Leis am Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)
(Air a leantuinn bho t.d. 155)
IV. Giulainidh E’n uallaichean uile. Tha e air àithne dhuinn uallaichean aon a cheile a ghiulain; gu h’àraidh bu chòr do’n a fir uallaichean a mnathan a ghiulain, agus so a nì a tha Criosd a deanamh tha E giulain uile uallaichean a cheile. Fhearaibh, tha againn uile ar ‘n uallaichean fodh’m bheil sinn a saothrachadh, uallaichean an taobh a stigh, agus uallaichean an taobh a muigh; uallaichean anns an fheoil, agus uallaichean anns an spiorad; uallaichean a tha toirt oirne a bhi’g osnaich fodhpa: “Oir tha sinn anns a phailliu ri osnaich, air dhuinn a bhi fodh uallaich”. tha’n t-Abstol ag ràdh, II. Cor. v. 4. Uallaichean a tha tuilleadh ‘us trom air ar son, mar a tha Daibhidh a’ gearain gu’n robh uallaichean-san mar sin, Salm xxxviii. 4. Uallaichean a tha aig amaibh dha’r deanamh ‘n ar ‘n uallaichean dhuinn fein, mar a tha Iob a gearain dha thaobh fein, Iob vii. 20. Uallaichean a tha deanamh ar beatha ‘n uallach dhuinn. “Tha m’anam sgith de m’ beatha; fàgaidh mì mo ghearain orm fein; labhraidh mì ann an seirbhe m’anama.” Iob x. 1. Nis, cia mar a bhitheas na h-uallaichean so air an giulain? C’ar son, giulainidh Criosd iad uile, tha E giulain uile uallaichean a cheile; agus ma dhùinneas sinn Ris ann an co-cheangal pòsaidh, cha luidh an t-uallach sin oirne nach giulain E air ar son. Tha E giulain uile uallaichean a shluaigh ann an dà rathad.
-
Ann an rathad co-fhaireachadh agus truais. Tha E gul maille r’an uile dheoir, agus ag osnaich maille r’an uile ghear- ainean. Ma tha iad fodh thrioblaid tha E air a chràdh; ma tha iad air an leon, tha E sileadh; anns ‘n a h-uile nì tha E giulain ceann eile an uallaich; “N an uile àmhghair bha esan fodh àmhghair; agus rinn aingeal a làthaireachd an tearnadh.” Isaiah lxiii. 9. Tha E fulung maille ruinn; na, mar a tha’n t-Abstol dha chur, tha co-fhulungas aige ruinn, Eabh. iv. 15. Tha mothachadh domhain Aige air ar n’ uallaichean, agus ar ‘n uile bhròin. ‘S e so aig amaibh suidheachadh ‘n a naomh, nach eile aca measg dhaoine aon a ghabhas truas dhiubh, agus a nochdas an co- fhaireachadh riutha, fodh an uallaichean, mar a bha suidheachadh Dhaibhidh, Salm lxxix. 20. Ach eadhon an sin tha Criosd a giulain ceann eile an uallaich, tha E gabhail truais dhiubh, agus a nochdadh co-fhaireachadh riubha, agus sin a reir cudthrom an uallaich. Agus O cia cho milis ‘s a tha sin! “Cha’n eil e gu mugha,” a deir duine naomh, “ciod e cho tròm ‘s a’n t-uallach, cho fad ‘s a tha Criosd a giulain a chinn eile dheth.”
-
Ann an rathad cuideachaidh. Cha’n e mhàin gu’m bheil E
giulain leo, ach tha E mar an ceudna a toirt neart gu bhi giulain, agus a seasamh suas fodh’n uallach. Tha E cur a ghàir-deanan siorruidh fodhpa, Deut. xxxiii. 27. Agus leis a ghealladh so tha E dha misneachadh gu bhi tilgeadh an uallaichean Air-san; “Tilg air an Tighearna do chùram, agus cumaidh esan suas thu,” Salm lv. 22. Tha E dha’ neartachadh agus dha’n cuideachadh, agus sin a reir cudthrom an uallaich. Bheir E neart mòr dhoibh air son uallaichean mòr, cuideachaidhean mòr air son buairidhean mòr, agus mar sin tha E co-lionadh a gheallaidh dhoibh nach leig E dhoibh a bhi air am feuchainn thar an comas. I. Cor. x. 13. Glaodhaidh an t-anam bochd iomadh uair a mach, O, theid mì fodha fodh’n eallach; tha e tuilleadh ‘us tròm air mo shon-sa dha ghiulain. Ach, anam, ged a tha e tuilleadh ‘us tròm air do shon-sa dha ghiulain; gidheadh cha’n eil e tuilleadh ‘us tròm air son Chriosd dha ghiulain, agus tha E giulain maille riut, agus air do shon. Seadh, cha’n e mhàin gu’n giulain E, ach gu’n giulain E air falgh ann an am iomchuidh an uallaichlean uile air an son. Cha’n eil an t-ealach sin air aon dhe cheile nach eil E dha ghiulain air a leithid de dhòigh agus mu dheireadh gu’n giulain E air falbh e gu h-iomlan bh’uatha, air chor agus nach feum iad gu bràth a bhi’g osnaich fodha. Ghiulain E a cheana an t-ealach is mothail uile air an son, eadhon cionta agus peanas am peacaidhean; “Neach a ghiulain ar peacaidhean e fein ‘n a chorp fein air a chrann, chum air dhuinn a bhi marbh do’n pheacadh, gu’m bitheamaid beo do fhìreantachd: neach le a bhuillean a tha sibh air bhur tearnadh,” I. Pead. ii. 24. Agus a ris, “Ghiuluain e peacadh mhòran, agus rinn e eadar-ghuidhe air son nan ciontach.” Isaiah liii. 12. Agus tha e gu maith dhuinne gu’n do ghiulain e’n t-ealach so; oir a dh’easbhuidh so dh’ fheumadh e sinne a chur fodha agus a bhruthadh gu siorruidh; cha b’ urrain sinn gu bràth seasamh fodha. Agus mar a ghiulain E so, mar sin tha E giulain, agus ann an am iomchuidh giulainidh E air falbh iad uile air an sona. Am bheil am peacaidhean, aingidheachd a’ nitheamh naomh, ‘n a ealach dhoibh? Iad so giulainidh E air falbh bh’uatha, Ecsodus xxviii. 38. Am bheil fuigheal truailidheachd nàduir ‘n a ealach dhoibh? bheir iad so orra a bhi’g osnaich da rìreadh; iad so ann an am iomchuidh giulainidh E air falbh bh’uatha, Rom. vii. 24, 25. Am bheil an còmhrgan agus am buairidhean ‘n an ealach dhoibh? Tha iad so a luidh tròm air cuid, ann an am iomchuidh bheir E air falbh mar an ceudna; tionndaidh E’n còmhrgan gu buaidhean. O cia mar a bu chòr dha so a bhi toirt comhfhurtachd do chridhe ‘n a naomh! Agus cia mar a bu chòr dha so a bhi tarruig agus a tâladh pheacach dha ionnsuidh! O fhearaibh, an teid sibh fodha fodh ‘ur ‘n uallaichean a roghainn air Chriosd a bhi agaibh
gu bhi dha’n giulain dhuibh? O na bitheamh cho an-iochdmhor da ‘ur ‘n anamaibh fein! Ni E milis an àmhghairean uile dhoibh; àmhghairean faodaidh iad, agus gu tric coinnichidh iad riutha; àmhghairean lionmhor agus mòr. Tha Criosd ag innse dhuinn gu’m bi anns an t-saoghal so àmhghairean againn, Eoin xvi. 33. Ach ni E’n h-uile ni milis dhoibh; tionndaidh E’n deoch-shearbh gu fion, agus uime sin aig an aon am, agus leis an aon anail, tha E’g ràdh, “Biodh sìth agaibh annam-sa.” Mar gu’n abradh E, Ni mì milis ‘ur trioblaidean uile dhuibh. Tha Criosd a deanamh milis àmhghairean a shluaigh ann an dà rathad.
- Le a làthaireachd maille riutha agus le bhi comphhàrtachadh a ghràidh riutha ‘n uair a tha iad fodh’n àmhghairean; gheall Criosd a bhi maille r’a shluagh, agus a bhi frithealadh comhfhurtachdan dhoibh ‘n an àmhghairean; “An uair a shiubhleas tu troimh na h-uigsgeachaibh, bidh mise maille riut; agus troimh na h-aibhnichean, cha tig iad tharad; an uair a dh’imicheas tu troimh an teine, cha loisgeir thu, agus cha dean an lasair greim ort.” Isaiah xliii. 2, ‘s e sin, Bi mise maille riut anns na h-àmhghairean is geire a choinnicheas riut. Tha iad a coinneachadh ri iomadh àmhghair, tinneas, bochdainn, masladh, geurleanmhuinn, agus nithean de’n t-seorsa sin, ach tha Criosd maille riutha annta uile, agus tha E nochdadh dhoibh a ghràidh, agus dha’n deanamh uile milis dhoibh. Is fior e nach eil Criosd nì’s motha maille r’a shluagh, aig am air bith, agus nach eil E nì’s motha gu h-àbhaisteach a comphhàrtachadh a ghràidh agus a chomhfhurtachdan riutha, nì’s motha na ‘n uair a tha iad ann an àmhghair. An sin, gu h-àbhaisteach is ann a tha na foillseachidhean is mìlse air a ghràdh; an sin tha aca na seallaidhean is soilleire, na blasadan is làine, na seulaichidhean is taghta agus is àirde air a ghràdh dhoibh; an sin tha E dha’n treorachadh do thigh-fiona, agus a foillseachadh a bhratach-ghràidh thairis orra, Dàn. ii. 4-6. An sin tha E frithealadh a chomhfhurtachdan is treise dhoibh, dha’n comhfhurtachadh ‘n an uile àmhghairean. II. Cor. i. 4, 5. Is firinn e, cha’n eile ‘n an àmhghairean is geire ach nithean gu bhi dha’n ullachadh air son nan comhfhurtachdan is mìlse; agus, da-rìreadh, tha E mar sin gu bitheanta a toirt àmhghair dhoibh, a chùm gu’m foillsich E a ghràdh, agus gu’m fritheil E a chomhfhurtachdan dhoibh; mar a th’againn ann an Hosea ii. 14, “Gidheadh feuch, bheir mise oirre mo leantuin, agus bheir mì i do’n fhàsach, agus labhraidh mì rithe gu càirdeil.” Agus, da-rìreadh, mar a tha comhfhurtachdan làidir bitheanta ag ullachadh air son àmhghairean mòr, mar sin gu bitheanta tha àmhghairean mòr a deanamh slighe air son comhfhurtachdan làidir.” Is e àmhghair, “a deir diadhair urramach,” an iarmailte anns am bheil gràdh Chriosd gu sònraichte ag analachadh; agus ‘s e companaich mhlis a th’ann an Criosd agus an crann ceus
aidh.” Tha gràdh Chriosd agus a làthaireachd maille r’a shluagh ’n an àmhghair, a tionndadh an oidheche gu latha, an dorchadas gu solus, am pianntaibh gu faochadh, am bròn gu aoibhneas, an calltaibh gu buannachd; seadh, am bàs fein gu beatha. “Seadh, ged shiubhail mì troimh ghleann sgaile a’ bhàis, cha bhi eagal orm; oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh.” Salm xxiii. 4. Tionndaidh e priosan gu bhi’n a luchairt thaitnich; mar a rinn e thaobh an triur ghillean ann am Babilon; agus so, tha anamaibh aig am bheil fein-fhiosrachadh a faigheal a mach. O cia cho milis ’s a tha àmhghairean ’n uair a thig Chriosd agus a ghràdh maille riutha.
(R’a leantuinn)