Is ann an a bhi’g amharc ri Iosa a tha’n cùrsa-réis ri dhol a stigh air; ag amharc air falbh bho chuspairean eile ga ionnsuidhsan; ag amharc air falbh bho agartasan coguis a tha trom-luchdaichte le cionta, bho lagh teinnteach, gu Iosa air son fois; agus ag amharc air falbh bho’n t-saoghal gu Iosa. Is ann an a bhi faotainn sealladh Air mar an t-Uan a chaidh a mharbhadh a tha’n t-anam air a tharruing le slabhruidh neo-fhaicsinneach, ach chùmhachdach, a ghràis-san agus a ghràidh, a mach as an t-slochd uamhainn agus as a chlàbar làthaich; agus is ann fodh bhuaidh aonaithe ùghdaras, a ghràidh, a theagaig, a tha e air a thoirt gu ràdh, “A Thighearna, ciod a b’ail leat mise a dheanamh?” ‘S e creidimh ann an Criosd ionad-tòiseachadh fior dhiadhachd; creidimh a tha taiceachadh air Iosa air son slàinte, a tha toirt a chridhe Dha, ag ràdh, “Ciod e mo ghnothuch-sa tuilleadh ri iodholan?” Agus ge b’e na làraichean a dh’fhaodas a bhi air a dheanamh air a chridhe a thaobh cho riatanach agus cho barraichte ‘s a tha fior dhiadhachd, agus ge b’e na h-oidheirpean a dh’fhaodas a bhi air a dheanamh gu bhi leantuin Chriosd anns an t-shlighe a tha air a comharachadh a mach dhà luchd-leanmhuinn, cha’n eil iad a ‘g’oibreachadh slàinte, agus tha ‘n a oidheirpean sin gun soirbheachadh air bith gus an tig an t-anam gu bhi umhail do ghairm an t-soisgeil, agus an gabh e ri Criosd mar Iosa, a tha “saoradh a shluaigh fein bho’m peacaidhean.” ‘S e firinn ro-chudtromach a tha’n so.
Is ann an a bhi’g amharc ris an Tighearn Iosa a tha sinn a ruith na réis. Cha’n e mhàinn gur E Alpha agus Omega dòchas a pheacaich ‘n uair a thig e’n toiseach gu bhi ‘g altrum dòchas maith a thaobh slàinte; ach ‘s E Alpha agus Omega dòchas a shluaigh, a tha sior mhairisinn, toiseach agus crioch a’ muinghinn. Is E Neart a chreidmhich, agus a Sholus, agus Fhear-iuil, agus a Chomhfhurtachd, agus a Shlàinte agus a Ghlòir—is E uile. Is E Grian na Fìreantachd anns an iarmailt’ aige, ‘n a sholus a mhainn am faic e cuspairean spioradail, na anns an coimhlion e dleasdanasan spioradail; ‘n a bhlàthas a mhàinn a tha e taiceachadh air son a bhi air gabhail ris ‘n a phearsa; is ann air a ghràs a tha e taiceachadh air son naomhachadh a nàduir. Is e a ghàirdean-san a tha ga chumail suas; is e a ghràdh a tha ga shàsuchadh. Gu’n teagamh cha deanadh a bhi beachachadh Air ann an glòir a dhiadhachd gun sgaile oirre, dealaichte ri obair mar Immanuel a mhàinn ach a bhi dalladh agus a caitheamh as a chreutair; ach mar a tha E air fhoillseachadh ann an dealradh taitneach obair mar Eadar-mheadhonair, tha’n sealladh ag ùrachadh an anama ann an dòigh do-labhairt. Is urrain am peacach bochd, dorcha, cionntach, beachdachadh Air leis an ioraslachd is doimhne, agus gidheadh mar a chuspair earbsa agus a mhuinghinn. Faodaidh mar sin ioraslachd agus dòchas freumhachadh agus fàs taobh ri taobh ann a “bhi’g amharc ri Iosa.”
(R’a leantuin.)