Leis an Urr. R. SIBBES, D.D.
(Air a leantainn bho t.d. 106.)
Ceist. Ach cia mar is urrainn mi fios a bhi agam gu’n d’fhug an Spiorad Naomh gu leoir de dhearbh-shoilleireachd dhomh mu pheacadh a chum agus gu’m b’urrainn dhomh gun ladurnas fireantachd Chriosd a chàradh rium fein?
Freagairt. A mhàin mar so: ma dh’fhoillsich an Spiorad Naomh dhomh suidheachadh peacach mo nàdùir agus mo bheatha, gu bhi’g oibreachadh annam fuath do’n pheacadh, agus gu bhi’g atharrachadh mo thlaichd taobh eil, agus mar sin a deanamh Chriosd milis dhomh, an sin tha gu leoir agam de dhearbh-shoilleireachd mu pheacadh.
Tha so a freagairt na ceud cheist agus, mar sin, faodaidh mi fios a bhi agam gu’n d’fhuair mi da rìreachd dhearbh-shoilleireachd mu fhùireantachd Chriosd le fianuis agus obair an Spioraid. Bheir an Spiorad solus agus creidimh. Tha solus a bhuineas dhith fein aig obair an Spioraid; mar a tha fios agam gu bheil mi creidsinn, ‘n uair a tha mi creidsinn. Ach aig amaibh cha’n eil againn gniomh a chreidimh leis an dean sinn soilleir ar gràsan dhuinn fein; ach tha ghnàth esan a fhuair dhearbh-shoilleireachd le Spiorad Dhé air a ghlùasad aig a chridhe gu bhi taisbeanadh gràidh iongantach do Dhia. Tre mhothachadh air gur a leis Dia, agus gur a leis Criosd, tha’n t-anam air a cho-eigneachadh gu gràidh; agus air a sin tha leantainn farsuingeachd eridhe, agus comhfhurtachd ag eirigh os ceann gach mi-chomhfurtachd, oir cuirdh gràidh an t-eagal a mach. ‘N uair a tha dearbh-shoilleireachd aig an anam air a chomhfurtachd so, gu bheil a pheacaidhean air a’ maitheadh, agus gu bheil còir aig air neamh, ‘s e suidheachadh beannaicht’ a th’ann. An sin ciod e bochdainn agus ciod e priosan? Cha’n fhiach iad an eunntas an coimeas ris a ghloir a bhitheas air a foillseachadh.
A ris, ‘n uair a tha’n Spiorad Naomh a toirt dhearbh-shoilleireachd gu leoir, tha sith anns an taobh a stigh, agus aoibhneas mòr a co-fhreagradh do’n fhùireantachd. Mar is e’n fhùireantachd, fireantachd oirdhearc an Dia-duine, mar sin tha an t-sith agus an t-aoibhneas a tha tighinn bh-uaith, na sith agus na h-aobhneas do-labhairt, agus mar sin tha’n eridhe ga fhaicinn fein air a shuidheachadh ann an sith agus ann an aobhneas, mar a gheibh sibh e ann an Rom. v. 1: “Uime sin air dhuinne ‘bhi air ar fireanachadh tre chreidimh, tha sith againn ri Dia, tre ar Tighearn Iosa Criosd”; cha’n e mhain sith agus aobhneas ‘s an taobh a stigh, ach sith a nochdas i fein a muigh; sith ghlorrhor, sith a ni glóir dhun: rann 3, “Tha sinn a deanamh uaill ann an trioblaidean.” ‘S e ni cruaidh a th’ann uaill a dheanamh ann an irisleachadh. Cha’ e mhain sin ach tha sinn a deanamh uaill ann an Dia. Is leinne Dia, agus is leinne fireantachd Chriosd. ‘N uair a riaraich Criosd fearg Dhé an sin faodaidh sinn uaill a dheanamh ann an Dia.
A ris, far a bheil dearbh-shoilleireachd mu’n fhireantachd so, tha e coinneachadh ris gach ni a bheireir na aghaidh. Bheir an eridhe teagmhach na aghaidh sud is so, ach nochdaidh Spiorad Dhe uile fhoghainteachd ann an ùmhlachd Chriosd; agus cuiridh sin an t-anam sios gu socrach anns gach deuchainn, agus cuinichidh se e, ann an tomhas, anns gach stoirm. Far am bheil aig an anam dearbh-shoilleireachd air fireantachd Chriosd, ann an sin glaothaidh a choguis gu dàna, “Co a chuireas coire sam bith a leth dacoine taghta Dhé? Is e Dia a dh’fhireanaicheas. Co a dhiteas? Is e Criosd a fhuair bàs, seadh tuilleadh fos, a dh’eirich a ris, agus a tha air deas laimh Dhé” (Rom. viii, 33, 34). Mar sin bheir coguis a fhuair dearbh-shoilleireachd, dùbhlann do gach creutair air neamh agus air talamh. Tha i’g oibreachadh gu làidir agus gu gaisgeil. Cha leig mi leas leudachadh air a so. Tha fios agaibh am bheil, na nach eil, an dearbh-shoilleireachd so agaibh.
(Ri leantainn.)