Leis an Urr. UILLEAM GURNAILL.
(Air a leantainn bho. t.d. 222.)
(1) Mar is e Spiorad Dhe a ghluaiseas aignidhean a Chriosduidh ann an urnuigh, mar sin, is E riaghlas agus a threoiricheas iad. Co, da rireadh, ach Spiorad Dhe is urrain na steud-eich theinntich so a threorachadh agus a riaghladh. Tha e air a ràdh dha thaobh anns an t-seadh so gu bheil e deanamh comhnadh le’r n’anmhuinneachd oir cha’n aithne dhunin ciod a ghuidh-mid air a shon mar bu chòir, Rom. viii, 26. Tha sinn buailteach de bhi lùbadh a bhogha tuilleadh ‘s a chòir a thaobh cuid de dh’iarritasan, agus falamh de neart gu bhi ga lùbadh gu leoir air son cuid eile; aon uair tha sinn a dol thairis air a chomharadh aon a bhi’g urnuigh gun chumha air son nithean a tha air an toirt seachad air chumha; aig uair eil tha sinn a dol ri taobh a chomharaidh aon chuid le bhi’g urnuigh air son ni nach do gheall Dia, na tuilleadh ‘us feineil ag urnuigh air son an ni a gheall e. ‘Nis anns a chùis so tha’n Spiorad e deanamh comhnadh le anmhuinneachd a Chriosduidh oir tha E “deanamh eadar-ghuidh air son nan naomh a reir toil Dhe,” rann 27; ‘s e sin ri ràdh, tha e cumail a leithid de ghreim air srian nan aignidhean aca agus gu’m bheil iad a cumail an òrdugh anns am bu chòir dhoibh a bhi. Tha E san le chogaraibh diomhair a teasgag dhoibh cuin is eòir dhoibh an aignidhean a leigeil a mach aig an làn asdar, agus cuin is coir dhoibh an ceangal suas a ris. Dirceadh mar a bha’n spiorad anns na beo-chreutairean gu bhi stiuradh an gluasad, mu bheil e air a ràdh, “Agus dh’imich iad gach aon direach air aghaidh; far an robh an spiorad air ti dol, dh’imich iad; cha do thionndaidh iad ‘n uair a dhimich iad.” Esec. i, 12; mar so tha’n Spiorad, a treorachadh a naoimh ann an urnuigh chum nach rachadh iad a chum an dara làmh na’n làmh eil, ach direach rompa, a tarruig an iarritasan a reir a riaghailt-san.
(3) Tha e lionadh a Chriosduidh le muinghinn naomh agus dànachd iorasal ann an urnuigh. Ni’m peacadh gnùis Dhe namhasach do’n pheacach; bha Adhamh cionntach a teicheadh bho làitheireachd—Chuala mi do ghuth anns a ghàradh agus bha eagal orm. Ma bha bràthrean Joseph, le mothachadh air cho an-iodhdmhor agus a dheilig iad ri’m bràthair, fodh eagal na làthair, agus fodh amhladh air chor ‘us nach b’urrain iad a fheagairt, cia cho mòr agus a dh’fheumas am peacach a bhi fodh amhladh ann a bhi tighinn dluth do’n Dia mhòr, ‘n uair a chuimhnicheas e na peacaidhean gràineil a ghnionhaich e na aghaidh? ‘Nis tha’n Spiorad ag aotromachadh cridhe a Chriosduidh bho’n eagal so, a dearbhadh dha nach eil cridhe Dhe a smuainteachadh dioghaltais air bith air, ach a maitheadh dha gu saor; seadh, agus tuilleadh ‘us sin, gu bheil e go ghabhail mar leanabh gràidh, agus a chum nach bi teagamh air bith aig a Chriosduidh so chuis, tha e ga sheulachadh le pòg gràidh air a chridhe, a fágail an sin iomhaigh grádh atharail Dhe, tre’n tig an Criosduidh gu bhí’g altrum smuaintean seirceill mu Dhia, am bheil e comasach air Athair a radh ri Dia, agus am bi suil aig ri fáilt choibhneil leinibh fhaotainn aig a làmhan. ‘S e so “Spiorad na h-uchdmhacadh” air am bheil an t-abstol a labhairt, Rom. viii, 15, a tha cur air falbh gach uile eagal tràilleil bho’n anam.—”Oir cha d’fhuair sibh spiorad na daorsa a ris chum eagail; ach fhuair sibh Spiorad na h-uchdmhacadh, tre an glaodh sinn, Abba, Athair.” Agus, Gal. iv, 6, “Agus do bhrigh gur mic sibh, chuir Dia Spiorad a Mhic fein ann bhur cridheachaibh, ag eigeach, Abba, Athair.”—Eadar-theangaichte le Iain Mac a Chombaich.