LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC. AN TOISICH, D.D.
SEARMON III.
“Oir cha’n iad mo smuainte-sa ‘ur smuainte-se, ni mò is iad ‘ur slighean-se, mo shlighean-sa, deir an Tighearn’. Oir mar a tha na neamhan àrd seach an talamh, mar sin tha mo shlighean-sa àrd seach ‘ur slighean-se, agus mo smuainte-sa seach ‘ur smuainte-se” (Isaiah lv. 8, 9).
Na’n deanadh prionnsa talamhaidh gairm, a toirt maitheanas do chuid dhe iochdarain a rinn ceannaire na aghaidh, bhitheadh sùil againn gu’m bitheadh cuid air am fàgail a mach as; agus gu’m b’e iadsan a dh’fhagadh a mach, a mhuinntir, do bhrigh an inbhe anns an robh iad, an làmh a bh’aca ann a bhi deanamh na ceannaire, na cho gamhlasach ‘s a bha an giulain, a rinn iad fein na’n cuspairean neo-airidh air tròcair, Bhitheadh sùil againn, uime sin, gu’m bitheadh cuid air am fàgail a mach, do bhrigh agus gu’n robh iad air am meas na’n luchd-brath do-leigheiste, anns an robh ceannaire cho domhain air a freumhachadh agus nach robh dòchas air bith gu’n gabhadh i toirt asda; na do bhrigh nach fhaigheadh am prionnsa na chridhe maitheanas a thoirt dhoibh; na a chionn gu’m bitheadh e neo-shàbhailt’, agus na mhisneachd choitchionn do cheannaire, fulung dhoibh dol as gu’n pheanas. Ach cha’n eil aon dhiubh sin air am fàgail a mach ann an gairm an t-soisgeil. Am bheil iad aingidh agus neo-fhìreanta a tha cluintean na gairm so? Am bheil an cionta mòr—eadhon mar chionta an aingidh agus an neach neo-fhìreanta? Tha a ghairm co-ionnan do na h-uile, “Pilleadh e ris an Tighearn, agus nochdaidh e tròcair dha; agus ri ar Dia-ne, oir bheir e maitheanas gu pailt.”
Am bheil, anns a cheud àit’, peacaich nach gabh a bhi air an leigheas, ri bhi air am faotainn a’m measg sliochd Adhamh agus na’r coimthionalabh Criosduidh? Cha ghabh e bhi air a chur ann an amhrus nach eil an fhìrinn namhasach air a foillseachadh anns na Sgriobturan, gu’m bheil cuid, eadhon anns an t-saoghail so, air an toirt thairis le Dia do inninn mhi-chéilleadh; ris am bheil an Spiorad
a sguir a bhi strì, ann am feirg eudmhor agus cheart, do bhrigh gu’n do dhiult agus gu’n d’rinn iad dímeas air air son ùine cho fad; agus gu’m bheil an staid uamhasach so air a faotainn co-cheangail’ ri eascreidimh agus diultadh an t-soisgeil. Ach am feadh agus a thigeadh e dhuinn gu sòlaimte agus gu d’urachdach an aire thoirt do’n fhirinn so, air eagal gu’n tigeadh aon againn gu bhi cosmhuil ri Esau, na Cain, na chuid mhòr de na chinneach Iudhach; feumaidh sinn a thoirt fodh’n ear mar an ceudna, a thaobh tròcair Dhé, a thaobh taighe shaor na tròcair sin, agus a thaobh éifeachd fùil Chriosd, cha’n eil neach ann an staid do-leighiste. Ach faodaidh e bhi air a ràdh, Ciod a bhuanachd a th’ann so a chur an cèill, a chionn gu’m bheil mòran air an ceangal suas bho bhi faotainn tròcair? Tha buannachd mhòr ann; oir tha e nochdadh, ged a dh’fhaodas Dia a bhi cumail air ais, na àrd-uachdaranachd cheart, na buaidhean sin a bheireadh air duine luach a chur air comhfhurtachd, gu’m bheil comhfhurtachd do na h-uile a tha cur luach air comhfhurtachd an t-soisgeil. Am bheil thu ga’d fhaotainn fein na do pheacach ciontach a cur feum air tròcair Dhé? Am bheil thu ga’d fhaotainn fein na do pheacach ruisgte ann am feum air fireantachd Chriosd? Tha’n dearbh fhaireachd so a nochdadh gu’m bheil thu far an ruig tròcair ort, seadh, gu’m bheil tròcair a feitheamh gu fàilte a chur ort agus do ghabhail a stigh.
‘S an dara àite. Am bheil neach nach fhaigh Dia e ‘n a chridhe maitheanas a thoirt dha? Cha’n eil; tha Dia a gabhail tlaichd ann a bhi maitheadh. Cha’n eil ann an Dia nàdur gu bhi peanasachadh peacach air sgàth a bhi peanasachadh. Faodaidh a leithid sin de nàdur a bhi ann am prionnsaibh talamhaidh; ach bu toibheum e a ràdh gu’m bheil e annsan a ghràdhaich mar so an saoghail “gu’n d’thug e aon-ghin Mhic fein, chum ‘us ge b’e neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gu’m bi a bheatha shiorruidh aige.” Cha’n eil Dia a deanamh gairdeachas ann am fulungasaibh aon air bith dhe chreutairibh. Tha, gu’n teagamh, aon earrann uamhasach dhe fhocal nach fheum sinn a dhi-chuimhneachadh, na gabhail thairis orra, “Agus tarlaidh, mar a rinn an Tighearna gairdeachas os ‘ur ceann a dheanabh maith dhuibh, agus gu’r deanamh lionmhor, mar sin gu’n dean an Tighearna gairdeachas os ‘ur ceann gu’r sgrios, agus gu’r toirt gu neo-ni; agus spionar sibh as an fhearann da’m bheil thu a’ dol g’a shealbachadh” (Deut. xxviii. 63). Agus a rithisd, “A chionn gu’n do ghairm mi, agus gu’n do dhiult sibhse, gu’n do shìn mi nach mo làmh, agus nach d’thug duine sam bith an aire; Nì mise mar an ceudna gaire ri’r sgrios-se; ni mi fanoid an uair a thig ‘ur n’eagal; An sin gairmidh iad ormsa, ach cha fhireagair mi; iarraidh iad mi gu moch, ach cha’n fhaigh iad mi” (Gnath. i. 24, 26, 28). Agus am feadh a dh’ fhaodas na briathran sin a bhi nochdadh do’n muinntir neo-aithreachail ciod a dh’fhaodas suil a bhi aca ris ma bhuanaicheas iad na’n neo-aithreachas, cha’n eil iad a nochdadh gu’m bheil Dia a deanamh gairdeachais ann am fulungais a pheacach is mothha air son na fulungais fein. Faodaidh E da-rìreadh gairdeachas a dheanamh ann
am foillseacadh a cheartais agus uamhas a choruich, ‘n uair a tha tròeair air a dímeas agus támailte air a chur cirre; ach cha’n eil E deanamh gairdeachas ann an truaigh aon pheacach. Cha’n àil leis gu’m bitheadh aon air bith air a chall. “Mar is beo mise, deir an Tighearn Dia, cha’n eil tlaichd air bith agam-sa ann am bàs an aingidh; ach gu’m pilleadh an t-aingidh bho shlighe, agus gu’m bitheadh e beo.” “Mur dean sibh-se aithreachas, sgriosar sibh uile mar an ceudna.” Is aithne do’n Tighearn’ staid gach aon againn; is aithne dho ar suidheachadh ‘s an am a chaidh seachad, agus ciod e mar a bhitheas ar suidheachadh ‘s an am ri teachd; agus is aithne dha roimh-làimig am bheil neach ‘s a chruinneachadh so a dh’aobhreachas a neo-aithreachas, mu dheirceadh, a sgrios; ach tha a ghairm gu aithreachas a saoradh Dhé bho’n a chasaid gu’m bheil E toileach an sgrios; agus ma bhitheas iad air an call, bithidh a choire na luigh aig an neo-aithreachas fein, agus cha’n ann aig toil Dhé.
(R’a leantuin.)