Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1969 » May 1969 » POSADH AN ANAMA RI CRIOSD

POSADH AN ANAMA RI CRIOSD

Leiss an Urr. Eidard Pearce (A.D. 1672)

(Air a leantuinn bhi t.d. 373)

IV. Mar so tha cridhe Chriosd, agus e air a shuidheacadh air a leithid de dhòigh gu bhi air a pòsadh ri peacaich; agus gu’n do chuir Se E Féin fodh cheanglaichean gu bhi gabhail riutha, agus gu bhi dha’n gabhail na’m b’e agus gu’m biodh iad toileach a bhi air am pòsadh Ris: agus ciod e’m faillseachadh is motha air a chridhe na so? Na’n cuireadh duine òg e féin fodh cheanglaichean a bhi pòsadh a leithid so de bhoireannach, ged a bha fathasd fuath aice dha, agus gu’n robh i gu tur ‘n a aghaidh; thigeadh tu gu cinnteach a dh’ionnsuidh a cho-dhùnaidh gu’n robh a chridhe gu mòr air a shuidheachadh air pòsadh rithe: agus gu cinnteach cha’n e nì eile ach so a tha Criosd, Tighearna na glòire, a deanamh. Tha E air tighinn gu bhi ceangailte a bhi pòsadh peacaich bhochd ris Féin, seadh, ged a tha iad aig an am so dha fhuathachadh, agus uile gu leir ‘n a aghaidh; gidheadh ma’s e gu’n tig iad mu dheireadh gu bhi toileach a ghi dùnadh a stigh Ris, thàinig E gu bhi ceangailte a bhi gabhail riutha. Thainig E gu bhi ceangailte an dà chuid wha’n Athair agus dhoibhsan.

  1. Tha E ceangailte do’n Athair a bhi gabhail pheacadh, agus dha’m pòsadh Ris Féin, na’s e agus gu’n tig iad dha ionnsuidh. Tha’n uibhir sin air a chur fodh’r comhair ann an Eoin vi. 27. “Deanabh saothair cha’n ann air son a bhidh a theirgeas, ach air son a’ bhidh a mhaireas chùm na beatha siorruidh, a bhair Mac an duine dhuibh: oir esan sheulaich Dia an t-Athair”; ‘s e sin dh’òrduich agus shuidhich Dia an t-Athair Criosd; leag E lagh Air gu beatha mhaireannach a thoir, agus uime sin E Féin do pheacaich a tha tighinn dha ionnsuidh; agus faodaidh sinn uime sin a bhi cinnteach gu’n dean Se E; seadh tha Criosd ag amharc mar fodh lagh dha’n Athair so a dheanamh, agus, uime sin, tha E ‘g ràdh, “Is e mo thlachd do thoil a dheanamh, a Dhé; seadh, tha do lagh an taobh a stigh de m’ chridhe,” Salm xl. 8. Ciod e’n lagh? Tha lagh eadar-mheadhonaireachd, a tha’g àithne Dhà, mar a bhàsaich E air son pheacach, mar sin a bhi gabhail ri peacaich ‘n uair a thig iad dha ionnsuidh. Agus ‘s cinnteach Esan a choimhliion cho saor e anns an aon, nach bi E easumhail dha anns an aon eile. Ann am focal, anns a chùmhnanta sin (ris an abair diadhairean cùmhnanta saorsa) a chaidh a dheanamh eadar an t-Athair gus Iosa Criosd bho shiorruidheachd, thaobh slàinte pheacach, thàinig Criosd gu bhi ceangailte do’n Athair a bhi gabhail gach neach a thigeadh dha ionnsuidh, agus bithidh E dileas.

  2. Tha E ceangailte do pheacaich iad fein anns a chùis so. Thug E da-rìreadh dhoibh a cheangal. Thug E dhoibh a ghealladh, nì is e a cheangal, agus ceangal làidir mar an ceudna, gealladh nach urra cumhachd air bith busidh a thoirt air, agus faodaidh an t-anam amharc air mar sin. Ach c’ait am bheil an gealladh? Gu cinnteach tha’n soisgeul uile mar gu’m biodh aon ghealladh coitchionn air a dheanamh Leis a chùm na chìche so. Ach gabh aon air son chàiche uile; “Gach nì a bheir an t-Athair dhomhsa, thig e a m’ionnsuidh; agus an tì a thig a m’ionnsuidh, cha tilg mi air chor sam bith a mach.” Eoin vi. 37; ‘s e sin, Gabhaidh mi gu ro-chìnnteach a m’ionnsuidh e, agus bheir mi dha Mi Féin agus beatha mhaireannach. Agus cia cho minic agus a dh’ath-nuadhaich E a cheangal so! Seadh, agus a chùm gu’m biodh e daingean agus fior do ar creidimh, mar a tha e ann féin, chuir E ris a sheula, agus a leithid de sheula agus a tha dha dheanamh uile gu leir taobh thall do theagabh; oir is e th’ann seula fhala Féin. Uime sin tha e air a ràdh ris an t-soisgeul an tiomnadh nuadh ann na fhuil, ‘s e sin air a sheulachadh agus air a dhaingeachadh ‘n a fhuil. Lùcas xx. 20. Agus tha fuil a chùmhnanta air a ràdh ri fhuil; do bhrigh gu’m bheil an cùmhnanta agus a gheallaidhean air an seulachadh leis an fhuil sin. Eabh. ix. 24-28. Seadh, tha tuilleadh fathasd ann; Mar eil gu leoir ‘n a ghealladh agus ‘n a sheula, gheibh iad tuilleadh, oir ris na dhà so tha E cur a mhionnan air son an tearuinteachd anns a chùis; “Gu deimhin, deimhin tha mì ag ràdh ruibh, An tì a dh’eisdeas ri m’fhocal-sa, agus a tha creidsinn anns an tì a chuir uath mì, tha a bheatha mhaireannach aige, agus cha tig e chùm dìthidh, ach chaidh e thairis o bhàs gu beatha; agus a ris, “Gu deimhin, deimhin tha mì ag ràdh ruibh, Gu bheil an uair a teachd, agus gu bheil i nis ann, anns an cluinn na mairbh guth Mhic Dhé, agus an dream a chluinneas, bidh iad beo.” Eoin vi. 24, 25. B’e “Mar is beo mise” dòigh mionnan Dhé anns an t-Seann Tiomnadh, agus ann an sin tha E toirt a mhionnan nach eil tlachd Aige ann an bàs pheacach, ach gu’m pilleadh iad agus gu’m biodh iad beo, Esec. xxxiii. 11, agus ‘s e Gu deimhin, deimhin, “doigh mionnan Chriosd anns an Tionnadh Nuadh, agus tha E an sin, tha sibh a faicinn, gu’m bì anamaibh a thig dha ionnsuidh beo.” O is sona sin, “tha fear dhe’n a h-aithrichean a glaodhaich,” air sgàth am bheil Dia a toirt a mhionnan, ach Oh! sinne tha eas-creidmheach, mar a creid sinn E a tha toirt a mhionnan.” Mar sin thug Criosd dhuinn a cho-cheangal, a bhealladh, agus sin air a sheulachadh le fhuil, agus ri so uile chuir E a mhionnan a chùm a bhi ni bu mhotha a misneachadh ar creidimh; agus ciod tuilleadh a mhiannaicheas sinn? Ma tha gealladh duine agaibh a bhi deanabh siud na so, tha sibh a smuainteachadh gu’m bheil sibh ceart, air dhuibh a bhi dha mheas an dà chuid comasach agus dileas; ach ma tha a sheula agaibh air a chur ris a ghealladh, an sin amhaircidh sibh oirbh fein mar tearuinte da-rìreadh anns a’ ghnothuch; ach mar a tha ris na dha so a mhionnan air a cur, an sin amhaircidh sibh air a ghnothuch mar nì a tha thairis air gadh teagamh, agus cha dìns leibh amhrus a chur ann. Feuchaibh! thug Criosd do pheacaich bhochd so uile chùm a dheanamh cìnnteach dhoibh a chùm an dlùth-ghlacadh agus gabhail riutha ann a bhi tighinn dha ionnsuidh; agus oh! cia cho daingeann agus a dh’fhaodas an creidimh seasamh air a so uile! agus ciod e’n aingidheachd ghràineil a dh’fheumas a bhi ann teagamh a chur ann air son aon mhòmaint! Is fior, cha’n eil a sheula na a mhionnan a cur nì air bith ri fìrinn agus cìnnteachd a gheallaidh annta féin; ach do ar mothachadh agus ar tuigse thà; ach a mhàin ann a bhi coinneachadh ri ar ‘n anmhuinneachdan tha’n aon ud agus an aon ud eile air an cur; Mar so tha’n t-Abstol ag innse dhuinn; “Uime sin air bhi do Dhia toileach air neo-chaochluidheachd a chomhairle nochdadh na bu phailte do oighreachan a’ gheallaidh, dhaingnich e le mionnan e: chùm tre dha nì neo-chaochluidheach, anns an robh e eu-comasach gu’n deanadh Dia breug, gu’m biodh againne comhfhurtachd làidir, a theich a chùm didein gu greim a dheanamh air an dòchas a chuireadh romhainn,” Eabh. vi. 17, 18. Gabh beachd, cha’n ann gu bhi daingneachadh, na bhi cur nì air bith ri fìrinn agus cìnnteachd comhairle Dhé na air a chur gu bhi daingneachadh agus a misneachadh ar creidimh. Mar sin chì sibh gu’m bheil Criosd vfodh cheangal gu bhi gabhail preacach dha ionnsuidh, ma thig iad dha ionnsuidh, agus a tha iad toileach a’ bhi air am pòsadh Ris. Agus cia mar a tha so a dcarbhadh gu’m bheil a chridhe anns a ghnothuch. O na abradh neach gu bràth, An gazh Criosd riumso ann a bhi tighinn dha ionnsuidh? Oir gu cìnnteach tha cùmhnanta dha cheangal gu so a dheanamh. Is fìrinn e, ged nach robh E fodh cho-cheangal air bith, cha leig sinn a leas a chur ann an amhrus; oir cho-eignicheadh a thrus E; agus ged nach biodh truss Aige, cha leig sinn a leas teagamh a chur ‘s a chùis oir cheangladh a cho-cheangal E. Dh’fheumadh Criosd fhocal àicheadh, a ghealladh, a sheula, a mhionnán agus na h-uile, na’n diultadh E aon anam a tha gu firinneach a tighinn dha ionnsuidh agus a miannachadh a bhi dúnadh a stigh Ris ann an cùmhnanta pòsaidh. Oh, ciod e mhisneachd a tha’n so!

(R’a leantuinn)

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice