Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1957 » August 1957 » Searmonan

Searmonan

LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC AN TOISICH, D.D. (Air a leantuinn bho. t.d. 91.)

Ann an Criosd. Na briathran beannaicht’. Tha fireantachd Chriosd air a meas dha agus air a cùntas mar fhìreantachd-san, agus uime sin tha e air a shaoradh bho dhìteadh. Cha’n eil còir aig an lagh air ni’s fhaide; fhreagair am Fear-urras na h-uile ni. Ann an Criosd—tha binn an ditidh, a dhuinn a mach gach teachdaireachd ghràsmhor bho anam, gu siorruidh air a toirt air falbh. Tha e air a “bheannachadh leis gach uile bheannachadh spioradail ann an Iosa Criosd.” Tha e air bheannachadh le bhi.air gabhail ris, air a bheannachadh le sìth ri Dia, air a bheannachadh le gràdh uehdmhacail. Tha e air a bheannachadh, mar an ceudna, le gràs slàinteil agus gràs naomhachaidh. Tha’n lagh, bho’n robh, mar chùmhnant, e air a shaoradh, a nis mar riaghailt, air a sgrìobhadh air a chriadhe. “Cuiridh mi mo reachdan ‘n an imtinn, agus sgrìobhaidh mi iad air an eridheachan.” Tha Spiorad Chriosd, a bha air a dhòrtadh air gu bhi threorachadh a chùm an t-Slànnighear, a nis air dol a stigh ‘n a chridhe gu còmhnuidh a ghabhail an sin mar Fhear-glanaidh agus mar Fhear-naomhachaidh. Tha na geallaidhean ro-mhòr agus luachmhor a nis aige mar a chuid fein—geallaidhean gràs gu bhi ga ghleidheadh, gu fàs ann an gràs, geallaidhean gràs agus glòir. Agus tha e air a radh ris, Tha thu air do cheannach le luach: uime sin glòraich Dia, ‘n a do chorp agus ‘n a do spiorad, is le Dia.

Nis is ann a ‘n uair, fodh bhuaidh gràdh Chriosd, air a chraobh-sgaoladh anns a chridhe, a tha’m peacach a tha air a shaoradh—air a shaoradh le gràs agus a seasamh tre ghràs—ag radh, “Ciod a dh’iocas mi do an Tighearna air son uile thiodhlaeadh dhomh?” An sin tha nì ris an abair sinn ceud fhoillseachadh na beatha nuadh agus bheannaicht, a bhi beo do Dhia.

Tha nàdur na beatha so, beatha fhollaichte a Chriosduidh air an talamh, air fhosgladh suas anns an rann an deigh ar ceann-teagaig, anns am bheil gach mìr dhieth làn do fhìrinn luachmhòr:—”Tha mi air mo cheusadh maillle ri Criosd: gidheadh tha mi beo; ach chàmhise, ach Criosd a tha beo annam: agus a bheatha tha mi nis a’ caitheamh ‘ an fheoil, tha mi ga caitheamh tre chreidimh Mhic Dhé, a ghrùdhaich mi, agus a thug e fein air mo shon.” ‘S i beatha th’ann mu’m faod e bhi air a ràdh gur e Criosd a suspainn, beatha tre’m bheil an Criosduidh air aithneachadh bho a choimhearsnach, agus beatha tre’m bheil e nis eadar-dhealaichte bho’n a h-ainglean naomh. Mar is ann bho Chriosd a tha i tighinn, mar sin is e Criosd a tha ga cumail suas; ni-headh, cha’n e’n creidimheach a tha beo, ach Criosd a tha beo ann. Is i beatha th’innte, uime sin, a tha ann an tomhas mòr a eo-sheasamh ann an creidimh ann, agus gràdh do, Slànuighear neo-fhaicsinneach—gidheadh Slànuighear a tha da-rìreadh an làthair. Is e beatha peacach feumach (oir mairidh an Criosduidh ‘n pheacach gus a chridh) air a caitheamh air an t-Slànuighear mar a sholus, a dhòchas, a neart, aobhneas, agus uile. Is e beatha creutair falamh air lànachd an t-Slànuighear. Is e beatha tarruig am fagus do Dhia ann an Criosd a th’ann, gu bhi blasad gu’m bheil E gràsmhor, a chùm aithneachadh mar a sgiath agus a dhuais ro-mhòr, agus a chùm a ghloir fhaicinn, agus mar sin a bhi air atharrachadh chùm na h-iomhaigh cheudna. Is e beatha gluasad maillle ri Dia ann an Criosd anns an t-shlighe aith-leothainn a th-ann, ga fhaicinn-san a tha neo-fhaicsinneach. Is e th’ann beatha àrd-shuim dha ùghdarras-san, de chùram a thaobh urram, agus do dhlùth-cheangal ri a ghloir. Tha i bitheanta, ann am beachd clann Dhé ‘n a beatha fhann—tha a buile a bualadh cho anmhuinn; is e beatha fulungais a tha innte—am buaireadh, agus am peacadh ‘s an leth a stigh agus na smachdachaidhean athaireil a that iad a cur feum air, ga deanamh mar sin: ach gidheadh ‘s i beatha th’innte nach bàsaich gu bràth. Agus bithidh na plosgartaichean eridhe an deigh an Dé bheo gu h-iomlan agus gu siorruidh air an sàsachadh ann an eo-chumadh imolan ri iomhaigh-san, agus ann an làn-sheilbhachd a cho-chomuinn-san.

