LE EANRUIG GROVE.
(Air a leantuin bho t.d. 312.)
‘S am dara àit. Air bhi do Shuipeir an Tighearn na cuirm air iobairt, tha co-chomunn againn innte ris an Athair agus ri Mhac Iosa Criosd. B’e am pàillean, na an teampull fodh’n lagh, tigh Dhe; b’e an altair a bhòrd; agus an iobairt a bha air a toirt air aghaidh gu bhi air a toirt suas an sin, cha bhunneadh i n’a b’fhaide do’n neach a bha gà toirt suas, ach b’iad ullachadh tigh Dhe, agus mar sin tha iad air an ainmeechadh aran (na biadh) Dhe; air ehor agus ‘n uair a bha an neach a bha gà’n toirt suas a co-phàrtachadh dhe iobairt fein, cha robh e r’a mheas mar a chuid fein, ach ni a bhunneadh do Dhia, agus dh’fheumadh e amharc air fein mar neach a bha air cùram Dhe. Agus nach eil gach eaglais Chriosdail na tigh Dhe ged nach ann ‘e an aon seadh ‘s an robh’n teampull? Nach e bòrd eomanaibhidh Bòrd an Tighearn? agus cupan na sàcamaid, air mhodh sònraicht’, cupan an Tighearn? Smuaintich, uime sin, O m’anam, air an urram a dh’ionnsuidh am bheil thu do thogail, gu’r e’n Tighearn Iosa Criosd Uachdaran na cuirme, agus gu’m bheil Dia fein a deonachadh a làthair-eachd, agus a deanamh di-bheath-ta gach neach a ghabhas gu h-airidh a dh’ ionnsuidh uidheadh a thighe. Tha so fada ni’s mothà na bhi air uidheadh aig bòrd an neach is mothà air thalamh; oir an so tha thu air uidheadh aig Dia, cho einteach agus ged a bitheadh tu ‘n ad chòmhnuidh anns an lùchairt neamhaidh, ged nach eil thu cho suaimhneach. Ghabh an t-Abstol beachd air gu’n robh aca-san a bha co-phàrtachadh de na nithean a bha air an iobradh do dh’iodhalan, na deamhnaibh, co-chomunn ris na deamhnaibh sin, agus gu’n robh iad mar sin air an dùuadh a mach bho cho-chomunn ri Criosd, le bhi’g òl dhe chpan-san, agus a co-phàrtachadh aig a bhòrd. Cha bhi e’ mach as an rathad, ma bheachdaicheas sinn aig amaibh, gu’n robh ar sinnear, air dhoibh a bhi na’n Cinnich iodhal-aorach, na’m measg-san aig an robh càirdeas ri diathan breige, agus na’n coigrich do’n Dia fhor, am feadh a tha sinne, an siochd, air ar toirt dlùth le fuil Chriosd, gu maith ni’s dlùithe na ar sinnsir fhineachail, seadh ni’s dlùith na sluagh sònraicht’ Dhe iad fein fodh’n lagh; oir, a reir, na h-oidrheiceas a tha toirt barrachd na ar n’jobairt, tha ar saorsa ni’s mothà gu bhi dol a stigh a dh’ionnsuidh Dhe; an Ti, air dha uechdmhacachd na clòinne a bhuleachadh oirne, chuir e Spiorad a Mhic na ar cridheachaibh, a glaothaich, Abba, Athair; cha’n e spiorad na daorsa, ach spiorad na h-uechdmhacachd: ‘s e so an spiorad macail agus an dànachd iorasal a thaobh Dhe a tha uile fhrithealadh an t-soiseil, agus gu sònraicht’ òrdugh na Suipeir, ro-fhreagarach gu bhi ga mhisneachadh. Tha sinn a nis air meas nis mothà mar chloinn, agus air labhairt ummain, air mhodh sònraicht’, na’r sluagh a tha dlùth do’n Tighearn.
Nis, bho’n a ‘s e so nàdur an òrdugh so, gur e’n t-aran a tha sinn a briseadh comunn euirp Chriosd, agus eupan a bheannachaidh a tha sinn a beannachadh, comunn foladh Chriosd, ciod e ghné chreuairean a bu chòr do luchd comanachaidh Criosduidh a bhi, ann an gloine eridhe, agus naomhachd caithe-beatha, a tha air an gabhail a stigh do’n dlùth aonadh so ris an Dia naomh, agus ri a Mhac Iosa Criosd, iomhaigh a naomhachd? Ciod e’n comunn a tha aig solus ri dorchasas? Ma their sinn gu’m bheil comunn againn ris, agus sinn a siubhal ann an dorchasas, tha sinn a deanamh breige, agus cha’n eil an fhirinn annain, ach ma ghluaiseas sinn anns an t-solus mar a tha esan ‘s an t-solus, tha comunn againn ri cheile: agus glanaidh fuil Iosa Criosd a Mhic sinn bho gach uile pheacadh. Tha sinn, gu’n teagamh, aig a chuid is fearr, neo-airidh air a cho-chomunn so ri Dia, agus cha’n eil sinn cho freagarach air a shon agus a blitheadh gu math. agus, air a so, dh’fhaodadh-mid a bhi ullamh gu amhrus a chur ann gu’m bitheadh an t-sochair so air a buileachadh oirne, eadhon a bhi air ar toirt cho dlùth dha, ach tha e fein ga chur taobh thall gach teagamh, le còmhnaidh e dheanamh le ‘r ‘n annhuinneachd, agus, ann an seadh, a labhairt r’ar ceud-fathan a chum a thoirt dhachaidh oirne cho fior thogarrach ‘s a tha e bhi gabhail ruinn, neo-luachmhor ‘s mar a tha sinn, agus neo-fhreagarach agus mar a tha sinn air son a cho-chomuinn-sn, gu e bhi gabhail còmhnuidh maille ruinn. Esan a tha g’ar cuireadh a dh’ionnsuidh a bhùird cha’n àichidh e a làthaireachd agus a cho-chomunn an sin. Aidicheadh-mid cho neo-ullaichte ‘s a tha sinn air co-chomunn ri Dia agus cho fad air ais ‘s tha air droch eridheachan bh’uaith: ach na bitheadh teagamh againn anns cho toileach ‘s a tha Dia co-chomunn a bhi aige ruinne, a mhàin na tigeadh-mid le ar neo-ghlain mhoralta. Oir cha’n fheum sinn gu brath so a dhi-chuimh-neachadh, as eugmhais naomhachd cha’n ur sinn a bhi gu cinnteach dlùth do Dhia anns an t-soaghal so, ni’s mothà na chi sinn a ghnùis anns an ath shaoghal: agus bhitheadh e anabarach neonaich gu’m bhitheadh neach cho tur amaideach agus a bhi smuainteachadh a bhi cur fuil Chriosd i fein, agus sacramaid a Shuipeir ann an àite na naomhachd so, ‘n uair a tha iad le cheile a comharachadh a mach am feum do-labhairt a tha air naomhachd.
(R’a leantuinn.)