—W. M.
Tha mallachd Dhé air marsantachd na Sàbaid. Is è a tha ann ni a tha fuathach leis an Tighearna. Anns an teachdairceachd a chuir Criosd gu Eaglais Phergamois, chomharrach e mach gu robh nithean innte a bha fuathach leis, is an aghaidh na muinntir sin a tha ‘gan cumail suas, tha e a’ bagar gu bhith a’ tighinn am mach gu bhith ag cogadh ‘nan aghaidh le claidheamh a bheòil. Bha marsantachd an Teampuill fuathach leis: “Na deanaibh tigh m’Atharsa ‘na thigh marsantachd (Eoin ii. 16). Bha a’ mharsantachd ud a’ dol air adhairt fo eileòc a bhith a’ toirt ùmhlachd do àithne Dhé. Dh’ àithn Dia gu’m biodh iobairtean air an toirt suas. Bha an luchd-reic ann an sud a’ reic cruidh, chaorach agus chalaman air-son iobairean. Bha iad ag cumail ris an t-slugh an ni a bha an Tighearn ag àithneadh. Ged-thà, chan e gràdh do àithne an Tighearn, ach gradh an airgid, a bha air cùl am marsantachd. Bha na h-uile a bha ag ceannach uapa ag cumail suas na marsantachd ghràineil so. Mholdh iad a’ mharsantachd. Is è a bha ann ullachadh iongantach air an son. Cha robh aca, mar a bha aig an athraichean, drgh agus saothair gu bhith a’ faotainn iobairt. Bha sin, a nis, aca ri an laimh aig n Tempull. ‘Nam beachd féin, bha iad a’ deanamh ni a bha taitneach do’n Tighearn, is bha na sagartan a’ toirt gnùis dha. Dhearbh an Tighearn an àite do’n mharsantachd so a bhith taitneach dhà gu robh i fuathach leis: “Na deanaibh tigh m’Atharsa ‘na thigh marsantachd.” Their na daoine a tha ag cur am mach innealan-giùlain, mar na “buses,” air an t-Sàbaid, gur ann air-son math an t-sluaigh a tha iad ‘gan cumail air an rathad. Ma’s ann, earson a tha iad a’ deanamh buannachd shalaich asda air Là Naomh an Tighearn? Tha na h-uile a tha ‘gan gabhail ag cumail suas na marsantachd Sàbaid so. Aidichidh iad gu’m feum iad an ùmhlachd a thoirt do àithne Dhé a bhith ‘na thigh; ach is è a tha an Tighearn ag ràdh, “Is feàrr ùmhlachd na iobairt.” Is e iobairt gun ghaoid a tha an Tighearn ag iarraidh. Mo thruaigh! air iobairtean ar là tha E a’ faicinn gaoid na buannachd shalaich a’ cheart cho einteach ‘s a bha E ‘ga faicinn air iobairtean an Teampuill an uair a ghlaodh e am mach, “Na deanaibh tigh m’Artharsa ‘na thigh marsantachd!” Tha Criosd eudmhor m’a thigh, is tha e eudmhor m’a là. Is fuathach leis marsantachd a thighe, agus is fuathach leis marsantachd a là. Dhearbh e, is tha e sgrìobhte chùm ar fòghlùim, gu fobh marsantachd an Teampuill, a bha a’ dol air aghaidh fo ainm a bhith a’ deanamh seirbhis Dhé, fuathach leis, is nochd e a dhiomb ‘na aghaidh. Biodh Dia fior is gach duine ‘na bhreugaire. Eisdeamaid ri teachdaireachd Chriosd féin a thaobh nan nithean sin is fuathach leis: “Dean aithreachas, no thig mi ad ionnsuidh gu grad, agus cogaidh mi ad aghaidh le claidheamh mo bheoil!” (Tais, ii. 16). Is tha sin a’ toirt lois teagasgan mearachdach, mar a thà E ag comharrachadh am mach anns an rann air thoiseach, is cleachdidhean neo-sgriobtuireil air cho ionmholta is a dh’fhaodas iad a bhith ann an stùlean dhaoine, mar a tha marsantaichd na Sàbaid. “Uime sin, thigibh am mach as am meadhoin, agus dealaichibh riu!” tha an Tighearn ag ràdh, agus na beanaibh ris an ni neo-ghlan; agus gabhaidh mise am ionnsuidh sibh.”