Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)
(Air a leantuinn bho t.d. 186)
2. Le bhi naomhachadh an àmhghairean dhoibh, agus ag oibreachadh maith dha’n anamaibh asda uile.
‘S e àmhghairean milis a th’nn an àmhghairean a tha air an naomhachadh; tha iad a coinneachadh ri àmhghairean, ach tha Criisd a toirt dhoibh toradh milis, agus dol a mach beannaichte a tha sruthadh bh’uatha; tha E dha’n deanamh uile gu bhi ‘g oibreachadh a chùm maith dhoibh, a reir an fhocail mhòr sin, “Agus tha fhios againn gu’n comh-oibrich na b-uile nithean a chùm maith, do’n dream aig am bheil gràdh do Dhia, eadhon dhoibh-san a ghair-meadh a reir a rùin.” Ròm. viii. 28. Leatha so tha E dearbhadh an gràsan, agus ag adhartachadh am fein-fhiosrachaidhean; tha E dha’n deanamh uile, mar a bha na Gibionaich aig amaibh do choithional Dhé, mar luchd snaithidh fiodha agus mar luchd tarruig uisge dha’n creidimh, dha’n comhfurtachd, dha’n naomhaachd air thalamh, dha’n sonas air neamh. Bha creidimh na nithean so a deanamh milis do Iob a chuid àmhghairean mòr agus trom: “Ach is aithne dha an t-slighe agam: an uair a dhearbhas e mi, mar òr thig mi a mach.” Iob xiii. 10. Le so tha e dearbhadh an creidimh a tha ni’s luachmhor na òr, I. Pead. 1. 7. Le so tha E dha’n glanadh agus a toirt air falbh an salchar bh’utha; “Feuch ghlàn mi thù, ach cha b’ann le airgoid; thagh mi thù ann an àmhuinn an àmhghair.” Isaiah xlviii. 10. Le so tha E dha’n deanamh ‘n an “luchd-comhpàirt d’a naomhachd.” Eabh. xii. 10. Le so tha E glanadh air falbh an aingidheachd, Isaiah xxvii. 9. A dh’aon fhocal, tha E le so, dha’n ioraslachadh, agus a seulachadh teagaig orra; le so tha E dha’n táladh bho’n an t-saoghal, dha’n tarruig ni’s dlùithe dha Fein, a beothachadh an eridheachan ‘n a shlighean maith, agus dha’n togail suas a dh’ionnsuidh pongan ni’s àirde de ghràs, agus àirdean de naomhachd ni’s mothà na air an d’ràinig iad roimhe. Seadh, le so tha E meudachadh an riadh ghloir, agus a cur ri’n crùn anns an t-siorruidheachd. A deir am t-Abstol, “Oir tha ar n-àmhghar aotrom, nach eil ach re sealain, ag oibreachadh dhùinne trom chudthrom glòire a tha na’s ro anabarraiche agus sior-mhaireannach.” II. Cor. iv. 17. Le so tha E naomhachadh na h-uile ni; agus O! cia mar a tha so a deanamh milis na h-uile ni! Tha an so crann-ceusaiddh tha e fior, faodaiddh an t-anam a ràdh, ach tre’n a chrann-cheusaiddh so tha Criosd dha mo cheusadh do’n a pheacadh agus do’n an t-saoghal, tha E dha mo tháladh bho’n a chreutair, agus a cur fadachd orm air son neamh; agus mar sin fàilte do’n chrann-cheusaiddh, a dh’aindeoin cho trom ‘s a tha e. Ann an so tha àmhghair, tha e fior, agus ‘s e àmhghair throm a th’innte; ach leatha tha Criosd a dearbhadh agus a deanamh soilleir mo ghràsan, agus tha sin a deanamh milis na uile ni. “O ciod e mar a tha mi fodh fhiachaibh,” a deir Rutherford “do inneal-bleith agus do òrd m’Iosa mhlis! theagaig E barrachd dhomh le mo shia miosan ann am priosan na dh’fhoghlon mi na mo naoidh bliadhna a chaidh seachad anns a mhinisteirealachd.” Bha Luther ag ràdh gu’n robh trì nithean a dheanadh deadh mhinisteir — buaireadh, àmhghair, agus asluchadh. Tha na nithean sin mar an ceudna ag oibreachadh gu bhi deanamh deadh Chriosduiddh.
Agus, gu dearbh, is ann tearc a tha anam a tighinn gu àirde air bith ann an gràs, gus am bheil e air fheuchain le àmhghairean agus buairidhean, air a naomhachadh. Agus gu’n teagabh tha iomadh anam ann a dh’fhaodas agus a dh’fheumas a ràdh, an ath ni is faisge do Criosd, gur e a chuid àmhghairean, tre a ghràs agus a bheannachd-san, a thròcairean is fearr. O cia mar a bu chòr dha so anamaibh a tharruig a dh’ionnsuidh Chriosd, agus an tàladh a stigh do chùmhanta pòsiadh Ris! Anam bhochd! faodaidh e bhi gu’r e a’ ni a tha dha do chumail bho Chriosd, eagal nan àmhghairean a dh’fhaodas tu choinneachadh ris ‘n a shlighibh. Ach biodh fhios agad, 1. Faodaidh tu coinneachadh ri àmhghairean, luath na m’ail, ged nach duineadh tu gu bràth ri Criosd; oir tha daoinc aingidh agus mi-chreidmheach a coinneachadh ri trioblaidean agus ri àmhghairean agus sin anns an t-saoghal so gu tric: ach tha so cinnteach air a cheann mu dheireadh, bidh cupan làn aca, seadh, bidh dearbh dheisginnean fèarg Dhé air a dhòrtadh a mach orra; coinnichidh iad ri, agus tuitidh iad fodh àmhghairean ni’s goirte agus ni’s uamhasaiche na aon is urrain dhuit-sa coinneachadh ris anns an t-slighe, agus air sgàth Chriosd: oir thoir fa’n ear, am bheil trioblaid air bith agus àmhghair is urrain dhuit-sa coinneachadh ris air son Chriosd, coltach ris an aon so, duine a bàsachadh ‘n a pheacaidhean, a bhi air do dhealachadh ri Dia gu bràth, agus neo-chriochnachd agus siorruidheachd an co-bhoinn a’ d’aghaidh? Am bheil trioblaid air bith na àmhghairean coltach ri pianntaibh slochd ifrinn, agus a bhi ‘n a do chomharradh do fheirg neo-chriochnach gu siorruidh? agus gidheadh ‘s e so is crannchur mu dheireadh dhoibh-san uile nach dùinn a stigh ri Criosd ann an daimh pòsaidh. 2. Ge b’c na h-àmhghairean a dh’fhaodas tu coinneachadh ris an an slighe dunadh a stigh ri Criosd, ni E milis iad dhuit uile: agus sin air a leithid de dhoigh agus nach biodh tu as an eugmhais air son an t-saoghal. O na seachain an crann-ceusaidh, ach dùinn a stigh ri Criosd.
VI. Is e Esan a cheannsaicheas a’ naimhdean uile dhoibh.
Tha e fior gu’m bheil na naoimh bhochd agus céile Chriosd air an cuartachadh le naimhdean air gach laimh; tha aca naimhdean lionmhor, agus naimhdean cumhachdach, naimhdean an taobh a stigh, agus naimhdean an taobh a muigh, agus iad uile ann an co-bhoinn ‘n an aghaidh a chùm an sgrios, gus am beatha a sgrios, gus an gràsan a sgrios, a chùm an sìth agus an comhfhurtachdan a sgrios, a chùm an anamaibh agus an sonas a sgrios gu bràth; iad uile mar an uibhir de leomhanaibh beucach a sireadh an slugadh suas. Gidheadh tha Criosd, neach is e an Ceannard cho math ri am Fear-pòsda, dha’n ceannsachadh agus a toirt buaidh orra uile air an son; agus, luath na m’ail, ni E comasach iad air an cas a chur air an amhaich, agus buaidh a thoirt orra. Tha E dha’n deanamh ‘n n luchd buaidh, seadh, ‘n an tuilleadh is luchd-buaidh. Rôm. vii. 37. Bheir E orra buadhachadh air a leithid de dhòigh agus, luath na mäll, gu’m buannaich iad le’n uile chòmhragan agus gach nì a tha ‘n an aghaidh. Da-rìreadh thug Criosd cheanna buaidh air uile naimhdean a shluaigh air an son. Tha aig na naoimh coig naimhdean mòr — am peacadh, an fhein, an saoghal, an diabhol, agus am bàs. Thug Criosd bho chionn fhada a bhuaidh orra uile air an son, agus a lion beag ‘us beag, bheir E iad a stigh do aoibhneas na buaidh sin.
1. Thug E buaidh air a pheacadh dhoibh.
Air dha bhi air a dheanamh ‘n a iobairt-pheacaidh, thuair E buaidh shiorruidh thairis air a pheacadh dha shluagh. Is e’m peacadh nàmhaid mhòr nan naoimh; is e sin a tha cogadh an aghaidh an anamaibh. Rôm. vii. 23. I. Pead. ii. 11. Agus, da-rìreadh, is e sin a’ nì a tha toirt a chothrom do chàch uile ‘n an aghaidh; ach eadhon an nàmhaid so is mothà thug Criosd a mach a bhuaidh air dhoibh. Uime sin tha e air a ràdh gu’n do dhìt E’m peacadh ‘s an fheoil; Esam ann an coslas feola peacadh “dhìt e’m peacadh ‘s an fheoil.” Rôm. viii. 3, ‘s e sin, air dha bhi air a dheanamh ‘n a iobairt air son peacaidh, mharbh agus cheannsaich E’m peacadh, thug E mach binn bàis agus ditidh air a pheacadh gu bràth. Uime sin, mar an ceudna, tha e air a ràdh gu’m bheil ar seann duine “air a cheusadh maille ris, ionnas gu’m biodh corp a pheacaidh air a sgrìos, chùm a so suas nach deanamaid seirbhis do an pheacadh.” Rôm. vi. 6. Mar an ceudna tha e air a ràdh uime gu’n do sgrìos e’m peacadh; gu’n d’thug e’m peacadh air falbh, agus mar sin air adhart, agus cia mar? Thug a thaobh a raigh-laidh agus a chùmhachd, cho math r’a chionta agus a mhallachd, agus mar so b’urrain Pòl, air a bhrosnachadh le spiorad a chreidimh, buadhachadh, ‘n uair a bha e anns na còmhragan bu gheire ris a pheacadh; “Ach tha mì faicinn lagh eile a’m’ bhuill, a cogadh an aghaidh lagha m’inntinn, agus ga’m thoirt am bruid do lagh a pheacaidh, a tha ann am bhuill. Och is duine truagh mì! co shaoras mì o chorp a bhàis so? Tha mì toirt buidheachais do Dhis, tre losa Criosd ar Tighearna. Uime sin, tha mise fein leis an inntinn a deanamh seirbhis do lagh Dhé; ach leis an fheoil do lagh a’ pheacaidh.” Rôm. vii. 23-25. C’ar son a tha e deanamh so? Tha e air son buaidh fhaotainn thairis, agus saorsa bho lagh a pheacaidh a bha e nis a còmhrag ris.
(R’a leantuinn)