Ann a bhi labhairt o na briathran so, tha e iomchuidh beachdachadh anns a dheud aite agus sin gu h-aithghear, air, Ciod e sin a bhi deanadh uaill ann an cuspair sam bith; agus a ris, Ciod e an t-aobhar uaill a th’againn anns a chuspair ghlormhior so a tha fa’r eomhair anns a cheann-theagaig.
Tha bhi deanadh uaill ann an cuspair a gabhail a stigh an da ni so:—Anns a dheud aite, ard-mheas a bhi againn air; agus ‘s an dara aite—daimh no gnothuch eigin a bhi againn ris. Cha dean sinn uaill anns na nithibh ri’m bheil gnothuch againn, mur eil meas againn orro; no anns na nithibh air am bheil ard-mheas againn, mur eil air dhoigh eigin daimb no gnothuch againn riu. Ach ged is e gnothuch gach criosduidh aideachail ann an seadh eigin, uaill a dheanadh a crann-ceusaiddh Chriosd a thaobh an daimh ris o’n leth a muigh le an cocheangal baistidh, agus do bhrigh gu’m bheil toraidhean beannaichte a chroinn-cheusaiddh air an taisbeanadh gu soilleir, agus air an taigseadh gu saor dhoibh; gidheadh, is ann dhoibhsan, a mhain a ghabh gu treibhdhirear’s ris an taigse da’n comas gu firinneach uaill a dheanadh anns a chuspair so. Ach gidheadh, tha an ni so tha dhoibh sud ‘na shochair, ‘na dhleasannas do na h-uile. Bu choir gu’m biodh na h-uile air an earalachadh gu uaill a dheanadh anns a chuspair so, gu’n cuireadh iad mor-mheas air, air sgath ‘oirdheireis mar tha e ann fein; gu’n suidhicheadh iad an cridheachan air tre chreideamh do bhrigh g’um bheil e’n an taigse:gu’n taisbeanadh iad am meas air le bhi ag iarraidh coir ann; agus air dhoibh meas iomchuidh chur air, agus coir fhaotainn ann, gu’n deanadh iad dicioll gu bhi deanadh buan-ghairdeachas ann.
Ach is ann le beachdachadh air gloir a chuspair so;—Crann-ceusaiddh ar Tighearna Liosaid, is fearr a thugear nadur a ghairdeachais a tha acasan a fhuair coir ann.
Bha na faidhean o shean, leis an robh teachd Chriosd air a roimh-innseadh, air an lionadh le aoibhneas aig meud an t-seallaidh shoilleir a fhuair iad air a ghloir. Tha am Messiah air fhoillseachadh cha n’ ann amhain ‘s an Tiomnadh Nuaidh ach mar an ceudna’s an t-seann Tiomnadh, mar an neach is comharrachtae agus is urramaiche bha riabh air an talamh. Tha iad a labhairt uime mar Uachdaran glormhor, mar Phrionsa, mar Righ, mar Ghaisgeach buadhmhior, a bharr air ainmeannan moralach agus ar-urramaich eile; a nochdadh gu’m biodh ‘uachdaranachd farsuing agus buan-mhaireannach, agus gu’m biodh an talamh uile air a lionadh le ‘ghloir.
Ach tha a dhiblidheachd cho math ri ‘mhorachd air a roimh-innseadh leis na faidhean. Tha iad ag innseadh gu’m biodh e da rireadh ‘na Righ glormhor, ach air a dhimeas agus air a chur air eul le daoiné:—agus a dhaindeoin gach ard-dhochas a bh’aig an t-saoghal d’a thaobh, gu’n rachadh e troi an t-saoghal fo thair agus fo dhimeas; gun suim idir dheth ach ann an rathad a bhi buntuinn ris gu drochmhuinneach.
Mu am a theachd bha na h-Iudhaich ann an ard-dhochas ris mar ghaisgeach buadhach a bha gu Israel a shaoradh mar chinneach. Agus ma dh’fhaodar Eachdraidh a chreidsinn; bha aig an am cheudna rud-eigin de bharail am measg fhineachan eile, a thog iad ma-dh’fhaodta o’n fhaistneachd Iudhach, gu’n robh Prionnsa gun choimeas ann an gloir ri eiridh suas anns an Aird-an-car—agus gu h-araidh ann an Iudea—a bha gu rioghachd uilfharsuing agus chumhachdach a chur suas. Ach bha an eridheachan a mhor-shluaigh anns gach linn, air mhig le mor-mheas air greadhnachas talmhaidh, agus b’i sin a mhain a mhoralaichd d’an robh tlaichd no breithneachadh aca. Mar sin rinn iad dealbhintinn dheth-san a b’e “miann nan uile chinneach,” ach dealbh a bha gu buileach neocholtach ris.
Feumaidh Righ d’am bi ard-mheas aig an t-saoghal a bhi ann an seilbh air mor-chumhachd, air armaitlean lionmhor, crun agus slat-riaghlaidh oir, righ-chathair statail, luchairtean moralach, cuirmean greadhnach, moran dhreuchdan onorach, agus de dheagh-ghean rím buileachadh.
Ach cha b’ann mar sud a thainig e. An aite crun oir, crun sgithich; an aite slat rioghail, chaidh cuile a chur le fanoid ‘na laimh; an aite righ-chaitthir, crann-ceusaidh. An aite luchairtean, cha robh aite aige anns an leagadh e ‘cheann; an aite cuirmean greadhnach do nhuinntir eile, bu tric a bha e fein ocrach agus iotmhor; an aite luchd frithealaidh ard-inbheach, buidheann a dh’iasgairean bochda; an aite mor-shaoibhreas gu a sgapadh air muinntir eile, cha robh aige na phaigheadh a chis gum mior-bhuil oibreachadh. Agus cha robh dreuchd no onoir a b’fhear aige ri bhnuileachadh air a chairdean na gu’n togadh iad an crann-ceusaidh ann a bhi ga leantuin. Anns gach ni bha’ shuidheachadh uile gu leir calg-dhireach eucosmhuil ri moralachd shaoghalta o ‘bhreth gu ‘bhas. Prasach an aite creathall aig a bhreth, gun aite an leagadh e ‘cheann mar bu trice re a bheatha; no uaigh a bhuneadh dha fein aig a bhas.
Is e an sealladh so air irioslachadh Chriosd a ghluaiseas an t-ascreideamh gu bhi feoraich le frionnas gearanach,—C’ aite ‘m bheil a ghloir ud uile tha cho ion-mholta?
Le suil a chreidimh, chithear a ghloir ud troi roinn-bhrat tana ‘fheola; agus fo’n chomhdach iriosal ud, chithear Righ na gloir, Righ nan Righ-rean, an Tighearna laidir treun; an Tighearna treun an cath (Salm xxiv. 8). Is aid na neamhan a righ-chathair; an talamh stol a chos; an solus, a thrusgan; na neoil, a charbad; an tairneanach, a ghuth;—tha ‘neart uile-chumhachd; a shaoibhreas uil-fhoghainteach; a ghloir neoichroichnach;—is iad feachd neamh a luchd frithealaidh, is iad muinntir oirdhean na talmhainn ‘oighreachd neothruailidh, air an do bhuiilich e saoibhreas dorannsaichte; cuirmean de sholasan buanmhaireannach, agus suidheachaidhean arda a dhu’-urram neobhasmhor;—’g an deanadh ‘n an righrean agus ‘n an sagartan do Dhia; ‘n an luchd buaidh, seadh, ‘n an luchd tuilleadh agus buaidh;—n an cloinn do Dha, agus ann an aonadh diomhair ris fein.
Tha rud-eigin ri fhaicinn an so a tha toirt barrachd neo-leithideach air gach gloir thalmhaidh ged tha e fo chomhdach ro-iriosal. Ach tha an comhdach iriosal so an aghaidh cail an t-saoghail. Gidheadh, ma bheach-daichear gu ceart air a chomhdach so, chithear e ann an dreach cho glormhor agus gu’m bheil eadhoin a dhiblidheachd ro-urrach.
B’ isleachadh glormhor e, do bhrigh gu’n robh a ruintean agus a thoraidhean ro-ghlormhor. Ma dh’fhuiling Esan masladh, bochduinn, cradh, bron agus bas re seal; is ann a chum nach fuilingeadh—midne na nithibh sin a chaoidh. Uime sin, bha an t-isleachadh ud glormhor do bhrigh gu’n robh e ann an daimh frithealaidh do runtaibh graidh agus trocair a bha neochriochnach ann an gloir.
Bha e ‘na fhrithealadh mar so ann an caochladh dhoighean. Riaraich e agartais an lagha; chuir e onoir do-labhairt air ‘iarrtasan uile. B’e pairt do run Chriosd a leithid a dh’onoir a chur air naomhachd, sin ri rath, air umhlaichd do’n lagh, agus gu’m biodh gach ni eile suarach ann an coimeas ris. Is e gaol moralaichd shaoghalta aon de na bacaidhean is mo agus is laidire tha’n aghaidh naomhachd. Cha robh feum againn air eiseimpleir Chriosd gu bhi moladh dhuiinn greadhnachas an t-saoghail; ach bha mor-fheum againn air ‘eiseimpleir gu bhi giulan gum ghearan le bhochduinn: agus gu ardnheas a chur air naomhachd, ciod air bith dimeas a dh’fhaodas teachdh ‘n a lorg. Bha suidheachadh diblidh Chriosd ‘n a mheadhoin luachmhor airson na criche so. Mar sin, bha moralaichd eadhoin ‘n a dhiblidheachd. Tha onoir dhaoine eile an crochadh ri an crannchur; ach bha crannchur Chriosd air a dheanadh onorach leis fein. Tha bochduinn agus isleachd ann an co-bhoinn ri naomhachd air a dheanadh leis-san na staid ro-urrach. Mar sin, bha isleachd Chriosd o’n leth a muigh, leis an robh ‘fhoir-mhoralachd air a folach, ro ghormhor innte fein, a thaobh an ruin a bu chroich dhí. Gidheadh, cha robh an run ud tur-fholaichte ‘na isleachd; bha ioma gath-soluis de a ghloir a dealradh a mách troimh a dhiblidheachd.—Iain MacLaurin.