Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1960 » October 1960 » SEARMONAN

SEARMONAN

Leis an Urr. Tearlach C. Mac an Tòisich, D.D.

(Air a leantuinn bho t.d. 123)

Nis, gabham beachd, mu’n tig sinn gu crìch, air cuid dhe na cliùthan glòrmhor anns am bheil an Tighearn Iosa ri bhi air beachdachadh Air.

Ann an so na dì-chuimhnicheadh-mid ma tha ar creidimh ri bhi air a chleachdadh air an Tighearn Iosa Criosd, air a leithid de dhòigh ‘s gun ruith sinn da-rircadh an réis a tha air a chur romhainn, feumaidh e’n toiseach a bhi gabhail a stigh glòir a Phearsa. Cha’n urrain sinn a bhi faicinn luachmhorachd obair Chriosd mar a faic sinn glòir Phearsa Chriosd—an Dia-duine, Immanuel. Cha’n eil teagasg air bith bho dhuine a tha comasach air aon sealladh ceart a thoirt dhuinn air Criosd ‘n a Phearsa. ‘S e Spiorad Dhé a ni so. Tha E toirt so Dha shluagh; Bheir E dhuinne e ma dh’iarras sinn Air e. O! far am bheil a bhi’g “amharc ri Iosa,” agus ruith na réis, tha ùrnuigh bho latha gu latha agus bho uair gu uair air son teagasg an Spioraid gu bhi foillseachadh dhuinn Iosa anns an Fhocal ann an glòir a Phearsa.

Tha E ri bhi air beachdachadh Air mar Thighearna na réis so, dha’m buin sinne a thaobh cruthachaidh agus a thaobh saorsa; a chùm agus gu’m bu chòr dha gach aon de shluagh a bhi comasach air a ràdh, “Dhomh-sa a bhi beo is e sin Criosd;” agus mar sin bu chòr dhoibh tighinn gach latha dha ionnsuidh leis a cheisd, “Thighearna ciod a b’aill leat mise a dheanamh? ciod a b’aill leat mise a dhealachadh ris? ciod a b’aill leat mise a dh’fhulung ann a bhi ruith na réis so? Is leat mi.” Feumaidh mothachadh air ùghdaras-san, agus na comainean neo-chriochnach fodh’m bheil a shluagh Dhà, an sealbhachadh, ma tha iad gu Esan a leantuin.

A ris, tha E ri bhi air amharc Ris mar an t-Ard-Sagart mòr, na an iobairt-réitich air son peacaidh; agus mar am Fear-tagraidh maille ris an Athair. ‘S e sealladh air Criosd ‘n a dhreuchd mar Shagart a tha’n toiseach a tarruig aire a pheacaich agus a toirt dha sìth; agus ‘s e’n sealladh so air Criosd a bhi buannachadh, a tha feumail gu bhi gleidheadh sìth a shluaigh. Is ann mar Uan Dhé a dh’fhoillsich E air thalamh glòir an Athar; is ann mar an t-Uan a chaidh a mharbhadh a tha urram agus aoradh air a thoirt Dhà air neamh; agus am feadh a tha E ‘n a shuich an sin aig deas laimh an Athar, mar Fhear-ionaid pearsachan a shluaigh, the E taisbeanadh an seirbhisean mar an ceudna, air an deanamh cùbhraidh le tuis eifeachd neo-chriochnach iobairt-reitich Fein. O. cia cho luath ‘s a dh’fhannaicheadh an creidmheach, a bheireadh e thairis, agus a rachadh e fodha ann an dubh-eu-dòchas mar a bitheadh an t-Ard-shagart aige gu amharc Ris—agus a leithid de Ard-Shagart, aig am bheil co-fhaireachadh ri anmhuinneachd a shluaigh, agus a tha tearnadh a dh’ionnsuidh a cheum is fhaide mach do-bhrigh gu’m bheil E beo gu siorruidh gu bhi deanamh eadar-ghuidhe.

A ris, tha E ri bhi air amharc Ris mar an Roimh-ruithear. Chaidh E air thoiseach air a shluagh anns an réis so. Agus a nis, tha dearbh làrach a cheumaibh ri’m faicinn anns a chùrsa. Tha E ri bhi air fhaicinn ann a bhi deanamh toil an Athar; b’e so a bhiadh agus a dheoch. Tha E ri bhi air fhaicinn ann an ùrnuigh; chuir E seachad oidhcheannan iomlan, ghleachd E, rinn E sbàirn chruaidh, ann an ùrnuigh. Tha E ri bhi air fhaicinn ann an gleann domhain an ioraslachaidh; bha a bheatha uile air thalamh air a caitheamh ann. Tha E ri bhi air fhaicinn ann am buaireadh: dh’fhuilg E air Dhà bhi air a bhuaireadh. Tha E ri bhi air fhaicinn ann an gleann dorcha sgàile a bhàis: chaidh E troimh’n ghleann sin: chaidh E air thoiseach, agus a nis tha E ‘g radh ri shluagh, “Leanabh mise.” Mar so choisrig Criosd leis an fhior choisrigeadh, naomhaich E agus rinn E naomh a h-uile ceum de’n t-shlighe gu glòir. Cha’n eil namhaid ris am feum a shluagh cathachadh air nach d’thug Criosd buaidh; cha’n eil deuchainn nach do thionndaidh E gu beannachd. Thug E’n gath as a bhàs; agus do-bhrìgh gu’m bheil Esan beo bithidh iadsan beo mar an ceudna.

Ris an fhìrinn bheannaichte so feumaidh sinn aon eile a cheangal. Is Esan an Eiseimpleir—”A chùm gu’n leanadh-mid a cheuman.” Cha’n fheum an creidmheach ann an Criosd stiùradh air nì air bith goirid air a bhi cosmbuil ri Criosd; agus mar a feuch e ri so cha’n urrain e Criosd a leantuin idir. O! nach eil mòran againn air ar diteadh leis an fhìrinn so? Cia cho beag ‘s a tha e air a thuigsinn agus air a ghabhail gu cridhe. Ann a bhi feuchain ris an réis a chuireadh romhain a ruith, bu chòr dhuinn a thoirt fa’n ear mar a ghiùlain E’n crann-ceusaidh a cur na nàire an neo-shùirn. ‘S e briathran mòr tha’n so—gu’n rachadh iad fodha domhain ‘n ar cridheachan—”Esan a tha’g ràdh gu’n bheil e fantainn ann-san,” a tha’g ràdh gur e aon a tha leantuin Chriosd a th’ann, “bu chòr dha gluasad eadhon mar a ghluais esan.”

Ann an àite mu dheireadh, tha E ri bhi air beachdachadh Air mar Ughdar agus Fear-crochnachaidh ar creidimh. Is E beatha a shluaigh; air a leithid de dhòigh agus nach eil am beatha a’ crochadh cha’n ann air na nithean a thuair iad bh’uaithhe ach air an sior bhuannachadh ann an aonadh Ris; agus tha cleachdadh na beatha so an crochadh cha’n ann air neart air bith annta fein ach air na co-phàrtachaidhean a tha ghnàth tighinn bho’n Cheann a tha toirt beatha; agus mar sin, ma tha E ri earbsa ann mar an Sagart, ri striochdadh Dhà mar am Maighstir, gairdeachas a dheanamh ann mar an Roimh-ruithear, agus a ghabhail mar an Eiseimpleir feumaidh na nithean sin a bhi tre bhi dlùth-leantuin Ris mar a Bheatha, agus a bhi’g amharc Ris air son an dearbh chreidimh sin a tha crochadh Air. ‘S cho fior so a tha e gur E Criosd ar “‘n uile, agus anns na h-uile.” Is Esan a tha gintinn a chreidimh so ‘n uair a tha’m peacach a glaodhaich, “Thighearna, teasruig mi, tha mi cailte.” Is Esan a tha ga chumail bho bhi fannachadh ann an am na teanntachd, ‘n uair a their e, “Thighearna, co dh’ionnsuidh a theid mi.” Is Esan a tha soillseachadh a shùl ‘n uair a dh’fhàsas i dorcha, gu bhi faicinn as ùr a mhaise Fein anns an Fhìrinn. Is Esan a tha neartachadh a sheallaidh gu bhi faicinn na tìr tha cian fad as. Is Esan a tha teagasg dha a ràdh, “O. m’anam feith gu foghaidneach air Dia a mhàinn.” Is Esan a ga neartachadh gu nithean mòr a dheanamh agus fhulung air sgàth Ainm Fein. Is Esan a tha ga theagasg gu bhi tiomnad an spioraid Dhà-san a shaor e, ‘n uair a tha’n réis seachad. Tha E mar sin ri bhi air amharc Ris mar Ughdar agus Fear-crochnachaidh a chreidimh. Agus, bitheadh e air beachdachadh air, gu’m bheil creidimh ann an so air a chomharrachadh a mach mar a gabhail a stigh ann gach gràs eile. Esan is E Ughdar agus Fear-crochnachaidh gach gràs eile; Tobar gach uile bheatha, solus, comhfhurtachd, agus aoibhneas, as eugmhais nach urrain a shluagh nì air bith a dheanamh.

Feumaidh sinn eadar-dhealachadh a dheanamh eadar an greim a tha creidimh a deanamh air Criosd agus an greim a tha Criosd a deanamh air an anam. ‘S e ni tha feumail air son creidimh, air son creidimh slàinteil, a bhi cur cùl ris gach dìdean breige, agus a bhi socrachadh ann am firinn air Criosd air son slàinte. Nis, ged is e so toradh cumhachd uile-chumhachdach, gidheadh, mar a tha e ann am bith anns a chreutair agus mar a tha e ‘n a ghnothuch ‘n a mhothachadh, tha’n gràs luachmhor so bitheanta glé lag, glé anmhuinn, a criothnachadh mar dhuileig; seadh, agus mar a tha e ruith na réis, tha e bitheanta mar sin. Ach, an sin, am feadh a tha creidimh, ann a bhi labhairt mar sin, a sìneadh a mach a làmhan critheanach gu Criosd, tha aig Criosd a ghàirdeanan siorruidh timchioll air, agus ga chumail tearuinte bho fheirg agus bho pheacadh agus gach ni a dheanadh dochann dha, ann an greim a tha ni’s treise na’m bàs agus an uaigh; agus cha’n urrain ni air bith a spionadh asa lamhan-san. Tha E’g ràdh, “Do-bhrìgh gu’m bheil mise beo, bithidh sibhse beo mar an ceudna.”

A nis, gu bhi co-dhunadh. A chàirdean gràdhach, bithibh ag ùrnuigh air a shon-san a bha labhairt rìbh bho ‘n a briathan beannaichte so, gu’m bitheadh e air a thoirt dhà, tre ghràs pailte, a bhi ruith a chùm agus gu’m faigheadh e; cha’n ann a bhi ruith gu neo-chìnnnteach, cha’n ann a comhfrag mar neach a tha bualadh an adhair. Is i firinn shòlaimte a th’ann—mo thruaighe sinn ma dh’amhairceas sinn thairis oirre na ma dhì-chuimhnicheas sinn i—gu’m bheil ruith ann nach buannaich, agus nach faigh an crùn. Tha ruith ann, anns nach eil ach aideeachadh a mhàinn. Tha ruith ann, aige-san a bheir an t-àite a bhuineas do Chriosd agus do chùram an anama, do’n t-saoghal ann an cruth air chor-eigin. Tha ruith aig an fhein-fhìreanta, a tha smuainteachadh barrachd dhe mhaitheas fein na tha e smuainteachadh de obair chriochnaichte Chriosd. Tha ruith ann aig an duine a tha cur suarach còirichean lagh naomha Dhé; a tha cumail dlùth ri ana-miann àraidh agus nach leig as e, ged a tha Dia ag ràdh “nach sealbhaich iadsan a ni a leithidean sin rioghachd Dhé.” Tha ruith aig an neach a tha gun ùrnuigh, an duine a tha marbh gu spioradail, nach eil uair air bith ag iarruidh co-chomunn ris an t-Slànughear nach eil e faicinn. Tha ruith na muinntir a thòisich gu math agus a tharruing air ais—cuid air an tàladh air falbh, cuid air an slugadh leis an t-saoghal, cuid air an cur air ais le eagal ann an am na deuchain ghoirt. Agus tha iadsan ann a tha ruith gu dearbh gheata neamh le dòchas a bhi air an gabhail a stigh an sin — “Thighearn, Thighearn, fosgail dhuinne;” ris an abair Criosd, “Gu deimhinn, tha mi a’ g ràdh ribh, cha’n aithne dhomh sibh.” Am bheil e comasach gu’n rachadh spiorad neo-bhàsmhor air adhart fodh’n a mhealladh làidir so a chur aghaidh air a bhàs agus a dhol a stigh do’n t-siorruidheachd, mu’n suidheadh e darireadh sios gu bhi ga cheasnachadh fein le l’ocal Dhé, a dh’fheuchain a staid agus a dh’aithneachadh suidheachadh anama? Am bheil aon de mo luchd-eisdeachd a tha’g ràdh. “Na’r leigeadh Dia gu’n rachainn air adhart mar so. Ciod e’m feum a ni aideachadh a mhàinn? Ciod e’m feum a ni aideachadh agus àite anns an Eaglais fhaicsinnich mar a h-aithne dhomh agus mur eil mi gràdhachadh an Tighearn; agus mur eil Criosd Fein air a dheilbh annam mar chòchas na glòire? Cuimhnich, ma’s a le Criosd thu, bithidh strì agad gu bhi cumail air t-adhart. Feumaidh sùil a bhi agad ri strì agus comhrag am feadh ‘s a tha thu’n so. Iarr ullachadh air a shon, agus bi ‘g ùrnuigh air son teagasg an Spioraid Naoimh a bhi mairsinn gu bhi nochdadh dhuit na nithean is le Criosd. ‘S e bhi’g amharc ri Criosd a ni an réis beannaichte ‘n a h-uile chruaidh-chàsan, bhuaireidhean, dhuilgheadasan. A Chriosd-uidh oig! Ma chùntas tì tre ghràs an costus, ma leanadh tì an Tighearna gu h-iomlan anns an t-shlighe a chomharradh E mach Dhà shluagh, ma bhitheadh tì air do chumail bho bhi’g amharc air ais gu Sodom, an sin, tha sinn ga’d dheanamh dibheathta ann an ainm Chriosd. Na bi air do mhì-mhisneachadh. Na bitheadh eagal ort. Is urrain Criosd do ghleidheadh, do chumail suas, do ghiùlain troimhe, a toirt dhuit a bhi faireachadh gu’m bheil a “chuing so-iomchur” agus uallach eutrom.” Agus ‘s e so a tha’n seann Chriosduidh a cur feum air—nithean Chriosd a bhi air am foillseachadh dhà; ‘s e so a tha’n Chriosduidh aosmhor a cur feum air “gus am bris an latha agus an teich na sgàilean air falbh,” ‘n uair a chì e’n ceann sin a bha air a chrùnadh le droigheann, a nis le iomadh crùn air.

Aon uair eile. Cia lion dhìnn (aig an Tighearn tha fios) a tha fathas’d ‘n ar coigrich do ‘n a réis so, an taobh a muigh do’n a gheata chùmhann, ann an staid neo-aithreachail? nach do ghabh a stigh riamh gu’r e slàinte an anama an aon ni feumail; nach robh riamh air an toirt gu bhi gabhail gu cridhe gu’r e th’ann a bhi teicheadh bho’n fheirg ni nach urrain a bhi air a chur air ais gus an latha màireach, a dh’fheumas cabhag, a tha ro-riatanach. Sbàirn gus a dhol a stigh do’n rioghachd;” “An diugh, am feadh ‘s a ghoirear an diugh dheth, na cruadhaichibh bhur cridhe.” O. gu’n aobhraicheadh an Tighearn an Spiorad gu’n rachadh fhìrinn shòlaimte Fein, fhìrinn ghlòrmhor Fein, a stigh do choguisibh agus do chridheachaibh—an fhìrinn a thaobh an réis, do’n t-siorruidheadh, thaobh staid bheannaichte na muinntir shaorta, agus staid thruagh na muinntir chailte,—an fhìrinn a thaobh Iosa. O gu’m bitheadh sùil sheach-aranach eigin an diugh air a suidheadadh air Uan Dhé. gu’m bitheadh inntinn dhiomhain air chor-eigin air a suidheadadh, cridhe diomhain air chor-eigin air a thoirt fodh chumhachd crann-ceusaiddh an Tighearn Iosa. An sin, gu siorruidh, gu siorruidh, mo cho-pheacach gràdhach, cha’n fhaigheadh tù fois gu’s am bitheadh an t-aonadh air a dheanamh suas eadar thù agus Criosd, a bhitheadh air fhoillseachadh le thù bhi dlùth-leantuin Ris anns an t-saoghal so, agus a mhaireadh gu siorruidh—oir cò a sgaras a shluagh bho a ghràdh-san.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice