Leis an Urramach TOMAS HALIBURTON.
(Air a leantainn bho t.d. 36.)
II. Ciod e na teachd thairis air na beanntaibh so, a tha cho drùighteach dha’n a chreidmheach.
- Tha glòir, maise, agus eireachdas bharraichte a phearsa. Feuch tha E teachd! Tha i ‘g ràdh “E” mar gu’m bu chòir do na h-uile neach aithneachadh. Cha’n eil gràs, na eireachdas, na sgeimh a b’urrainn gliocas neo-chriochnach agus do-rannsaicht? Dhé a dheilbh, a dhith air a phearsa. Ann-san tha mòrachd a ta ga àrdachadh os ceann na’n neul, air aonadh gu gràsmhor ri ioraslaichd a dh’ionnsuidh na talamhuinn.
Ann-san tha òirdheirceas glòrmhor agus dhealrach nàdur na diadhachd a dealradh le soilleireachd a tha anns na h-uile seadh freagarach do shùl a chreidimh. Ann-san tha sgàile air a chur air gach ni a leonadh, a ghoirticheadh, na bheireadh claoidh air ar nàdur amhuinn na’m faic’ e; agus tha gach ni a tha feumail agus comhfhuirtail, is urrainn ar nàdur sealladh fhulung dheth, ann an Dia, air fhoillseachadh ann an dòigh bheothail do shuil a chreidimh. Dheanadh sealladh do Dhia rùisgte, ma dh’fhaodas mi labhairt mar sin, le urrad dha ainn, an duine peacach a bhualadh dall, seadh, agus marbh, oir cha’n urrainn aon de mhic Adhamh Dia fhaicinn a mach a Crìosd agus a bhi beo. Cha toireadh sealladh de dhuine, ged a bu duine iomlan e, comhfhurtachd air bith. Tha iadsan a tha spùineadh Chrìosd de aon dhe nàduir agus ga thairgsinn na shlànuighear do pheacach ann an aon dhiubh, a toirt air gach neach dha’n aithne am feum air Slànuighear a bhi’g osnaich a mach an “Ichabod; e’ait a’ bheil a ghloir? na, cha’n eil glòir ann.” ‘S e aonadh beannaicht’ an da nàduir ann an Crìosd, anns am bheil a mhaise do-labhairt, a tha tarruig na sùil, a lasadh a chridhe, agus a dùsgadh ioghnadh nan creidmheach. Cha b’urrainn duine peacach gu bràth a chreidsinn gu’n deanadh Dia trocair air mar bhitheadh gu’m fac e’n t-ìochd agus an truas diadhaidh ga leaghadh fein sios ann an maothalachd na daonachd, agus comas gu mothachail a bhi aig Dia, co-fhulungas a bhi aige ruinn na’r n-amhuinneachd na’r nàdur. Ged bhitheadh e dol fodh ann am feig chà b’urrainn e gu bràth misneachd a ghhabail, a làmh a shineadh a mach gu greim a dheanamh air cumhachd Dhe, mar a robh Dia air a shineadh a mach da ionnsuidh ann an làmh agus an gairdean na daonachd: Cha bu dàna leis dlùthachadh ri Dia air son comhairle, ged rachadh e air seachran siorruidh mar an robh Dia air labhairt a mach as an daonachd ris. Gu bràth cha b’urrainn e oidhirpeachadh as deigh naomhachd neo-chriochnach mar an ‘s e mhàin an t-aonadh làidir agus sona sin eadar neamh agus talamh, Dia
agus duine, a tha’n am pearsa Chriosd, a tha ni’s maisich na clann nan daoine, a tha toirt buaidh gu cumhachdach air cridheachan nan creidmheach, ‘n uair a chi iad e tighinn ga’n ionnsuidh “a leumnaich air na beanntaibh a toirt sithdh ar na tulaichibh.”
2. Tha e gle dhruighteach a bhi ga fhaicinn a tighinn agus nach eil e feitheamh gus an iarr iad as a dheigh; ni h-eadh tha e air thoiseach orra, a cur ioghnadh orra le mhaiteas, ‘n uair bu mhath a thigeadh e dhoibh a cheud cheum a ghabhail da ionnsuidh-san, agus a bhi’g asluchadh air air son saorsa; feuch, cha’n eil e seasamh aig a so, ach tha e tighinn “a leumnaich air na beanntaibh, a toirt sithidh air na tulaichibh.” ‘N uair nach robh enuimhean bochda, peacach, aon chuid airidh, na’g iarruidh, na a bruadar air saorsa, agus nach robh iad uibhir agus ag amharc air a shon, feuch, tha e tighinn a chum an cuideachaidh. Tha so gle dhruighteach, oir an so tha gràdh Chriosd iongantach anns gu’n do ghràdhaich e sinn agus gu’n d’thug se e fein na iobairt air ar son, ‘n uair nach robh gràdh againn dha, agus nach b’aithne dhunnn ni uime. Mar a tha e air a ràdh mu’n Athair, “An so tha gràdh, cha’n e gu’n do ghràdhaich sinne Dia, ach gu’n do ghràdhaich Easan sinne, agus gu’n do chuir e a Mhac fein gu bhi’n a iobairt-reitch air son ar peacaidhean,” mar sin faodaidh e air son an aobhair cheudna, bhi air a cho-chur ris a Mhac, agus mar so tha e ga cho-chur ris fein ann an Eoin xv. 16. “Cha sibhse a thagh mise,” arsa an Tighearn ri dheisciuill, “ach is mise a thagh sibhse, agus dh’òrdnich mi sibh, chum gu’n rachadh sibh, agus gu’n tugadh sibh a mach toradh, agus gu’m maireadh bhur toradh: chum ge be ni a dh’iarra sibh air an Athair ann am ainn-sa, gu’n toir e dhuibh e.” Bhitheadh so druighteach, na’n ceadaicheadh e dhunnn, agus ni’s mothna na sin na’n iarradh e oirnn tighinn da ionnsuidh, roghainn a dheanamh dheth, agus dlùth-leantainn ris air son saorsa, ach tha so gu neo-chriochnach ni’s iongantach gu bheil e fein a tighinn, “a leumnaich air na beanntaibh, a toirt sithidh air na tulaichibh,” ga’r n’ionnsuidh.
3. Tha e gle dhruighteach a bhi faicinn co bh’uaith, agus cia as, a tha e tighinn.
Tha e tighinn bho bhoilleach an Athair, anns an robh e na luidh bho shiorruidheadhd ann an sòlas do-labhairt, mar àilleagan anama, agus cuspair a thlachd siorruidh, a chuir an guth sin da ionnsuidh bho na ghlòir òirdheire, “Is e so mo Mhac gràdhach anns an bheil mo mhòr thlachd.” II Peadar iii. 17. Agus thainig e nuas gu bolg ifrinn, an ifrinn sin anns an do thoill peacach a bhi luidh. Tha e tighinn bho righ-chathair na glòir, a cur a thaobh trusgan a ghlòir fhollsicht’, agus a gabhail air fein cruth seirbhisich, ga chur fhein ann an dìmeas, agus a gabhail comhnuidh ann am phrasaich am meag ainnmhidhean, na’ meag dhaoine pcacach a tha ni’s miosa na ainnmhidhean. Tha e teachd bho chuideachd nan aingear, a ghlusad a’ meag dhaoine, a tha chòmhnuidh am paillinnnean criadh’ air an truailleadh le peacadh. Tha so iongantach drùighteach.
(Ri leantainn.)
The elect will never perfectly resemble each other until they resemble Christ in glory.—Toplady.