Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1959 » April 1959 » Searmonan: A bhi Fântuinn ann an Criosd

Searmonan: A bhi Fântuinn ann an Criosd

Leis an Urr. Tearlach C. Mac an Tòisich, D.D.

(Air a leantuinn bho t.d. 343)

Faodaiddh, uime sin, e bhi air a ràdh gu’m bheil sùim dleasdanas a Chriosduidh air a ghabhail a stigh ann an so—a bhi fantuinn ann an Criosd. Tha Iosa ag ràdh, ann a bhi labhairt r’a shluagh, air a lionadh le cùram air son an comhfhurtachd, an seasmhachd, am fàs, agus an giùlain toraidh, “Fanaibh annam-sa.” An urrain sinne, tre eolas fein-fhiosrachail agus cùimhneachadh beannaicht’, a bhi tuigsinn faireachaidhean an anama, an deigh dha bhi fada ag iarruidh fois agus gu’n a bhi ‘g a faotainn, a thuair a nis Criosd, agus mar so is urrain a ràdh, ” Pill, O m’anam gu d’shuaimhneas, oir bhuin an Tighearna riut gu fal? ” O cia cho domhain ‘s a tha an sin mothachadh air neo-airidheachd gu pearsanta! cia cho soilleir ‘s a tha sealladh air glòir agus luachmhorachd an t-Slànughear!—Criosd mar dhìdean, Criosd mar bheatha, Criosd mar na h-uile dha’n anam. A nis, smuain-tich air na briathran so mar a tighinn bho bhilean-san a dh’ ionnsuidh a pheacaich a bha air gabhail ris Leis-san agus a tha blasad air a ghràsmhorachd. O co theireadh gu’m bitheadh an t-anam gu bràth air fhaotainn ga threigsinn-san?

Ciod, uime sin, a tha air a ghabhail a stigh le bhi air ar faotainn ann an Criosd?

1.

Feumaidh mothachadh domhain agus maireannach air feum air Criosd, agus sealladh maireannach air uile-fhoghainteachd agus a lánachd mar Shlànughear a bhi ann. Tha bhochdainn na’n spiorad ris am bheil an Tighearna a ceangal a bheannachd anns an t-Searmon air a Bheinn, ‘n a chomharadh air a Chriosduidh, cha’n e mhàin air toiseach a chùrsa, ach am feadh ‘s a tha e anns an t-saoghal. Fàgaidh e aig a bhàs e ‘n uair a dh’fhàgas am peacadh e. Ann an sin bithidh e air a dheanamh iomlan ann an ioraslachd, agus air a dheanamh uile-bheannaicht’ ann an sealbhachadh Chriosd; ach cha bhi e ni’s fhaide bochd ‘n a spiorad. Gus an sin bithidh e fàs anns a ghràs so. Mar is saoibhir ann an gràs e ‘s ann is bochda bhitheas e ‘n a spiorad, do-bhrigh gu’m bheil e ni’s mothà air ioraslachadh a chionn gu’m bheil ni’s mothà de mhothachadh air peacadh, agus an tuilleadh agus an tuilleadh de mhothachadh air na th’aig ri ruigheachd air. Agus mar sin, mar a tha e fàs ann an gràs, feumaidh e ni’s mothà agus ni’s mothà an dearbh Shlànughear a ghabh e ris an toiseach, ‘n uair a thainig e ‘n a chionta agus ‘n a luideagan agus ‘n a thruaigh; agus a nochdadh dha tròcair. Ach maille ri mothachadh air feum air Criosd, feumaidh mothachadh a tha sior dhòl air adhart agus a fàs, a bhi ann air freagarachd agus lánachd Chriosd tre thuigse spioradail air an fhianuis mu thimchioll. A dh’ easbhuidh so bhitheadh an Criosduidh, le fhein-fhiosrachadh domhain, na bu truaigh dhe na h-uile dhaoine. Tha beannachd na’m bochd ‘n an spiorad a luidh ann an so gur a leo-san rioghachd neamh a chum an deanamh saoibhir agus uasal; agus tha beannachd a Chriosduidh a tha fàs ann am bochdainn ‘n a spiorad a luidh ann an so, gur leis-san Criosd gu bhi ni’s mothà agus ni’s mothà air aithneachadh leis ‘n a shaoibhreas nach gabh a bhi air a rannsachadh. ‘S ann fodh’n a mhothachadh so air feum, air an aon làimh, agus tre chreidimh ann an uile-fhoghainteachd an t-Slànughear air an làimh eile, a tha’m peacach an toiseach air a tharruig dha ionnsuidh; is ann fodh mhothachadh, a tha fàs ni’s doimhne, air fheum—a’ mothachadh air nach urrain e ni air bith a dheanamh as eugmhais Chriosd, agus mothachadh, a tha sior fhàs, air luachmhorachd Chriosd, a tha’n creidmheach a faotainn Ann. Cha’n urrain sinn a bhi tuilleadh ‘us amhrusach mu’n chreidimh a tha deanamh air falbh le bochdainn spioraid, na a dh’fhoillsicheas e fein ann am muinghinn shàmhach agus àrd-dhearbh-bheachd am feadh agus a tha e treigsinn an ioraslachaidh a tha co-sheasamh ann a bhi bròn air son peacaidh agus a tha fàs ann am mothachadh air olcas a pheacaidh. Ma tha sinn a smuainteachadh gu’n d’foghuim sinn gu leoir mu’n pheacadh agus cho peacach ‘s a tha sinn fein, agus mar eil suim againn mar an ceudna a bhi fàs ann an eolas air Criosd, faodaidh sinn a gabhail mar chomharadh gu’m bheil sinn ‘n ar coigrich air co-chomunn ris an t-Slànuighear.

2.

Feumaidh fantuinn ann an Criosd a bhi gabhail a stigh ann a bhi taiceachadh air, na a bhi’g earbsa Ann,—a bhi’g earbsa Ann air son gach ni a tha feumail gu bhi cumail suas agus a toirt gu iomlanachd na beatha spioradail, na a bhi deanamh daingean sith an anama, fhàs ann an gràs, agus slàinte shiorruidh. Tha e gabhail a stigh ann a bhi taiceachadh air air son fìreantachd. Feumaidh an t-anam fantainn ann mar an tûr làidir, an taobh a mach dhe nach eil tearuinteachd; na, gu bhi cleachdadh aon eile de shamhluidhean prìseil na’n Sgriobturain, feumaidh e bhi cur Chriosd air a ghnàth air son fìreantachd gach uair, as ùr, a tharuigeas e dlùth do Dhia, agus an deigh gach uair a tharuigeas e dlùth, air son peacadh a nith-ean naomh a thoirt air falbh. Mar is moth a dh’fhàsas an Criosd-uidh ann an gràs, is ann is simplidh a bhitheas a thaiceachadh air Criosd air son fìreantachd, agus ‘s ann is moth a bhitheas eagal air a bhi measgachadh ni eile—eadhon ni air bith a dh’fhaodadh an Spiorad Naomh oibreachadh ann—mar bhonn dòchais fodh chomhair Dhé, ri fìreantachd Immanuel. Mar an ceudna tha e gabhail a stigh ann taiceachadh air Criosd air son teagaig, gu bhi fosgladh suas diomhaireachdan rioghachd neamh, agus gu bhi nochdadh dhuinn na slighe anns am bu mhath dhùinn a bhi’g imeachd. A bhàr air so. tha e gabhail a stigh taiceachadh Air air son gràs naomhachaidh, mar chreutairean aig nach eil dòchas a bhi ruighachd air naomhachd ach tre ghràs a Spioraid uile-chumhachdaich. Mar so, is e bhi fantuinn ann an Criosd cleachdadh a bhi taiceachadh Air; a leithid de thaiceachadh air agus a tha ‘g a fhoillseachadh fein ann an sìth, an dòchas, an neart a tha sruthadh bho Chriosd a dh’ionnsuidh an anama anns a chleachdadh. ‘S e so da-rìreadh aon de na priomh nithean a tha air an gabhail a stigh ann a bhi beo beatha creidimh air Mac Dhé.

3.

Is e th’ann a bhi fantuinn ann an Criosd a bhi fantuinn ann an gràdh Chriosd. Cha’n eil e gu mòran mugha co-dhiubh a their sinn a bhi fantuinn ann am beachd-smuainteachadh air gràdh Chriosd, na bhi fantuinn ann an cleachdadh gràdh do Chriosd agus gràdh do na bràithrean; oir is ann le bhi beachd-smuainteachadh air gràdh Chriosd a tha gràdh do Chriosd air a tharruig a mach agus a faotainn cleachdadh; agus ‘s ann fodh bhuaidh bheannaicht’ a tha shluagh air an co-eigneachadh gu bhi beo cha’n ann dhoibh fein, ach Dhà-san a dh’ fhuilling am bàs air an son, agus a dh’eirich a ris. “Fanaibh,” ars a Criosd, “annam-sa.” Ma tha, ann a bhi tighinn dha m’ ionnsuidh-sa, ‘ur cridheachan cruaidh air am briseadh, ma tha gràdh agaibh Dhomh-sa a ghràdhaich sibhse an toiseach, fodh bhuaidh a ghràidh so; ma tha sibh a feorach, “Ciod a dh’ocas mi do’n Tighearna air son uile thiodhlacan dhomh?” ann an sin fanaibh ann am ghràdh, a chùm agus gu’n gleidh sibh m’àitheantan.

(R’a leantuinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice