LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC AN TOISICH, D.D.
SEARMON X.
“Thigibh faicibh duine a dh’innis dhòmhsa na h-uile nithean a rinn mi riamh: Nach e so Criosd? Eoin iv. 29.
B’e so cainnt bean Shamaria aig crioch a coimneachadh iongantach ri Criosd. ‘S e th’air a thoirt fodh’r comhair an so iompachadh na aithreachas peacaich, aon dhe’n a suidhichidhean anns am bheil crioch mhòr teachd Chriosd dh’ionnsuidh ar saoghal-ne air a ruigheachd. ‘N a measg-san a chunnaic ‘s a chuala E ann an laithean fheòla cha robh mòran de na nithean so. Ach bha cuid ann dhiubh. Agus b’e so aon dhiubh.
Dh’fheudadh nach b’aithne do bhean Shamaria ach beagan mu thimchioll Dhé agus Chriosd ‘n uair a labhair i na briathraibh so. Dh’fheudadh i bhi glè aineolach air iomadh firinn mhòr. Cha’n e mhàin gu’m feudadh e bhi, ach ‘s e bh’innte, ach naoidhean a cur feum air bainne; a tòiseachadh, agus a mhàin a tòiseachadh, air a bhi foghlum ciod e ceud thòiseachadh diadhachd. Ach gidheadh, ‘s e bh’innte leanabh le Dia. Bha i marbh ach bha i beò a ris; bha i caillte agus fhuaradh i. Dh’aidich Iosa gu’m b’e atharrachadh da-rìreadh a bh’ann; aon anns am fac E de shaothair anama, agus a bha E toillichte. Thubhairt E, “Tha agam-sa biadh r’a itheadh air nach eil fhios agaibhsa.” Agus bha ‘n a h-ainglean a chuir an cèill a bhreth ‘n uair a luidh E anns an fhrasaich ann am Betlehem, a nis ag amharc a nuas agus a deanamh gàirdeachais thairis air aon pheacach a deanamh aithreachais. Tha againn ann an so, uime sin, eiseimpleir air an atharrachadh a ni neach ‘na Chriosduidh.
Is e so eiseimpleir de dh’iompachadh obann agus luath. Cha’n e nach e so a bhi dol thairis bho bhàs gu beatha ach ni a tha ghnàth ‘na atharrachadh obann. Ach ‘s tric gur e so ach ni a tha ga nochdadh fein, do mhuinntir eile, agus do’n neach fein, ann an rathad astaiseach, agus gu h-àraidh anns a mhuinntir a bha air an togail suas ann a eagal Dhé, agus a bha air an gleidheadh bho pheacaidhean mòr agus foilleasach; agus glè bhitheanta faodaidh am iompachaidh neach a bhi gu’n fhios do aon anns an t-saoghal so. Bha iompachadh an neach so gu math comharaicht’ agus obann. Dh’fhàg a bhean bho Shicar am baile, na bean bhochd, aineolach, shaoghalta, ‘n a coigreach do Dhia agus do luach a h-anama fein, bha a h-uile chùraman agus mhiannaibh air an cuartaichadh leis a beatha tha làthair: phill i ga h-ionnsuidh ‘na creutair nuadh. Cha’n eil barantas againn, uime sin, a bhi’g amharc le amharus na teagamh air cuisean mar so. Bhuinneadh dhuinn ni’s mò a bhi miannachadh, a bhi ‘g ùrnuigh air son, agus sùil a bhi againn riutha.
‘S e so ach iompachadh aon a bha anabarrach mi-choltaich, agus aon a bhuinneadh do shluagh a bha anabarrach mi-choltaich. Bha Iosa, aig an àm so, air a cho-èigneachadh gu èirigh a chur ri Iudea, far am bu mhò a bha dhe mhuinntir fein, a mhuinntir fein nach do ghabh ris; agus tre’m mi-chreidimh fhuair na Samaritanaich tròcair. O! doimhne saoibhris araon gliocais agus eolais Dè. Cia do-rannsachaidh a bhreitheanais, agus do-lorgachaidh a shlighean.” ‘S e bha ‘n so ach an aon bu mhi-choltaich de shluagh mi-choltaich, boireannach ro mhi-mhoralta agus aingidh—cha’n e mhàin so, ach aon a bha, am feadh ‘s a b’e so a cliù, ullamh gu dhol a stigh ann an argamaid ri Iosa air son c’ait a robh am fior ionad-aoraidh, agus seasamh suas air son diadhachd a h-aithrichean. Co theireadh, ma bha peacaich chaillte ann an Sichear gu bhi air an cruinnachadh a stigh, gu’m b’e am boireannach so a cheud aon diubh; gu’m bitheadh innte-se, an ceud aon ‘n a measg uile. Iosa Criost a foillseachadh “air tus an uile fhad-fhulangas, mar shaimpleir dhoibhsan a chreideadh ann, an deigh so, chum na beatha maireannaich.” Cha’n e slighean Dhé ar slighean-ne, ni mò a ‘s e a smuaintean-san ar smuaintean-ne, ach tha iad os ar ceann-ne mar tha na neamhan ni’s àirde na’n talamh.
B’e a h-iompachadh obair Chriosd. B’obair e anns an d’fhoillsich E ‘n gràdh a thug do’n t-saoghal E, agus a thug E chum a chroinn-cheusaidh. Bha i air a toirt mu’n cuairt le cumhachd an Spioraid. Deanadh sinn strì gu bhi smuaineachadh ann an rathad ni’s faiciche air a ghràdh so—an gràdh a tha tàladh pheacach, a tha deanamh gàirdeachais thairis air cleachdadh mheadhonan airson an iompachaidh, a tha’g ràdh riutha, ‘n uair a tha iad ‘nan luidhe anns a’ mhachair sgaoilte ‘nan fuil, “Mair beò.” Cuireadh sinn ar muinghin uile ann an cumhachd Spioraid Chriosd, ag altrum smuaintean àrd mu a ghràs agus a chumhachd. Ciod e’n soilleireachadh a th’againn ann an cùis a bhoireannaich so, air a ghràdh agus a chumhachd, mar a tha e ann am mòran de àitean eile air a chur sios ann an sgeul an t-soisgeil, mar a tha thaobh Muire Magdalen, Sachèus, agus an gaduich air a chrann. Ciod e ach gràdh saor a b’urrainn amharc air an leithidean sin. Ciod e ach cumhachd Dhé a b’urrainn an iompachadh.
‘S e cùis a th’ann a tha soilleireachadh dòigh iompachaidh, agus a tha toirt mòran do theagasg luachmhor dhuinn mu thimchioll. Le dòigh iompachaidh cha’n eil mi a’ ciallachadh an rathad anns am bheil an Spiorad Naomh ag oibreachadh. Tha sin am folach ‘uainn. “Tha a’ ghaoth a’ seideadh far an àill leatha, agus tha thu a’ cluinntinn a fuaim, ach cha’n eil fhios agad cia as a tha i teachd, no c’ait a tha i dol: is ann mar sin tha gach neach a tha air a bhreith o’n Spiorad.” “Mar nach eil fhios agad ciod i slighe an Spioraid, no cionnas a dh’fhàsas na cnàmhan ann am broinn na mnatha a bhitheas torrach, is amhuil sin nach eil fhios agad air oibribh Dhé, mar a ni e na h-uile nithean.” Ach tha meadhonan ann dhe’m bheil E deanamh feum ann a bhi toirt an atharrachaidh so mu’n cuairt. Tha E deanamh feum de fhìrinn; tha E beantuinn ruinn mar nithean reusanta agus cùntasach aig am bheil tuigse, cònuis, agus toil. Tha eolas air a co-phàirteachadh ruinn air an fhìrinn; tha làraichean air an deanamh leis an fhìrinn, làraichean air am bheil sinn mothachail; agus tha atharrachadh air beachdan agus aignidhean air an toirt mu’n cuairt le bhi gabhail ris an fhìrinn.
Trì Staidean Bean Shamaria
Tha bean Shamaria air a thoirt fodh’r comhair ann an trì staidean na suidhichidhean eadar-dhealaichte ‘n a h-eachdraidh spioradail mar chreutair peacach, mi-mhoralta.
(R’a leantuinn.)
Gaelic Poem.
Mrs. CLARK, Parish of Kingussie,
(Locally known in Gaelic as Bean TORRA-DHÀMH.)
This noted lady was born in the parish of Laggan, Badenoch, and was the daughter of Ewen MacPherson, schoolmaster in the parish.
She was a noted bard, but of the thirty-two pieces she composed only two (as far as is known) are extant. It was a real loss to the religious life of the Highlander that the spiritual poems of this pious lady were lost to posterity. Her first production was composed in English, but her husband persuaded her to employ her gift of poetry in Gaelic for the benefit of the Highlanders who could not understand the English language. But, as far as we know, her English poems were lost as well as most of her Gaelic poems. The following beautiful elegy shows how deeply exercised she was, and her deep love to the Saviour of the lost. Rev. James MacLeod.
(1)
Tha m’inntinn-s an geall
A bhi thall thar uisg’ Iordain;
Mar ri Prionnsa na siochaint,
B’e mo mhiann dol na chomhail;
‘S E Cibeir na treud E,
Bheir E fein orra faicill;
As na h-eileanan euainteach,
Ni E ‘n cuairteachadh dhachaidh.
(2)
‘Se an Ros E o Sharoin,
‘S am Fluthair o Lesse;
‘S E Gaisgeach Treibh Iudaih,
Cha chlaoidhear a neart-san;
‘S e ailteachd thar chach
Thug mo ghradh-sa cho mor Dha;
‘S an uair ‘bhios E as m’fhianuis
Bi mi cianail, ro bhronach.
(3)
Bidh mi dubhach gha iarruidh,
Os ional an comhuidh;
‘San uair chi mi na mhais’ E,
Bi mi laiste le solas;
‘S E m’aillengan broillich,
‘S E mo charaid ‘s m’fhear-posd’ E;
‘S e mo Brathair is seine,
Tris, is minig, ‘gam chomhnadh.
(4)
‘S E fear ghabhail mo leithsgéul,
‘S a sheasamh mo chorach;
A phaigheas m’uile fhiachan,
‘S ni mo dhion bho gach doruinn;
Am fad ‘sa bhios mi air thuras,
Bheir e ‘n cumantas lon dhomh;
‘S nuair a philleas mi dhachaidh,
Cha bhi aire aig a bhord-san.
(5)
Tha mil agus bainne ‘n Canaan,
Ged tha ‘n fhasaich-se lan croisean;
‘S iomadh bruthadh air sailibh,
‘N neach is fearr ‘gheibh an t-aisig;
Bha a smachdan ‘s a throcair,
‘O m’oige mu seach orm;
‘S e bu chainnt dhoibh le cheile,
Mi a threigsinn apheacaidh.
(6)
‘S iad clann dileas a chumnaint,
‘S geire ‘sgiursas a shlait-sa;
Ach cha deallaich a chaoimhneas,
A chaidh riu, reir fhocail;
‘Se trioblaid na fuirneis,
‘S an t-àm is fhearr a rusgadh an seachran;
Gus an iarr iad de Dhia tròcair,
Gun leonadh dha cheartas.
(7)
Chum’s gu faic iad an truaighe,
‘San gluasad gun fhaicill;
Thig an lagh ‘gan dian-ruagadh,
As gach bruach an robh ‘am fasgadh;
‘Nuair a ni choguis dùsgadh,
Le sgrudadh geur-bheachdail,
Ni i mach dhoibh bhi ‘saighdearan eallach,
Mur tionndaidh iad dhachaidh.
(8)
‘N uair bha mi am reubalt,
‘S E fein a rinn iochd orm;
‘S rinn mo philleadh le trocair,
Bho shlighe dhoruinn, ‘n leir-sgrios
Mar amhaich a ghriosaich,
A spion E mi thairis;
Bharr chriochan an namhaid.
Gu fàrdaich a chlanna.
(9)
Tha cuibhleachan uine,
Gu dluth a dol seachad;
Dean mo sgeadachadh sgiamhach,
An aodach iasaid a ghaigich;
A cheannaich E daor dhomh,
Cha b’ann le ni truaillidh,
Ach fhuil uasal ‘ga taomadh.
(10)
Dh-ath-nuadhaich E ‘chumnant,
Is dhubhail E ‘ghealladh;
‘Se Caiptein mo shlaint E,
‘Bheir le gras mi na chomhnaich;
Tha gach latha mar bhliadhna,
Gus an crìochnaich mi m’ astar;
Gus am bi mi ‘na fhianuis,
Troimh shiorruidheachd gun chrioch air.
(11)
Rinn Simeon solas ‘nuair
fhuair e Òg E ‘na ghlaicaibh;
Is le irioslachd dh’ iarr e
Comas triall ‘sa dhol dhachaidh;
Is a b’fhad bha mi ‘g earbsadh,
Tha m’ shùil dearbhta dha
fhaicinn;
Slainte Dhe do chloinn daoine
Chaidh fad thaobh uatha, air
seachran.