Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1965 » August 1965 » Gleidheadh a Chridhe

Gleidheadh a Chridhe

Leis an Urr. Iain Flavel

(Air a leantuinn bho t.d. 92)

Ceisd /. An ann mar so a rinn Iosa Criostd riumsa ‘n uair, air mo shon-sa, a dh’fhosgail Se E Fein do fhulungasaibh fada ni’s mothna na’s urrain a bhi air thoiseach ormsa? Bha fhulungasaibh mòr da-rleadh, dh’fhuiling E air gach laimh, ‘n a dhreuchdan uile, anns gach ball, cha’n ann a mhàin ‘n a chorp, ach mar an ceudna ‘n a anam; seadh, b’e fulungais anama, dearbh anam na fulungais Aige. Gabh beachd air fhallus fola anns an lios; gabh

beachd air an árd-ghlaodh a bha leaghadh a chridhe agus a reubah neamh, air a chrann-cheusaiddh, “Mo Dhia, mo Dhia, c’ar son a threig thu mi?” Agus gidheadh cha do phill E air ais, “ghiulain e’n crann-ceusaiddh, a cur ‘n a náire an neo-shuim.” Mo thruaigh, ciod e m’fhulungais-sa an coimeas ri fulungais Chriosd? Dh’òl E suas am fion-geur agus an dombhlas sin a dheanadh m’fhulungais-sa searbh. ‘N uair a bha e air fheorach de aon de na martairich, c’ar son a bha e cho subhach aig a bhàs? “O,” a deir e, “‘s ann do bhrigh gu’n robh anam Chriosd cho brònach aig a bhàs-san. An do ghiulain Chriosd a leithid de dh’eallach air mo shon-sa, le foghaidean gun bhriseadh agus gu seasmhach; agus an tarraig mise air ais bho àmhghairean aotrom agus re sealain air a shon-san?”

Ceisd 5. Nach fhiach beatha shiorruidh mòran de chràdh fhulung air a son? Ma dh’fhuilingeas mi maillle Ris, rioghaichidh mi maillle Ris. O! cia mar a chuireas daoinc an cunnart am beatha agus am buill air son crùn a tha seargadh, cia mar a shnàmhas iad tre chuaínteán fola a dh’ionnsuidh righ-chathair, agus nach cuir mise nì air bith an cunnart? nach fhuiling mì nì air bith air son an crùn glòir nach searg as? Leanaidh mo chù sàiltean m’eich bho mhaduinn gu oidche, gabhaidh e iomadh ceum sgith tre pholl ‘s tre shalchar, a roghainn air nach fàgadh e mì, ged, ‘n uair a thig an oidche, ‘s e na h-uile a gheibh e, cnàmhan ‘us buillean: ‘n am biodh fior mhòrachd, ‘n am anam, sradagan idir de fhiailaidheachd ann, cia mar a dheanadh e dìmeas air fulungais na slighe air son glòir na criche. Cia mar a bhriseadh e sios roimh gach duilgheadas, am feadh, le sùil creidimh, a tha e faicinn an Roimh-ruithear, a tha cheana air a dhol a stigh, ‘n a sheasamh, mar gu’m b’eadh, air ballachan neamh, leis a’ chrùn ‘n a laimh, ag ràdh, “Ge b’e neach a bheir buaidh seilbhichidh e ‘n a h-uile nithean.” Thig air adhart, uime sin, m’anam, thig air adhart, tha beatha shiorruidh air a tasgadh suas air an son-san le buannachadhadh gu foghaideanach ann an deanamh maith, a tha’g iarruidh glòir, urram agus neo-bhàsmhorachd. Rom. ii: 7.

Ceisd 6. An urrain dhomh cho furasda a bhi tilgeadh dhìom cuideachd agus co-chomunn nan naomh, agus deas-lamh a chomuinn a thoirt do na h-aingidh? Cia mar is urrain dhomh dealachadh ri leithid de chompanaich ghràdhach agus a thuair mì iadsan a bhi? Cia cho tric agus a thuair mì buannachd dhe’n comhairlean. Esra x: 3. Cia cho tric ‘s a bha mì air m’ùrachadh, air mo bhlàthachadh, agus air mo bheothachadh le’n cuideachd. Eccles. iv: 10, 11. Cia cho tric agus a rinn mì trasg agus ùrnuigh maillle riutha. Ciod i chomhairle mhlis a ghabh mì maillle riutha, agus ‘n an cuideachd a chaidh mi do thigh Dhé?

Agus am beir mi air laimh orra nis, agus an abair mi, Slàn leibh a naoimh uile gu bràth; cha bhi mi gu bràth tuilleadh ‘n ar meag: thigeamh a mhisgeirean, a luchd mionnan, a luchd toibheum, a luchd geur-leanmhuinn, bithidh sìbhse agam mar mo chompanaich shiorruidh? A roghainn air a sin biodh mo chorp agus m’anam air a reubadh bho cheile, na gu’n abrainn gu bràth mar sin riutha-san is iad oirdheirceas na talmhuinn, anns am bheil mo thlachd uile.

Ceisd 7. An d’thug mi riamh fa’n ear gu suidhichte bagraidhean-uamhasach nan Sgriobturan an aghaidh luchd cùl-sleamhnachaidh? O, mo chridhe, An dàna leat do chùl a thionndadh fodh chomhair a leithid sin de bhagraidhean? ” Mar so deir an Tighearna, Is mallaichte an neach a chuireas a dhòchas ann an duine, agus a ni feoil ‘n a gairdean dà, agus aig am bheil cridhe tha claonadh air falbh o an Tighearna: Oir bidh e mar phreas seargta ‘s an ionad sgaoilte, nach mothach am maith ‘n uair a thig e; ach a tha’g àiteachadh ionada loisgte an fhàsaich, fearainn gun toradh agus gun chòmhnuidh.” Ier. vii: 5, 6. ‘S sin, seargaidh mallachd Dhé e araon freumh agus meanglan. “Oir ma pheacaicheas sinn de ar toil fein an deigh dhùinn eolas na firinn fhaotainn, cha’n fhàgar tuilleadh dhùinn iobairt air son peacaich, ach dùil eagalach ri breitheanas agus feirg theinntich, a sgriosas na h-eascairdean.” Eabh. x: 26, 27. Agus a ris, “Ma philleas neach sam bith air ais, cha bhi aig m’anam-sa tlaichd ann.” rann 38. Mar gu’n abradh E, “Gabh e, a shaoghail, gabh e, a dhiabhail, mar do chuid fein, cha’n eil tlaichd Agam-sa ann.” O, co leis an dàna tarruig air ais ‘n uair a dhruid Dia mar so suas a shlighe le leithid de bhagraidhean cho uamhasach.

Ceisd 8. An urrain dhomh amharc air Criosd anns an aodann aig làtha bhreitheanais ma threigeas mi nis E?

“Oir ge b’e neach a ghabhas nàire dhiomsa, agus de m’ bhriathran, anns a’ghinealach adhaltranach agus olc so, dheth-san gabhaidh Mac an duine nàire, ‘n uair a thig e ann an glòir Athar, maille ris na h-ainglean naomha.” Marc. viii: 38. Fathasd tamull beag, agus chl sibh comharradh Mhic an duine a tighinn ann a’ neulaibh neamh, le cumhachd agus glòir ro mhòr; seididh an trùmpaid dheireannach, duisgidh eadhon iadsan uile tha’n an cadal anns an duslaich, agus thig iad fodh chomhair na rlgh-chathair mhòr gheal, air an suidh Criosd air an làtha sin. Agus a nis, dean ach smuainteachadh gu’m faca tò na glùinean critheanach agus na bilean gluasadach aig peacaich chiontach; smuaintich gu’n cuala to binn eagalach a Bheitheamh orra, “Imichibh uam a shluagh mhallaichte,” agus an sin an glaodh,

O! an gul, an caoidh, agus am fàsgadh làmh, a bhitheas an sin. An treigeadh tì Criosd a nis gu bhi sinedadh a mach beatha bhochd, thruagh, air an talamh? Ma tha focal Dhé ‘n a fhèirinn, ma tha briathran Chriosd air an seulachadh agus dìleas, ‘s e so a chuibhrionn a bhios aig fear-treigsinn a chreidimh. ‘S e ni furasda th’ann beul na coguis a dhùnadh a nis, ach am bì e furasda beul a Bhreitheamh a dhùnadh an sin? Mar sin gleidh do chridhe a chum agus nach treigh e’n Dia beo.

Am 12. ‘S e’n dara h-àm deug gu bhi’g amharc gu dichiollach ri ar cridheachan agus ga’n cumail leis a chùram is mothà àm an tinneis. ‘N uair a tha leanabh Dhé a tighinn dlùth air an t-siorruidheachd, ‘n uair nach eil ach beagan ghràinneanan de ghainmheich ann an cuid uachdrach na gloine gun ruith; an sin gluaisidh Satan e fein gu dichiollach: ma thimchioll faodaidh e bhi air a ràdh, mar a tha e air a ràdh thaobh na nathrach gu litireil; “cha’n eil i air a faicinn aig a làn fhaide gus am bheil i bùsachadh.” Agus a nis, ‘s e a rùn mòr, bho nach urrain e ‘n t-anam a chosnadh bho Dhia, a mhi-mhisneachadh agus a dheanamh neo-thoileach a dhol a dh’ionnsuidh Dhé, ged a bu chòr do’n anam ghràsmhor, maillle ri Iacob, e fein a dùsgadh suas bho leabaoidh bàis, agus aoibhneas a dheanamh gu’m bheil làtha pòsaidh an Uain aig laimh; ged a bu chòr dhà ràdh maillle ri Austin agus e basachadh, “Tha mi deanamh dimeas air beatha a chùm a bhi maillle ri Criosd.” Na mar a bhà Milius agus e bùsachadh, ‘n uair a dh’ftheoirich neach dheth an robh e toileach bùsachadh, “O,” a deir e, “biodh e neo-thoileach a bhi bùsachadh a thà neo-thoileach a dhol a dh’ionnsuidh Chriosd. “Ach O, ciod an teicheadh bho’n a bhàs. Ciod e’n leisg a bhi falbh, a dh’fhaodas air uairibh, dà-rìreadh tuilleadh ‘us tric, a bhi air fhaicinn ann an sluagh Dhé. Cia cho leisg ‘s a thà cuid aca gu bhi gabhail a bhàis air a laimh fhuar. ‘N an robh a leithid de shaorsa air a dheonachadh dhuinn nach biodh-mid a siubhal gus an siubhladh-mid dhà’r deoin; cuin a theireadh-mid maillle ri Pol, “Tha miann orm a bhi siubhal? ” Seadh, uime sin, ‘s e chùis mu dheireadh so.

Cuis 12. Cia mar a dh’fhaodas sluagh Dhé, ann an àm tinneis, an cridheachan fhuasgladh bho gach ceangal saoghalta, agus an co-eigneachadh gu bhi toileach gu bùsachadh.

Agus thà seachd argumaideam ann, a dhian-chuireas ml air sluagh Dhé aig a leithid so de dh’àm, a chùm an deanamh aoidheil gu bhi gabhail ri teachdairean a bhàis, a chùm agus gu’m bùsaicheadh iad cho math ‘s a bha iad beo mar naoimh.

(R’a leantuinn)

Upcoming Events (DV)

Oct 1
1 Oct - 5 Oct

Communions: Grafton, North Tolsta

Oct 6
6 Oct - 7 Oct

Synod Committee Meetings

Oct 8
8 Oct - 12 Oct

Communion: Gairloch

Oct 15
15 Oct - 19 Oct

Communions: London, Odessa

Oct 22
22 Oct - 26 Oct

Communions: Edinburgh, Gisborne, Mbuma

View Calendar

Latest Articles

  • September 2026 Magazines online
  • Mission Coordinator Needed
  • Defender of the Faith or Protector of All? Has the King broken his coronation oath?
  • 2026 Theological Conference
  • Youth Conference in Australia

Recently Added Audio

  • The nail in the sure place 4 Jul 2026
  • Why smitest thou me? 3 Jul 2026
  • Confession of sin 3 Jul 2026
  • “Hew thee two tables of stone…” 2 Jul 2026
  • Scripture was fulfilled- And He was numbered with the transgressors 13 Sep 2026
  • Died Abner as a fool dieth? 13 Sep 2026
  • The Lord’s care of His Vineyard 12 Sep 2026
  • Where is boasting then? 10 Sep 2026
  • A Table Prepared 11 Sep 2026
  • God’s revelation, so that the people would turn 12 Jul 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice