Leis an Urr. Iain Flavel (Air a leantuinn bho t.d. 342)
- ‘S an àite mu dheireadh. Aig amaibh bidh Satan a misneachadh gu bhi peacachadh bho eiseimpleir dhaoine maith agus naomh; mar so, agus mar so, pheacaich iad agus bha iad air an aiseag air ais, uime sin faodaidh so a bhi co-shlnnte ri gràs, agus thù bhi air do thearnadh a dh’aindeoin gach clìs. Tha cunnart a bhuaireadh so air a sheachnadh, agus an cridhe air a ghleidheadh, le bhi freagairt na h-argumaid anns na tri dòighean so:
(1) Ged a dh’fhaodadh duine maith an dearbh pheacadh a ghniomhachadh a tha mise air mo bhuaireadh dh’ionnsuidh, gidheadh an do ghabh duine maith air fein riomh peacachadh air a leithid de bhonn agus de mhisneach ri so?
(2) An do sgriobh Dia sios na h-eisimpleirean so air son mise ga’n leantuin, na air son rabhadh a thoirt dhomh? Nach eil iad air an cur suas mar chomharraidhean mara, a chùm agus gu’n seachainean-sa na creagan air an do bhris iadsan? “A nis bha na nithean sin ‘n an saimpleirean dhuine, chùm nach miannaicheamaid droch nithean, eadhon mar a mhiannaich iad-san.”
(3) Am bheil mi toileach a bhi faireachadh na nithean a dh’fhairich iadsan air son peacaidh? O, cha dàna leam an leantuin ann an slighibh a pheacaidh, air eagal agus tilg Dia mi ann an doimhneachdan an uamhais anns an do thilg E iadsan.
Mar sin fòghlumaibh bhur cridheachan a ghleidheadh ann an uair a bhuaireadh gu peacadh.
Am 10. Is e’n deicheamh àm sònraichte gu bhi gleidheadh a chridhe leis an uile dhichioll, àm dorchadas spioradail agus teagamh, ‘n uair a bhitheas e do’n anam mar a bha e do Phòl ‘n a thuras cuain chunnartach, cha’n fhacas grian, na gealach, na reultan, air son iomadh latha; ‘n uair, a thaobh foluch gnùis Dhé, neart truaillidheadh, agus cion comharraidhean air gràs, tha’n t-anam ullamh gu bhi toirt suas a dhòchas an uile agus a chomhfhurtachdan mar nithean a tha air an call; gu bhi tarruig co-dhùnaidhean duilich agus truagh dhà thaobh fein; gu bhi’g ràdh meallaidhean diamhain ris na comhfhurtachdan a bh’aige roimhe; ri a ghràs cealgaireachd; ‘n uair a thà na neamhan ciùin agus soilleir air an comhdach le neoil dhorcha, seadh, air an lionadh le tàirneanaich agus gaoth dhoinneanach, ‘n uair a tha ‘n t-anam bochd brònach a suidhe sios agus a gul a mach an tuiheadh so, “Tha mo dhòchas air a chall bho’n Tighearn.” Nis ‘s e th’ann a bhi cumail a chridhe bho bhi dol fodha ‘n a leithid sin de latha, gu bhi ga dheanamh comasach a bhi cumail a threibhidheiris, ach gnothuch anabarrach duilich. ‘S e’n deicheamh clìs uime sin so.
Cuis 10. Cia mar a dh’fhaodas sluagh Dhè, ann an amaibh dorchadais agus teagamh, an cridheachan a ghleidheadh bho bhi tighinn a dh’ionnsuidh a leithid de chodhùnaidhean duilich a thaobh an staid, agus a mhlleas an sith, agus a ni eucomasach iad air son an dleasdanas.
Tha da cheann coitchionn ann a dh’ionnsuidh am faod sinn a bhi cruinneachadh bunaitean teagamh ar treibhidheireas. 1. Giullain Dhé thaobh an anam, aon chuid aig àm àmhghair neo-abhaisteach, na aig àm treigsinn duilich air son ùine fhad. Na, 2. Giullain an anama a thaobh Dhé: agus an so thà e ‘s an abhaist ag argumaideachadh an aghaidh firinn a ghràsan fein, a dh’ao’n chuid (1) Bho a thuiteam anns na dearbh pheacaidhean bho’n do dh’eirich e roimhe le nàire agus bròn. Na, (2) Bho aomadh mothachail air aignuidhean bho Dhia. Na, (3) Bho chlaonaidhean anabarrach ‘n a aignuidhean a dh’ionnsuidh comhfhurtachdan agus sòlasan anns a chreutair. Na, (4) Bho a shaorsa ann an dleasdanasan anns an fhollais, agus a dhaorsa bithenta anns an uaigneas. Na, (5) Bho bhuairidhean gràineil bho Shatan leis am bheil an t-anam gu mòr fodh bhuaireas. Na, (6) Bho thosdachd Dhé, agus, a reir coltais, a diùltadh freagairt da thagraidhean agus da ùrnuighean a chaidh a chur suas bho cheann fada.
‘S e so na bunaitean coitchionn a th’aig na co-dhùnaidhean duilich so: Nis a chùm a bhi daingneachadh agus a cumail suas a chridhe anns an t-suidheachadh so, birthidh e feumail.
1. Gu’m biodh eolas agaibh air firinnean coitchionn, aig am bheil buaidh a bhi stòldachadh anam critheanach agus teagmhach.
2. Gu’m biodh sibh gu ceart air bhur teagasg mu thimchioll na nithean a chaidh ainmeachadh a cheana, a tha’n am bunaitean aig bhur teagamhan.
‘S e’n a firinnean coitchionn a thà feumail do anamaibh bochd teagmhach, eolas a bhi aca orra, iad so:
(1) Nach eil gach oibreachadh agus coltas cealgaireachd gu cinnteach a dearbhadh a mhuinntir anns am bheil iad ga’m foillseachadh fein a bhi’n an cealgairean. Feumaidh sibh gu cùramachd eadar-dhealachadh a chur eadar cealgaireachd a bhi’n làthair agus làmh an uachdar a bhi aig cealgaireachd air neach. Tha fuigheal cealgaireachd anns na cridheachan is fearr; Bha fein-fhiosrachadh duilich aig Daibhidh agus aig Peadar air a so; gidheadh air bhi do fhonn seasmhach agus claonadh coitchionn a chridhe ceart, cha d’rinn e iad ‘n an cealgairean.
(2) Gu’m bu chòir dhuinn a cheart cho cinnteach eisdeachd ris na ghabhas a bhi air a ràdh air ar son agus na ghabhas a bhi air a ràdh ann ar ‘n aghaidh. ‘S e peacadh cuid de chridheachan treibhidh-eireach a bhi cleachdadh searbhadas ro-chruaidh agus an-iochd-mhor ‘n an aghaidh fein. Cha’n eil iad le aon-fhillteachd a toirt fa’n ear cuisean an anamaibh fein: tha e anns a chuis so mar a tha Solamh ag ràdh ann an cuis eile, “Tha neach ann a leigeas air a bhi beartach, agus gun nì air bith aige: tha neach ann a leigeas air a bhi bochd, agus mòr-shaoibhreas aige. Gnath. xiii: 7. Is e peacadh damanaidh a chealgaire fhein-bhrosugulach a bhi deanamh a shuidheachadh ni’s fearr na thà e: agus ‘s e peacadh agus aimeideachd cuid de dhaoine treibhidheireach a bhi deanamh an suidheachadh ni’s miosa na dà-rìreadh a tha e. C’ar son a bhiodh sibh cho mòr ‘n ar naimhdean do bhur sith fein? A bhi leughadh thairis air dear-bhaidhean air gràdh Dhé dha ‘ur ‘n anamaibh mar neach a bhiodh a leughadh leabhair le rùn cur ‘n a aghaidh. C’ar son a bhiodh sibh cho suidhichte gu bhi faotainn cothroman gu bhi tionndadh air falbh na comhfhurtachdan sin a bhuineas dhuibh? Tha e air a ràdh thaobh Ioseph, gu’n robh e ‘n a rùn Muire a bha fodh cheangal-posaidh aige a chur air falbh, gu’n fhios aige gu’n robh a’ ni naomha sin a bha air a ghinntean innte, mar sin leis an Spiorad Naomh: agus faodaidh a chuis a bhi mar sin dha ‘ur taobh-se. Agus ‘s e so an treas firinn:
(3) Gur iomadh naomh a chuir as a leth fein, agus a dhìt e fein, air son a’ ni sin nach cuir Dia gu bràth as a leth, agus air son nach dit Se e. “C’ar son, a Thighearna, a thug thu oirnn dol air seacharan o d’ shlighibh: agus a chruadhaich thu ar cridhe o t’eagal? Pill air sgàth do sheirbhiseach, treubhan t’oighreachd fein.” Isaiah lxiii: 17. Agus gidheadh tha’n rann air thoiseach air sin a foillseachadh nach robh an cridheachan air an cruadhachadh mar sin. Sgriobh Bradford diadhaidh e fein ‘n a “chealgaire,” ‘n a “uaigh ghealaichte;” gidheadh gu’n teagamh chuir Dia saor e bho sin a chur as a leth.
(4) Cha’n eil a h-uile ni a tha’n a bhonn-broin do shluagh Dhé ‘n a bhonn gu leoir gu bhi cur an amharus an treibhidheireis. Tha mòran a bharrachd de nithean ann gu dragh a chur oirbh na th’ann gu bhi g’ur tilgeadh thar bhur casan. Aig na h-uile sleamhnachadh agus fàilneachadh a bhios agaibh tre amhuineachd ‘n an cuireadh sibh an amharus gach ni a bha air a dheanamh annaibh riamh, bhitheadh bhur beatha air a dheanamh suas do theagamhan agus do eagalan: cha b’urrain sibh gu bràth ruigheachd air sith shuidhichte, na bhi beo a bheatha molaidh agus taingelachd sin a tha’n soisgeul ag iarruidh.
(5) Cha’n eil an t-anam aig gach àm freagarach gu bhi toirt breith air a shuidheachadh fein. ‘S cinnteach an an latha dorcha an treigsinn, ‘n uair a tha oidhche aig an anam, agus ann an latha stoirmeil a bhuairidh, ‘n uair a tha’n t-anam air a chur ‘n a chabhaig, tha e uile gu leir neo-fhreagarach gu bhi toirt breith air a staid; “Labhraibh r’ur cridhe air ‘ur leabaibh, agus bithibh tosdach.” Psalm iv: 4. ‘S e tha’n so ni’s mothà àm faire agus cur an aghaidh, na àm breith agus rùnachaidh.
(R’a leantuinn)