Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1959 » May 1959 » Searmonan

Searmonan

Leis an Urr. Tearlach C. Mac an Tòisich, D.D.

(Air a leantuininn bho vol. lxiii., t.d 374.)

  1. ‘S e th’ann a bhi leantuininn Chriosd a bhi dlùth-leantuininn ris an Fhear-shaoraidh—ri a Phearsa, (‘s e sin Ris Fein, an Slànuighear beo), agus mar sin r’a fhocal, r’a aobhar, agus r’a shluagh—fodh gach uile bhuaireadh gu bhi’g a threigsinn. Cha luaithe a chuireas neach aghaidh rathad Chriosd na choinnicheas e ri trioblaidean de ghné nuadh agus sònraicht’; agus cha luaithe a thig e dh’ionnsuidh Chriosd na dh’fhaodas gu’n coinnich e ri buairidhean gu a threigsinn. Faodaidh e bith teagasg mearachdach; soisgeul eile, ga bhuaireadh mar a bha ‘n a ceud eaglaisean—gu h-àraidh eaglaisean Ghalatia—air am buaireadh, gu bhi treigsinn na sìmplidheachd a tha ann an Criosd, agus a bhi’g iarruidh, an deigh dhoibh tòiseachadh ‘s an Spiorad, a bhi air an deanamh foirfe ‘s an fheoil. ‘N uair a bhitheas e mar so air fheuchain, their an t-anam a tha air a chumail le Criosd, Co dh’ionnsuidh a theid mi ach ga’d ionnsuidh-sa? Tha agad-sa briathran na beatha maireannaich. Tha dearbhadh-cridhe beannaicht’ air Diadhachd agus cìntt neo-thuiteamach air slighe na slàinte ann an Iosa a leantuinn ceud chleachdadh a chreidimh; agus do-bhrigh so, iar-ruidh an t-anam a bhlais gu’m bheil an Tighearna gràsmhor, cha’n e soisgeul eile, ach sealladh agus blas as ùr dhe’n an dearbh shoisgeul gràs Dhé. ‘S e aon eile dhe’n a buairidhean so a bhi dol gu leisg air an aon làimh, agus laghaireachd air an làimh eile. Faodaidh neach a bha eudmhur agus teth ann an seirbhís Dhé fàs fuar agus gun bheatha, toileach a bhi’g ùrnuigh gu’n a bhi deanamh foirt spàirn an deigh co-chomunn ri Dia, agus a bhi leughadh agus ag eisdeachd an fhocal gu’n fein-fhiosrachadh anns na h-aignidhean air a chùmhachd rannsachaidh agus glanaidh. ‘S cinnteach ann an sin gu’n do sguir e bhi fantuinn ann an Criosd. Na faodaidh e tuiteam air son tamul fodh chùmhachd laghaireachd, —’s e sin r’a ràdh, fein-fhìreantachd,—aon de na naimhdean is cuilbheartaich agus is cùmhachdaich ris am feum an creidmheach coinneachadh. Na’m b’ urrain e gabhail ann an creidimh simplidh ri geallaidhean saor ghràs ann an Criosd, agus earbsa anns an Tighearn air son an coimhlionadh, cia air bith cho eadar-dhealaicht’, aig iomadh am, a bhitheadh e dha anam ann an solus, comhfhurtachd, agus fàs. Ach car son a tha e dulich, aig am air bith, an creidimh simplidh so a chleachdadh? gu h-àraidh, do-bhrigh am fuigheal laghaireachd a th’anns a chridhe. ‘S e buaireadh cùmhachdach eile a th’ann an saoghaltachd,—’s e sin ri ràdh, co-chùmtachd ris an t-saoghal, no gràdh an t-saoghal a tha lathair. Thuit cuid de shluagh Dhé fodh a bhuaireadh so agus throimh-loit siad iad fein le iomadh bròn. Dh’fhàs an siol a chaidh a chur a’ measg an droighean suas, agus bha h-uile coltas air toradh pailte; ach air do “ro-chùram an t-saoghal so, agus mealltaireachd saoibhreis, agus ana-miannan nithean eile teachd a steach, agus a tachdadh an fhocal, agus nithear neo-thorach e.” Ma tha sibh a dol a dh’fhantainn ann an Criosd, feumaidh sibh a bhi faireachadh ‘ur feum air a ghràs uile-chùmhachdach gu bhi ga ‘ur cumail am feadh ‘s a tha sibh a dol an ceann gnòthuichean an t-saoghal so, a chum agus gu’m bitheadh ‘ur cridheachan fathasd far am bheil Criosd. ‘S e aon eile dhe’n a buairidhean so, uabhar spioradail. ‘N uair a bha’n t-Abtol mòr air a thogail suas a dh’ionnsuidh an treas neamh, dh’fhaodadh-mid a ràdh, Cia cho iorasal ‘s a bhitheas Pòl ann am fein fhiosrachadh a leithid sin de ghràs. Gidheadh, air eagal gu’m bitheadh e air àrdachadh thar tomhais tre mheud na’n seallaidhean a thuair e, thugadh dha sgolb ‘s an fheoil. Agus ma dh’fheumadh Pòl an smachd so a chùm agus gu’n bitheadh e air a chumail iorasal agus a fantainn ann an Criosd, co’n Criosdaidh nach eil ann an cunnart uabhar spioradail, gu h-àraidh an deigh feinfhiosrachadh neo-àbhaisteach air maithes an Tighearna? Agus nach fheud e bhi gur e’n t-aobhar air son am bheil cuid de Chriosduidhean air cho beag comhfhurtachd agus aoibhneis suidhichte gu’m bheil iad cho ullamh air a bhi cur an sealbhachadh air saorsa ann an àite Criosd. “Fanaibh,” tha E’g ràdh, “Annam-sa.” ‘S e’n aon eile a dh’ainmicheas sinn dhe’n a h-iomadh buaireadh gu bhi treigsinn Chriosd—oir feumaidh sinn a mheas mar sin— a bhi fodh dhiobhail misnich. na bhi ullamh gu fannachadh, gu h-áraidh ann an trioblaid. Cha’n e caraid do dh’ioraslachd a tha ann an diobhail misnich; ged a tha cuid de chloinn ghràdhach Dhé gu tric air taghal orra leis, agus air an cumail ional le a bhuaidh orra, ag ràdh, “Tha mo shlighe folaichte o’n Tighearn, tha mo chòir air a leigeadh air dearmad le mo Dhia.” Ach tha E ‘g ràdh, “Nach aithne dhuit, nach cuala tu? An Dia bith-bhuan, an Tighearna, Cruithear chrioche na talmuinn, cha’n fhannaich agus cha sgìthich e: cha’n fheudair a thuigse a rannsachadh. Bheir esan neart do’n t-anmhuinn, agus dhoibh-san a tha gu’n lùgh meudaichidh e treise.”

  2. Feumaidh a bhi fantainn ann an Criosd a bhi gabhail a stigh ann a bhi fantuinn Ann gus a chrioch, eadhon ‘n uair a bhitheas an fheoil ag iarruidh fois, agus ‘n uair a bhitheas ni-eiginn a cogarsaich gu’n robh gu leoir ann de dh’aideachadh air seann pheacaidhean, agus gu leoir de ghleachd ri peacadh ‘s an taobh a stigh. Gus a chrioch—gus nach teid an t-anam ni’s mothá a mach, gu’s am bi e air a dheanamh geal ‘n a fhuil-san, agus air a lionadh le lànachd Dhé, a faotainn a’ neamh ann a bhi toirt air ais na h-uile ni a thuair e, ann a bhi toirt aoraidh le buidheachas do’n Uan a chaidh a mharbhadh.

Tha’m Fear-saoraidh ag innse dhuinn ciod e toraidhean sona a bhi fantainn Ann-san. Tha iad dhe’n t-seorsa so:—An toiseach, a bhi toirt a mach mòr-thoradh, eadhon an toradh sin leis am bheil an t-Athair air a ghlòrachadh, agus a tha ‘na chomharadh air neach a bhi ‘n a dheisciobuil; ‘s an dara h-àite, eolas air Dia mar Fhear-eisdeachd ùrnuigh, do-bhrigh ann a bhi cumail dlùth ri Criosd, tha ùrnuigh a soirbheachadh, agus air do’n chreidmheach a bhi gun chridhe aig a tha ga dhìteadh, tha muinghin aig a thaobh Dhé gus a bheul fhosgladh gu farsuinn a chùm agus gu’n lion an Tighearn e; agus, anns an treas àite, gu’m bheil aoibhneas air a dheanamh làn, air chor agus gu’m bheil e faotainn, eadhon ‘n uair a tha e brònach, gu’m faod e bhi deanamh gàirdeachas gun sgur.

Ach na di-chuimhnicheadh-mid gu’m bheil Criosd a labhairt mu chuid nach eil a fantainn Ann-san; agus gu’m bheil an truaigh a reir aoibhneas na muintir a tha. Cia cho uamhasach ‘s a tha bhrìathran. “Mar fan neach annam-sa, tha e air a thilgeadh a mach mar gheig, agus air crionadh; agus tionailidh daoine iad, agus tilgidh iad ‘s an teine iad, agus loigear iad.” Cia cho duilich ‘s a tha suidheachadh neach air an robh coltas aon uair a bhi ann an Criosd, ‘n a chreidmheach ‘n a ainm, gu dian a gràdhachadh a Phearsa, a shluagh, agus aobhar, na neach a tha rannsachadh Fhocal, agus a tha toirt urram Dhà laghannan,—’n uair a threigeas e cheud ghràdh, seadh, a theid air ais a dh’ionnsuidh an t-saoghail agus a tha ris air a ribeadh ‘n a truaillidheachdan. Am bheil aon dhiubh sin ‘n ar measg? Ma tha aon, gu’n deonaicheadh an Tighearna, ann an tròcair neo-chrioch-nach, ma’s e tuilleadh ‘us anmoch, deilgeadh ris air a leithid de dhòigh, agus a chridhe gu domhain air a leon, gu’n tigeadh an glaodh a mach, O nach robh e dhomh-sa mar anns na bliadhnachan a chaidh seachad.

Am bheil neach air am bheil an t-eagal gu’n do chaill e, na cha mhòr nach do chaill, an fhianuis a bha aon uair aige air a bhi ann an Criosd, do bhrigh gu’m bheil an creidimh, an t-aithreachas, an gràdh, am fein-aicheadh, na na nithean a shaoil e aon uair a bu tòiseachadh na’n gràsan beannaichte sin ‘n a anam, a nis gun a bhi air a faicinn leis? ciod e’n leigheas air son a leithid sin de shuidheachadh? An e bhi luidhe thairis air seann fhein-fhiosrachaidhean, na bhi’g amharc nì’s mothá agus nì’s mothá an taobh a stigh de’n chreutair fein? Faodaidh an Tighearn saorsa a thoirt anns an dòigh so. Ach ‘s e’n nì gu sònraicht’ a tha thu air do ghairm dha ionnsuidh, ma tha thu nis a faireachadh gur e bhi as eugmhais Chriosd suim gach truaighe, tighinn mar pheacach, mar cheann-feadhna na’m peacach, a dh’ionnsuidh an Tighearn Iosa. Mur a h-urrainn dhuit a ràdh le muinghinn gu’m bheil thu ann an Criosd, gidheadh faodaidh tu ràdh gu’m bheil E air do chuireadh gu tighinn dha ionnsuidh, maille ris a ghealladh nach tilg E air chor air bith a mach thu. Gabh beachd air gràs cuireadh cho beannaichte, na dean dàil ann a bhi lùbadh a stigh ris, thig gu Criosd; agus sgapaidh eirigh Ghrian na Fìreantachd air t-anam an dorchadas; ‘n a sholus chi thu solus, agus pillidh sìth agus aoibhneas maille ri cridhe air a leaghadh. Ach ma’s e agus nach mòr nach do chaill thu an fhianuis a bha uair-eiginn agad a bhi ann an Criosd, feoirich aig an dearbh am cuin a thòisich teagamh air a bhi lionadh t-inntinn? An ann an deigh ni bu lugha de dhùrachd agus de dhichioll a thaisbeanadh anns an ùrnuigh uaigneach, an deigh dhuit àite a thoirt do leisg spioradail, agus an deigh do Fhocal Chriosd a bhi na bu lugha air a rannsachadh leat agus a bhi gabhail còmhnuidh annad? An sin tuig agus faigh buannachd dhe’n leasan shòlmaite a tha so a teagasg dhuit. Is ann an co-cheangal ri fein cheasnachadh, ri ùrnuigh, ri bhi deanamh Fhocail Fein luachmhor, a tha’n Tighearn Iosa ga fhoillseachadh Fein dha shluagh, ga’n cumail a fantainn Ann-san agus ga’n aiseag air ais bho’n seacharan.

‘S an àite mu dheireadh, cia cho duilich ‘s a tha suidheachadh na muintir ris nach urrainnear a ràdh, “Fanaibh Annam-sa,” do bhrigh ‘s nach robh iad riamh ann an Criosd. Ge b’e cho mi-chùramach ‘s a dh’eisdeas neach ri so is nì uamhasach a th’ann a bhi as eugmhais Chriosd. ‘S e th’ann ach neach a bhi fodh mhallachd Dhé agus fodh uachdaranachd a pheacaidh, a bhi beo ann an eas-urram do Dhia, a bhi’g imeachd anns an t-slighe leathainn a tha treorachadh gu sgrios. Ach ma tha Criosd ga d’ iarruidh-sa ‘n uair nach eil thusa ga iarruidh-san; ma tha tròcair gu leoir ann an Criosd dhuit-sa, eufachd an fhuil gu bhi ga’d ghlanadh, agus cùmhachd ‘n a ghràs gu bhi ga d’ naomhachadh, an sin smuainich cia cho uamhasach ‘s a bhitheadh e a bhi beo agus a bàsachadh a bhi diùltadh a Chriosd so, a bhi tighinn am fianuis Righ-chathair a Bhreitheanais as eugmhais Chriosd, a bhi air t-fhògradh bho làthair Chriosd, agus a bhi air a ràdh riut leis an t-Slànughear bheanaicht Fein, “Imich uam.” Cha’n e briathran gun chiall a tha’n so. Gheibh thu mach fathasd gur e nithean a tha’n so a bhuineas do’d shìth. Uime sin, nach iarr thu an Tighearn am feadh ‘s a tha E ri fhaotainn, am feadh ‘s nach eil thu air leabaidh pian, am feadh ‘s a tha do reusan agad, am feadh ‘s a tha agad fathasd am luachmhor Sàbaid, am feadh ‘s a tha Iosa fathasd a bualadh aig do dhorus?

May God bless His Word. AMEN.


Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice