Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1965 » February 1965 » Gleidheadh a Chridhe

Gleidheadh a Chridhe

Leis an Urr. Iain Flavel
(Air a leantuinn bho t.d. 280)

Meadhon 3. Faighibh mothachaidhean freagarach air droch nádar agus toraidhean fearg pheacach. “S e cuthach aithghear a th’ann am feirg,” tha aon ag ràdh; “S e fiabhras an anama a th’ann am feirg,” a deir aon eile; “Se dorachachadh reusain a th’innte,” a deir an treas aon.

Tha a toraidhean mar an ceudna ro-dhuilich.

(1) Tha i “cur doilgheas air Spiorad Dhé,” Ephes. iv: 30, ga fhogradh bho’n a bhroileach anns am bheil i fodh’n chuthach. Is e Dia sìthe a tha’nn an Dia; thà lâthaireachd agus comhfhurtachdan Dhé a mhàin air a sealbhachadh ann an sàmhchuir. ‘S e nì sònraichte a thà neach ag ràdh mu’n earrann a chaidh ainmeachadh, “Cha’n eil Dia ‘s an àbhaist a beannachadh le sìth coguis a mheud agus nach eil a deanamh coguis de shìth.”

(2) Tha fearg a toirt cothrom do’n diabhol, Ephes. iv: 26, 27. Is e spiorad feargach agus mì-thoilichte a th’anns an t-Satan, agus cha’n fhaigh e fois air bith ach ann an cridheachan mì-fhoiseil; tha e beo mar an salamander, ann an teinntibh connsachaidh. Gluaisidh se e fein ‘n uair a tha na spioradan air an gluasad; aig amaibh lionaidh e’n cridhe le smuaintibh dioghaltais, aig amaibh, na bilean, agus fadaidh e’n teanga le cainnt mhi-naomh; eadhon Maois, a bha cho macanta, labhair e gu cabhagach le bhilean.

(3) Cuiridh fearg an spiorad a mach a fonn air son dleasdanas; air an aobhar sin tha’n t-Abstol a comhairleachadh fhir agus mhnathan bho chleachdaidhean buaireasach, agus bho chonnsachaidhean, a chùm agus na bì maille air a chur air an ùrnuighean, I. Peadar iii: 7. Feumaidh gach gniomh aoraidh a bhi freagarach do’n chuspair aoraidh; ach is e Dia, Dia na sìth, Dia a ghràidh. (4) Tha i toirt mi-chliu air a chreidimh Chriosdail. Ciod e mar a chuireadh Plato agus Pythagoras nàire oirne, na’m biodh iad beo an diugh. Bha Criosd mar uan a thaobh macantas, agus an tig e dà luchdleanmhuinn a bhi mar leomhanaibh? O cumaibh bhur cridheachan ar neo caillidh sibh a dh’aon bheum, cha’n e mhàin bhur sìth fein, ach creideas diadhachd. (4) Thugaibh fa’n ear cia cho milis ‘s a tha e do Chriosduidh buaidh fhaotainn air a thruaillidheachdan, agus a bhi giulain air falbh an creach.

“Is fearr an ti a tha mall a chùm feirge na gaisgeach; agus an ti a riaghlàs a spiorad fein na esan a ghlasas àrd-bhaile.” Gnàth xvi: 32. Am bheil toilleachadh air bith ann a’ bhi toirt fosgladh do thruaillidheachd? Cia mòr is mothà na sin ann a bhi ga claoidh! ‘N uair a thig thù ann am fonn ciuin, na air leabaidh bàis, gu bhi ‘g amharc thairis air do bheatha, cia cho comhfhurtail ‘s a bhitheas e’n sin a bhi beachdachadh air na buaidhean a thuair thu, tre eagal Dhé, thairis air droch thograidhean do chridhe fein. B’e briathran iomraidcach a bh’aig Valentinian an t-iompaire, ‘n uair a thàinig e gu bhi bàsachadh: “Am measg mo bhuaidhean uile cha’n eil ach aon a tha toirt comhfhurtachd dhomh;” agus air a bhi air fheorach dheth ciod e sin, fheagair e, “Thug mi buaidh air mo nàmhaid a bu mhiosa, mo dhroch cridhe fein.”

  1. Cuiribh nàire oirbh fein le bhi cur fodh’r comhair fein na h-eisimpleirean a b’iomraitich a bha comharaicht’ air son a’ macantas.

Bhos ceann na h-uile ni, coimeasaibh bhur spioradan ri Spiorad Chriosd. “Foghlumaibh ‘uam-sa,” tha E ‘g ràdh, “oir tha mise macanta agus iorasal.” Mata xi: 29. Bha Criosd macanta agus iorasal, ach tha mise uaibhreach agus feargach; b’e àrd-chliu Mhaois, “A nis bha’n duine Maois ro-chiuin, thar nan uile dhaoine bha air aghaidh na talmhuinn.” Air. xii: 3, agus b’e sin an duine da’m b’aithne Dia aghaidh ri aghaidh. Bha e air a ràdh thaobh Calvin agus Ursin gu’n robh iad le cheile de nàdur bras, agus gidheadh dh’fhoghluim iad macantas Chriosd air a leithid de dhòigh agus nach labhradh iad focal, fodh na brosnachaidhean a bu mhotha, a bhitheadh a chùm mi-chliu diadhachd. ‘N uair a leughas sinn na nàigheachdan taitneach a tha air aithris a thaobh na dearbh fhineachan, aig nach robh riamh na cothroman a tha againne, a thaobh na Pythagoreans, cia b’e air bith na tuasaidean a bhitheadh aca ‘n am measg fein feadh an latha, a chuireadh clos air gach ni le bhi cur na teach-daireachd so a dh’ ionnsuidh a cheile, ” Tha ghrian dlùth air dol fodha;” agus a thaobh Plato ris an fhoghluamaiche aige, ” Ghabhainn ort mur bhitheadh gu’m bheil an fhearg orm:” ‘n uair a leughas mi an caoibhneas agus an taisealachd a nochd Lycurgus do fhear suarach a bhuaile a mach aon de shùilean—tha nàire orm a bhi faicinn mar a tha na fineachan a toirt barrachd air na Criosduidhean, ann a bhi le’n argumaidean agus an àithneantaibh modhanail a ciuneachadh an spioradan, agus a toirt buaidh air an an-tograidhean. B’urrain solus fann nàduir Seneca a theagasg gu a ràdh, ” Goirtichidh corruich duine ni’s motha na’n oilbheum; oir tha leum shònraichte anns an oilbheum, ach cha’n eil fhis agam cia cho fad agus a ghiuleanas mo choruich mi.” Is nàire e gu’m bhitheadh na daoine so, a thainig cho fad air dheireadh oirne ann a’ meadhonan agus ann an cothroman, cho fad air thoiseach oirne ann a’ macantas agus ann a’ foghaidean.

  1. ‘S an àite mu dheireadh. Seachnaibh gach uile aobharan brosnachaidh.

Esan nach cluinn an clag cha’n fheum e ‘m bal a tharruig. ” Pilidh freagrath min corruich; ach duisgidh briathra garg fearg.” Gnàth. xv: 1. Na b’e mhàin gu’n dean thu ùrnuigh agus gu’n rùnaich thù ‘n a aghaidh, ach thoir thù fein air falbh cho fad agus is urrain thù a mach a slighe a pheacaich ‘n am b’urrain dhuit corruich a sheachnadh ‘n a ceud eirigh, cha’n eil mòran eagail dhà d’thaobh a ris; oir cha’n eil e thaobh a pheacaidh so mar a thaobh peacaidhean eile; tha peacaidhean eile a fàs a dh’ionnsuidh an làn neart a lion beag ‘us beag, is e’n ceud ghlusadan an fheadhan is laige ach tha’m peacadh so air a bhreith ‘n a làn neart, tha e nì’s làidire an toiseach; seas ‘n a aghaidh an sin, agus tuitidh e romhad. Mar sin foghlumaibh bhur cridheachan a ghleidheadh ‘n uair a dh’eireas brosnachaidhean.

Am 9. ‘S e’n naoidheamh àm gu bhi cleachdadh an dichioll is motha, àm a bhuaireidh, anns am bheil Satan a cur seisde dlùth ri daingneach rioghail cridhe a Criosduidh, agus gu bitheanta a gheibh e sàr chothrom air le cion faiceil: ‘s e th’ann a bhi gleidheadh a chridhe a nis, cha’n e mhàin tròcair ach dleasdanas. Is aineamh iad na Criosduidhean a tha cho mion eolach air a bhì lorgachadh a mach na mearachdan, agus ann a bhì cur an aghaidh ‘n an argumaidean a chleachdas Satan gu bhì ga’n tarruig a chùm peacaidh, gu bhì tighinn a mach gu sàbhailte bho’n a h-ionnsuidhean sin. “Deanamh faire agus ùrnuigh,” deir an Tighearna, “chùm nach tuit sibh ann am bhuaireadh.” Marc. xiv: 38. Thuair eadhon Daidhbhidh cliuteach agus Solamh glic goirteachadh air son a’ mì-chùram, aig a leithid so de dh’àm. ‘S e so, uime sin, an naoidheamh cuis.

Cuis 9. An dòigh anns an urrain Criosduidh, ‘n uair a tha e air a bhuaireadh gu peacaidh, a chridhe a ghleidheadh bho bhì geilleadh do bhuaireadh.

Nis tha sia argumaidean sònraichte leis am bheil Satan gu seolta a faotainn a stigh a bhuaireidh; annta uile oidheirpichidh mi bhì toirt dhuit cuideachadh air son a bhì gleidheadh do chridhe.

(R’a leantuin)

Upcoming Events (DV)

Oct 1
1 Oct - 5 Oct

Communions: Grafton, North Tolsta

Oct 6
6 Oct - 7 Oct

Synod Committee Meetings

Oct 8
8 Oct - 12 Oct

Communion: Gairloch

Oct 15
15 Oct - 19 Oct

Communions: London, Odessa

Oct 22
22 Oct - 26 Oct

Communions: Edinburgh, Gisborne, Mbuma

View Calendar

Latest Articles

  • September 2026 Magazines online
  • Mission Coordinator Needed
  • Defender of the Faith or Protector of All? Has the King broken his coronation oath?
  • 2026 Theological Conference
  • Youth Conference in Australia

Recently Added Audio

  • The nail in the sure place 4 Jul 2026
  • Why smitest thou me? 3 Jul 2026
  • Confession of sin 3 Jul 2026
  • “Hew thee two tables of stone…” 2 Jul 2026
  • Scripture was fulfilled- And He was numbered with the transgressors 13 Sep 2026
  • Died Abner as a fool dieth? 13 Sep 2026
  • The Lord’s care of His Vineyard 12 Sep 2026
  • Where is boasting then? 10 Sep 2026
  • A Table Prepared 11 Sep 2026
  • God’s revelation, so that the people would turn 12 Jul 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice