Uchd-mhacachd.
Rôm. viii. 15. Tha spiorad na daorsa eadar-dhealaichte bho spiorad na h-uchd-mhacachd. Tha Dia air a thais-beanadh. A réir a chéud daimh tha Dia air a nochdadh na mhaignstir cruaidh, agus na bhreitheamh uamhasach. A reir an dara daimh tha Dia na Athair bâigheil, a toirt dearbhaidhean air a ghrâdh, agus tha a chlann ag altrum beò-dhochas ‘s an oighreachd a tha air a gealltuin, agus ni so iad toileach, le urram macail, ùmhlachd a thoirt do Dhia, mar phàrant gràdhaich.
- Tha spiorad na h-uchd-mhacachd aig creidmhich anns na h-uile linn. Threoraich an Spiorad iad anns gach linn gu eòlas, beachd-smuaineachadh, agus gréim air gràs slàinteil, agus a chompartachadh miann an déigh nithean naomh. Le so bha uamhann agus geilt bho thàirneanaich an lagha, aithne air eiont, agus tuigse fheadgarrach air dioghaltas Dhe air an gintinn anns an am. 2. Umlachd gràidh. Cha’n ann bho eagal peanais, ach bho fhor ghrâdh, urram agus toil-eachas. 3. Suil ri oighreachd. Tha Focal agus Sàramaid a daing-neachadh so. Bha an t-suil so na bu chumanta fodh an Tiomnadh Nuadh na fodh’n t-seann Tiomnadh, agus an laithean nan Abstol na’n diugh, a thaobh sòlas, naomhachd agus dearbheachd na h-oighreachd ri teachd. 4. Toradh sònraichte. Bheir e orra glaothaich, Abba, Athair. Tha e toirt fànuis maillle r’an spiorad gur iad clann Dhé. Tha e ‘n nochdadh saorsa, misneachd agus dànachd. Tha e a’ teagasg dhoibh glaothaich. Cha’n fhaodadh seirbhisich roimh so, Athair a ràdh r’am maighstir, ach theagaisg Criosd iad an ùrruigh a chur suas; “Ar n-Athair a tà air neamh.” 5. Tha an dà fhanuis ‘s an aon teistean—Ar spiorad—inntinn agus coguis ghlàn—’n am fior choltas air ar staid le comharr aidhean sònraichte agus làn-dearbheachd a chreidimh an lorg am bheil fois anama, agus aoibhneas do-labhairt. The e éigneach gu’m biodh ar spiorad air a theagaisg gu ceart bho fhoceal Dhé mu na comharraidhean, leis am bheil leanamh Dhé aithnichte agus comhar-raichte, agus gu’n deanadh sinn géur-rannsachadh oirne féin. Tha na comharraidhean so de dhà sheorsa—deagh riaghailt anama, agus co-chòrdadh cùrsa beatha dhiadhaidh.
Na Comharraidhean.
- Cruth agus fior dhealradh na h-iomhaigh néimhidh, le co-chòrdadh naomh r’ar n-Athair agus ar bràthair as sinne. Ciod is nàduraiche na am mac a bhì coltach ri athair? Ghin Adhamh truaillich mac na iomhaigh féin. Tha Dia a gintinn clann ann am fireantachd agus fior naomhachd. 2. Beatha nuadh—a leantuinn ch uman agus eisimpleir gu fad bho chomas. Bithibh-se ‘n ar luch-dleanmhuinn air Dia mar chloinn ghràdhaich. 3. Gràdh fior agus treibhdhireach bho bheachd air buadhan foirfe agus ion-ghràdhaich Dhé fodh ghathan a ghràidh néimhidh a’ dealradh orra. 4. Eagal agus ùmhlachd mic (Mal. i. 5; I Pead. i. 17; Eoin xiv. 21). g. Gràdh bràtharail (I Eoin iii. 14; iv. 20). Rannsaichibh sibh féin leis na comharraidhean so.
Uehd-mhacachd.
- Nàdurra. 2. Rioghachdail. 3. Spioradail. Air dhaibh a bhi air an aonadh agus ann an co-chomunn ri Crìosd, tha iad air an gràdhachadh, air an teagasg, air an riaghladh, air an smachdachadh, air an dion, agus air am beathachadh. Tha còir aca air geal-laidhean Dhé, air slàinte agus oighreachd bhriagh nach gann.
Nàdur an uehd-mhacachd.
Cha’n e daimh a mhàin a tha’n so. Tha sochair agus iomhaigh mic Dhé comhla. Is e th’ann an ath-ghinnmuinn gniomh moralta a tha cur coslas Dhé oirnn ‘n ar nàdur. Is e th’ann an uehd-mhacachd gniomh laghail a tha toirt còir dhuinn. Tha e chéud ghnìomh g’ar deanamh ‘n ar mic do Dhia gu riaghailteach a buileachadh eudfadh (I Pead. i. 23). Tha an dara gniomh a deanamh mic dhinn gu daimheil le a bhi buileachadh cumhachd (Eoin i. 12). Tha an dara h-aon g’an suidheachadh ann an gràdh na diadhachd agus an aon eile a deanamh luehd-compairt dhiubh de nàdur na diadhachd.
Na sochairean.
Urram. Ullachadh agus saoibhreas do-rannsaichte. Dion na diadhachd. Sonas do-labhairt. Glòir shiorruidh.
Dearbhaidhean.
Tréigisinn gach uile chul-taic eile. Gràdh. Fagus-gachd do Dhia. Umhlaichd. Dùil fhoighidinneach agus soibhneach ris an oighreachd (Ròm. ii. 7; II Cor. iv. 18; Ròm. vi.; Eabh. xi. 26).