàn grinn ta ann,
Do àitibh aoibhneach bheirear iad,
Mar d’shinnisiribh bidh do chlann,
Is d’ainm ro-ghlòrmhor bidh air chuimhn’
Fad linn gun chrioch gun cheann.