Gu ALASDAIR GORDAN.
A Dhuine Ro-urramaich,—Ged a bhithinn toilicht’ t’fhaicinn, gidheadh bho na thoilich e ‘ur Tighearn rib ‘ur ‘n eascairdean a bhriseadh, tha mi le’m uile chridhe a beannachadh ur Tighearn air do shon. Cha’n eil ur croinn-cheusaidh air son Chriosd air an deanamh de iarunn; tha iad air an deanamh de mhiotal a tha ni’s taise. Tha e furasda do Dhia amadan a dheanamh de’n diabhol, athair nan uile amadan. Air mo shon-sa, cha’n eil mi ach ag analachadh a mach an ni a tha mo Thighearna ag analachadh a stigh. Tha mi eur cop agus salachar mo litrichean air mo chridhe eas-creidmheach fein. Tha fios agam gu’m bheil ni aig do Thighearn ri dheanamh leat-sa, do bhrigh gu’n do bhuaile Satan agus gamhlas gu trom ort; ach tha do bhogha a mairsinn na neart. Cha bhi thu, air mo chomhairle-sa, a dol leth-roinn le Criosd, a roinn glòir do thearnaidh eadar thusa agus Esan, no meadhon air bith eile. Bitheadh aig Criosd (mar a fheagras gu math dha) a ghloir agus a bhuaideh uile na aonar. Cuireadh an Tighearn E Fein suas gu h-àrd annad-sa.
-
Tha mi faicinn gu’n gabh Criosd iasad de chrann-ceusaidh air son beagan uairean, agus cuirdh E a sheirbhisich ri taobh, agus cha’n ann foipe, agus a choisneas E a chuis mar an ceudna; seadh, agus ni E glòir dha fein, agus nàire dha naimhdean, agus comh-fhurtachd dha chloinn a mach as. Ach co-dhiubh a cheannaicheas Criosd croinn-cheusaidh na ghabhas E iasad dhiubh, tha E na Righ nan cruinn-cheusaidh, agus na Righ nan diabhol, agus na Righ thairis air ifriun, agus na Righ thairis air gabhlas. ‘N uair a bha E anns an uaigh, thainig E mach, agus thug E na h-iuchraichean leis. Is E Fear-coimhead a phriosain Tighearnail E; ni h-eadh, ciod a tha mi’g ràdh? Is E Caiptein a Chaisteil, agus tha aig iuchraichean a bhais agus ifriun. Agus ciod e ur trioblaidean-ne ach bàis bheag? agus Esan aig am bheil ughdaras thairis air a chaiseal mhor tha ughdaras aig thairis air an fheadhan bheag mar an ceudna.
-
Tha mi faicinn gu’r a aghaidh air a cruadhachadh agus da chraicinn air ar malaidhean, an aghaidh clach-mheallain a gheamhraidh agus na stoirm, an aon ni is freagaraich do fhear turais bochd air turas geamhraidh do neamh. O ciod an obair a th’ann a bhi fòghlom cruaidh-chàs fhulang, agus a bhi fòghlom a dhòl eas-ruisgte, aon chuid tre eibhlibh tinnteach an diabhoil, na tre na h-uiseachan reodhta aig.
-
Tha mi dearbh-chinnteach gu’n dean turas-cuain maille ri Criosd mòr-shoibhreas: nach eil bàta ur Righ Iosa a tigean dhachaidh agus nach fhaigh sinn cuid dhe’n òr? Mo thruaigh! tha na h-amadain a tha sinn ann a deanamh droch cunntas air ar buannachd ‘n uair a tha sinn a saoil sinn gu bheil sinn a call. Creidibh mi, cha’n eil ni agam an aghaidh a chroinne-cheusaidh so a tha air a dheagh ghiullean: oir tha e air tighinn a tigh Chriosd, agus the e urramach, agus na chomharradh air a dheagh-dhean. Thiodhlaiceadh dhuibh-se fulang—O ciod e na h-amadain a tha sinn ann, a bhi eur beag-luach air a thiodhlacan agus a bhi meas suarach an ni is fior urram. Oir na’m b’urrain dhùinn a bhi dileas cha bhitheadh ar ‘n acfhuinn air a fuasgladh, na ar crann air a bhriseadh, na ar siuil air an tilgeadh a mach do’n chuan. Tha cruinncheusaidh shuarach agus iosoal na’n saoghaltach air son droch-dheanadas nan nithean a dh’fheumas a bhi trom agus craiteach; ach tha air n-amhghair-ne aotrom agus re sealan.
-
Tha mi ga mo mheas fein sona gu’n do chaill mi creideas aig Criosd agus anns a chuis so gu’m bheil mi briste ann an sealladh Criosd, ris nach earb E ni air bith, eadhon pinne ann an obair mo shlàinte. Seasam a’mach ann an dubh ‘s an geal ann an leabhar-fiaich Criosd. Tha mi sona gu’m bheil mo shlàint’ air a làn-earbsa ri eadar-mheadhon-aireachd Criosd. Cha’n eil earbs aig Criosd annam-sa, gu bhi’g earbsa ni air bith rium; Ach O eiod e’n creidimh a bhuneadh dhomh-sa a bhi agam ann-san. Tuiteadh m’ainm-sa, ach seasadh aimm Criosd ann an urram aig dacoine agus aig ainglean. Mo thruaigh! Cha’n eil àit agam gu bhi sgaoleadh a mach mo ghràidh ann an làthair sluagh Dhe; agus cha’n fhaic mi cia mar a dh’eigheas mi mach maise, ard urram, agus glòir mo Thighearn Criosd, is ro-mhaisich. O nach tugadh E dhomh leabaiddh gu laigh oirre, a chum agus gu’n deanain saothair, a chum agus gu’n nochdain E mach do dhaoine, na mhaise, mar a bhithinn comasach.
-
Bha mi aon uair a gabhail ioghnaidh de fhreasad Dalé agus bha mi a gairm freasdaian geala, dubh agus mi-chothromach, a cha g’m mhùchadh ann am baile far nach gabhadh anam air bith Criosd bho mo laimh. Ach tha dealradh eadar-dhealaicht’ aig freasad Dalé ann an sealladh Dhe na ann an sealadh mo shuilibh dorch-sa. Tha mi ga’m ghairm fein am chreutair dall, do nach aithne geal na dubh, ann an ceumaibh iongantach freasad Dalé. Abair na’n cuireadh Criosd ifrinn anns an àit anns am bheil neamh, agus diabhoil shuas an glòir ri taobh nan ainglean taghta (ni nach urrain a bhi) bu math leam cridhe a bhi agam gu aontachadh ri shlighe, gu’n fhocal a radh na aghaidh. Tha mi faicinn gu’r e gliocas neo-chriochnach m’athair a bhreitheanais-san, agus gu’m bheil a shlighean do-rannsaicht’.
-
Cha’n urrain mi fòghlom, ach tha mi’g iarruidh a bhi foghlom, mo smuaintean, mo thoil, agus m’ ana-miannaibh a thoirt fodh chosaibh Criosd, a chum agus gu’n saltair E orra. Ach, mo thruaigh, tha mi fathasda air taobh cearr Criosd.
Gràs gu’n robh dhuit ann n’am Thighearn Iosa milis. Somhairle Rutherford.—Eadar-theangaicht’ le I. Mac a’ Chombaich.