Agus a nis, ann a bhi co-chur teagasgan an ruinn so, tha sinn a toirt fa’near nach e teagasgan air bheag suim a th’annta, na firinnean nach eil a gle chudthromach co-dhiubh a chumas sinn air chuinbne iad gus nach eum. ‘S e firinnean ro-fheumail a th-annta, firinnean a tha ‘s an t-seadh is airde co-cheangailte ri glanadh na coguis. Agus leo-san a dh’fhairich dòruinn cobuis chiontaich, na tha strì an deigh naomhachd, bithidh iad air an aideachadh mar fhìrinnean ro-luachmhor.

A’ measg nithean eile faodaidh sinn fhoghluim an toiseach, an t-eadar-dhealaachadh a tha eadar oibríbh agus gràs, eadar a bhi dlùth-cheangal ris an lagh agus a bhi dlùth-cheangal ris an t-soisgeul. Cha’n urrain sinn an cumail bho cheile. Cha’n urrain sinn an dithis a mheasgachadh ann am bunait ar dòchais a bhi air gabhail ruinn. Feumaidh a t-seann bhunait a bhi gu tur air a tilgeadh sios, ar neo cha ghràs ni’s mothà gràs.

Anns an dara h-àite. Mar a h-urrain naomhachd a bhi ann am feadh’s a dh’fhanas sinn fodh’n lagh, an sin bitheadh a cheisd sinn a bhi air gabhail ruinn le Dia an toiseach air a cur an dara taobh. Tha euid a tha air an dùsgadh gu mothachadh air am feum air atharrachadh soilleir mu’s fhaic iad an Tighearna, tha iad mothachail air nach eil iad a’ ni tha Focal Dhé ag radh thaobh a shuaigh. cha’n eil iad a faireachadh mar a tha e air a ràdh a chi iadsan, cha’n eil iad a faireachadh mar a tha e air a ràdh tha iadsan a faireachadh, cha’n e Criosduidhean a Bhiobuill a th’annta; agus uime sin tha iad dùrachdaich anna bhi’g iarruidh an leithid sin de dh’atharrachodh, tha iad ag ùrnuigh, tha iad a leughadh, tha iad ga’n ceasnachadh fein, agus tha iad ri faire agus ri oidheirpean gu bhi cur an aghaidh a pheacaiddh. Agus tha e gu maith a bhi dùrachdaich, gu sòlaimte dùrachdaich, ‘n a leithid sin de ghnothuch. Ciod a bha riamh air fhaotainn as eugmhais so. Tha e gu maith a bhi faireachadh gur e maith an anama a cheud chùram. Tha e gu maith a bhi toiseachadh air a bhi gabhail gu eridhe am femu a tha air atharrachadh mòr spioradail; agus tha e gu maith a bhi’g ùrnuigh, agus a bhi eleachdad uile mheadhonan nan gràs. Ach ma tha’n dùrachd so uile gu toradh a bhil air, seadh mar eil e uile gu bhi air a thilgeadh air falbh, tha ceisd ann a dh’fheumas sinn ar cluas a thoirt dhith, agus a dh’fheumas a bhi os ceann gach ceisd eile. Ciod i mo dhaimh ri lagh naomha Dhé? Ciod e mar tha lagh Dhé a labhàirt rium mar fhear-easaontais? Tha Dia ceart, agus feumaidh mi deilgeadh ris mar Bbreitheamh air son maitheanas mo pheacaidean agus gabhail ri mo phearsa. ‘S e so an gnothuch a dh’fheumas a bhi’n uachdar ‘n ar smuaintean agus ‘n ar miannaibh. ‘S e so an gnothuch a chumas Spiorad Dhé, ‘n uair a thig E, fodh chomhair a pheacaich: agus am feadh a chumas E fodh chomhair e, cha bhi am peachach ni’s lugha dùrachd; cha dean e ni’s lugha de dh’ùrnuigh, na do dh’fhàire; bithidh e ‘g ùrnuigh ni’s mothà, tha e’g ùrnuigh le mothachadh domhain air truaigh; agus gidheadh, tha e foghlum ni’s mothà nach dean uile dhùrachd, na uile ùrnuighean feum air bith gu bhi cosnadh gu’n gabhadh Dia ris; tha e foghlum ni’s mothà nach eil ‘n a uile fhireantachd ach luideagan salach; tha e foghlum ni’s mothà ma gheibh e tròcair gu’m feum e fhaotainn mar thròcair ard-uachdaranail. O! uime sin, bitheadh so agaibh mar bhur erioch, bitheadh so agaibh mar bhur ceud ghnothuch. Na gabhaibh fois gus am faigh sibh sìth ri Dia, tre fhuil a Mhic ghràdhaich. Na gabhaibh fois gus am faic sibh gràdh agus gràs anns a ghnùis sin air am bheil a nis coltas a bhi air a còmhdaechadh le gruain. Aon uair ‘s gu’m bheil sibh air gabhail ribh ‘s an Fhear-ghràidh, tha naomhaechadh bhur nàduir air a dheanamh taeruinte. Ach a mach a Crìosd cha’n eil ach diteadh.

‘S an àite mu dheireadh, ‘s e sochair a chreidmhich a bhi “marbh do’n lagh,” agus am bheil a leithid de choimheangal eadar a “bhi marbh do’n lagh” agus a bhi “beo do Dhia?” Uime sin ma bu mhaith leis a chreidmheach a bhi beo do Dhia, deanadh e saothair gu bhi’g aithneachadh so mar a shochair. Tha mòran dhe chomhfurtachd, mòran dhe neart agus dhe fhàs, an crochadh air so. Car son a tha e cho trie ann an teagamh air a phuine so, agus nach urrainn e so a gabhail a stigh mar a shochair, na tha e gabhail a stigh a luachmhoraichd ann an dòigh eò anmhuiunn? Faodaichd gu’m bheil ni-éigin aig eridhe cul-shleamhnaich ri dheanamh ris; Faodaichd gu’m bheil ni-éigin aig eumhaichd buairidh, na deiligidhean sònraicht’ Dhé ris, na cion scallaidh soilleir air ullachadh eùmhnant’ nan gràs, uile ri dheanamh ris. Ach nach eil aon aobhar eile os ceann chàich air a shon? a bheachdan dorch air iomlanachd iobairt an Fhir-shaoraidh, na call an t-scallaidh sin air erann-ceusaidh Chrìosd, a tha ruigheachd na eoguis, a leaghadh a chridhe, agus a tha’g isleachadh an anama. Na’n gabhadh e stigh ni bu mhotha, iomlanachd obairn Chrìosd, na’n robh shùil ni bu mhotha air a socraichadh air a chrann-cheusaidh, ‘s eùnnteach gu’n gabhadh e stigh barrachd de iomlanachd sluagh Chrìosd Ann-san agus bhitheadh e comasach ni bu trie air a bhi eleachdadh na eainnt bheannaicht—a tha gu h-aotrom agus gu h-aineolaich air a cleachdadh le cuid, ach, O! eia eò luachmhòr—”A ghràdhaich mi, agus a thug e fein air mo shon.” Agus an atadh an dearbh-bheachd so suas e? Am bitheadh ni bu lugha de dh’eagal aige roimh na pheacadh a chionn gu’m fac e oleas a pheasaidh ann am fulungas Chrìosd agus ann an gràdh Chrìosd? Na am bitheadh na bu lugha de chùram air a bhi beo chùm a ghloir-san do bhrigh gu’m b’urrain e ràdh, “A thug e fein air mo shon’sa, nàmhaid agus ceannairceach, fear-dimeas air a Phearsa, fear-diùltaidh air a shlàinte, craobh a bha fada neo-thoraich, a fùsachadh na talmhuiinn? O! chreidmhich, am bheil thu air t-ioraslaichd do bhrigh do bheag fàs ann gràs? Am bheil naire ort do bhrigh neo-sheasmhachd do ghlùasad maille ri Dia? Am bu mhath leat a bhi beo do Dhia? Mar sin dean ni’s mothà gnothuch dhe bhi beo tìre chreidimh ‘n a Mhac; mar sin dean feum ni’s mothà de Spiorad beannaicht’ na’n uile ghràs gu bhi nochdadh dhit na nithean is le Crìosd—glòir a Phearsa, luachmhoraichd fhaladh, agus saoibhreas a ghràidh. Ma bu mhaith leat fùs ann an ioraslaichd ‘s ann mar so a dh’fheumas e bhi. ‘S e beachd-smuainteachadh creidmheach air an t-Slànughear a bheir mu’n euart e. Ma bu mhaith leat fàs ann an aithreachas, ann am fein-àicheadh, ann a bhi marbh do’n t-saoghal, ‘s e so a ni e. Ma bu mhaith leat a bhi air t-atharrachadh gu iomhaigh Dhé, ‘s e so a mhàain a ni e. O! uime sin, iarr a bhi gabhail còmhnuidh ann an scalladh Chalbharaí. Faigheadh am buaireadair thù an sin. Faigheadh hm bàs thu n sin. ‘S e beagan de nithibh glòrmbor Chalbharaí a tha air fhaicinn leis na naoimh is mothair air thalamh; tha lân shealladh soilleir dhiubh air a ghleidheadh air son an teampuill shuas. Ach mar a tha na naoimh ann an sin mar aon ann a bhi’g ràdh, “Is airidh an t-Uan a chaidh a mharbhladh, air cumhachd, agus saoibhreas, agus gliocas gus neart, gus urram, agus glòir, agus moladh fhaotainn,” mar sin air thalamh tha iad uile mar aon ann a bhi’g iarruidh so bho’n Tighearn—gu’m fàsadh iad ann an eolas air Criosd air a cheusadh, agus ann a’ mothehdh air buaidh naomhachaidh an colais sin.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice