Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1951 » November 1951 » Aonadh Ri Criosd

Aonadh Ri Criosd

Leis an Urr. IAIN MAC A’ CHOMBAICH, D.D., Lite.

“Ach an ti a tha ceangailte ris an Tighearna is aon spiorad ris è.”
—I Cor. vi. 17.

Anns a choigeamh rann deug agus an t-seathamh rann deug de’n chaibdeil so tha’n t-Abstol a cur impidh air creidmhich ann an Corintus a bhi air am faiceal a thaobh a lethid de chleachdaidhean neo-ghlan ‘s a bha cumanta ‘s a bhaile sin; agus tha e daingneachadh na h-impidh sin le dà ni. Tha e’g innseadh dhoibh, ma tha iad gu bhi cionntach de lethid sin de pheacaidhean, gu’n tigeadh an cuirp, a bha na’m pàirt de’m pearsachan, agus a bha air an aonadh mar bhuill ris an Tighearn Iosa Criost, gu bhi na’m buill striopaich. “Nach eil fhisios agaibh,” tha e’g ràdh, gur iad ‘ur cuirp buill Chriosd? uime sin an gabh mise buill Chriosd, agus an dean mi buill striopaich diubh? Nar leigeadh Dia.” Tha e mar an ceudna a cur fo’n comhair, mar ni a tha ro-shoilleir, gu bheil esan a tha ceangailt’ ann an aignidhean agus ann an cleachdadh ri striopaich na aon chorp rithe. “An e nach eil fios agaibh, an ti sin a tha ceangailt’ ri striopaich gur aon chorp rithe e. Ach an ti a tha ceangailt’ ris an Tighearn is aon spiorad ris e.” Tha esan a ceangailt’ ri striopaich air a thoirt cho ials agus gur aon chorp rithe e; ach tha esan a tha ceangailt’ ris an Tighearn air a thogail cho àrd agus gur aon spiorad ris e. ‘S e tha bhi ceangailt’ ris an Tighearn ach neach a bhi air aonadh ann an rathad beo ris an Tighearn Iosa, an Tì, nach e mhàin gur aon ann an nàdur ris an Athair shiorruidh e, ach do bhrigh a dhreuchd mar Eadar-mheadhonair, is Tighearn agus Fear-riaghlaidh Israel e ‘aig an robh a dhol a mach o shean, o laithean na siorruidheadhd.” Is e sochair àrd gach fior chreidmheach a bhi ceangailt’ ris, na, a réir ciall an fhocail ‘s a cheud chanan, a bhi dlùth-cheangailt’ ris—a bhi cho dlùth-cheangailt’ ris agus gu’m bheil iad air an gluasad leis an aon spiorad ris, a tha, ann an lánachd neo-chriochnach, a gabhail comhnuidh ann mar cheann a chuirp.

Ann a bhi beachdachadh ni’s faide air na briathran so, beachdaichidh sinn, tre chòmhnadh an Tì is Airde, I. Air aonadh nan creidmheach ri Criost. II. Beachdaichidh sinn air nàdur agus buaidhean an aonaidh so.
III. Beachdaichidh sinn air banntaibh an aonaidh so. IV. Na foillsichidhean a tha air anns na Sgriobturain. V. A bhuaidh shonraicht’ a tha ga leantuin mar a th’againn ‘s a cheann-theagaig.

I. Tha mi’n toiseach a dol a ràdh beagan air an aonadh a tha eadar na criedmich agus Criosd.

(1) Tha aig fior-chreidmhich aonadh cùmhanta ri Criosd bho’n t-siorruidheadhd.

Cha’n urrain sinn aonadh aig am bheil bith a ràdh ri so, do bhrigh nach robh bith aig na creidmhich, ach ann an rùn Dhé, bho’n t-siorruidheadhd: ach faodaidh aonadh diomhair a bhi air a ràdh ris; aonadh ann an rùn siorruidh Dhé. “Thagh e annsan sinn,” mar a tha’n t-Abstol ag ràdh, mu’n do leagadh bunaitean an domhain.” Ann an deanamh a chumhnanta shiorruidh, bha àireamh àraidh de’n chinne-daonna chailte air an toirt do Criosd mar Cheann an taghaidh; agus air dhàsan an gabhail agus aontachadh a bhi dhoibh na cheann cùmhanta agus na fhear-ionaid, bha aonadh air a dhealbh eadar Esan agus iadsan. Tha aonadh cùmhant air a ràdh ris do bhrigh gu’m b’e ceangal an aonaidh so cùmhant’ na’n gràs. B’e aonadh ann an cùmhanta agus ann an lagh a bh’ann. Tre’n aonadh so sheas Criosd ann an dàimh Fear-ionaid agus Fear-urrais do thaghaidh Dhé. Agus leag an t-Athair, gu laghail agus gu cùmhantail, air-san aingidheadhd gach aon dhiubh. Isa. liii. 6.

(2) Tha iad a toiseachadh air aonadh beo a bhi aca ri Criosd anns a mhomaint anns an toisich iad gu toileach air a bhi creidsinn ann.

Tha’n t-aonadh so ag eirigh bho’n a bheatha spioradail a tha air a co-phàrtachadh ris an anam anns an ath-ghinnhainn; agus ‘s ann mar thoradh air a tha a bhuaidh bheo agus an t-arach spioradail a leantuin a bhi air a co-phàrtachadh ann an naomhachadh. ‘S ann mar thoradh air a tha’n creidmheach na aon Spiorad ri Criosd, na mar a tha’n Spiorad ceudna a tha chòmhnuidh ann an Criosd a gabhail còmhnuidh anns gach ball de chorpa diomhair. Ged tha’n t-aonadh so eadar-dhealaicht’ ris a cheud aon a dh’ainnicheadh, gidheadh tha e gu do-sheachaint’ an crochadh air. Faodaidh neach a bhi gu cùmhantail air aonadh ris an t-Slànuighear agus, gidheadh gun a bhi air aonadh ris ann an rathad beo, mar a tha e fior a thaobh an taghaidh ma’s eil iad air an ath-ghinnhainn. Faodaidh neach a bhi gu cùmhantail air aonadh ri Criosd, agus a bhi marbh ann am peacadh; ach cha’n urrain neach air bith a bhi gu beo agus gu spioradail air an aonadh ris gun a bhi co-phàrtachadh de Spiorad-san a bheothaicheas. Gidheadh cha’n eil neach air bith air aonadh gu beo ri Criosd ann an ùine ach esan a bha gu cùmhantail agus gu laghail air aonadh ris bho shiorruidheadhd.

(3) Is e bunait an aonaidh bheo so eadar Pearsa Mhic Dhé agus pearsacan nan creidmheach an t-aonadh pearsanta a tha eadar an nàdur Diadhaidh-san agus an nàdur-san.

Tha aonadh sin na’m pearsachan an crochadh air aonadh nan nàdur sin. Mar a bhitheadh gu’n d’aontaich Mac Dhé, gu gràsmhor, nàdur na daonnachd aonadh ri nàdur na Diadhaidh, na Phearsa ghloirmhor, aig am dha tighinn ‘s an fheoil, cha b’urrain de mhic Adhamh gu bràth a bhi air an aonadh ris anns an ath-ghinnhainn. Am bheil aon de chloinn na’n daoinn air an àrdachadh gu bhi na’m mic Dhé ann an aonadh ris-san is e an Ceud-ghin am measg mhòran bhràithrean? Is ann do bhrigh gu’n d’ thainig Esan is e Mac Dhé gu bhi na Mhac an duine; thainig e gu bhi na naoidhean làithean, na dhuine eòinne a rugadh, na mhac a bha air a thoirt. Mar a robh e air aontachadh nàduir aonadh a bha gu neochriochnach fada bho cheile, nàdur na Diadhachd agus nàdur na daonnachd, cha b’urrain e, ann an rathad a bhitheadh co-shinnite ri ghloir do-labhairt, pearsachan aonadh ris fein a bha eho fada bh’uaite ‘s a tha pearsachan pheachadh. Mar a robh E air a dheanamh na fheoil, cha b’urrain aon againn gu bràth a bhi air ar n’aonadh ris air a leithid de dhoigh agus gu’m bitheadh-mid na’h n’aon spiorad ris. Tha corp diomhair a bhi aig an crochadh air gu’n d’aontaich e corp na daonnachd a bhi aig. Salm xl. 6.

(R’a leantwinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Zeal of thine house 17 May 2026
  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice