Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1944 » January 1944 » Tha E uile gu Léir Ionmhuinn

Tha E uile gu Léir Ionmhuinn

A IR do’n chéile teachd a dh’ ionnsuidh so ann an aithris a chliù, tha i nis a’ comhdhùnad an iomlain anns an ràdh choitichionn so: “Seadh, tha e gu léir ionmhuinn.” Mar gu’n abradh i:—”Tha mi a nis air cruinneachadh r’a chéile cuid de bhuadhibh agus de shubhaileibh nan nithe cruthaichte,—nithe anns an d’ fhuaras luachmhoireachd, agus feum, agus maise, agus glòir, agus rinn mi cuid de iordheireis Fìr mo ghràidh a choimeas riu. Ach cha ghiùlan comasan a’ chomh-shamhlachais so na’s fhaide mi ann an aithris a chliù; chan amais mo mhiann air coimeas na’s freagarraiche do’n ionmuinneachd agus an ionmuinnachd a tha ann: ach, mo thraigh! tha so uile teachd geàrr air an ionlanachd, air a’ mhaise, agus air an ailleanachd a bhuineas da; tha e gu léir ionmuinn-aichte, gu léir ionmuinn; ” Ionmuinn ‘na phearsa, ann an uile-fhog-hainteachd glòrmhor a Dhìadhachd, annamfìor-ghloine agus ‘an naomhachd a dhaonnachd, ‘na ùghdarras agus ‘na mhòralachd, ‘na ghràidh agus ‘na humhachd.

Ionmuinn ann an gabhail ar nàduir, ionmuinn ‘na bhreith;
ged a bha e saoibhir, gidheadh rinneadh bochd e air ar son, a’ gabhail comh-roinn d’ar feòil agus ar fuil, mheud ‘s gu’n robh againne roinn anta sin; air dha a bhi air a ghin o mhnaoi, chum gu’m bitheadh e air a dhèanamh fo’n lagh, ladhon air ar son-ne.

Ionmuinn ‘na bheatha gu léir,
anns an ùmhlachd naomh a thug e, a thug barrachd air na h-ainglibh, eadhon ann an doimhneachd na bochdainn agus na geur-leannmuinn sin anns an do chleachd se i; a ghnàth a’ dèanamh mheith, agus a ghnàth a’ faotainn nile ‘na éiric; a’ beannachdadh, gidheadh air a mallachadh, air a chàineadh, air a mhaslachadh, uile laithean a bheatha.

Ionmuinn ‘na bhàs;
seadh, ro ionmuinn ann do pheacaich; cha robh e riann na’s glòrmhoire agus na’s taitniche dhoibh, na ‘nuair a thugadh a nuas o na chram e, air a bhriseadh, agus air a mharbhadh. Ann an sin ghiùlaineadh ar peacaidhean air falbh leis do thir chéin na dì-chuimhne, ‘an sin rinneadh reite agus sith air ar son; ‘an sin rinneadh beatha agus neo-bhàsmhoireachd a chosnadh leis air ar son.

Ionmuinn ‘na obair gu léir,
‘na bheatha, ‘na bhàs, ‘na aiseirigh, agus ‘na dhol suas air nèamh; air bhi dha na eadar-mheadhonair eadar Dia agus sinne, chum ceartais Dé a ghlòrachadh, agus ar n-anaman a théarnadh, chum ar cur ann an seilbh air Dia, a bha air ar cur gu neo-chriochnach am fad air falbh uath tre’n pheacadh.

Ionmuinn ‘na ghloir agus ‘na mhòralachd,
leis am bheil e nis air a chrùnadh. Tha e nis air suidh sios aig deis laimh na Mòrachd anns na h-àrdaibh; far am bheil e làn trècair, agus gràidh, agus truscantachd, dhoibhsan a’s leis, ged a tha e ro eagalach d’a nainhdibh.

Ionmuinn ann an uile fhrithealaidhean a ghràis,
agus a’ chomhfurtachd sin air am bheil a naoimh ‘nan luchd-compairt tre’n Spiorad Naomh.

Ionmuinn anns a chùram thruacanta,
anns a’ chumhachd, agus anns a’ ghliocas a tha e cleachdadh ann an dìon, ann an gleidheadh, agus ann an saoradh na h-eaglais, ‘am measg na h-uile cunnart agus geur-leannmuinn, d’am bheil iad fosgailte.

Ionmuinn ann an uile òrduighibh a thighe,
agus anns an aoradh glòrmhor agus spioradail sin gu léir a shuidhich e d’a phobull, trid am bheil iad a teachd am fagus agus a’ sealbhachadh comh-chomuinn ris a’ Mhac, agus ris an Athair.

Iomhhuinn agus glórmhir ann an déanamh dioghaltais
air ‘uile naimhdibh reasgach féin agus na h-eaglais.

Iomhhuinn anns a’ mhaitheanas a choisinn e agus a tha e’ frithealadh a mach,
—iomhhuinn anns an réite sheasmhach a dhaingnich e, anns a’ ghra’s a tha e’ compairteachadh, anns a’ chomhfhurtachd a tha e’ buileadh, anns an aoibhneas agus anns an t-sith a tha e’ labhairt r’a phobull, agus ‘na ghleidheadh téaruinte orra chum glóire shiorruidh. Ciod a their sin? chan ‘eil erioch air ‘oirdheirceis agus ‘ionnhiannachd;—”Tha e gu léir iomhhuinn. Is e so fear ar gráidh, agus is e so ar caraíd, O nigheanan Jerusalem.”—Iain Omhain (eadar-theangaichte le’ A. Mac-Dhùighail).

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice