Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1948 » May 1948 » An Camadh ‘s a’ Chrannchur

An Camadh ‘s a’ Chrannchur

Le TOMAS BOSTON.

“Smuainich air obair Dhé; oir co is urrainn an ni sin a dheanamh direach a rinn e-san càm?”—Eccles. vii. 13.

(Air a’ leantuin bho’n t-d. 171.)

3. Tha e gu glic ‘g an riaghladh chum erioch mhath, air chor-eiginn, freagarrach do’n iomlaineachd neàmhaidh.

Ged is ann bho ‘dhroch rùn a tha’n t-inneal peacach a’ deanamh a’ chamaidh, tha Diag ‘g stiùradh chum erioch naomh agus mhath. Anns na mi-riaghailtibh a thachair ann an teaghlach Dhaibhidh, b’ e rùn Absaloim e féin a shásachadh le dioghaltas, agus a ghloirmhiann agus ‘ardan a thoilleachadh; ach rùnaich Dia leo sin peanas a dheanamh air Daibhidh air son a pheacaidh ann an cuis Uriah. Anns a’ chamaidh a rinneadh ann an crannchur Iob, le Sàtan, agus le innealaibh na Sabeanach agus na Caldeanaich, b’ e rùn Shàtain gu’n d’thugadh e air Iob toibheum a labhairt, agus an rùn-san an sànt féin a riarachadh; ach bha rùn eile aig Dia anns a’ chuis freagarrach dha féin, eadhon, dearbhadh a’ chur air tréibhdhireas agus ionracas Iob. Mar biodh gu bheil Dia a’ riaghladh gu glic agus gu cumhachdach nan camaidhean so th’ann an crannchur dhaoin, cha b’urrainn math air bith teachd asda; ach tha e ‘n comhnuidh ‘g an riaghladh air dhoigh, ‘s gu bheil e coillonadh a chomhairle naoimh fein leo (gidheadh cha’n e sin a tha ‘m peacach a’ rùnachadh); oir cha’n urrainn a rùn-san failneachadh, “seasaidh a chomhairle.” Isa. xli. 10. Mar sin tha’n camadh peacach, le riaghladh Dhé, air a thoirt mu ‘n euairt chum a ghloire féin, agus math a’ phobuill mu dheireadh; a réir an fhocail sin. Gnàth. xvi. 4. “Rinn an Tighearna gach ni air a shon féin.” Rom. viii. 28. Comh-oibrichidh na h-uile nithe chum maith, do’n dream aig am bheil gràdh do Dhia.” Mar so chaidh innleachd Hamain chum nan Iudhaich a sgrìos, a thionndadh gu ceart an aghaidh sin. Ester. ix. 1. Agus an camadh a rinneadh ann an chrannchur Ioseiph, le a bhraithribh ‘g a reic do ‘n Eiphit, ged bha e do ‘n taobhsa ro-pheacach, agus ‘n a rùn gle chronail; gidheadh do bhrigh gur ann de dheanamh Dhé a bha e, leis gu’n do cheadaich se e gu naomh, ‘s gu’n chuir e gu cumhachdach gàradh mu thimchioll, agus gu’n riaghail se e gu glic, thàinig e gu crìch fior freagarrach do ghliocas agus do mhaitheas Dè: nithe a thug Ioseph gu’n cuimhne. Gen. i. 20. “Agus d’ar taobh-sa, shònraich sibh ole a’ m’ aghaidh; ach shònraich Dia sin a chum maith, à chum, mar air an là ‘n diugh, gu ‘n tearnadh e mòr shluagh beo.”

‘S an treas aite. Tha e nise ri fharraid, c’ar son a tha Dia a’ deanamh camaidh ann an crannchur neach?

Tha so gu bhi air a shoilleireachadh le bhi foillseachadh rùn an fhreasdail sin; gnothach air am bu chòir do gach neach a bhi eòlach, agus a thoirt fainear gu cùramach, chum feum a dheanamh mar Chriosduidhean de’n chamaidh ‘n an crannchur. Bheiream fainear gu sònruchte, gu bheil rùn seachd-filte aig an fhreasdal sin.

1. A chum dearbhadh a’ chur air staid neach. Am bheil e ann an staid gràis, no noch ‘eil?

Am bheil e ‘n a fhior Chriosduidh, no ‘n a chealgair? Ged tha gach uile àmhghair ‘n a mheadhon dearbhadh, gidheadh tha ni smuaineachadh gur e so am fior dhearbadh a tha freasdal a’ cur air neach, a thaobh a staid, do bhrigh gur trioblaid an camadh crannchuir, a mhaireas ré seal, tha còthrom aig neach air e féin a leigeadh ris agus a thaisbeanadh a rithist agus a rithist anns an aon ni; uaithe sin tha e tachairt, gu bheil e toirt aobhair chum breith a thoirt, anns a phùine chudthromach sin. B’ann gu soilleir air a bhunait so chaidh dearbhadh a’ chur air staid Ioib. B’ i ‘cheste, an robh Iob ‘na fhiar sheirbhiseach direach agus ionraie do Dhia, mar thug Dia féin fianuis mu thimchioll; no’n robh ann ach fear-tuarasdail, no cealgair, mar bha Sátan a’ cumail a mach? Uime sin, chaidh deuchainn a’ chur air anns a’ chuis sin le camadh a’ dheanamh ‘n a chrannchur. Iob i. 8-12, and ii. 3-6. A réir sin, be ‘n ni sönruichte air an robh a chàirdean uile (ach Elihu) a’ dearcadh ‘n an reusonachadh ris fodh dheuchainn, a dhearbhadh nach robh ann ach cealgair: oir ghnàthaich Sátan na daoine math sin chum a phùine a dheanamh a mach. Mar a chur Dia dearbhadh air cloinn Israeil anns an fhàsach, air son tir Chanaain, le cùrsa de fhreasdalaibh àmhligharach a’ ghiùlain Caleb agus Iosua gu gaisgeil, mheasadh iad iomchuidh air dol a steach do thir a’ gheallaidh, do bhrigh “gu’n do lean iad an Tighearna gu h-iomlan”; ach air do muinntir eile bhi air an sgitheachadh leo, thuit an coluimnean anns an fhàsach; mar sin tha e ‘cur dearbhaidh air daoinibh air son flaithenaais, leis a’ chamadh ‘n an crannchur. Ma sheasas neach ris an deuchainn sin, tha e foilleachadh a bhi ‘na Chriosduidh, ‘s ‘na sheirbhiseach tréibhdhireach do Dhia, mar a dhearbha Iob a bhi; mur seas, cha’n ‘eil ann ach cealgair: cha ‘n urrainn e seasamh ri deuchainn a’ chamaidh ‘n a chrannchur, ach siùbhlaidh e air falbh mar shal ann an àmhuinn Dhé. Tha eisimpleir brònach againn de ‘n ghnè so’ ann an cor an duine mhòir shaoibhir sin, a thàinig a dh’ionnsuidh ar Slanuighear gu h-andàna le sgàil de dhiadhachd a bha sruthadh bho ghiùlan beusach, a dh’ftheoraich dheth “ciod a dheanadh e chum gu sealbhaicheadh e a’ bheatha mhaireannach.” Marc. x. 17, 21. Chum an duine leigeadh ris dha féin rinn ar slanuighear camadh ‘n a chrannchur, ann an earrainn a bha direach riamh roimhe sin, chum a dhearbhaidh, dh’aithn e dha na bh’aige reic agus a thabhairt seachad, agus esan a’ leantuin, rann 21, “Reic na bheil agad, agus tabhair do na bochdaibh, agus thig, tog an crann-ceusaidh, agus lean mise.” Leis an òrdugh so chaidh a rùsgadh ann an tiota ann an cuirt na coguise de ‘sheilbhibh mòra; air chor is uaithe sin a mach nach b’urrainn e ‘n cumail ni b’fhaide le deadh choguis, mar dh’fheudadh e dheanamh roimhe sin. Mhothaich an duine air ball cràdh a’ chamaidh so a rinneadh ‘n a chrannchur; “bha doilghios air-san air-son nam briathra sin,” rann 22, is e sin, air ball air dha an cluintinn, bhuaileadh e le cràdh, mi-raghailt, agus buairas intinn, chaochail dreach a ghnuis, ‘s dh’fhàs i gruamach agus dòreha, mar a ta ‘m focal ceudna air a ghnàthachadh ann am Mata xvi. 3. Cha b’urrainn e seasamh ri deuchainn a’ chamaidh sin; cha b’urrainn e air sheòl sam bith a chrannchur ùmhlachadh do Dhia ‘s an staid sin, ach bu mhath leis air na h-uile chor e bhi a réir a chàil féin. Mar sin “dh’fhalbh e gu tursach; oir bha mòran saoibhris aige.” Dh’imich e air falbh bho Chriosd chum ‘oighreachd phailt, agus, le erdhe cràiteach agus brònach, shuidh e sios a rithist ‘n a fochair an Tighearn, a’ cur an aghaidh na h-aithne naoimh. Agus cha’n ‘eil coslas air bith gu’n d’atharraicheadh an t-òrdugh so, no gu’n d’thàinig e riamh gu rùn ni b’fhearr a thaobh nan nithe sin.

2. A chum neach a bhrosnachadh gu ‘dhlèasmas, agus a chuir air diol bho ‘n t-saoghal so, agus a dhùsgadh gu àmharc an deigh sonais an ath shaoghail.

Is iomadh neach a bha’n comain a’ chamaidh ‘n an crannchur, air’son gu’n d’ thàinig iad riamh d’an ionnsuidh féin, agus gu’n d’fhàs iad stòlda ciallach. Air dhoibh bhi ré tamuill ag imeachd “mar asail fhiaidhaich cleachdta ri fàsach,’ a’ diultadh pilleadh, thuislich an eos ann an àm iomchuidh; rinneadh camadh leis a sin ‘n an crannchur, thàinig am mios, anns an deachaidh an glacadh. Ier. ii. 24. B’ann mar so thugadh am mac stròghail d’a ionnsuidh féin agus a chuireadh thug e gu smuaineachadh air pilltinn a chum athar. Luc. xv. 17. Tha’n camadh ‘s a’ crannchur a’ dearbhadh dhoibh mu dheireadh nach i so am fois. Tha iad an còmhnuidh a’ mothachadh bioradh de dhroigheann a’ mhi-shuaimhneis, ge b’e uair a leigeas iad sios an cinn far am bu mhiann leo fois a ghabhail ‘s a chreutair, air chor ‘s gur éiginn dhoibh a thogail a ris, mar sin tha iad air an toirt gu codhunadh, nach ‘eil fois ri fhaotuinn an sin, agus air dhoibh tòiseachadh ri dol mu’n cuairt air son fois rathad eile, tha sin a’ deanamh gnothaich dhoibh chum Dhé, nach robh aca riamh roimhe: do. bhrigh gu bheil iad a mothachadh am feum air son sòlais an ath-shaoghal, air nach robh blas air bith aig am beoil, am fèadh ‘s a bha’n crannchur dreach a réir an càil. Uime sin, ge b’e feum a ni sinn de’n chamadh ‘n ar crannchur, ‘s e tha e ‘cur an cèill, “Eiribh, agus imichibh, oir cha’n i so ‘ur còmhnuidh.” Agus gu cinnteach do gach uile ghnè àmhghair agus meadhon irioslachaidh, ‘s e ‘n camadh is mo chlaoidheas fior Chriosduidh de’n bheatha agus de’n t-saoghal so.

3. Geur-mhothachadh peacaidh.

Mar dh’fhàsas neach a dh’imiceas gu neo-fhaicilleach, crubach gu h-obann, dearbhaidh a bhacàichead dha ré a’ chuid eile d’a thurus gu’n d’ rinn e ceum docharach; agus bheir gach ceum cràiteach a ni e as ùr gu’ chuimhne a rithist; ‘s ann mar sin a tha Dia a’ deanamh camaidh ann an crannchur neach, chum an ceum tuisleach a rinn e, no an cùrsa cli a lean e a dhearbhaidh dha. An ni bhiodh am peacach air mhodh eile ullamh gu amharc thairis air, agus a dhì-chuimhneachadh, no mheas mar ni eutrom, tha e leis a mheadhon so air a thoirt gu ‘chuimhne, ‘s air a chumail ‘n a chuimhne, agus air a chuir fa chomhair mar ni ole agus searbh, chum gu’m bi a chridhe air a lot air a shon as ùr an dràsd agus a rithist. Mar so, leis a’ chamadh tha peacanna dhaoine ‘g am faotuinn a mach chum an ciont a leigeadh ris dhoibh, “mar a bhios nàire air meirleach an uair a ghlacar e;” Air. xxxii. 23. Ier ii. 26. Ni tha braithrean Joseph gu faireachdail a’ cur an cèill fo’n chamadh a rinneadh ‘n an crannchur ‘s an Eiphit. Gen. xlii. 21. “Tha sinne gue deimhin ciontach a thaobh ar bràthar,” caib. xliv. 16. Fhuair Dia a mach aingidheachd do sheirbhiseach.” Tha’n camadh crannchuir gu gnàthaichte, ‘n a ghnè no ‘n a staid, cho nadurrach a’ co-fhreagrath ris a’ cheum no ris a’ chursa chli, ‘s gu bheil e diongadh cuimhneachan freasdalach air, a’ toirt a pheacaidh, eadhon an t-seann pheacaidh as ùr chum na cuimhne, agus mar chomharradh air amaideachd a’ pheacaich ann, am focal

(Ei leantwinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice