ANN a bhi labhairt air an teagasg so feoraichidh sinn,
I. Ciod iad na mì-mhìsneichidhean, na tulaichibh agus na beanntaibh so, a tha seasamh ann an slighe Chriosd a dh’ionnsuidh a shluaigh?
II. Ciod e,na theachd tharis air na beanntaibh so, a tha cho drìgtheach dhoibh?
III. Ciod iad na h-aignidhean a tha’g eirigh bho’n fhoillseachadh so?
IV. Car son a tha sealladh so cho drìgtheach dhoibh?
I. Tòisichidh sinn le beanntaibh agus tulaichibh na mì-mhìsneichidhean, a tha seasamh ann an slighe Chriosd, thairis air am feum e tighinn, ma tha e ciallachadh fuasgladh, comhfhurtachd agus cumail suas air bith a thoirt dhoibh. Agus.
-
Ann an so tha duiigheadas mòr ag eirigh bho irdheirceas neo-chiorchnach agus ro-àrd nàdur na diadhachd. ‘S e beinn ro mhòr a tha’n so; cha’n urrainn e tearnadh bho aon ole air bith; cha’n urrainn e boinne de ghràs neartachaidh no comhfhurtachaidh a chur ann an anam aon de mhic chailte Adhamh mar a tig e thairis air an duiigheadas mhòr so. Is e ioraslaichd iongantach agus do-thuigsinn do’n Ti ard agus uasal, da’n aite còmhnuidh siorruidheachd, amharc air, no anns an t-seadh, is lugha, suim a ghabhail de aon, eadhon dhe chreutairean is ghloirmhoire; oir, “Ard os ceann nan cinneach uile tha an Tighearn, os ceann nan neamh a ghloir. A dh’islicheas e fein gu amharc air na nithibh a tha’s na neamhan, agus air an talamh.” Salm xxiii. 4, 6. Mar a h-urrainn suim a bhi air a ghabhail, no sealladh a thoirt air ni’s am bith, eadhon air neamh, mar a crom, mar gu’m b’eadh, mòrachd neo-chriochnach, cia mar a ghabhas e sealladh de dhùine a dh’eirich bho’n uir, aig a bheil a bhunait sa’n duslaich, a tha air a bhruthadh roimh’n chnuimh? Shaoladh neach an duiigheadas so a bhi ni’s leoir eadhon gu dhòl thar reusan agus a chur na stad; ach is neo-ni so do na tha ri tighinn fhathasd. Is gann a thuair sinn fathasd sealladh air bonn na beinne a dh’fheumas Criosd tighinn thairis oirre. Mr bheir E gu brath euideachadh, fuasgladh, no comhfhurtachd do dh’aon de shlieochd Adhamh, feumaidh E, cha’n e mhain cromadh agus amharc air duine, ach air duine peacach, truailte, ceannaireach, a threig an creidimh. O! an ioraslaichd do-labhairt. Ni h-eadh, ach cha’n e so uile e; feumaidh e tighinn gu bhi mar aon dhinn fein. Ciod e! mar aon dhinne! Am feum sgaile a bhi air a chur air mòrachd? Am feum gloir eòmhnuichd a ghabhail ann an coslas duine, seadh, coslas duine peacach? Tha so iongantach da-rìreadh! Ach cha’n e so uile e; cha dean so a chuis fhathasd; feumaidh e gabhail air fein, cha’n e mhain coslas duine, duine peacach, ach eadhon coslas peacach bochd, tàireil, air a mhaslaichadh agus air a chur suarach! Ann an so, ann an so, O pheacaichibh! tha beinn cho àrd, cho cas, agus na’m bhitheadh reusan dhaoine agus aingeal air a chleachdadh gu bhi tomhas a h-àirde, bhitheadh i air a meas eu-comasach a dreach. Cha’n iognadh ged a bhitheadh Iudhaich a th’air an dalladh, agus iadsan a tha gu h-uaibhreach, neo-chreidimheach, ag àicheadh Criosd, a tuisleachadh agus a cur an amhrus na firinn iongantach, so, ‘n uair a tha creidimh fein a crathadh air dha beachdachadh gu suidhichte air an àirde iongantach so; ‘n uair a tha e faicinn Criosd a leumnaich air na beanntaibh, agus a toirt sithidh air na tulaichibh so. Mar sin than bhi ga fhaicinn a tighinn thairis air an àirde iongantach so na ni a tha drùghadh gu cumhaechdach.
-
‘S i’n dara beinn thairis air am feum Criosd tighinn, ma’s urrainn e euideachadh a dheanamh do aon air bith da shluagh, fearg Dhe. Anns an lath ‘s an d’rinn an duine an toiseach ceannaire an aghaidh a Chruithrear, thileg ceartas, a bha air a dhùsgadh, eadar e agus neach ‘s am bith a dheanadh cabhair air, beanntan daingean agus mòr do fheirg agus do chorrnich. Na’m bhitheadh aingil na daoine an lathair, agus na’n robh iad air a chluinntinn, ‘n uair a chaidh an innleachd ghlormhór air son slainte pheacach an toiseach, mar gu’m b’eadh, a chur fa chomhairle ghlormhór na Trianaid; tha mi’g radh na’n cluinneadh iad an sin, ceartas a cur an ceill do Fhear-gabhail os laimh ghlormhór slàinte eaglais, an duilgheadas so, bhitheadh iad ann an eu-dochas. Cia mar a ehràdhadh e cridhe a pheacaich ceartas a chluinntenn a labhairt ris mar so, “Faodaidh tì, ma’s àil leat, ghabhail os laimh air son pheacach, ach ma ni thù sin, leagaidh mise ort a leithid de luchd de fheirg agus a bheir ort a bhi gul, ag osnaich, agus a cur dhiot fallas faladh; seadh, tuilleadh, tuithidh mi ort, agus bruthaidh mi thù, gus am bruth mi mach fuil do chridhe; cha ghabh mo shùil truas, agus cha chaomhain mo chridhe thù; a dh’aon fhocal, bheir mi dhuit a leithid de luchd, a leithid de dh’eallach feirg, agus a bruthas do dhearbh anam gu leithid ee thomhas agus a bheir ort glaothaich a mach, ‘Mo Dhia, mo Dhia, car son a threig thu mi.’ ” Innis dhomh a nis, na’n cluinneadh tì an ni uamhasach so ga radh ri Mac Dhé nach cailleadh tì do dhòchas fuasgladh fhaotainn? Nach abradh tì maille ris an eaglais fo mhì-mhisnich, “Tha ar enàmhan air tiormachadh, agus ar dòchas air chall, is ann a tha sinn air ar gearradh as.” Eseiel xxxvii. 11. Agus nach e sealladh a tha drùghadh air a chridhe th’ann a bhi faicinn an Tighearn Iosa a toirt sithidh thairies air na tulaichibh so agus a leum thairies air a bheinn uamhasaich so?
(Ri leantainn.)