Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1960 » August 1960 » Searmonan

Searmonan

Leis an Urr. Tearlach C. Mac an Tòisich, D.D.

(Air a leantuinn bho t.d.)

Tha agad ri bhi cuimhneachadh, a chreidmhich, gu’m bheil thu ri bhi air do bheothachadh gu dòchas nì’s mothann a bhi cuimhneachadh, gu’n do dh’imich àireamh nach urrainn neach air bith àireamh an aon cheum a tha thusa ag imeachd, gu’m bheil thu air do chuartachadh le neul mòr de dh’fhianuissean; ach tha thu ri bhi’g amharc ri Iosa. Cha’n eil ann an cuideachd na muinntir shaorta uile ach an urad sin de sgàthanann anns am bheil cuibhtionn bheag air chor-eigin Dheth mhaise ri bhi air a faicinn; agus eadhon na’n staid ghloirichte, ciod is urrain iad a dheanamh air son peacach bochd—air son spiorad luchdaichte? Is urrain iad co-fhaireachadh a bhi aca ris, ach ‘s e sin uile. Cha’n eil ach aon Chuspair is urrain coinneachadh ri fheuman uile, is urrain a shùilean a lionadh ‘n uair a tha e air a dheanamh comasach a bhi faicinn agus ag òl a stigh a mhaise mhoralta agus spioradail, is urrain a chridhe a lionadh gu bràth; agus ‘s e’n Cuspair sin an Tighearna Iosa Crìosd. Cha’n eil an t-Athair siorruidh sgìth dhe bhi’ gabhail beachd air oirdheirceasan; cha’n eil na h-ainglean naomh sgìth dhe bhi seinn a chliùthabh; cha ghearrain a mhuinntir shaorta gu bràth gu’m bheil an gnàth

bheachdachadh air a mhaise ag aobhrachadh sgios. Is iomadh osna th’aig an anam luchdaichte fodh mhothachadh air Criosd a bhi fad as, a thaobh cho dorcha, dorcha, ‘s a tha shealladh Air; ach cha’n fhàs e gu bràth sgìth dhe bhi faicinn aghaidh ‘n uair a thig e do’n t-Sion neamhaidh.

Ach feumaidh sinn beachdachadh air a chuspair so ann an solus eile. Tha creutair bochd, dorcha, lag air a ghairm gu bhi ruith na réis bho pheacadh gu naomhachd, gu bhi’g iarruidh as deigh ni nach eil ni’s lugha na bhi gu h-iomlan coltach ri Dia; gu bhi’g iarruidh ni nach eil ni’s lugha na bhi glòrachadh Dhé. Tha e ro fhior gu’n deachaidh e troimh atharrachadh glòrmhor; tha e air a dhol thairis bho dhìteadh gu staid anns am bheil e air gabhail ris ann an sealladh Dhé; tha e air ath-nuadhachadh ann an spiorad ìntinn; chaidh na seann nithean seachad; chaidh an saoghal a dheanamh ‘n a dhiamhanas dha air son Chriosd. Agus gidheadh tha e, ann fein, cho tur gun neart ‘s a bha e roimhe. Cha’n eil stoc de ghràs aige air an urrain e marsantachd a dheanamh; cha’n eil cumhachd aig ann fein gu cur an aghaidh a naimhdean spioradail; cha’n urrain e anam fein a ghleidheadh, cha’n urrain e aon de ghràsan an Spioraid a chleachdadh gu ceart, agus, ge b’e ‘n t-adhartas a dh’fhaodas e dheanamh ann am beatha na diadhachd, tha shuidheachadh anns an rathad so a fantuinn gu’n atharrachadh. Tha e fathasd, am feadh ‘s a tha e anns an t-saoghal so, ‘n a pheacach a tha cur feum air tròcair, cho cìnteach ‘s a bha e ‘n uair a dh’iarr agus a thuair e tròcair an toiseach; a cur feum air neart siorruidh an Tighearn Iosa ga chumail suas, cho cìnteach ‘s a bha e ‘n uair a thoisich an cath an toiseach; agus mar is moth a dhartas ann am beatha na diadhachd is ann is moth a tha e faicinn so, agus ‘s ann is moth a tha teicheadh aige roimh oibrìbh an droch phrionnsabal a cheanglaidh ri obair chriochnaichte Chriosd mar bhonn dòchais, ni air bith dhe chuid fein, eadhon ni air bith dhe na dh’oibrich Spiorad Dhé ann, na a chumadh air ais e bho bhi’g amharc ri Iosa leis an aon mhothachadh air cion neart ann fein ‘s a bha aig ‘n uair a dh’amhairc e’n toiseach ‘s a bha e air a thearnadh. Agus gidheadh tha e air a ghairm gu bhi ruith na réis so. Cia mar, uime sin is urrain e bhi ruith? Tha e ri bhi ga ruith mar a chaidh e stigh ìnte an toiseach, “ag amharc ri Iosa.” Mar a tha Aon ann a rinn na h-uile ni air a shon a thaobh a bhi saoradh anam bho dhìteadh, agus a thaobh tòiseachadh na h-obair mhaith, mar sin tha E ri bhi leantuinn air adhart ann a bhi deanamh na h-uile nì air a shon, agus a bhi toirt gu coiliontachd gach ni a bhuineas dha. Air-san, uime sin, tha e ri bhi taiceachadh; Ris-san tha e ri bhi’g amharc, agus air son gach nì dh’fheumas beatha a Chriosduidh tha ullachadh anns an Tighearn Iosa. Gabh beachd, uime sin, mar a tha leisg spioradail air an aon laimh, agus mi-mhisneachd air an laimhe eile, air an dùnadh a mach le ullachadh an t-soisgeil. Cha’n eil an Tighearn Iosa ag iarruidh aon maille Ris Fein ann a bhi tòiseachadh na a leantuinn air adhart obair a ghràis. ‘S e tha E ‘g iarruidh a bhi taiceachadh, a bhi taiceachadh gu sìmplidh agus gu iomlan air Fein air son toiseachadh agus toirt gu coillontachd na h-obair; agus anns an taiceachadh so tha E air a ghlòrachadh.

Air an aon laimh, uime sin, is e’n creidmheach a tha taiceachadh gu muinghinneach a bhitheas ‘n a chreidmheach d’ichiollach agus gniomhach; ‘s e so a’ neach a ghiùlaineas uireasbhuidhean agus uallaichean a dh’ionnsuidh an Tighearn Iosa a chùm agus gu’m bi fheuman air coinneachadh riutha a mach as a’ lànachd-san a bhitheas le uile chrìdhre a ruith na réis; agus, air an làimh eile, cha’n eil an gairm gu bhi ruith na réis so mar gairm Pharaoh ri cloinn Israel, “Deanabh clachaibh creadha gun chonnlaich;” cha’n eil an creidmheach bochd falamh air a gairm gu bhi naomh ann an cleachdadh oidheirpean fein. Ni-headh: tha Criosd air a dheanamh Dha shluagh, bho Dhia, cha’n e mhàinn ‘n a fhireantachd, ach mar an ceudna ‘n a naomhachd. Tha’n teagasg a tha toirt àite air bith do dh’oibríbh ann am fireanachadh a pheacaich, na a bheir do’n Chriosduidh cumhachd ann fein gu bhi giùlain air adhart obair a’ naomhachaidh dealaicht’ ri e bhi ‘n a theagasg a tha sgrios an anama, is e teagasg truagh agus gun solas a th’ann.

‘S e creidimh, uime sin, prionnsabal mòr ‘n a h-ùmhlachd. Tha ùmhlachd an fhiar chreidmhich eadar-dhealaichte bho ùmhlachd an fhoirmealaich ann a’ mòran de sheadhan:—is i ùmhlachd a ghràidh a th’innte, gràdh do Chriosd, agus speis do dh’aitheantan Dhé uile:—ach tha e gu sònraichte soilleir ann an so, gur i ùmhlachd a chreidmhich a th’innte. ‘N uair a tha sinn ag ràdh gur i ùmhlachd a chreidimh a th’innte, tha sinn a ciallachadh, an toiseach, gu’m bheil i ‘n aghaidh na h-ùmhlachd a tha air a cur air chois le fein-fhireantachd na eagal tràilleil, oir tha i air a beothachadh le dòchas; agus anns an dara àite, gu’m bheil i’n aghaidh na h-ùmhlachd a tha tarruig air a chreutair fein air son a chumail suas, oir tha tarruig a chumail suas bho Shlàn-uighear nach eil ri fhaicinn.

Cha lean mi nì’s fhaide aig an am so air nàdur creidimh mar a tha e air a chumail a mach ‘s an t-samhla na anns a choslas mhaiseach so “ag amharc ri Iosa.” Cha’n aithne dhomh gu’m bheil ann am Focal Dhé foillseachadh eile air creidimh is freagarach do’n a chreidmheach lag, is freagarach gu bhi “cuideachadh eas-creidimh” na’n aon so. Tha’n t-simplidheachd ghlòrìmhòr a bhuineas do chreidimh ann an Criosd air fhoillseachadh leis,—an t-simplidheachd a tha ga dheanamh cho cruaidh do’n a chridhe fhein fhìreanta a bhi tuigsinn ciod e creidimh—gur e th’ann ach peacach a tha mothachail air a bhi caillte agus gun chomas aig amharc ann an simplidheachd ris an Tighearn Iosa Criosd anns an t-soisgeul air son na slàinte a bhàsaich E gu bhi ceannach, agus a tha E beo gu bhi toirt seachad. Tha dhà na trì de nithean, gidheadh, a dh’fheumas sinn a chumail am fradharc mar nithean a dh’fheumas a bhi air an gabhail a stigh ann. Mar eisimpleir, feumaidh a bhi ann eolas air Criosd, tomhas de fhioreolas spioradail air a Phearsa agus Air obair. Cha’n urrain creidimh a bhi air a chleachdadh air Criosd air nach eil eolas againn; Cha’n urrain e bhi faotainn cleachdadh ach cho fad ‘s a tha’n tuigse, air a soillseachadh le Spiorad Dhé, a gabhail aithne air glòir Iosa an Criosd. Uime sin, is ann an uair a tha’n t-Abstol Peadar ag earalachadh a bhràithrean a “bhi fàs ann an gràs,” a tha e cur ris a’ sin, mar aon ri, air mhodh sònraicht’, anns am bheil fàs ann an gràs a co-sheasamh, “agus ann an eolas ar Tighearna agus ar Slànuig-hear Iosa Crìosd.” A ris, feumaidh earbsa ann an Criosd a bhi ann. Nis, tha gairm choitchionn an t-soisgeil a toirt baratas aig gach am do’n chreidmheach a bhi as ùr a toirt cleachdadh do chreidimh anns an Tighearn Iosa Criosd; mar eisimpleir, a leithid de earann ghlòrìmhòr de fhocal Dhé ris; “Is ann mar so a ghràdhaich Dia an saoghal gu’n d’thus e aon-ghin Mhic Fein, chùm ‘us ge b’e neach a chreideas ann nach sgriosar e ach gu’m bi a bheatha mhaireannach aig;” agus gu’m bu beannaichte Dia gu’m bheil baratas againn am feum so a dheanamh de’n t-soisgeul bheannaicht’ bho am gu am. Ach a thuilleadh air a so, tha foillseachaidhean sònraicht’ air an Fhear-shaoraidh freagarach air son gach cor agus suidheachadh anns am bheil a shluagh air am faotainn anns an t-saoghal so. Nis, ‘s e th’ann a bhi’g “amharc ri Iosa” ach a bhi’g amharc Ris ann an cleachdadh sùil a bhi againn agus earbsa bhi againn gu’m bi E dhuinn a reir Fhocail Fein, agus a reir ar feum-ne; gu’m bi E dhuinn mar ar Beatha ann ar bàs, ar Fear-tagraidh gu gabhail os laimh air ar son, ar Fear-coimhead a chùm ar dion, ar Buachaile gu bhi ga’r beathachadh; agus mar sin air son ar feuman uile.

An sin a ris, feumaidh an “amharc ri Criosd” so a bhi na leithid de amharc agus a tha gabhail a stigh innte tlachd cridhe ann an Cuspair glòrmhor a chreidimh. Cha’n eil teagamh nach feum sinn eadar-dhealachadh a chur eadar creidimh agus gràdh; cha’n fhaod sinn an dà ghràs so a mheasgachadh. Ach feumaidh sinn a chuimhneachadh gu’m bheil iad a ghnàth do-sgaraichte. Tha creidimh a beothachadh gràdh, agus tha gràdh a glùasad suas creidimh gu bhi sior-mheudachadh ann an cleachdadh. Is ann a dh’ionnsuidh sealladh a ghràidh, cho maith ri sealladh na h-earbsa a tha’n creidmheach air a chuireadh.

(R’a leantuin)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice