Le TOMAS BOSTON.
(Air a leantuininn bho t.-d. 214.)
‘San dara aite.—A pheacacha, nach eil flios agaibh gu bheil sibh ciontach, agus nach comasach dhuibh dol a steach fhaotainn gu Dia neo-reidh? Chaidh briseadh mor a dheanamh eadar Dia agus an duine le peacadh. Tha ceartas a’ tagar iobairt; is eigin reite a bhi air a deanamh. Do bhrigh ‘s gu bheil am peacach neoghlan, cha’n urradh dha bhi an sagart; agus cha’n eil e comasach air iobairt ullachadh, oir cha leor na bheil do spreidh air mhile nochd gu iobairt loisgte. Uime sin rinneadh Iosa Criosd ar sagart; b’e nadur a dhaonachd an iobairt; b’e a nadur-diadhaidh an altair a naomhaich an tioldhaic; b’i feirg Dhe an teine a loisg an iobairt: chaidh fhuil a ghiulan a stigh do’n ionad bu ronaomh, nuair a chaidh Criosd suas do neamh, agus a shuidh e air deas laimh an Athair, gu bhi ag eadar-ghuidhe airson pheacach, air steidh an riarachaidh a thug e. Anis si so an reite; agus b’aill leinn sibh gabhail ris an innleachd slainte so, le Criosd ceusda, a cuir dhibh bhur fireanteachd fein, chum ‘s gu’n direadh sibh suas gu neamh air faradh eadar-mheadhonaireachd Chriosd. Anns a pharras thalamhaidh, chuir Dia suas faradh, air am feudadh an cinne-daoine uile direadh suas gus a pharras neamhaidh. B’e sin coimh-cheangal nan gniomh; faradh a bha eomasach air cudthrom an t-saoghail uile a ghiulan comhlath; ach air a dheilbh air leithid do dhoigh, ‘s na’n lasaicheadh ach an’ dealg bu lugha dheth, gu’m briseadh e uile na bhloighdean. Chaidh an cinne-daoine uile suas air, eadhon a cheud Adhamh agus a shloichd uile na leasraidh; ach air dhasan aon dealg dheth a lasachadh, ann am priobadh na suil, bhris am faradh, agus thuit esan agus a shloichd uile gu doimhne truaigh, agus gu slochd oillteil, far am faiceadh iad neamh fada uatha, ‘s gun doigh air bith gu a ruigsinn. Chuir am briseadh eagallach so aobhneas air na deamhnaibh; chuir e uamhas air na h-ainglibh; chunnaig iad nach b-urrainn dhoibh a charamh, na h-aon eile a dheanamh, agus bha iad ni bu ghle na gu feuchadh iad ris. Chunnaig Mac Dhia, nach robh a h-aon a’measg nan creutairean a bheireadh cobhair, agus uime sin dh-oibrich a ghairean fein a mach slainte. Chaidh faradh eile a dheanamh, Iosa Chriosd, Dia-dhuine, an t-slighe chum an Athair.—Gin. xxviii., 12. Tha a bhonn air a chuir air an t-alamh, oir tha esan na dhuine; bha’m faradh air a chuir co iosal ‘s gu’n ruigeadh peacach air; bha e air a shuidheachadh ro-iosal, eadhon “ann an ionadaibh iochdarach na talamhainn”—Eph. iv., 9.—duthaich a bhais. Tha bharr a ruigeachd gu neamh, oir is Dia esan: tha’m faradh co arda, ‘s gu’n cuir e am peacach suas gu neamh. Cha’n urrainn e aon chuid fuasgladh na briseadh leis a chudthrom is motha a theid a leigeadh air, oir tha e air thathadh sa cheile le fuil do luach neo-chriochnach, a chaidh a dhortadh, gus a chuid a b-fhaide do agartais ceartais, Eabh. ix. 14. Thigibh a pheacacha, leigibh bhur cudthrom air, ‘s na biodh eagal oirbh. Cha ghiulanadh a cheud fharadh ni sam bith ach pearsaibh dhaoine; cha b-urradh dha aon pheacach a ghiulan le eallach cionta air dhruim, oir bhriseadh e fodha; ach giulanaidh am faradh so sibh, agus bhur eallach ciont mar an ceudna, ged bu truime e na gaineamh na fairge. Ach cha’n eil ach beagan air an fharadh so; b’aill leinn ‘ur co-eigneachadh gu tighinn air. Am bheil sibh a’ ruineachadh luidhe fathast anns an doimhne? an do ghabh sibh ‘ur sealladh deireannach do neamh? an do ghabh sibh ‘ur cead siorruidh do ghloir, no nach do ghabh, c’uime mata nach bi sibh air ‘ur co-eigneachadh gu teachd air an fharadh? O thigibh mu’m bi am faradh air tharruing suas. Tha fios agam ciod a ta sibhse nach bi air ‘ur co-eigneachadh gu teachd air an fharadh, a’ smaoineachadh a dheanamh; tha sibh a’ smaoineachadh “mar ghaduich, ‘s mar fhear-reubainn” gu’n “streap sibh suas air dhoigh eile.” Tha fios agam ciod a ta sibh a deanamh; tha sibh a deanamh aon do dha ni: tha sibh an dara cuid, a’ caramh an sean fharadh, agus a’ deanamh a chuid a’s fearr is urradh dhuibh de na miribh briste, le ‘ur modhalachd, agus le ‘ur imeachd laghail; air neo tha sibh a’ deanamh faradh ùr de ‘ur deanas fein, faradh do throcair neo-chumhnantaichte, ag earbsa ri trocair Dhia, gun bhi aonachadh ris an Eadar-Mheadhonair. Ach cuiribh a bhonn cho iosal sa’s aill leibh, cha leig ceartas De da bharr neamh a ruigsinn gu brath. Leigibh bhur cudthrom air, mata, mar dean sibh a chaocladh, leigibh bhur n-anama air thuairmeas air, leigibh ‘ur siorruidheachd air thuairmeis air, agus streapaidh suas, ach biodh dearbh chinnt agaibh, ged fhaigheadh sibh suas co ard is gu’m b’urradh dhuibh bualadh aig dorus neamh, agus a’ radh “Thighearn, a Thighearn, fosgail dhuinne” ann an sin dibirdh e sibh, ‘an sin brisidh e, agus tilgidh e sios sibh gus an ifrinn is iochdaraich—Eoin xiv. 6.
San treas aite.—Fhuair Criosd rioghachd o Athair—Salm. ii., 6, 7, 8; ach cha’n eil aig ach beag iochdarain. Chuir e suas a bhratach an so an diugh, agus tha sinne gu ‘ur co-eigneachadh gu tighinn a stigh agus striochdadh dha mar ‘ur Tighearn agus ‘ur Righ. Tha sibh fo thighearnaibh coimheach, agus is fhada dhuilt sibh dilleasachd da bhur fior Thighearna. O cuiribh cul ri bhur n-uile iodhalaibh anis, agus thugaibh sibh fein dhasan, gu bhi o so a mhain a chuidsan amhain, a chuidsan gu h-iomlan, a chuidsan gu siorruidh. Thigibh a stigh anis, agus “pogaibh a Mac”—Salm. ii., 12. Lubaibh a ghluin dha; cuiribh an crun air a cheann.—Dan. iii., 11. Fosglaibh dorsan siorruidh bhur cridheachaibh, chum ‘s gu’n tig Righ na gloire a stigh.—Salm xxvi., 7. Ma tha anam bochd air bith ag radh ann fein, Mo thruaigh, cha’n eil armailtean na h-ifrinn an taobh a stigh dhiom, cho furusda an cuir o’n seilbh; tha sin fior gu cinnteach, ach tha mo dhùil nach eil thu cho teann air do dhruideadh suas, ‘s nach eil e’n comas teachdaireachd fhaotainn eadar Criosd agus thusa; tha thu ‘n-inntinn a thairgse e bhi na Righ dhuit, an toir thu t-aonta dha sin? Cha’n fheoraich mi ach da cheisd riut chum a chuis so a shoilleireachadh. (1). Mar urrainn thu tuilleadh a dheanamh, an toir thu seachad an rioghachd gu toileach dha? Am bheil thu toileach dealachadh ri t-anamhiannaibh, ged nach eil thu comasach an cuir air falbh? Ged nach urradh dhuit cuing na daorsa a chrathadh dheth do mhuineal fein, an toir thu t-aonta thoileach do Chriosd gu sin a dheanamh, agus a chuing fhein a chuir ort? Mar Righ, “Bheir e buaidh air ar n-eas-aontais” Micah vii. 19. (2). An urradh do bhur cridhe aontachadh le lànachd a riaghlaidh-san? Feumaidh esan a mhain a bhi ‘na Righ! Is i a thoil-san anns na h-uile nithe a dh’fheumas a bhi ‘na lagh dhuibh. Agus c’arson nach biodh e mar sin? oir cha’n urrainn dhasan eucoir a dheanamh.—Salm xiv. 6, 7. An toir thu t-aonta gu’n dean esan an rioghachd a chumadh ‘na do chridhe mar is aill leis? an cuir e suas, ‘s an tilg e sios ‘an sin mar is toileach leis? am bheil nithe diomhair agad, an-amhiann nach eil ach “na h-aon bheag,” agus a dh’fheumas a bhi air a caomhnadh; am bheil priunsa do fhuil na h-ifrinn ris am feum e “buintinn gu min air do sgath-sa?” Mar eil, “Thig a stigh, thusa a ta beannuichte o’n Tighearna, c’uime a sheasadh tu a muigh?” Se t-aonta dhasan mar tha e ‘ga thairgse fein, do theachd a stigh.
III.—Tha cead aig peacaich tighinn a stigh. Biodh fios agaibh, uime sin, gu bheil cead agaibh o Mhaighstir an tigh, gu teachd a stigh. Mar biodh e mar sin, cha chuireadh e a sheirbhiseach gu’r co-eigneachadh gu teachd a steach. Cha chuireadh, cha chrannadh e a dhorsa ‘nar n-eudan, mar bi a thoil sibh teachd a stigh: agus na’m biodh do dhanachd agaibh, na thigeadh agus bualadh aig an dorus na ainneart a chleachdadh ris, b’urrainn e focal a labhairt, a leigeadh sibh a thaobh bhur cùil. Tha ar Tighearn Iosa Criosd, a’ toirt làn shaorsa dhuibh uile, eadhon do’n dream is measa agaibh, teachd. Sibhse a ta giulan comharran an diabhuil ann an clàr ‘ur n-eudan; sibhse a ta gu follaiseach mi-naomh, a ta ‘nur suidhe mar gu’m b’ann ‘ann rathaidibh mora an diabhuil; sibhse ta giulan a chomharraidh ‘nur laimh dheas, is urrainn dhuibh fhoilach nuair is aill leibh, a chealgairean is salaiche, a ta ‘ga ‘ur folach mu gharraidh an diabhul; tha sibh uile deagh-bheatha o Chriosd, cha dùin e ‘n dorus ‘nur n-eudainn. Gu cinnteach cha’n urrainn da chaochladh bhi air fhillte ann’s an sparradh a ta e toirt gu’r co-eigneachadh gu tighinn a stigh. Agus uime sin b’aill leam sibh ceum a thoirt air aghaidh. Thugaibh fainear, (1). Am bheil e na ni faoin leibh, cead a bhi agaibh tighinn a stigh? Cha robh e mar sin a ghnath. Na’n toireadh am peacach ionnsuidh air thighinn a stigh, ma’s robh Criosd air a fhoillseachadh, choinnicheadh e ri claidheamh lasarach ceartais, a dh’iomaineadh air ais e gu a ghainntir do thruaighe agus do dhorchadas. Mar biodh Criosd air a bhleith eadar clochaibh muillinn iochdarach, agus uachdarrach feirg Athar, cha b’urrainn e bhi ‘na aran do pheacach, ged a bhiodh iad air acras as a dheidh. (2). Cha’n eil aig na h-ainglibh a thuit cead gu teachd a steach, o chaidh iad a mach, ‘s cha bhi am feasd.—Jude 6. Ged a bhiodh e comasach gu’m b’urrainn doibh creidsinn ann an Criosd, agus a bhi toileach tighinn da ionnsuidh, rachadh an dorus a thilgeadh ‘nan eudainn, oir cha d’fhuair iad riabh cead teachd a steach. Chaidh an dorus a chrannadh orra, cha deachaidh an crann a thoirt deth riabh, ‘s cha teid gu siorruidh.—Eabh. ii. 16. Agus cha robh Dia fo fhiachaibh dhuinne ni’s mo na bha e dhoibhsan. (3). Biodh bhur cor a ni is aill leis, tha so ni’s leor gu’r deanamh suidichte air tighinn a stigh. Mu dh’fhanas sibh a mach, tha sibh caillte, oir tha na h-uile dorus dochais air a dhruideadh ach an dorus so.—Gniomh. iv. 12. Tha’n dorus fosgailte, cha’n eil sibh air ‘ur bacadh tighinn a stigh, theid sibh a dhìth mar tig: ged nach b’urrainn dhuinn tuilleadh a ràdh ach, theagamh gu’m faigh sibh cead tighinn, bu choir dha sin fhein, ‘nur deanamh suidichte air ionnsuidh reidh a thoirt, na gniomhaicheadh sibh ach gu reusanta.
San àite mu dheireadh.—Cha mhair an cead so a ghnàth maille ribh. “Nuair a dh’eireas fear an tigh, agus a dhùineas e ‘n dorus,” cha bhi tuille cead gu tighinn a stigh.—Lucas xiii., 25. Cha’n urrainn iadsan tha ‘n ifrinn an diugh tighinn a stigh, ged air bith co aoibhneach ‘sa b’aill leo; cha’n eil doigh air dol troimh doimhne mhòr tha eadar Criosd agus iadsan.—Lucas xvi., 26. Dhuin a cheud Adhamh an dorus oirnne, ach bha dara Adhamh ann gu fhosgladh; ma dhuineas an dara Adhamh an dorus, cha ‘n eil treas Adhamh ann gu fhosgladh.—II. Cor. iv., 3. “Ach ma tha ar soisgeul-ne air fholach is ann dhoibh-san a ta caillte tha e folaichte.” Tha sùil aig an Abstol an so, ris na thuirt e mu’n fholach a bha air aghaidh Mhaois—Caib. iii. 13—an folach a bha air a sgaoileadh thairis air an t-Seann Tiomnadh, rann 14; ach tha’n soisgeul a’ toirt air falbh a chòmhdaich so, roinn 16, 17, 18. “Ach,” deir esan, “ma tha ar soisgeul-ne air fholach, is ann dhoibhsan tha caillte tha e folaichte”; cha’n eil suil ri frithealadh grais eile gu bhi toirt air falbh a chomhdach sin. Is e gràs deireannach Dhe do’n t-saoghal e.—Eabh. i., 1, 2. Tha ‘n Tighearn a’ deanamh feisd do’n t-saoghal a chionn ciad mile bliadhna, agus a nis tha’n riarachadh mu dheireadh air a bhord; tha ‘n long mu dheireadh tha dol gu tir Immanuel a’ deanamh ullamh gu cur fo sheòl; uime sin feumaidh sibh dol gu fairge, mar teid a nis, cha teid gu bràth.—Eabh. x., 26, 27.
IV.—Tha peacach air an cuireadh gu teachd a stigh. Cha’n e a mhain gu bheil cead aca gu teachd a stigh, ach tha iad air an cuireadh le Maighstir an tigh, tighinn a stigh. Eiribh uime sin a pheacacha is measa, tha “Maighstir ‘ga ‘ur gairm.” Tha sibh air ‘ur gairm, cha’n ann gu adhlaiceadh, ach gu cuirm: cha’n ann gu priosan, ach chum an t-seòmar aoidheadh far an dean e deagh-bheatha sibh le uile mhilseanaibh neamh. Mar fhaigheadh sibh cuireadh, c’arson a chuireadh e mach a sheirbhiseach gu’r co-eigneachadh gu teachd a steach? agus an diùlt sibh, nuair a ta sibh a’ faotainn cuireadh? Thoiribh fainear guidheam oirbh. (1). Is olc a thig e dhuibh, a chnuimheagan salach, a’ ghairm a dhiùltadh. Tha mi dearbhta gu’m biodh e gu siorruidh sona ann fein, ged a bhithinnse agus sibhse anns an àite, reir fior cheartais anns bu choir dhuinn a bhi, ann an slochd an dubhaigein. Cha’n eil feum aige air a h-aon againn. Co sinne gu’m bu toil leis e fein a chuir gu trioblaid airson a h-aon againn, co aca rachadh sinn fodha no a shnamhadh sinn! Tha na h-ainglibh ga mholadh, tha Athair a’ cuir urram air, agus tha dh’eudainn aig truaghain shalach da’m bheil e toirt cuireadh, an diùltadh a thoirt dhasan tha’n t-Athair a ghnàth ag eisdeachd. (2). Tha moran co-math ribhse nach d’fhuair riamh cuireadh uatha gu tighinn a stigh. Cha’n ann do bhrigh ‘s nach eil muintir eile aig a ghairmeadh e gu thigh a lionadh a ta e toirt gairm dhiubhse. Dh’fheudadh e ‘n soisgeul so atharrachadh uaibhse, agus a chuir gu àitean dorcha na talamhainn, agus luchd iodhol-aoraidh a cho-eigneachadh gu teachd a steach. Na’n deanadh e sin, tha e ro choslaich gu faigheadh a thairgsean deagh-bheatha ni b’fhearr uathsan, na tha iad a’ faotainn ‘nar measg-ne. Tha cuid a’ roinn an t-saoghail ‘na dheich pairt fhichead, agus tha iad a deanamh mach gu bheil naoi-deug dhiubh air an sealbhachadh le luchd iodhol-aoraidh, sea pairtean le Iudhaich, Turcaich, agus Mahomatanaich; agus cuig pairtean a mhain le Criosduichean; tha moran de na cuig pairtean a ta ‘g aideachadh Criosdalachd ‘nan Ana-chriosduichean, ‘nan luidhe fathast fo dhorchadas Papanachd. Agus an do thagh an Tighearna sinne as an lionmhoireachd so, gu chuiridhean gu thoirt dhuinn gu tighinn a stigh, agus an toir sinn an diùltadh dha? San àite mu dheireadh,—Cia mar sheallas sibh ‘na eudainn, nuair a thaisbeannar sibh an lathair caithir a breitheanais, mar tig sibh a stigh a nis air a’ chuireadh? Cionnus a sheallas sibh air ais air a’ ghradh a dhiùlt sibh, agus air an d’rinn sibh taire? Ciod a ni sibh nach tig da ionnsuidh a nis air a’ chuireadh, nuair a thig esan do’r n-ionnsuidh-san ann am feirg.
(Ri leantuinneachd.)