Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1941 » March 1941 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

RIOGHACHD NEIMH.

(Air a leanuinn bho t.-d., 65.)

III. Ma dh’ fheòraicheas aon, e’ àit’ am bheil rìoghachd nan naomh? Chan ann ‘san t-saoghal so; tha i ann an “dùthaich as feàrr, eadhon dùthaich nèamhaidh,” (Eabh. xi. 16) dùthaich na’s feàrr na’n dùthaich a’s feàrr air an t-saoghal so; eadhon an Canaan nèamhaidh, fearann Immanuël, far nach ‘eil uireasbhuidh air nì a dhèanamh sonas an luchd-àiteachaidh iomlan. ‘Si so an dùthaich shona, air a beannachadh le àm-fàs buan, agus a’ toirt seachad gach nì a ta feumail, iomchuidh agus taitneach. Ann an sin ithidh daoiné biadh aingil! bithidh iad air am beathachadh leis a’ mhana fholaichte, (Taisb. ii. 17) gu’n a bhi air an eur gu dragh a bhi ga chruinneachadh; bithidh iad air an làn-bheathachadh, le toradh an fhearainn, a’ tuiteam ‘nam beòil, gun an t-saothair as lugha dhoibh. Tha ‘m fearann sin a’ mealtuinn là siorruidh, oir chan ‘eil oidhche an sin, Taisb. xxi. 5. Tha dealradh gréine shiorruidh a’ maiseachadh na dùthcha so as feàrr; ach chan ‘eil teas loisgeach an sin. Chan

fhaicear neòil gu bràth an sin; gidheadh chan fhearann tartmhor e: Tha craobhan planndachaidh an Tighearn air an suidheachadh ri taobh nan ainhnichean uisge, agus cha bhi uireasbhuidh uisge orra; oir gheibh iad comh-leasachadh sìorruidh an Spioraid, le Iosa Criosd o Athair. ‘Si so an dùthaich o ‘n d’ thàinig ar Tighearn, agus gus an deachaidh e ris; an dùthaich air an robh sùil nam priomh-aithriche agus nam fàidhean naomha uile, am feadh a bhi iad air thalamh; agus gus an deachaidh na naoimh uile, a chaidh romhainn a steach, tre dhian-chath; agus gus an deach na fianuisean a chuireadh gu bàs air son Chriosd a steach gu h-aobhneach a’ snàmh tre chuan fola! ‘Se ‘n talamh so, ionad-turuis nan naomh; is i sin an dùthaich, far am faigh iad am fois shiorruidh.

IV. A’ chaithir rìoghail, ‘si ‘chaithir mhòr sin i, an Ierusalem naomh, a ta air a h-ainmeachadh gu farsuinn, Taisb. xxi. 10. gu erioch a’ chaibideil, Is fior, gu bheil cuid de dhiadhairean fòghlumte a’ suidheachadh na caithreach so air an talamh; ach tha na nithe àraidh a ta air an ainmeachadh, ann am bharail-sa, a réir beachd na muinntir sin a ta ‘gar seòladh gu saoghal eile air a son. Rìoghaichidh na naoimh anns a’ chaithir sin, aig am bheil a balla de Iaspir, agus bunaite a’ bhalla air an dèanamh sgiambach leis gach uile ghnè chlocha luachmhor, agus an t-sràid a’ dh’ òr fiorghlan, rann 16, 19, 21. Air chor a ‘s gu ‘m bi an cosan air an suidheachadh air sin, air an do shuidhich muinntir an t-saoghail an cridheachan. ‘Se so am baile a dh’ ulluich Dia air an son, Eabh. xi. 16. “Baile aig am bheil bunaite,” rann 10. Baile a mhaireas, caib. xiii. 14.) a sheasas agus a bhios a’ soirbheachadh, ‘nuair a bhois uile bhailte an t-saoghail air an eur ‘nan luathre; agus nach bi air a ghluasad, ‘nuair a bhios bunaite an t-saoghail air an eur ‘nan luathre; agus nach bi air a ghluasad, ‘nuair a bhios bunaite an t-saoghail air an eur bun-os-ceann. Is baile e nach caochail a chaoidh a luchd-àiteachaidh; cha bhi aon gu bràth air an atharrachadh a mach as, oir tha beatha agus neo-bhàsmhorachd a’ riaghladh ann an sin, agus cha téid bàs gu bràth a stigh ann: Tha e air a bheannachadh le sìth iomlan, agus mhaireannach, cha bhi e gu bràth air a chur troimh chéile air dhòigh ‘sam bith; chan

urrainn ni o ‘n taobh a mach dragh a chur air, chan ‘eil a gheatachan uime sin air an dûnad ‘san là, agus cha bhi oidhche an sin, Taisb. xxi. 25.—Chan urrainn do ni o ‘n taobh a stigh trioblaid a chur ann: Chan ‘eil easbhuidh lòin an sin; cha bhi gairne; cha bhi aimhreite am measg an luchd-àiteachaidh: Ciod air bith comhstridhean a ta measg nan naomh a nis, cha bhi am fuigheal as lugha d’ an eas-còrdadh ri fhaotainn ann an sin. Bithidh gràdh do Dhia, agus do aon a cheile, air a dhèanamh iomlan; agus iadsan dhiubh a sheas, fad o chéile ann an so, fàiltichidh iad gu h-aobhneach agus bithidh tlachd aca ann an aon a chéile an sin.

V. ‘S ‘n lùchairt rìoghail, tigh Athar Chriosd, anns am bheil iomadh àite-còmhnuidh, Eoin xiv. 2. Ann an sin gabhaidh na naoimh còmhnuidh gu bràth: ‘Se sin an tigh a ta air ulluchadh air son uile oighreachan na glòire, eadhon iadsan dhiubh a ta nis a chòmhnuidh anns a’ bhothan as suaraiche, no aig nach ‘eil ionad ‘san cuir iad an cinn sios. Mar a tha ar Tighearn a’ gairm a naoimh chum rìoghachd, ulluichidh e tigh dhoibh freagarach do ‘n inbhe ‘san cuir e iad. Bithidh nèamh ‘na thigh iomchuidh, farsuinn agus glòrmhor, air an sonsan, air an toil leis an Righ urram a chur. Cha robh riamh tigh air a cheannach le luach cho daor ris an tigh so, air dha bhi ‘na luach fola an Eadar-mheadhonair; agus cha b’ urrainn da bhi air a chosnad air an son le luach bu lugha. Cha robh riamh urrad a dh’ obair, a dh’ ulluchadh luchd-àiteachaidh air son tighe. Bha na naoimh, a thaobh nàduir, gu h-uile neo-iomchuidh air son an tighe so, agus cha b’ urrainn do innleachd no do dhèichioll dhaoine an deanamh iomchuidh air a shon. Ach tha ‘n t-Athair a’ toirt na muinntir a chuir e air leth gu bhi ‘nan luchd-àiteachaidh d’ a Mhac, gu bhi leis-san air an saoradh; Tha ‘m Mac ag iocadh luach an saoraidh, eadhon ‘fhuil luachmhor féin; a chum le aontachadh ceartais, gu faigh iad slighe fhosgailte chum an tighe; agus tha ‘n Spiorad naomh ‘gan naomh-achadh le ‘ghràs; chum gu ‘m bi iad iomchuidh air dol a stigh an sin far nach urrainn do ni neo-ghlan dol. Agus chan iongnadh sin, oir is e lùchairt an Righ d’ am bheil iad a’ dol. (Salm xlv. 15.) tigh na rìoghachd, far am bheil an Righ mor a’ cumail a

chùirte; far am bheil a Righ-chaithir aige, agus ‘sam bheil e a’ taisbeanadh a mach a ghloire, air dhòigh àraidh, os ceann na ‘s urrainn daoine bàsmhor a’ smuaineachadh!

VI. ‘Se ‘Phàras lìos na lùchairt aca: bithidh tu maille riumsa ‘n diùgh ann am Pàras, deir ar Tighearna ris a’ ghaduiche aithreach-ail air a’ chrann-cheusaidh, Luc. xxiii. 43. Tha nèamh ‘na Phàras, air son toilnntinn agus tlachd, far am bheil araon coille agus uisge: “amhainn fhìor-ghlan de uisge na beatha, soilleir mar chriostal, a’ teachd a mach á righ-chaithir Dhé, agus an Uain; agus air gach taobh de ‘n abhainn craobh na beatha, a’ giùlan dà ghnè dheug thoraidh, agus a’ toirt toraidh uaipe gach uile mhìos,” Taisb. xxii. 1, 2. Cia sona a dh’ fheudadh Adhamh neo-chiontach a bhi anns a’ Phàras thalmhaidh, far nach robh uireasbhuidh ni ‘sam bith air son feum no tlachd! B’ e Eden am mir bu tait-niche de ‘n talamh mu ‘n do thruailleadh e, agus Pàras am mir bu taitniche de Eden: Ach ciod e an talamh, ann an coimeas ri nèamh? Tha na naoimh a ta air an glòrachadh air an àrdachadh gus am Pàras nèamhaidh. Ann an sin chan e mhàin gu faic iad, ach ithidh iad de chaoibh na beatha, a ta ann am mheadhon Pàras Dhé, Taisb. ii. 7. Chi iad glòir an eadar-mheadhonair, agus bithidh iad air an sàsuchadh le ‘mhaitheas. Cha bhi claidheamh lasarach ann an sinn a ghleidheadh slighe craobh sin na beatha; ach ithidh iad gu saor dhi, agus bithidh iad beò gu bràth. Agus òlaidh iad de amhainn de shòlasan (Salm xxxvi. 8), na sòlasan sin as milse agus as feàrr as urrainn fearann Imanueil a thabhairt; agus snàmhaidh iad ann an cuan de thaitneas, neo-choimeasgta gu saoghal nan saoghal!

VII. Bithidh ionnhasan rioghail aca, freagarach gu cumail suas na h-inbhe gus am bheil iad air an àrdachadh. A chionn gu bheil sràid na caitreach a dh’ òr fior-ghlan, agus gu bheil an dà gheata dheug aice ‘nan dà neamhnuid dheug; is éiginn gu ‘m bi an ionnhasan de ni as feàrr na òr no neamhnuid. Is trom chudthrom siorruidh de glòire e! 2 Cor. iv. 17. O ionnhas luachmhoir! ionnhas nach ‘eil buailteach de thruailidheadh air bith, le reudain no le meirg; ionnhas nach urrainn aon a ghoid uatha, Mat. vi. 20. Cha d’ thug rioghachd riamh a leithid de ionnhas

luachmhor, no ionmhas de leithid de nithibh de na h-uile seorsa; oir sealbhaichidh an tì bheir buaidh na h-uile nithe, Taisb. xxi. 7. Chan ‘eil ionmhas air thalamh aig am bheil na h-uile nithe ann; ged bhiodh iad uile air an eur r’ a cheile ann an aon, bhitheadh nithe, bu luachmhoire a dh’uireasbhuidh air an aon sin, no a gheibhte ann. ‘Se so air an aobhar sin ionmhas àraidh nan righ-rean sin, a ta sealbhachadh rìoghachd nèimh. Cha bhi ni a ‘dh’ uireasbhuidh orra, a dh’ dheudas an làn-shàsuchadh. A nis tha iad saoibhir ann an dòchas: Ach an sin bithidh an saoibhreas aca ‘nan làimh. A nis is leò na h-uile nithe, a thaobh còir: An sin bithidh na h-uile nithe aca ann an seilbh. Feudaidh iad dol gu saoghal nan saoghal tre fhearann Imanuail, agus amharc air a ghloir agus air a shaoibhreas, leis an smuain thaitneach, gur leò féin na chì iad. Is bochd gu ‘m biodh iadsan fuidh thrioblaid mu uireasbhuidh nithe talmhaidh, a ta cinnteach gu ‘n sealbhaich iad na h-uile nithe mu dheireadh.

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice