Leis an Urr. Iain Flavel
(Air a leantuinn bho t.d. 248)
Anns an àite mu dheireadh. Cumadh a smuainteachadh air latha an Tighearna, a tha tarruig dlùth, bhur làmhan air ais bho bhi dol air thoiseach Air le gniomharan dioghaltais. C’ar son a tha sibh cho ullamh? Nach eil an Tighearna am fagusg gu bhi deanamh dioghaltais air son a sheirbhisich uile air an d’rinneadh eucoir. “Uime sin a bhràithrean, bithibh foghaidneach gu teachd an Tighearna. Feuch, feithidh an treabhaiche ri toradh luachmhor na talmhuinn, agus fanaidh e gu foghaidneach ris, gus am faigh e an ceul uisge agus an t-uisge deireannach. Bithibh-se foghaidneach mar an ceudna; socraichibh ‘ur oridheachan: oir tha teachd an Tighearna am fagus. Na deanamh gearain an aghaidh a cheile, a bhràithrean, chùm nach d’tear sibh. Feuch, tha am Breitheamh ‘n a sheasamh aig an dorus.” Seumas v. 7-9. Tha’n earann so a toirt air adhart tri argumaidean an aghaidh dioghaltais: 1. Teachd an Tighearna am fagus. 2. Eiscimpleir foghaidean an treabhaiche. 3. An cunnart a tha sinn a tarruig oirne fein le bhi dol air thoiseach air breitheanas Dhé; “Is leam-sa dioghaltas,” deir an Tighearna; Ni E ceartas gun chlaon-bhreith, agus ni’s cothromaiche na nl thusa: iadsan a tha creidsinn gu’m bheil Dia aca a chùm an cur ceart, cha dean iad a leithid de dh’eucoir orra fein, agus gu’n dean iad dioghaltas air an son fein air son na’n eucoirean a nithear orra.
Cur an aghaidh.
- Ach cha’n eil feoil agus fuil comasach air a bhi giulain a leithid sin de eucoirean.
Freagairt.
Ma tha thù rùnachadh a bhi cur do chomhairle ri feoil agus fuil ‘n a leithid sin de chùisean, agus nach dean thù barrachd agus a cheadaicheas iad sin dhuit a dheanamh, na gabh ort a bhi diadhaidh: feumaidh Criosduidhean a bhi deanamh nithibh iongantach agus bhos ceann nàduir.
Cur an aghaidh.
- Ach ma chuireas mi suas le leithid sin de dh’eucoirean, bithidh mi air mo mheas ‘n am amadan, agus saltraidh na h-uile neach orm.
Freagairt.
- Faodaidh th a bhi air do mheas mar sin a’ measg amadain, ach measaidh Dia agus deagh dhaoine dhuit e mar ghliocas, agus oirdheirceas do spioraid. 2. Is e spiorad suarach da rìreadh a shaltras air Criosduidh macanta agus a tha toirt maitheanas: agus mar sin foghlumaibh bhur cridheachaibh a chumail bho dhioghaltas fodh gach uile bhrosnachadh.
Am 8. ‘S e’n ath àm anns am bheil sinn ann an cunnart ar cridheachan a chall, ‘n uair a tha sinn a coinneachadh ri cruinn-cheusaidh agus ri brosnachaidhean. An sin tha fearg pheacach buailteach air a bhi’g atharrachadh ar cridheachan. Is e teachd-gearr iomadh duine maith gu’m bheil e de spiorad bras agus teth, ‘n uair a tha e air a bhrosnachadh, ged nach dàna leo ferg a thionndadh gu gamhlas; oir bhitheadh sin ‘n a chomharadh air aingidheadh: gidheadh tha iad glé bhuaileach do fheirg obann, nì a thà ‘n a chomharadh air laigse. Tha Beza ann am beatha Chalvin a toirt air adhart gu’n robh e de spiorad dian agus bras; agus tha esan a sgriobh beatha an duine mhòir sin Cameron ag ràdh, “Gu’n robh fhearg gu luath air a dùsgadh an aghaid a chaireadan a bu dlùithe dhà agus air am b’eolaich e, ach an sin chuireadh e sios i gu luath agus dh’aidicheadh e a laigse.” Mo thruaighe! ‘N uair a thig brosnachaidhean agus deuchainnean air ar foghaidean, cha’n eil fios againn ciod e’n spiorad dhe’m bheil sinn. ‘S e so, uime sin an ochdaibh càis.
Cùis 8. Cia mar a dh’fhaodas an cridhe a bhi air a ghleidheadh macanta agus foghaideanach fodh bhrosnachaidhean mòr agus fodh chruinn-cheusaidh.
Tha tri soirsachan corruich ann, corruich nàdurra, corruich naomh, agus corruich pheacach. 1. Corruich nàdurra, ni nach ni eile ach gluasad spiorad teth an aghaidh ni a tha oillbheumach; agus cha pheacadh so ann fein, ‘s e th’ann ach mi-shonas, ni’s mothà na peacadh nàduir, mar a tha Jerom ag ràdh ris. Tha Plutarch ag ràdh gur e reusan am fear-iomairt, gur e’n t-anam an carbad, agus gur e’n dà each a tha ga tharruig ‘n a uile ghluasadan na miannaibh an-tograch agus teth; am feadh ‘s a tha iad so gu ceart air an iomairt le reusan, tha iad, cha’n e mhàin laghail, ach glé fheumail do’n anam. Cha’n eil Dia a ciallachadh gu’m bitheadh-mid gu’n tür agus neo-mhothachail, ged a tha E air son gu’m bitheadh-mid macanta agus foghaideanach. Ann an Ephes. iv: 26, tha E ceadachadh a ghluasad nàdurra, ach a toirmeasg an nì anabarach a tha ‘n a pheoadh. 2. Fearg naomh, nì a tha’n a lasair fhiar-ghlan, air a beothachadh le sradag neamhaidh de ghràdh do Dhia, nì a thà, mar a tha neach ag ràdh, ‘n a bhiodaig a tha gràdh a tarruig ann an connsachadh Dhé. Mar sin tha e thaobh Lot ann an aghaidh sluagh Shodum, agus a thaobh Mhaois an aghaidh ‘n an Israeleach iodhal-aodhrach. ‘N uair a bha Zuinglius air a dhiteadh le Servetus air son cho geur ‘s a bha e, b’i a fhreagairt, “Ann an cuisean eile bithidh mi scimh, ach cha bhi mi mar sin ann an aobhar Chriosd.” A nì ris am bheil an saoghal ag ràdh, ann an so, stuamachd agus ciuneas, tha iad ann an cùntas Dhé ‘n am baoghaltachd agus ‘n an gealtachd; cha’n e aon diubh so a tha mi nìs a cur impidh oirbh bhur cridheachan a ghleidheadh ‘n an aghaidh. Ach, 3. Thà glusad peacach ann, agus is e so a’nì a tha ga’r cur ann an cunnart. Nis, tha fearg a tighinn gu bhi peacach ‘n uair a tha i aon chuid gu’n aobhar, Mata v. 22, na bhos ceann riaghailt; agus sin a dh’aon chuid a thaobh tomhais na thaobh tìne, a dol bhos ceann luach an aobhair a dhùisg i, bitheadh e air dol seachad na a fantuinn; gidheadh is e peacadh a th’ann, agus tha e’n a aobhar ioraslachaidh an làthair Dhé. Nis, is e so na meadhonan gu bhi gleidheadh a chridhe bh’uaith fodh bhrosnachaidhean.
1. Faigheabh smuaintean ialsal agus iorasal dhà bhur taobh fein, agus ann an sin bithidh agaibh spioradan macanta, agus giùlain sitheil a thaobh muinntir eile.
Is e’n duine iorasal a ghnàth an duine foghaideanach. Tha uamhar a ghnàth aig freumh feirge; bithidh spiorad àrd ‘n a spiorad danarra; cha luidh aotromain air an lionadh le gaoith dlùth da cheile, ach toll iad, agus faodaidh tì mile dhiubh a chur ann an seomar beag. “O uamhar a mhàin thig connsachadh: ach aig na daoinibh a ghabhas deagh chomhairle tha gliocas.” Gnath. xiii: 10. ‘N uair a tha sinn ga’r meas fein bhos ceann nì a bu chòir dhuinn, an sin tha sinn a smuainteachadh gu’m bheil sinn air deilgeadh ruinn gu neo-airidh le muinntir eile, agus brosnaichidh sin sinn; agus ann an so, ma ta, thugaibh fa’n ear aon bheannachd mhòr a bhi eolach air bhur cridheachan fein, eadhon a bhi deanamh macanta agus a ciuneachadh bhur spioradan. A Chriosduidh, shaolinn-sa gu’m b’aithne dhuit uibhir mu do thimchioll fein, agus gu’m bitheadh e eucomasach gu’n cuireadh neach eile thù ni b’isle, na gu’m bitheadh aca smuaintean ni b’isle mu d’ thimchioll na blitheadh agad-sa mu d’thimchioll fein. Tha cuid ag eadar-theangachadh na h-earann sin, Habacuc ii: 5, mar so, “Is e’n duine uaibhreach a theid air seacharan le fion;” agus tha misgeirean, mar a tha fios agaibh, aimhreiteach. O faighibh an tuilleadh ioraslaichd, agus bheir sin dha ar ‘n ionnsuidh an tuilleadh sith.
2. Bithibh tric a millseachadh bhur spioradan ann an co-chomunn ri Dia, a chùm nach bi iad gu furasda air an deanamh searbh le ferg a thaobh dhaoine.
Cha d’thug coguis air a ciuineachadh riabh a mach caithe-beatha neo-chiuin: tha sith Dhé a riaghladh anns a chridhe mar shear-riaghlaidh a cur stad air strithean; oir tha’n uibhir air a chiallachadh le Colos. iii: 15. Tha ferg agus strith calg-dhíreach an aghaidh fon agus nàdur oirdhe spioradail, do-bhrigh gu’m bheil iad neo-chùmtha ris an tlachd agus an toileachadh a th’aig an spiorad chiuin sin leis am bu toil broilleach ciuin agus sìtheil. O, deir an t-anam a tha beathachadh air co-chomunn milis an Spioraid, an glac sradagan a bhrosnachaidh mo thruaillidheachd, agus an tog iad a leithid de cheo ‘n am anam agus a chuireas campar air a Chomhfhurtair agus a dh’fhuadaicheas air falbh bh’uam E. Tha so ‘n a ni cho eufachdach ann an aghaidh truaillidheachd agus nach mòr nach dàna leam, ann an Criosduidh a tha de nàdur aithghearr, fad-fhulangas a dheanamh ‘n a chomharadh air co-chomunn ri Dia. Am faic thù leithid sin de Chriosduidh sàmhach agus ciuin fodh bhrosnachaidhean, tha e glé choltach gur ann a tha anam a beathachadh air a leithid de mhìllseachd ann an Dia agus a tha duilich fhàgail; air an taobh eile, am faic thu Criosduidh tuasaideach agus ri strì, cha’n eil gach ni gu maith a stigh; tha a spiorad mar chnàimh a tha mach as alt, nach urrain gluasad gun phian agus trioblaid.
(R’a leantuinn)